Ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte: Stiùireadh reachdail
Stiùireadh fo Achd nan Cànan Albannach 2025 air mar a bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail sgìrean ainmeachadh a-chùm dìon agus neartachadh na Gàidhlig. ’S ann a rèir àireamh an t-sluaigh, ceanglaichean eachdraidheil no cothroman foghlaim san sgìre a thèid co-dhùnadh ainmeachaidh a dhèanamh.
2. Cùl-fhiosrachadh
Co-theacsa
1. Rinn Riaghaltas na h-Alba beachdachadh ann an 2022 air a’ ghealltanas aige gus ‘rannsachadh a dhèanamh air cruthachadh Gàidhealtachd oifigeil’. ’S e fàilte mheasgaichte a fhuair am moladh seo nuair a chaidh co-chomhairleachadh a chumail ma dheidhinn. Bha miann soilleir ann gum biodh taic ga cumail ris a’ Ghàidhlig ann an sgìrean le dùmhlachd àrd de dhaoine le sgilean Gàidhlig; cha robh miann ann idir a bhith a’ lùghdachadh na taice a bhathar a’ cumail ris a’ Ghàidhlig ann an sgìrean eile, ach a bhith a’ togail air agus a’ toirt structar foirmeil dhan obair chudromaich a bha ga dèanamh mar-thà taobh a-staigh choimhearsnachdan. Dh’adhbharaich am poileasaidh seo deasbad agus ùidh nach bu bheag am measg Pàrlamaid na h-Alba nuair a bha Achd 2025 a’ dol tron Phàrlamaid.
2. Ann an Alba, tha sgìrean ann far a bheil dùmhlachd nas àirde de dhaoine le sgilean Gàidhlig, agus sgìrean far a bheil deagh ìre de ghnìomhachd no foghlam Gàidhlig ann, ’s daoine mothachail air dualchas a tha sònraichte. ’S e an t-amas an lùib reachdas air Sgìrean Cànain Sònraichte gun tèid bruidhinn, cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a neartachadh tuilleadh ann an gach sgìre, agus gun tèid mion-atharrachaidhean poileasaidh a bhrosnachadh a bhios freagarrach ri diofar sgìrean.
3. Thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, bha an t-amas-poileasaidh leantainneach aig Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir brosnachadh agus leasachadh na Gàidhlig a bhith co-rèireach. Tha seo a’ ciallachadh gum bu chòir tuilleadh dùil a bhith ann – ’s tuilleadh ghnìomhan gam meas freagarrach – ann an àitichean le barrachd daoine aig a bheil sgilean Gàidhlig. Bheir an t-amas-poileasaidh seo cuideachd buaidh air na bhios daoine an dùil ris a thaobh na ghabhas a lìbhrigeadh, agus na thèid a lìbhrigeadh, ann an Sgìrean Cànain Sònraichte.
Dè th’ anns na Sgìrean Cànain Sònraichte?
Bogsa 2
Achd na Gàidhlig (Alba) 2005
1A Na tha “sgìre cànain shònraichte” a’ ciallachadh
(1) Faodar sgìre ainmeachadh mar sgìre cànain shònraichte fo earrann 1B a rèir na leanas—
(a) ma tha àireamh mhòr de dhaoine le sgilean-cànain Gàidhlig anns an sgìre, no
(b) mur h-eil àireamh mhòr de dhaoine le sgilean-cànain Gàidhlig anns an sgìre, ach—
(i) ma tha an sgìre co-cheangailte ri cleachdadh na Gàidhlig gu traidiseanta,
(ii) mas e sgìre a th’ ann far an tèid teagasg agus ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad, no
(iii) mas e sgìre a th’ ann anns an gabh ìre mhòr de ghnìomhachd a thaobh cànan no cultar na Gàidhlig a lorg.
(2) A-chùm fo-earrann (1), tha àireamh mhòr de dhaoine le sgilean-cànain Gàidhlig ann an sgìre mas ann aig co-dhiù 20% de mhuinntir an àite a tha sgilean-cànain Gàidhlig.
[...]
