Ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte: Stiùireadh reachdail

Stiùireadh fo Achd nan Cànan Albannach 2025 air mar a bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail sgìrean ainmeachadh a-chùm dìon agus neartachadh na Gàidhlig. ’S ann a rèir àireamh an t-sluaigh, ceanglaichean eachdraidheil no cothroman foghlaim san sgìre a thèid co-dhùnadh ainmeachaidh a dhèanamh.


3. Ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte

1. Mar a thèid a mhìneachadh ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 – leis na h-atharrachaidhean a rinneadh air – tha dà dhòigh ann gus moladh a chur air adhart airson sgìre ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte[5]:

a. Moladh dìreach le Ùghdarras Ionadail

b. Moladh le ùghdarras ionadail a rèir barail Bhòrd na Gàidhlig

Moladh dìreach le Ùghdarras Ionadail

2. Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 – leis na h-atharrachaidhean a rinneadh air – a’ toirt iomradh air ceithir ceumannan a tha an sàs ann am molaidhean le ùghdarrasan ionadail airson “Sgìre Cànain Shònraichte” ainmeachadh:

a. Gun dèanar beachdachadh air sgìrean a ghabhadh ainmeachadh, a rèir shlatan-tomhais sònraichte

b. Gun dèanar beachdachadh air a’ mholadh-ainmeachaidh

c. Gun tèid co-chomhairleachadh a chumail ri luchd-ùidhe a bhuineas ris a’ ghnothach, ’s am moladh ga fhoillseachadh

d. Gun tèid am moladh-ainmeachaidh a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba

Beachdachadh air sgìrean a ghabhadh ainmeachadh, a rèir shlatan-tomhais sònraichte

Bogsa 3

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

1B Nuair a thèid sgìre ainmeachadh le ùghdarras ionadail mar sgìre cànain shònraichte

(1) Faodaidh ùghdarras ionadail an sgìre air fad anns a bheil e suidhichte, no pàirt dhith, ainmeachadh mar sgìre cànain shònraichte ma tha e dhen bharail gu bheil an sgìre a’ tighinn fon mhìneachadh air sgìre cànain shònraichte a rèir earrann 1A(1).

(2) Taobh a-staigh na greis-ùine iomchaidh, feumaidh ùghdarras ionadail beachdachadh a dhèanamh air a’ cheist a bheil an sgìre air fad anns a bheil e suidhichte, no pàirt dhith, a’ tighinn fon mhìneachadh air sgìre cànain shònraichte a rèir earrann 1A(1)(a).

(3) Ann am fo-earrann (2), tha “a’ ghreis-ùine iomchaidh” a’ ciallachadh na leanas—

(a) bliadhna a thìde, ’s i a’ tòiseachadh an latha air an tèid earrann 4(2) de dh’Achd nan Cànan Albannach 2025 a chur an gnìomh,

(b) gach greis-ùine de 5 bliadhnaichean às a dèidh.

Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk

3. Bhon cheann-latha air an tèid Earrann 4, Fo-earrann 2 de dh’Achd nan Cànan Albannach 2025[6] a chur an gnìomh, bidh bliadhna a thìde aig ùghdarrasan ionadail airson beachdachadh a dhèanamh air a bheil àireamh mhòr de dhaoine (sin 20% no barrachd dhen t-sluagh) le sgilean-cànain Gàidhlig anns na sgìrean air fad, no pàirt dhiubh, anns a bheil iad suidhichte.

4. Feumar ath-sgrùdadh a dhèanamh a h-uile còig bliadhna air ainmeachaidhean a th’ ann mar-thà – agus a dh’fhaodadh a bhith ann san àm ri teachd – fo Shlat-tomhais 1.

Slat-tomhais 1: Tha àireamh mhòr de dhaoine le sgilean-cànain Gàidhlig anns an sgìre

5. Feumar beachdachadh a dhèanamh air sgìre ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte ma tha an cuibhreann de dhaoine le sgilean-cànain Gàidhlig a’ dèanamh suas 20% no barrachd de dh’àireamh-shluaigh na sgìre sin.

6. Mar a chaidh a mhìneachadh ann an earrann 2, paragraf 5 dhen stiùireadh seo, gabhaidh dàta bho Chunntas-sluaigh na h-Alba a dh’fhoillsicheas Clàran Nàiseanta na h-Alba a chleachdadh mar thoiseach-tòiseachaidh airson faighinn a-mach dè na sgilean Gàidhlig (tuigsinn, bruidhinn, leughadh is sgrìobhadh) a th’ anns an sgìre a tha fo cheist – co-dhiù a rèir muinntir an àite fhèin. Tha an cothrom ann sgìrean de dhiofar mheudan a sgrùdadh leis an dàta seo; mar eisimpleir, gabhaidh ùghdarras ionadail air fad no uàrdan-taghaidh sònraichte a thoirt a-steach, no gabhaidh fòcas a chur air sgìrean toraidh fa leth. Thèid eisimpleirean a thoirt seachad ann an Leas-phàipear A dhen stiùireadh seo.

7. ’S mathaid gum bi goireasan-dàta eile freagarrach cuideachd, nam measg staitistigean a thèid a chruinneachadh gu cunbhalach le buidhnean eile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig, staitistigean a gheibhear gu h-ionadail, rannsachadh acadaimigeach, agus dàta sam bith eile a thathar a’ meas buntainneach. Ann am moladh-ainmeachaidh sam bith, bu chòir an goireas-dàta – no na goireasan-dàta – a thèid a chleachdadh aithneachadh.

