Publication - Consultation paper

Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha dleastanas reachdail aig Riaghaltas na h-Alba Plana Gàidhlig ullachadh. 'S e seo treas ath-thriall a' Phlana. Tha e a' mìneachadh na bun-dhleastanasan tron tèid dealas an Riaghaltais don chànan agus am Plana Cànain Nàiseanta a choileanadh n-ar raointean-obrach.

Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026
Geàrr-chunntas

Geàrr-chunntas

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail na h-Alba an latha an-diugh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air ceuman a ghabhail agus air na structairean agus iomairtean a tha a dhìth a chur an sàs gus dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a' Ghàidhlig ann an Alba ùr, fàsmhor agus adhartach san àm ri teachd. Ach, tha mothachadh againn gu bheil suidheachadh na Gàidhlig fhathast air leth cugallach.

Ma tha a' Ghàidhlig gu bhith beò agus seasmhach anns na làithean ri teachd, feumar oidhirp làidir bhon Riaghaltas, an earrann phoblach, an earrann phrìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth gus:

  • sgilean labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh sa Ghàidhlig a leasachadh
  • cleachdadh na Gàidhlig ann an cotheacsan sòisealta, foirmeil agus obrach a dhèanamh comasach
  • barrachd inbhe agus aithne a thoirt don Ghàidhlig, gus an cluinnear agus gum faicear Gàidhlig nas trice
  • a' Ghàidhlig a leasachadh mar chànan èifeachdadh, cunbhalach is beairteach

Tha leasachadh Planaichean Gàidhlig le ùghdarrasan poblach na phrìomh phàirt de dh'Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha Planaichean Gàidhlig a' cuideachadh le daingneachadh agus innse do luchd-obrach buidhne dè am poileasaidh an co-cheangal ri cùisean na Gàidhlig agus a' dèanamh soilleir do luchd-cleachdaidh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig dè na seirbheisean a dh'fhaodas iad a shùileachadh tron Ghàidhlig.

'S e an treas iris de Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a tha seo, air ullachadh taobh a-staigh frèam Achd 2005. Tha e a' mìneachadh ciamar a nì sinn feum den Ghàidhlig nar n-obair, ciamar a bheir sinn cothrom air cleachdadh na Gàidhlig nuair a bhios daoine an coluadar leis an riaghaltas, agus ciamar a bhrosnaicheas sinn leasachadh na Gàidhlig. Tha dleastanas sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba a bhith a' cumail taic ris a' Ghàidhlig, a' cuideachadh Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile gus na h-amasan aig Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23 a choileanadh.

Coltach ri Bòrd na Gàidhlig, tha co-obrachadh le buidhnean eile cudromach dhuinn gus taic airson na Gàidhlig a choileanadh agus tha sinn airson gach buidheann a bhrosnachadh san raon seo. Ni atharrachaidhean beaga anns na dòighean-obrach againn uile diofar mòr.


Contact

Email: sgglp@gov.scot