Ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte: Stiùireadh reachdail
Stiùireadh fo Achd nan Cànan Albannach 2025 air mar a bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail sgìrean ainmeachadh a-chùm dìon agus neartachadh na Gàidhlig. ’S ann a rèir àireamh an t-sluaigh, ceanglaichean eachdraidheil no cothroman foghlaim san sgìre a thèid co-dhùnadh ainmeachaidh a dhèanamh.
4. Ag atharrachadh no a’ Cùl-ghairm Ainmeachaidhean nan Sgìrean Cànain Sònraichte
Bogsa 9
Achd na Gàidhlig (Alba) 2005
1C Iarrtas leis a’ Bhòrd gun toir an t-ùghdarras ionadail ainmeachadh fa-near
[…]
(10) Faodaidh an t-ùghdarras ionadail ainmeachadh atharrachadh no a chùl-ghairm aig àm sam bith.
(11) Mus tèid ainmeachadh atharrachadh no a chùl-ghairm ann an co-cheangal ri pàirt sam bith dhen sgìre anns a bheil an t-ùghdarras ionadail suidhichte, feumaidh an t-ùghdarras ionadail—
(a) bruidhinn ris a’ Bhòrd, ri duine sam bith a tha an t-ùghdarras ionadail a’ meas mar neach-riochdachaidh nan coimhearsnachdan anns an sgìre a tha fo bhuaidh an atharrachaidh no na cùl-ghairme a thathar a’ moladh, agus ri duine sam bith eile a tha an t-ùghdarras ionadail a’ meas iomchaidh ann an co-cheangal ris an atharrachadh no a’ chùl-ghairm a thathar a’ moladh,
(b) ceumannan reusanta a ghabhail airson an t-atharrachadh no a’ chùl-ghairm a thathar a’ moladh – agus na h-adhbharan air a shon – fhoillseachadh, agus
(c) an t-atharrachadh no a’ chùl-ghairm a thathar a’ moladh a chur a-steach do Mhinistearan na h-Alba.
(12) Faodaidh Ministearan na h-Alba—
(a) aontachadh ris an atharrachadh no a’ chùl-ghairm a thathar a’ moladh,
(b) aontachadh ris an atharrachadh no a’ chùl-ghairm a thathar a’ moladh le atharrachaidhean sam bith a tha iad a’ meas iomchaidh, no
(c) an t-atharrachadh no a’ chùl-ghairm a thathar a’ moladh a dhiùltadh.
(13) Far a bheil Ministearan na h-Alba am beachd a bhith ag aontachadh ris an atharrachadh no a’ chùl-ghairm a thathar a’ moladh le atharrachaidhean ann, feumaidh iad bruidhinn ris an ùghdarras ionadail mus dèan iad seo.
(14) Feumaidh ùghdarras ionadail ceumannan reusanta a ghabhail airson fiosrachadh fhoillseachadh—
[…]
(b) mu atharrachadh air no cùl-ghairm sam bith de dh’ainmeachadh, agus mun bhuaidh a bheir seo air gnothaichean.
Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk
1. Aon uair ’s gu bheilear air sgìre a tha fo cheist ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte, faodaidh ùghdarras ionadail moladh a chur air adhart aig àm sam bith airson an t-ainmeachadh seo ath-sgrùdadh (“atharrachadh”) no a thoirt air falbh (“cùl-ghairm”).
2. ’S ann coltach ris a’ phròiseas a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd (leis an tèid a’ chiad ainmeachadh a mholadh) a tha am pròiseas leis an tèid molaidhean a chur air adhart airson ainmeachadh a th’ ann mar-thà atharrachadh no a chùl-ghairm. Tha na ceumannan a leanas an sàs anns a’ phròiseas:
a. Feumaidh an t-ùghdarras ionadail bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig an toiseach – agus ri neach-ùidhe sam bith eile a mheasas e mar neach-ùidhe a tha fo bhuaidh a’ ghnothaich no a’ buntainn ris – mun mhiann a th’ aige moladh a chur air adhart airson inbhe na sgìre mar Sgìre Cànain Shònraichte atharrachadh no a chùl-ghairm
b. Feumaidh an t-ùghdarras ionadail an uair sin fiosrachadh fhoillseachadh dhan phoball tro mheadhanan reusanta (mar eisimpleir, tron làraich-lìn aige, no tro na seanailean aige air na meadhanan sòisealta) mun mhiann a th’ aige moladh a chur air adhart airson inbhe na sgìre mar Sgìre Cànain Shònraichte atharrachadh no a chùl-ghairm
c. Feumaidh an t-ùghdarras ionadail an uair sin moladh foirmeil a chur air adhart do Mhinistearan na h-Alba airson inbhe na sgìre a tha fo cheist mar Sgìre Cànain Shònraichte atharrachadh no a chùl-ghairm
3. Nuair a gheibh iad a leithid a mholadh, faodaidh Ministearan na h-Alba:
a. Aontachadh ris a’ mholadh airson inbhe na sgìre mar Sgìre Cànain Shònraichte atharrachadh no a chùl-ghairm
b. Am moladh airson inbhe na sgìre mar Sgìre Cànain Shònraichte atharrachadh no a chùl-ghairm a dhiùltadh
c. Aontachadh ris a’ mholadh airson inbhe na sgìre mar Sgìre Cànain Shònraichte atharrachadh no a chùl-ghairm, air chumha ’s gun tèid tuilleadh atharrachaidhean a dhèanamh. Anns an t-suidheachadh seo, feumaidh Ministearan na h-Alba bruidhinn ris an ùghdarras ionadail mu na h-atharrachaidhean a tha iad airson a mholadh.
4. Ma dh’aontaicheas Ministearan na h-Alba ri atharrachadh air no cùl-ghairm de dh’ainmeachadh, feumaidh an t-ùghdarras ionadail fiosrachadh fhoillseachadh dhan phoball mun atharrachadh no mun chùl-ghairm seo – agus mun bhuaidh a bheir sin air gnothaichean – tro mheadhanan iomchaidh (m.e. tron làraich-lìn aige, no tro na seanailean aige air na meadhanan sòisealta).
Contact
Email: GaelicandScots@gov.scot