Slat-tomhais 2: Tha an sgìre co-cheangailte gu traidiseanta ri cleachdadh na Gàidhlig

8. Far nach coilean an sgìre an stairsneach as ìsle de 20% mar a thèid a liostadh ann an earrann 3, paragrafan 5-7 dhen stiùireadh seo, faodar sgìre ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte ma tha ceangal eachdraidheil aice ri cleachdadh na Gàidhlig.

9. Chan eil reachdas ag innse gu soilleir mar a tha a leithid a cheangal eachdraidheil ri thuigsinn no ri mhìneachadh, agus tha beagan roghainn aig ùghdarrasan ionadail a thaobh mar a dh’fhaodas iad an t-slat-tomhais seo a chur an sàs.

10. Ann an tòrr uàrdan-taghaidh ann an sgìrean eileanach agus air an tìr-mhòr, dh’fhaodte nach eil an ceudad de dhaoine le sgilean Gàidhlig a th’ ann an-dràsta mòr gu leòr; ge-tà, dh’fhaodte gu bheil iad a’ faireachdainn gu daingeann gu bheil dualchas Gàidhlig fhathast ann, ’s am miann ann ceumannan a ghabhail airson Gàidhlig a bhrosnachadh agus taic a chumail rithe anns na sgìrean aca. Mar eisimpleir, anns an leithid a sgìrean, dh’fhaodte gu bheil fo-sgìrean ann anns a bheil sluagh làidir de dhaoine le sgilean Gàidhlig, no dh’fhaodte gu bheil mothachadh is meas leantainneach ann air a’ Ghàidhlig san fharsaingeachd taobh a-staigh na sgìre. Air neo, dh’fhaodte gu bheil dìleab fhollaiseach aig a’ Ghàidhlig taobh a-staigh na sgìre, ’s i a’ nochdadh gu soilleir ann an ainmean-àite, cuimhneachain no cleachdaidhean ionadail a tha co-cheangailte ris an sgìre.

11. Dh’fhaodadh eisimpleirean de chomharran air “ceangal eachdraidheil ris a’ Ghàidhlig” na leanas a thoirt a-steach (gun a bhith cuingealaichte ris):

a. Gun deach an cànan a bhruidhinn le cuibhreann mòr dhen t-sluagh gus bho chionn ghoirid (m.e. 25-50 bliadhna air ais), no ann an cuimhne nan daoine as sine, a rèir staitistigean a’ chunntais-shluaigh

b. Gun tug an cànan buaidh fhaicsinneach air ainmean-àite agus comharran-tìre ionadail (a thaobh fiosrachadh a tha ri fhaighinn bho Ainmean-Àite na h-Alba), air feartan dual-chainnt ann am Beurla no ann an cànan sam bith eile a chleachdar san sgìre, no air soidhnichean air rathaidean no togalaichean

c. Gu bheil grunn charactaran eachdraidheil Gàidhlig (no seòrsaichean bathair chultarail) ann a tha ainmeil – leithid sgrìobhaidhean, ceòl, ealain no traidiseanan – agus a thàinig às an sgìre, no anns an tèid an sgìre a riochdachadh. Dh’fhaodte gur e caractaran cudromach a tha iad seo a nochdas ann an stuth tasglainn a chumas m.e. Tobar an Dualchais

d. Gun tèid traidiseanan co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig fhathast a chleachdadh anns an sgìre, leithid Oidhche Challainn, no gun robhar gan cleachdadh anns an sgìre gus bho chionn ghoirid

Slat-tomhais 3: Thathar a’ teagasg agus ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig gu ìre mhòr anns an sgìre

12. Far nach coilean an sgìre an stairsneach as ìsle de 20% mar a thèid a liostadh ann an earrann 3, paragraf 5-7 dhen stiùireadh seo, faodar sgìre ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte ma tha fianais ann gu bheilear a’ teagasg agus ag ionnsachadh na Gàidhlig (air neo tro mheadhan na Gàidhlig) an-diugh gu ìre mhòr, taobh a-staigh na sgìre.

13. Chan eil mìneachadh ann an reachdas gu dè an seòrsa, meud no ìre de theagasg agus ionnsachadh ris am biodh dùil, agus tha beagan roghainn aig ùghdarrasan ionadail a thaobh mar a dh’fhaodas iad an t-slat-tomhais seo a chur an sàs.

14. Gus beagan stiùiridh a thoirt seachad, thathar an dùil gum biodh fianais ann air:

a. Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, no foghlam sgoile do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a dh’obraicheas aig diofar ìrean, agus/no

b. Farsaingeachd de ghnìomhan Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile a bhios ann do dhaoine òga, agus/no

c. Foghlam Gàidhlig aig ìre inbheach a bhios ann do phàrantan agus do dhaoine eile sa choimhearsnachd, agus/no

d. Foghlam no rannsachadh tro mheadhan na Gàidhlig, no do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, aig Ionadan Foghlaim Adhartaich is Àrd-ìre

Slat-tomhais 4: Tha ìre mhòr de ghnìomhachd co-cheangailte ri cànan no cultar na Gàidhlig a’ dol air adhart san sgìre

15. Far nach coilean an sgìre an stairsneach as ìsle de 20% mar a thèid a liostadh ann an earrann 3, paragrafan 5-7 dhen stiùireadh seo, faodar sgìre ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte ma tha fianais ann air ìre mhòr de ghnìomhachd co-cheangailte ri cànan no cultar na Gàidhlig taobh a-staigh na sgìre.