1B Nuair a thèid sgìre ainmeachadh le ùghdarras ionadail mar sgìre cànain shònraichte
(1) Faodaidh ùghdarras ionadail an sgìre air fad anns a bheil e suidhichte, no pàirt dhith, ainmeachadh mar sgìre cànain shònraichte ma tha e dhen bharail gu bheil an sgìre a’ tighinn fon mhìneachadh air sgìre cànain shònraichte a rèir earrann 1A (1).
Goireas: Làrach-lìn legislation.gov.uk
4. ’S i “Sgìre Cànain Shònraichte” ainmeachadh a dh’fhaodar a chur air sgìre chruinn-eòlasach shònraichte air sàilleibh àireamh nan daoine le sgilean Gàidhlig a th’ ann an-dràsta no a bh’ ann gu h-eachdraidheil, no air sgàth ’s gu bheilear a’ teagasg agus ag ionnsachadh ann tro mheadhan na Gàidhlig, no leis gu bheil gnìomhachd ann a tha co-cheangailte ri cànan no cultar na Gàidhlig. Gheibhear stiùireadh gu h-ìosal air mar a tha na slatan-tomhais seo rin tuigsinn.
Dè th’ ann an “Sgìre”?
5. Cha ghabh mìneachadh air “sgìre” a lorg ann an reachdas nuair a thig e gu ainmeachadh Sgìre Cànain Shònraichte. A rèir nan slatan-tomhais ainmeachaidh a thèid a chleachdadh (faic an liosta gu h-ìosal), gabhaidh “sgìre” ainmeachadh mar an sgìre chruinn-eòlasach air fad – no pàirt sam bith dhith – a thèid a fhrithealadh leis an ùghdarras ionadail a tha fo cheist. Gabhaidh dàta bho iomadh goireas a chleachdadh airson sgìrean ainmeachadh a tha iomchaidh. Tha na goireasan seo a’ gabhail a-steach na leanas (gun a bhith cuingealaichte ris):
a. Cunntas-sluaigh na h-Alba a thèid a ghabhail os làimh le Clàran Nàiseanta na h-Alba
b. Staitistigean co-cheangailte ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (leithid na feadhainn a thèid a chruinneachadh le Bòrd na Gàidhlig)
c. Dàta co-cheangailte ri solarachadh foghlam sa Ghàidhlig, no tro mheadhan na Gàidhlig, aig ìre Oilthigh no Colaiste
d. Dàta co-cheangailte ri tachartasan no pròiseactan cultair no cànain taobh a-staigh diofar sgìrean na dùthcha
e. Dàta a gheibhear gu h-ionadail ann an co-cheangal ri gnìomhachd no faireachdainnean sa choimhearsnachd.
6. Tha trì aonadan anns an tèid an dùthaich a roinn le Cunntas-sluaigh na h-Alba agus a dh’fhaodadh a bhith buntainneach nuair a thathar ag ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte. Seo iad:
a. “Ùghdarrasan Ionadail”, ’s iad co-fhreagrach ris na sgìrean cruinn-eòlasach a thathar ag aithneachadh gu laghail mar sgìrean a bhuineas do dh’ùghdarrasan ionadail sònraichte ann an Alba (Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath, Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear, Comhairle nan Eilean Siar, amsaa.)
b. “Uàrdan Taghaidh” (UT), fo-roinnean nas lugha taobh a-staigh ùghdarrasan ionadail a thèid a chleachdadh ann an co-theacsa thaghaidhean airson ’s gum bi riochdachadh cothromach ann. An-dràsta tha 355 uàrd-taghaidh ann an Alba; am measg eisimpleirean dhiubh, tha Ros an Iar, Srath Pheofhair agus Loch Aillse (mar phàirt de Chomhairle na Gàidhealtachd), Srath Tatha (mar phàirt de Chomhairle Pheairt is Cheann Rois), agus Heldon is Laich (mar phàirt de Chomhairle Mhoireibh).
c. “Sgìrean Toraidh” (ST), an sgìre as lugha a thèid a shònrachadh ann an seagh cruinn-eòlasach agus a chleachdadh ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba. ’S e fo-roinnean taobh a-staigh nan uàrdan-taghaidh a th’ annta. Tha iad air an dèanamh suas le seataichean de dhiofar chòdaichean-puist taobh a-staigh na sgìre a tha fo cheist, ’s còdaichean àireamhach gan cleachdadh anns a’ chunntas-shluaigh airson iomradh a thoirt orra. Ann an Leas-phàipear A, gheibhear beagan eisimpleirean de sgìrean-toraidh dhen leithid.
