Ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte: Stiùireadh reachdail
Stiùireadh fo Achd nan Cànan Albannach 2025 air mar a bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail sgìrean ainmeachadh a-chùm dìon agus neartachadh na Gàidhlig. ’S ann a rèir àireamh an t-sluaigh, ceanglaichean eachdraidheil no cothroman foghlaim san sgìre a thèid co-dhùnadh ainmeachaidh a dhèanamh.
1. Ro-ràdh
Facal-toisich
1. Tha Earrann 1B, Fo-earrannan 15-17, de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005[1] – leis na h-atharrachaidhean a rinneadh air le Achd nan Cànan Albannach 2025[2] – a’ toirt chumhachdan do Mhinistearan na h-Alba gus stiùireadh fhoillseachadh a thaobh phròiseasan leis an dèanar beachdachadh air ainmeachadh nan Sgìrean Cànain Sònraichte, agus leis an tèid na sgìrean fhèin a stèidheachadh.
Bogsa 1
Achd na Gàidhlig (Alba) 2005
1B Nuair a thèid sgìre ainmeachadh le ùghdarras ionadail mar sgìre cànain shònraichte
[…]
(15) Faodaidh Ministearan na h-Alba stiùireadh a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail a thaobh nan gnìomhan-obrach aca fon earrann seo.
(16) Faodaidh stiùireadh a rèir fo-earrann (15) a bhuntainn gu sònraichte ris na leanas—
(a) mar a thèid na sgìrean a thaghadh a dh’fhaodar ainmeachadh mar sgìrean cànain sònraichte,
(b) factaran a dh’fheumar a thoirt fa-near nuair a thathar a’ co-dhùnadh a bheil sgìre a’ tighinn fon tuairisgeul air sgìre cànain shònraichte mar a thèid a mhìneachadh ann an earrann 1A(1)(a),
(c) am pròiseas leis an tèid an leithid a cho-dhùnaidhean a dhèanamh.
(17) Feumaidh gun gabh ùghdarras ionadail ealla ri stiùireadh sam bith a bheir Ministearan na h-Alba seachad a rèir fo-earrann (15).
Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk
2. ’S e amas an stiùiridh seo tuilleadh mìneachaidh a thoirt seachad ann an co-cheangal ri Earrannan 1A-1D de dh’Achd 2005 (leis na h-atharrachaidhean a rinneadh air). Thèid na leanas a shoilleireachadh mar phàirt de seo:
a. Na thathar a’ ciallachadh le Sgìre Cànain Shònraichte
b. Na dleastanasan a thèid a chur air ùghdarrasan ionadail
c. Na pròiseasan a bhios rin leantainn, agus na slatan-tomhais a dh’fheumar a thoirt fa-near, nuair a thèid Sgìre Cànain Shònraichte ainmeachadh
d. A’ phàirt a chluicheas Bòrd na Gàidhlig agus Ministearan na h-Alba a thaobh ainmeachadh nan sgìrean.
3. Feumaidh gun gabh ùghdarrasan ionadail ealla ri stiùireadh sam bith a dh’fhoillsicheas Ministearan na h-Alba ann an Earrann 1B, Fo-earrann 15. Tha seo a’ gabhail a-steach an stiùiridh a th’ ann an-dràsta.
4. Cuideachd, bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail an stiùireadh seo a leughadh còmhla ri stiùireadh no reachdas sam bith eile a bhios ann san àm ri teachd ann an co-cheangal ri Sgìrean Cànain Sònraichte.
Mìneachadh air Briathrachas
5. Cumhachd: Thèid cumhachd a mhìneachadh ann an reachdas mar rudeigin a dh’fhaodas ùghdarras ionadail a dhèanamh. Mar eisimpleir, tha Achd 2005 – leis na h-atharrachaidhean a rinneadh air – a’ toirt cumhachd dhan ùghdarras ionadail Sgìre Cànain Shònraichte ainmeachadh.
6. Dleastanas: Thèid dleastanas a mhìneachadh ann an reachdas mar rudeigin a dh’fheumas ùghdarras ionadail a dhèanamh. Mar eisimpleir, tha Achd 2005 cuideachd a’ cur dleastanas air an ùghdarras ionadail beachdachadh a dhèanamh air a bheil an sgìre air fad anns a bheil e suidhichte (no pàirt dhith) a’ tighinn fon mhìneachadh air Sgìre Cànain Shònraichte a rèir an Achd.
7. A’ Ghàidhlig (ris an canar cuideachd “Gàidhlig”, no “Gàidhlig na h-Alba”, no “cànan na Gàidhlig”): Ann an co-cheangal ri Achd 2005, thèid seo a mhìneachadh mar “a’ Ghàidhlig mar a thèid a cleachdadh ann an Alba”[3].
8. Cultar na Gàidhlig: Ann an co-cheangal ri Achd 2005, thèid seo a mhìneachadh mar chultar a bheir a-steach “traidiseanan, beachdan, cleachdaidhean, dualchas is fèin-aithne na feadhainn a bhruidhneas no a thuigeas a’ Ghàidhlig.”[4]
9. Ùghdarras ionadail: Tha seo a’ toirt iomradh air comhairle a chaidh a stèidheachadh fo earrann 2 de dh’Achd an Riaghaltais Ionadail msaa (Alba) 1994.
10. Ùghdarras poblach buntainneach: Ann an co-cheangal ri Achd 2005, thèid seo a mhìneachadh mar ùghdarras poblach Albannach, ùghdarras poblach thar chrìochan (ach a-mhàin a thaobh ghnìomhan-obrach a ghabhas a chur gu feum ann an Alba no ann an co-cheangal ri Alba, agus nach buin ri gnothaichean glèidhte), Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba, buidheann foghlaim do dhaoine aois 16 is nas sine a rèir a’ mhìneachaidh ann an earrann 35 de dh’Achd an Fhoghlaim Adhartaich is Àrd-ìre (Alba) 2005, Goireasan Rèile na h-Alba, no Uisge na h-Alba.
Cò ris a bhuineas an stiùireadh seo?
11. Tha an stiùireadh seo a’ buntainn ri:
- Gach ùghdarras ionadail Albannach
- Bòrd na Gàidhlig
- Riaghaltas na h-Alba
- Ùghdarrasan poblach buntainneach eile a dh’obraicheas ann an Sgìrean Cànain Sònraichte, mar eisimpleir:
- Alba Chruthachail
- Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba
- Buidhnean Iomairt a dh’obraicheas san sgìre, leithid Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Iomairt na h-Alba, agus Iomairt Cheann a Deas na h-Alba
- Bòrd an NHS a bhuineas ris an sgìre.
12. Buinidh an stiùireadh seo ris na leanas cuideachd:
- Buidhnean coimhearsnachd – agus buill-choimhearsnachd ann an seadh nas fharsainge – taobh a-staigh sgìrean a dh’fhaodar a thoirt fa-near nuair a thèid Sgìrean Cànain Sònraichte ainmeachadh
- Buidhnean prìobhaideach (agus na treas roinne) eile aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, ’s iad ag obair ann an sgìrean a dh’fhaodar ainmeachadh mar Sgìrean Cànain Sònraichte
- Ionadan Foghlaim Adhartaich is Àrd-ìre a tha a’ tabhann foghlam ann an Gàidhlig, no tro mheadhan na Gàidhlig, gu h-àraid an fheadhainn a tha ag obair ann an sgìrean a dh’fhaodar a thoirt fa-near nuair a thèid Sgìrean Cànain Sònraichte ainmeachadh.
Contact
Email: GaelicandScots@gov.scot