16. Chan eil mìneachadh soilleir ann an reachdas gu dè an seòrsa, meud, ìre no tricead de ghnìomhan co-cheangailte ri cànan no cultar na Gàidhlig ris am biodh dùil, agus tha beagan roghainn aig ùghdarrasan ionadail a thaobh mar a dh’fhaodas iad seo a chur an sàs anns a’ cho-theacsa acasan.

17. Gus beagan stiùiridh a thoirt seachad, dh’fhaodadh dùil a bhith ann gu bheil “ìre mhòr de ghnìomhachd co-cheangailte ri cànan is cultar na Gàidhlig” a’ ciallachadh ghnìomhan a choisinneadh cliù cudromach, maireannach anns an sgìre. Tha e coltach gum biodh na gnìomhan seo a’ tàladh taic, com-pàirteachas agus mothachadh soilleir bhon choimhearsnachd. 

18. Dh’fhaodadh eisimpleirean de chomharran a bhuineas ris a’ ghnothach seo na leanas a thoirt a-steach (gun a bhith cuingealaichte ris):

a. Gum bi an sgìre a’ cumail tachartas cultarail mòr-chòrdte sa Ghàidhlig gu bitheanta, leithid a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, no tachartas le Fèisean nan Gàidheal

b. Gu bheil an sgìre a’ cumail tachartas (no grunn thachartasan) mòr-chòrdte a tha co-cheangailte ri cànan is cultar na Gàidhlig agus a thèid ullachadh gu h-ionadail; mar eisimpleir, fèisean is farpaisean ionadail, cruinneachaidhean coimhearsnachdail, deasbadan, amsaa.

c. Gu bheil fianais ann mar-thà air planadh-cànain sa choimhearsnachd no oidhirpean gus an cànan ath-bheòthachadh, no air miann follaiseach a bhith a’ dol an sàs anns an obair seo

19. Nuair a tha iad a’ beachdachadh air sgìre ainmeachadh fo Shlatan-tomhais 2-4, ’s mathaid gum bi ùghdarrasan ionadail airson factaran eile a thoirt fa-near, mar eisimpleir: dùmhlachdan de dhaoine le sgilean Gàidhlig (fiù ’s mas ann fo 20% a tha e), farsaingeachd de ghnìomhan foghlaim agus/no cultarail, agus cò às a tha an fheadhainn a ghabhas pàirt ann an gnìomhan dhen leithid.

20. Bu chòir ùghdarrasan ionadail cuideachd a bhith mothachail gur dòcha nach bi crìochan-rianachd co-ionann ri crìochan sòiseo-chànanach a dh’fhaodadh a bhith ann taobh a-staigh sgìre air choreigin air a bheilear a’ beachdachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte, agus a dh’fhaodadh a bhith nas buntainniche ri luchd-còmhnaidh na sgìre sin. Mar eisimpleir, ’s mathaid gun tèid cuid a sgìrean sòiseo-chànanach thairis air còrr is aon sgìre toraidh, uàrd-taghaidh, no fiù ’s ùghdarras ionadail. Anns an t-suidheachadh mu dheireadh, thathar an dùil gun obraich ùghdarrasan ionadail ann an com-pàirteachas ri chèile, feuch an lorg iad fuasglaidhean freagarrach airson ’s nach tèid coimhearsnachdan Gàidhlig a th’ ann mar-thà a sgaradh ann an dòigh mhì-iomchaidh mar thoradh air ainmeachadh sam bith a thathar a’ moladh.

Geàrr-chunntas air Roghainnean Ainmeachaidh a dh’fhaodas Ùghdarrasan Ionadail a thaghadh

21. Tha an stiùireadh seo air fòcas a chur air na buannachdan a dh’fhaodadh a thighinn ma thèid uàrdan-taghaidh a chleachdadh mar aonad cruinn-eòlasach buntainneach air adhbharan ainmeachaidh. Leis a’ mhìneachadh air na slatan-tomhais ainmeachaidh a chaidh a thoirt seachad gu h-àrd, tha an earrann seo na geàrr-chunntas air na roghainnean-ainmeachaidh a th’ ann do dh’ùghdarrasan ionadail, le eisimpleirean buntainneach na lùib. Leanaidh i air adhart leis a’ mholadh gur iad uàrdan-taghaidh na sgìrean air an cuir ùghdarrasan ionadail fòcas an toiseach nuair a bhios iad a’ beachdachadh air sgìre ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte, ’s iad fhathast ag aithneachadh nam buannachdan is cothroman an lùib dhòighean-smaoineachaidh eile. Ann an Leas-phàipear A, gheibhear liosta nas mionaidiche dhe na roghainnean a dh’fhaodadh a bhith ann do dh’ùghdarrasan ionadail, ’s iomradh ga thoirt air sgìrean cruinn-eòlasach sònraichte, agus le taic ann bho dhàta ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba 2022.

22. 20% le Sgilean Gàidhlig ann an ùghdarras ionadail: Dh’fhaodadh ùghdarras an sgìre air fad aige ainmeachadh ma tha sgilean Gàidhlig aig co-dhiù 20% de mhuinntir na sgìre. Bhiodh Comhairle nan Eilean Siar na deagh eisimpleir, ’s sgilean Gàidhlig aig còrr is 20% dhen t-sluagh anns a h-uile gin dhe na 11 uàrdan-taghaidh.