7. Gabhaidh smaoineachadh air uàrdan-taghaidh mar sgìrean a tha mòr gu leòr airson ’s gum faod fòcas a bhith ann a tha ionadail gu leòr, ach a ghabhas a riaghladh cuideachd.
8. Air adhbharan ainmeachaidh, dh’fhaodte gum bi sgìrean neo-phractaigeach, ma tha iad nas lugha na uàrdan-taghaidh. Mar eisimpleir, nam biodh am fòcas ga chur air sgìre nas lugha (leithid sgìre toraidh cunntais-shluaigh), dh’fhaodadh suidheachadh a thighinn an cois seo far am biodh dùil ann ri tomhas sònraichte de ghnìomhachd Ghàidhlig ann an sgìre toraidh, ach chan ann anns an ath sgìre toraidh. Bhiodh e doirbh seo a riaghladh gu h-ionadail, gu h-àraid do bhuidheann phoblach a tha ag obair air astar.
9. Mar an ceudna, dh’fhaodte gum bi sgìrean nas motha, leithid sgìrean ùghdarrais ionadail air fad, gam meas mì-fhreagarrach ann an cuid a shuidheachaidhean. A thaobh nan eisimpleirean ann am paragraf 6a, nam b’ ann air an ùghdarras ionadail air fad a bhiodh am fòcas ga chur, dh’fhaodadh na buannachdan an lùib fòcas is prìomhachasan ionadail a bhith nas lugha.
10. Tha cuid a uàrdan-taghaidh ann nach eil a’ coileanadh na slait-tomhais de 20% mar a thèid a mìneachadh ann an earrann 3, paragrafan 5-7 dhen stiùireadh seo. Ge-tà, faodaidh iad fhathast sgìrean no eileanan toraidh cunntais-shluaigh a ghabhail a-steach far a bheil an cuibhreann de dhaoine le sgilean Gàidhlig a’ dèanamh suas co-dhiù 20% de mhuinntir na sgìre sin. Mar sin, nuair a thèid sgìrean ainmeachadh, b’ urrainn dhan ùghdarras ionadail uàrd-taghaidh air fad a thoirt fa-near, ma bheir e a-steach sgìrean toraidh cunntais-shluaigh far a bheil sgilean Gàidhlig aig co-dhiù 20% de mhuinntir na sgìre toraidh sin.
11. Ann an cùisean ainmeachaidh, dh’fhaodadh ùghdarras ionadail uàrd-taghaidh a thoirt fa-near cuideachd ma bhuineas eilean no eileanan dha far a bheil sgilean Gàidhlig aig co-dhiù 20% de mhuinntir an àite.
12. Thèid geàrr-chunntas air na roghainnean-ainmeachaidh a tha rim faotainn do dh’ùghdarrasan ionadail a thoirt seachad ann an earrann 3, paragrafan 21-28 dhen sgrìobhainn-stiùiridh seo.
13. Mar sgìrean na dùthcha le dùmhlachd àrd de luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, no aig a bheil ceangal air leth làidir ri cànan is cultar na Gàidhlig, thathar an dùil gun dèanar oidhirpean gu math dian ann an Sgìrean Cànain Sònraichte airson a’ Ghàidhlig a ghlèidheadh, a bhrosnachadh, fhurastachadh agus taic a chumail rithe (agus ri gnìomhachd co-cheangailte rithe) mar fhear dhe na cànain ann an Alba aig a bheil inbhe oifigeil.
Contact
Email: GaelicandScots@gov.scot