Ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte: Stiùireadh reachdail

Stiùireadh fo Achd nan Cànan Albannach 2025 air mar a bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail sgìrean ainmeachadh a-chùm dìon agus neartachadh na Gàidhlig. ’S ann a rèir àireamh an t-sluaigh, ceanglaichean eachdraidheil no cothroman foghlaim san sgìre a thèid co-dhùnadh ainmeachaidh a dhèanamh.


5. A’ bhuaidh an lùib Ainmeachadh

Bogsa 10

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

2D Dleastanasan nan ùghdarrasan poblach buntainneach ann an co-cheangal ri cànan is cultar na Gàidhlig

Nuair a choileanas e na gnìomhan-obrach aige, feumaidh ùghdarras poblach buntainneach ealla a ghabhail ri bhith—

(a) a’ brosnachadh, a’ furastachadh agus a’ cumail taic ri cleachdadh na Gàidhlig,

(b) a’ leasachadh agus a’ brosnachadh cultar na Gàidhlig.

3 Planaichean-cànain Gàidhlig

[…]

(4) Feumaidh plana-cànain Gàidhlig na leanas a dhèanamh—

(a) na ceumannan a mhìneachadh a ghabhas an t-ùghdarras poblach buntainneach a thaobh mar a chleachdas e Gàidhlig nuair a bhios e a’ cur nan gnìomhan-obrach aige gu feum,

(aa) na ceumannan a mhìneachadh a ghabhas an t-ùghdarras poblach buntainneach a thaobh mar a chleachdas e Gàidhlig nuair a bhios e a’ cur nan gnìomhan-obrach aige gu feum ann an sgìre a chaidh ainmeachadh mar sgìre cànain shònraichte fo earrann 1B, ma tha an t-ùghdarras a’ cur ghnìomhan-obrach gu feum anns an sgìre sin,

(b) an ceann-latha ainmeachadh ron bheil na ceumannan ri ghabhail, agus

(c) fiosrachadh sam bith eile a ghabhail a-steach a dh’fhaodadh a bhith sgrìobhte ann an riaghailtean a thèid a chruthachadh a rèir fo-earrann (7).

[…]

(7) Faodaidh Ministearan na h-Alba – às dèidh dhaibh bruidhinn ris a’ Bhòrd – tuilleadh ullachaidhean a dhèanamh ann an cruth riaghailtean a thaobh na susbaint a th’ ann am planaichean-cànain Gàidhlig.

(8) Air sgàth nan riaghailtean sin, dh’fhaodadh tuilleadh ullachaidhean a bhith ann a thaobh na susbaint a dh’fheumas planaichean-cànain Gàidhlig a ghabhail a-steach, nuair a thig e gu sgìrean a chaidh ainmeachadh mar sgìrean cànain sònraichte a rèir earrann 1B.

Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk

1. Tha Earrann 2D (a) agus (b) de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 – leis na h-atharrachaidhean a rinneadh air le Achd nan Cànan Albannach 2025 – a’ cur dleastanas coitcheann air gach ùghdarras poblach buntainneach gus ealla a ghabhail ri obair gus cànan is cultar na Gàidhlig a leasachadh agus taic a chumail riutha mar phàirt dhe na gnìomhan-obrach aca.

2. A thuilleadh air seo, far a bheilear air sgìre ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte, feumaidh ùghdarrasan poblach buntainneach a dh’obraicheas san sgìre sin mion-fhiosrachadh a chur anns na Planaichean-cànain Gàidhlig aca mu na ceumannan sònraichte a tha iad airson a ghabhail a thaobh mar a chleachdas iad Gàidhlig anns an obair agus anns na gnìomhan-obrach aca. Feumaidh planaichean mìneachadh soilleir a thoirt seachad air an dòigh anns an tèid taic a chumail ri cleachdadh a’ chànain mar phàirt dhen obair a nì ùghdarras poblach: mar eisimpleir, faicsinneachd a’ chànain air sanasan, cleachdadh le luchd-obrach agus custamairean, trèanadh a gheibh luchd-obrach sa chànan, lìbhrigeadh sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig, toirt a-steach na Gàidhlig mar phàirt dhen cuid ghnìomhan air an taobh a-staigh is a-muigh, amsaa.