23. 20% le Sgilean Gàidhlig ann an Uàrd-taghaidh: Dh’fhaodadh ùghdarras ionadail uàrd-taghaidh ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte ma tha sgilean Gàidhlig aig co-dhiù 20% de mhuinntir na sgìre. Dh’fhaodadh Comhairle nan Eilean Siar na uàrdan-taghaidh aice ainmeachadh mu seach, air neo dh’fhaodadh Comhairle na Gàidhealtachd an t-Eilean Sgitheanach ainmeachadh leis gu bheil sgilean Gàidhlig aig còrr is 20% de mhuinntir an àite.

24. Roghainnean Ùaird-taghaidh ma tha Sgilean Gàidhlig aig nas lugha na 20%: Dh’fhaodadh ùghdarras ionadail uàrd-taghaidh ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte ma tha beagan sgìrean toraidh cunntais-shluaigh ann far a bheil sgilean Gàidhlig aig co-dhiù 20% de mhuinntir an àite, ’s fianais ann air na feartan eile ann am pàirtean eile dhen uàrd-taghaidh. Bhiodh An Gearastan agus Àird nam Murchan, no An t-Òban a Deas agus na h-Eileanan, nan eisimpleirean dhen seo.

25. Ainmeachadh air sgàth fheartan eile: Dh’fhaodadh ùghdarras ionadail uàrd-taghaidh no sgìre eile ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte ma tha fianais ann air na feartan an lùib cheanglaichean eachdraidheil, air teagasg is ionnsachadh na Gàidhlig, agus air deagh ìre de ghnìomhachd chultarail Ghàidhlig. 

26. Roghainnean a thaobh Sgìrean Eileanach: Dh’fhaodadh ùghdarras ionadail sgìre eileanach ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte. Dh’fhaodadh seo a bhith stèidhichte air measgachadh de sgìrean toraidh, ’s cuid dhiubh ann far a bheil sgilean Gàidhlig aig co-dhiù 20% de mhuinntir an àite, agus cuid eile ann far a bheil fianais ann air na feartan eile. Bhiodh Tiriodh agus Ìle nan eisimpleirean dhen seo. 

27. Roghainnean-ainmeachaidh a thaobh Sgìrean Bailteil: Dh’fhaodadh ùghdarras ionadail sgìre bhailteil ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte. Dh’fhaodadh seo a bhith stèidhichte air an fhianais air na feartan an lùib cheanglaichean eachdraidheil, air teagasg is ionnsachadh na Gàidhlig, agus air deagh ìre de ghnìomhachd Ghàidhlig ann an sgìre bhailteil. Faodaidh ùghdarrasan ionadail cuideachd beachdachadh a dhèanamh air cho ruigsinneach is farsaing ’s a tha gnìomhan dhen leithid, agus air cho dlùth ’s a tha coimhearsnachdan le sgilean Gàidhlig co-cheangailte ris na gnìomhan seo. Faodaidh ùghdarrasan ionadail beachdachadh a dhèanamh air na feartan seo, agus air dè cho buntainneach ’s a tha iad ri sgìrean bailteil.

28. Dòighean-beachdachaidh eile airson sgìre ainmeachadh: Do chuid a choimhearsnachdan, cha bhi ùghdarrasan ionadail, uàrdan-taghaidh no sgìrean toraidh freagarrach nuair a thig e gu ainmeachadh sgìrean. Dh’fhaodte seo a bhith air sgàth ’s gu bheil coimhearsnachdan ionadail le sgilean Gàidhlig sgapte thar chrìochan-rianachd. Ann an suidheachaidhean dhen leithid, ’s mathaid gun tèid sgìrean de sheòrsa eile a mheas nas iomchaidhe – leithid sgìrean-glacaidh nan sgoiltean le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, sgìrean-paraiste ionadail, no a bhith a’ beachdachadh air sgìrean a tha faisg air a chèile agus a’ cumail chòmhraidhean ri ùghdarrasan ionadail a tha faisg air a chèile agus a dh’fhaodadh na h-ainmeachaidhean aca fhèin a thoirt air adhart.

Beachdachadh air a’ mholadh gus sgìre ainmeachadh

Bogsa 4

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

1B Nuair a thèid sgìre ainmeachadh le ùghdarras ionadail mar sgìre cànain shònraichte

[...]

(4) Ma tha ùghdarras ionadail dhen bharail gu bheil an sgìre air fad anns a bheil e suidhichte, no pàirt dhith, a’ tighinn fon mhìneachadh air sgìre cànain shònraichte a rèir earrann 1A(1)(a), feumaidh an t-ùghdarras ionadail beachdachadh a dhèanamh air moladh-ainmeachaidh a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba a rèir fo-earrann (6)(c) ann an co-cheangal ris an sgìre sin.

(5) Ma tha ùghdarras ionadail—

(a) dhen bharail gu bheil an sgìre air fad anns a bheil e suidhichte, no pàirt dhith, a’ tighinn fon mhìneachadh air sgìre cànain shònraichte a rèir earrann 1A(1)(a), agus

(b) ma cho-dhùineas e gun a bhith a’ cur a-steach moladh-ainmeachaidh gu Ministearan na h-Alba a rèir fo-earrann (6)(c) ann an co-cheangal ris an sgìre sin,

feumaidh an t-ùghdarras ionadail an co-dhùnadh, agus na h-adhbharan aige air a shon, fhoillseachadh.

Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk

29. Ma cho-dhùineas ùghdarrasan ionadail gu bheil sgìre an ùghdarrais ionadail air fad, no pàirt dhith, na dachaigh do shluagh far a bheil daoine le sgilean Gàidhlig a’ dèanamh suas co-dhiù 20% dhen t-sluagh sin, feumaidh iad beachdachadh foirmeil a dhèanamh air a’ cheist am mol iad do Mhinistearan na h-Alba gun tèid an sgìre (no na sgìrean) a tha fo cheist ainmeachadh mar Sgìrean Cànain Sònraichte. Feumar an co-dhùnadh seo a dhèanamh taobh a-staigh bliadhna bhon cheann-latha air an tèid Earrann 4(1) de dh’Achd nan Cànan Albannach 2025 a chur an gnìomh.

30. Mar phàirt dhen bheachdachadh a nì e, feumaidh an t-ùghdarras ionadail a dhol an sàs ann am pròiseas co-chomhairleachaidh foirmeil còmhla ri luchd-ùidhe. Gheibhear fiosrachadh nas mionaidiche air a’ phròiseas seo anns an earrann “Co-chomhairleachadh ri luchd-ùidhe buntainneach agus foillseachadh a’ mholaidh”.

31. Às dèidh dha beachdachadh a dhèanamh agus co-chomhairleachadh a chumail, ma cho-dhùineas an t-ùghdarras ionadail gu bheil e airson moladh-ainmeachaidh a chur air adhart, feumaidh e na ceumannan a leantainn a th’ air an liostadh san earrann “A’ cur a’ mholaidh airson sgìre ainmeachadh a-steach gu Ministearan na h-Alba”.

32. Às dèidh dha beachdachadh a dhèanamh agus co-chomhairleachadh a chumail, ma cho-dhùineas an t-ùghdarras ionadail nach bu toil leis moladh-ainmeachaidh a dhèanamh, a dh’aindeoin coileanadh na slait-tomhais gu bheil sgilean-cànain Gàidhlig aig co-dhiù 20% de shluagh an àite a tha fo cheist, feumaidh e ceumannan a ghabhail airson an co-dhùnadh aige – agus na h-adhbharan air a shon – a sgaoileadh dhan phoball. Mar eisimpleir, faodaidh ùghdarras ionadail an co-dhùnadh aige fhoillseachadh air an làraich-lìn aige, no tro na seanailean aige air na meadhanan sòisealta.

33. Mur h-eil ùghdarras ionadail a’ coileanadh na slait-tomhais gu bheil sgilean-cànain Gàidhlig aig co-dhiù 20% de shluagh an àite a tha fo cheist, ach ma tha e fhathast airson moladh a chur air adhart airson Sgìre Cànain Shònraichte ainmeachadh fo shlatan-tomhais eile, faodaidh e sin a dhèanamh aig àm sam bith, tro bhith a’ leantainn an stiùiridh anns an earrann seo.

Co-chomhairleachadh ri luchd-ùidhe buntainneach agus foillseachadh a’ mholaidh

Bogsa 5

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

1B Nuair a thèid sgìre ainmeachadh le ùghdarras ionadail mar sgìre cànain shònraichte

[...]

(6) Mus dèan e ainmeachadh, feumaidh an t-ùghdarras ionadail—

(a) bruidhinn ris a’ Bhòrd, ri duine sam bith a tha an t-ùghdarras ionadail a’ meas mar neach-riochdachaidh nan coimhearsnachdan anns an sgìre ris am buin am moladh-ainmeachaidh, agus ri duine sam bith eile a tha an t-ùghdarras ionadail a’ meas iomchaidh ann an co-cheangal ris a’ mholadh-ainmeachaidh,

(b) ceumannan reusanta a ghabhail airson an t-ainmeachadh a thathar a’ moladh – agus na h-adhbharan air a shon – fhoillseachadh, agus

(c) am moladh-ainmeachaidh a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba.

Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk

34. Mus faod ùghdarras ionadail a dhol air adhart le bhith a’ moladh gun tèid sgìre taobh a-staigh an raoin-riaghlaidh aige ainmeachadh, feumaidh e a dhol an sàs ann an co-chomhairleachadh ri Bòrd na Gàidhlig, agus cuideachd ri luchd-ùidhe buntainneach sam bith eile a thaghas e.

35. Chan eil mìneachadh soilleir ann an reachdas air an luchd-ùidhe shònraichte ris am bu chòir ùghdarrasan ionadail a bhith a’ bruidhinn (ach a-mhàin Bòrd na Gàidhlig), agus thèid seo fhàgail aig na h-ùghdarrasan ionadail, leis gu bheil beagan roghainn aca. Faodaidh liosta neo-iomlan de luchd-ùidhe buntainneach na leanas a thoirt a-steach (gun a bhith cuingealaichte ris):

a. Buidhnean nàiseanta a tha an sàs gu h-ionadail san sgìre a tha fo cheist, leithid:

i. Alba Chruthachail

ii. Foghlam Alba

iii. Teisteanasan Alba

iv. Comhairle Maoineachaidh na h-Alba

v. Comann nam Pàrant

b. Buidhnean sgìreil no ionadail a tha an sàs ann an cànan no cultar na Gàidhlig. Tha seo a’ gabhail a-steach na leanas:

i. Fèisean nan Gàidheal

ii. An Comunn Gàidhealach

iii. Comunn na Gàidhlig

iv. Taighean-tasgaidh, leabharlannan agus ionadan coimhearsnachd san sgìre ionadail aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig

c. Sgoiltean agus ionadan-foghlaim a tha a’ tabhann foghlam sa Ghàidhlig no tro mheadhan na Gàidhlig

d. Buidhnean-tagraidh às leth na Gàidhlig

e. Co-bhuidhnean co-obrachail nan Ealan, agus buidhnean cultarail

f. Ionadan Foghlaim Adhartaich is Àrd-ìre a tha a’ tabhann Gàidhlig san sgìre

g. Sgoiltean – tro mheadhan na Gàidhlig, agus a tha a’ tabhann Gàidhlig mar chuspair – taobh a-staigh na sgìre

h. Ùghdarrasan ionadail eile (faisg air làimh)

i. Carthannasan no buidhnean eile san treas roinn

j. Gnìomhachasan ionadail aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig

k. Com-pàirteachasan còmhdhail sgìreil

l. Bùird-shlàinte ionadail an NHS

36. Tron cho-chomhairleachadh seo, no às a dhèidh, feumaidh an t-ùghdarras ionadail ceumannan a ghabhail airson fiosrachadh a sgaoileadh fad is farsaing dhan phoball mun cho-dhùnadh aige (agus mu na h-adhbharan air a bheil e stèidhichte) gus moladh a chur air adhart airson an sgìre ainmeachadh a tha fo cheist. ’S ann mar a leanas a dh’fheumas e seo a dhèanamh:

a. Conaltradh dìreach ri co-chomhairlichean a th’ air iarraidh orra fiosrachadh a chumail thuca

b. Postaichean air cunntasan nam meadhanan sòisealta a chleachdas an t-ùghdarras ionadail

c. Fiosrachadh a thèid fhoillseachadh air làrach-lìn an ùghdarrais ionadail

d. Seanailean nam meadhanan naidheachd ionadail (ann an clò no air a chraoladh, a rèir na bhios iomchaidh)

Cur a-steach a’ mholaidh-ainmeachaidh gu Ministearan na h-Alba

Bogsa 6

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

1B Nuair a thèid sgìre ainmeachadh le ùghdarras ionadail mar sgìre cànain shònraichte

[…]

(7) Faodaidh Ministearan na h-Alba—

(a) aontachadh ris a’ mholadh-ainmeachaidh,

(b) aontachadh ris a’ mholadh-ainmeachaidh le atharrachadh sam bith a mheasas iad iomchaidh, no

(c) am moladh-ainmeachaidh a dhiùltadh.

(8) Far a bheil Ministearan na h-Alba airson aontachadh ris a’ mholadh-ainmeachaidh le atharrachaidhean, feumaidh iad bruidhinn ris an ùghdarras ionadail mus dèan iad seo.

(9) Mar phàirt de dh’ainmeachadh a nithear, feumar—

(a) an sgìre a thaghadh a tha ri ainmeachadh mar sgìre cànain shònraichte, agus

(b) an ceann-latha a thaghadh air an tèid an t-ainmeachadh a chur an gnìomh.

[…]

(14) Feumaidh ùghdarras ionadail ceumannan reusanta a ghabhail airson fiosrachadh mu na leanas fhoillseachadh—

(a) ainmeachadh a rinneadh, agus a’ bhuaidh a bheir e air gnothaichean.

Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk

37. Ma tha an t-ùghdarras ionadail airson a dhol air adhart leis an ainmeachadh às dèidh dha na ceumannan gu h-àrd a leantainn, feumaidh e an uair sin moladh foirmeil a chur a-steach gu Riaghaltas na h-Alba feuch am faigh e aonta.

38. Ged nach eil fòrmat sònraichte ann a bu chòir am moladh seo a leantainn, bu chòir molaidhean-ainmeachaidh a bhith:

a. ann an cruth sgrìobhte

b. a’ mìneachadh an dearbh àite a tha ri ainmeachadh mar sgìre cànain shònraichte

c. ag innse gu dè an ceann-latha air an tòisich ainmeachadh na sgìre mar Sgìre Cànain Shònraichte

39. Aon uair ’s gum faigh iad am moladh-ainmeachaidh, faodaidh Ministearan na h-Alba na co-dhùnaidhean a leanas a dhèanamh:

a. Faodaidh iad aontachadh ris an ainmeachadh a tha an t-ùghdarras ionadail a’ moladh, gun atharrachadh sam bith a bharrachd

b. Faodaidh iad an t-ainmeachadh a tha an t-ùghdarras ionadail a’ moladh a dhiùltadh gu tur

c. Faodaidh iad sealltainn gu bheil iad deònach a bhith a’ gabhail ris an ainmeachadh a thathar a’ moladh air chumha ’s gun tèid grunn atharrachaidhean a dhèanamh. Ann an leithid a shuidheachadh, feumaidh Riaghaltas na h-Alba bruidhinn ris an ùghdarras ionadail mu na h-atharrachaidhean seo.