3. Gabhaidh am mion-fhiosrachadh seo a mhìneachadh tuilleadh ann am Planaichean-cànain Gàidhlig nan ùghdarrasan poblach, a-rèir a’ chlàir-ama ùrachaidh a th’ ann an-dràsta dhan ùghdarras phoblach sin.

4. Tha còir aig Ministearan na h-Alba tuilleadh iarraidh bho ùghdarrasan poblach a thaobh susbaint nam Planaichean-cànain Gàidhlig, às dèidh dhaibh bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig. Faodaidh iad cuideachd riaghailtean eile a chur an sàs do dh’ùghdarrasan poblach a dh’obraicheas ann an sgìrean a chaidh ainmeachadh mar Sgìrean Cànain Sònraichte.

Bogsa 11

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

2C Cumhachd leis am faod Ministearan na h-Alba slatan-tomhais a stèidheachadh

(1) Nuair a thig e gu brosnachadh is furastachadh cleachdadh na Gàidhlig – agus gu bhith a’ cumail taic rithe – faodaidh Ministearan na h-Alba slatan-tomhais is riatanasan a stèidheachadh ann an cruth riaghailtean a bhuineas ri ùghdarrasan poblach buntainneach nuair a tha iad a’ coileanadh nan gnìomhan-obrach aca.

(2) Gu h-àraid, faodaidh riaghailtean a th’ ann a rèir fo-earrann (1)—

(a) ullachaidhean a ghabhail a-steach mu na h-eileamaidean a leanas nuair a thathar a’ coileanadh ghnìomhan-obrach—

(i) deasachadh fhoillseachaidhean,

(ii) solarachadh fiosrachaidh,

(b) ullachaidhean a ghabhail a-steach mun dòigh anns am feumar gnìomhan-obrach nan ùghdarrasan poblach buntainneach a choileanadh ann an sgìrean a th’ air an ainmeachadh fo earrann 1B mar sgìrean cànain sònraichte,

(c) ullachaidhean eile a dhèanamh a bharrachd air sin do dhiofar sgìrean (tha seo a’ toirt a-steach diofar phàirtean dhen sgìre anns a bheil ùghdarras poblach buntainneach a’ coileanadh nan gnìomhan-obrach aige),

(d) ullachaidhean eadar-dhealaichte a dhèanamh air adhbharan eadar-dhealaichte.

(3) Am measg ullachaidhean a nithear air sgàth fo-earrann (2)(b), faodaidh gu h-àraid ullachaidhean a bhith ann mun dòigh anns an tèid gnìomhan-obrach a choileanadh ann an co-cheangal ri—

(a) leasachadh na Gàidhlig,

(b) solarachadh foghlaim,

(c) planadh coimhearsnachd,

(d) leasachadh coimhearsnachd,

(e) leasachadh eaconamach.

Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk

5. Tha earrann 2C de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 – leis na h-atharrachaidhean a rinneadh air le Achd nan Cànan Albannach 2025 – a’ toirt na cumhachd do Mhinistearan na h-Alba slatan-tomhais is riatanasan a stèidheachadh a thaobh mar a bhios ùghdarrasan poblach a’ brosnachadh agus a’ furastachadh cleachdadh na Gàidhlig, agus a’ cumail taic rithe, nuair a choileanas iad na gnìomhan-obrach aca.