40. Ma tha Ministearan na h-Alba ag aontachadh ri ainmeachadh, feumaidh an t-ùghdarras ionadail fiosrachadh mun ainmeachadh seo, agus mun bhuaidh a bheir e air gnothaichean, a sgaoileadh dhan phoball tro na meadhanan a leanas:

a. Conaltradh dìreach ri co-chomhairlichean a th’ air iarraidh orra fiosrachadh a chumail thuca

b. Postaichean air cunntasan nam meadhanan sòisealta a chleachdas an t-ùghdarras ionadail

c. Fiosrachadh a thèid fhoillseachadh air làrach-lìn an ùghdarrais ionadail

d. Seanailean nam meadhanan naidheachd ionadail (ann an clò no air a chraoladh, a rèir na bhios iomchaidh)

41. Mar a chaidh a mhìneachadh ann am Bogsa 1, faodaidh Ministearan na h-Alba stiùireadh eile – a thuilleadh air an sgrìobhainn a th’ ann an-dràsta – fhoillseachadh a thaobh Sgìrean Cànain Sònraichte. Feumaidh ùghdarrasan ionadail an stiùireadh seo a thoirt fa-near nuair a choileanas iad na gnìomhan-obrach aca.

Moladh a rèir barail Bhòrd na Gàidhlig

Bogsa 7

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

1C Iarrtas leis a’ Bhòrd gun toir an t-ùghdarras ionadail ainmeachadh fa-near

(1) Dh’fhaodte gun iarr am Bòrd air ùghdarras ionadail beachdachadh a dhèanamh air ainmeachadh a rèir earrann 1B.

(2) Feumaidh am Bòrd iarraidh air ùghdarras ionadail beachdachadh a dhèanamh air ainmeachadh a rèir earrann 1B, ma tha am Bòrd dhen bharail gu bheil fianais ann gu bheil daoine a tha a’ fuireach ann an sgìre an ùghdarrais ionadail ag iarraidh a leithid a dh’ainmeachadh fo earrann 1B.

(3) Ann an suidheachadh—

(a) far an dèan am Bòrd iarrtas fon earrann seo, agus

(b) far an co-dhùin an t-ùghdarras ionadail dhan tèid an t-iarrtas a chur gun a bhith a’ cur moladh-ainmeachaidh a-steach gu Ministearan na h-Alba fo earrann 1B(6)(c), feumaidh an t-ùghdarras ionadail an co-dhùnadh, agus na h-adhbharan aige air a shon, fhoillseachadh.

(4) Faodaidh Ministearan na h-Alba stiùireadh a thoirt dhan Bhòrd agus do dh’ùghdarrasan ionadail ann an co-cheangal ris na gnìomhan-obrach aca fon earrann seo.

(5) Feumaidh am Bòrd agus ùghdarrasan ionadail ealla a ghabhail ri stiùireadh sam bith a bheir Ministearan na h-Alba seachad a rèir fo-earrann (4).

Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk

42. Mar roghainn a bhiodh eadar-dhealaichte bho ùghdarras ionadail a bhith a’ tòiseachadh a’ phròiseis leis fhèin airson beachdachadh a dhèanamh air moladh leis an deigheadh sgìre air choreigin ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte, dh’fhaodadh Bòrd na Gàidhlig cuideachd iarraidh air ùghdarras ionadail gu foirmeil sin a dhèanamh.

43. Feumaidh Bòrd na Gàidhlig a leithid a dh’iarrtas a chur gu ùghdarras ionadail ma tha e a’ creidsinn gu bheil fianais ann gu bheil muinntir na sgìre a tha fo cheist ag iarraidh gun tèid an sgìre sin ainmeachadh.

44. Chan eil mìneachadh sònraichte ann an reachdas air nàdar no meud na “fianais air iarrtas” seo, agus tha tomhas de shùbailteachd agus roghainn aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh mar a thuigeas e a’ chumha seo. Gus beagan stiùiridh a thoirt seachad, faodaidh “fianais air iarrtas” iomradh a thoirt air na leanas (gun a bhith cuingealaichte ris):

a. Iarrtasan sgrìobhte, soilleir a th’ air an dèanamh le buidhnean a riochdaicheas cuibhreann mòr, cudromach dhen fheadhainn aig a bheil sgilean-cànain Gàidhlig ann an sgìre a tha ga moladh mar Sgìre Cànain Shònraichte. Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig beagan roghainn a chleachdadh, cùis air chùis, airson co-dhùnadh a dhèanamh air dè dìreach a th’ ann an cuibhreann freagarrach. Ma tha teagamh ann, b’ fheàrr do Bhòrd na Gàidhlig iarrtas a chur do dh’ùghdarrasan ionadail, agus ann an suidheachadh sam bith bu chòir dha stiùireadh sam bith a leantainn a dh’fhoillsicheas Ministearan na h-Alba

b. Athchuinge no sgrìobhainn co-chomhairleachaidh eile a sheallas gu bheil cuibhreann sònraichte de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an sgìre a tha fo cheist ag iarraidh gun tèid Sgìre Cànain Shònraichte ainmeachadh. ’S ann fo ùmhlachd measaidh le Bòrd na Gàidhlig a bhios seo

c. Aithisg, no cùis-sgrùdaidh uimhireil/chàileachdail a chaidh ullachadh le daoine am measg an t-sluaigh ionadail agus a sheallas gu soilleir 1) gu bheil ceudad sònraichte dhen luchd-chòmhnaidh (bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig measadh a dhèanamh air dè cho freagarrach ’s a tha an ceudad seo) ann an àite a tha ga mholadh mar Sgìre Cànain Shònraichte ag aontachadh gu bheil feum ann air an ainmeachadh, agus 2) gum biodh an t-ainmeachadh na bhuannachd dhan àite a tha fo cheist

d. Geàrr-chunntas oifigeil, dearbhte bho choinneamh anns an robh luchd-còmhnaidh na sgìre an sàs a tha ga moladh mar Sgìre Cànain Shònraichte, ’s e a’ sealltainn gu bheil luchd-còmhnaidh ag iarraidh gun tèid a leithid a dh’ainmeachadh a dhèanamh.

45. Co-dhiù no co-dheth, feumaidh an t-iarrtas air ainmeachadh na sgìre a bhith stèidhichte air – agus feumar measadh a dhèanamh air cho dligheach ’s a tha e a-rèir – aon (no còrr is aon) dhe na slatan-tomhais ainmeachaidh a th’ air an cur an cèill ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 – leis na h-atharrachaidhean a rinneadh air le Achd nan Cànan Albannach 2025 – agus a th’ air am mìneachadh gu h-àrd.

46. Ged nach eil riatanas ann gus seo a dhèanamh, mur h-eil Bòrd na Gàidhlig a’ creidsinn gu bheil fianais gu leòr ann airson iarrtas a chur gu ùghdarras ionadail, dh’fhaodte gum bi e airson fiosrachadh mun bhreith seo fhoillseachadh dhan phoball tron làraich-lìn aige no tro na seanailean aige air na meadhanan sòisealta.

47. Ma cho-dhùineas Bòrd na Gàidhlig gu bheil muinntir na sgìre a tha fo cheist air gu leòr de dh’fhianais air iarrtas a thoirt seachad, bu chòir dha an uair sin co-dhùnadh a dhèanamh air a’ phròiseas iomchaidh gus iarrtas a chur chun an ùghdarrais ionadail a tha fo cheist, feuch am beachdaich iad air moladh foirmeil a chur air adhart gun tèid an sgìre ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte. Bu chòir fiosrachadh mun mholadh aige a sgaoileadh dhan phoball cuideachd (m.e. tron làraich-lìn aige, no tro na seanailean aige air na meadhanan sòisealta).

48. Feumaidh ùghdarrasan ionadail an uair sin na ceumannan gu h-àrd a leantainn ann an co-cheangal ri bhith a’ beachdachadh air moladh a chur air adhart airson ’s gun tèid an sgìre a tha fo cheist ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.

49. Tha còir aig Ministearan na h-Alba stiùireadh a bharrachd a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig agus do dh’ùghdarrasan ionadail air a’ phròiseas seo, agus feumaidh an dà phàrtaidh ealla a ghabhail ris.

Cumhachdan Ministearan na h-Alba airson Ath-bheachdachadh Iarraidh

Bogsa 8

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

1D Cumhachd mhinistreil airson ath-bheachdachadh iarraidh

(1) Bidh fo-earrannan (2) gu (4) a’ buntainn ri gnothaichean ma dh’fhoillsicheas ùghdarras ionadail – a rèir earrann 1B(5) no earrann 1C(3) – co-dhùnadh gun a bhith a’ cur moladh-ainmeachaidh a-steach do Mhinistearan na h-Alba fo earrann 1B(6)(c) (“an co-dhùnadh”).

(2) Faodaidh Ministearan na h-Alba iarraidh air an ùghdarras ionadail ath-bheachdachadh a dhèanamh air a’ cho-dhùnadh.

(3) Ma dh’iarras Ministearan na h-Alba sin a rèir fo-earrann (2), feumaidh an t-ùghdarras ionadail na leanas a dhèanamh taobh a-staigh 3 mìosan bhon latha air an iarr iad e—

(a) ath-bheachdachadh a dhèanamh air a’ cho-dhùnadh, agus

(b) às dèidh dhaibh ath-bheachdachadh a dhèanamh air a’ cho-dhùnadh—

(i) moladh-ainmeachaidh a chur a-steach do Mhinistearan na h-Alba, no

(ii) an co-dhùnadh a dhearbhadh.

(4) Ma dhearbhaicheas an t-ùghdarras ionadail an co-dhùnadh, feumaidh e fios a chur gu Ministearan na h-Alba mu na h-adhbharan aige airson an co-dhùnadh a dhearbhadh.

Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk

50. Anns an dà shuidheachadh gu h-àrd (ge bith dè am fear a th’ ann), ma dhiùltas ùghdarras ionadail moladh a chur a-steach airson sgìre a tha fo cheist ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte, tha còir laghail aig Ministearan na h-Alba a bhith ag iarraidh air an ùghdarras ionadail ath-bheachdachadh a dhèanamh air an diùltadh seo.

51. Ma chuireas Ministearan na h-Alba a’ chòir seo gu feum, bidh an uair sin trì mìosan aig ùghdarrasan ionadail gus ath-bheachdachadh a dhèanamh air a’ cheist am mol iad gun tèid sgìre a tha fo cheist ainmeachadh. Tòisichidh a’ ghreis-ùine seo bhon cheann-latha air an dèanar mothachail iad gu bheilear ag iarraidh orra ath-bheachdachadh a dhèanamh.

52. Faodaidh ùghdarrasan ionadail an uair sin:

a. Moladh-ainmeachaidh a chur a-steach do Mhinistearan na h-Alba, no

b. An co-dhùnadh a rinn iad bho thùs a dhearbhadh

53. Ma roghnaicheas an t-ùghdarras ionadail an co-dhùnadh a rinn e bho thùs a dhearbhadh, feumaidh e an co-dhùnadh fhoillseachadh – còmhla ris na h-adhbharan air a shon – dhan phoball, agus bu chòir dha fiosrachadh ma dheidhinn a chur gu Ministearan na h-Alba cuideachd.

Contact

Email: GaelicandScots@gov.scot

Back to top