6. Tha na slatan-tomhais is riatanasan seo a’ cur dleastanas laghail air ùghdarrasan poblach anns an t-seagh gum feum iad gèilleadh riutha ro cheann-latha sònraichte; faodaidh ullachaidhean a bhith nam measg a tha co-cheangailte ri bhith a’ cruthachadh fhoillseachaidhean no a’ foillseachadh fiosrachadh, no co-cheangailte ri foghlam, leasachadh cànain, leasachadh eaconamach, agus planadh is leasachadh choimhearsnachdan.

7. Faodar na slatan-tomhais is riatanasan seo a stèidheachadh ann an dòighean eadar-dhealaichte do dhiofar sgìrean (no do dhiofar fho-sgìrean taobh a-staigh sgìre air choreigin), no air adhbharan eadar-dhealaichte.

8. Ged a dh’fhaodas na slatan-tomhais is riatanasan seo buntainn ri pàirt sam bith dhen dùthaich, agus ri ùghdarras poblach buntainneach sam bith a tha ag obair ann, tha dùil ann gum buin ullachaidhean fa leth ri Sgìrean Cànain Sònraichte, ’s dleastanas sònraichte ga chur orra seo gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh is fhurastachadh, agus gus taic a chumail rithe.

9. Bidh Ministearan na h-Alba a’ cumail co-chomhairleachadh air na slatan-tomhais is riatanasan seo (nam measg an fheadhainn a thathar an dùil a bhuineas ri Sgìrean Cànain Sònraichte), ’s iad gam foillseachadh mar sgrìobhainn fa leth anns an ùine a tha romhainn.

10. Bidh dùil ann ri obair com-pàirteachaidh eadar ùghdarrasan ionadail agus ùghdarrasan poblach buntainneach eile ann an Sgìrean Cànain Sònraichte. Mar a thèid a mhìneachadh ann an earrann 3, paragraf 20, bheir an obair seo a-steach beachdachadh air na fuasglaidhean iomchaidh a th’ ann nuair a thathar a’ moladh gun tèid sgìrean ainmeachadh a thèid thairis air crìochan-rianachd (m.e. sgìrean a th’ air an sgaradh eadar dà sgìre ùghdarrais ionadail).

11. Bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail agus ùghdarrasan poblach buntainneach eile cuideachd obair a dhèanamh còmhla airson ’s gun gèill iad ri slatan-tomhais is riatanasan sam bith a thèid a stèidheachadh, agus ri co-ghealltanasan sam bith a nithear mar phàirt de phlanaichean-cànain Gàidhlig.

12. Mar a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd, thathar cuideachd air atharrachaidhean a dhèanamh air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, airson ’s gum bi e soilleir gum feum ùghdarras poblach buntainneach – ma tha e ag obair ann an sgìre a chaidh ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte – cuideachd ceumannan a chur an cèill a thèid a ghabhail ann an co-cheangal ri cleachdadh na Gàidhlig anns an sgìre sin. Bidh còmhraidhean agus co-obrachadh le fòcas air an Sgìre Cànain Shònraichte nan cuideachadh nuair a thathar a’ cur an dleastanais seo an gnìomh. Tha an stiùireadh seo ga dhèanamh soilleir gum bu chòir farsaingeachd de chòmhraidhean com-pàirteachaidh a chumail ri ùghdarrasan poblach buntainneach mar phàirt dhen phròiseas-ainmeachaidh.

13. Tha Earrann 3 (7) de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 cuideachd a’ toirt seachad na cumhachd – às dèidh co-chomhairleachadh ri Bòrd na Gàidhlig – gus tuilleadh ullachaidhean a dhèanamh ann an cruth riaghailtean a thaobh na susbaint ann am planaichean-cànain Gàidhlig. Ghabhadh cleachdadh na cumhachd seo a thoirt fa-near airson tuilleadh structar is sònrachaidhean a chruthachadh ann an co-cheangal ri riatanasan a dh’fheumas a bhith ann mar phàirt de phlanaichean-cànain Gàidhlig.

Contact

Email: GaelicandScots@gov.scot

Back to top