Ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte: Stiùireadh reachdail

Stiùireadh fo Achd nan Cànan Albannach 2025 air mar a bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail sgìrean ainmeachadh a-chùm dìon agus neartachadh na Gàidhlig. ’S ann a rèir àireamh an t-sluaigh, ceanglaichean eachdraidheil no cothroman foghlaim san sgìre a thèid co-dhùnadh ainmeachaidh a dhèanamh.


Facal-toisich a’ Mhinisteir

Le ùghdarrasan ionadail a’ faighinn chumhachdan ùra gus molaidhean a chur air adhart a thaobh ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte – mar a thèid a mhìneachadh ann an Achd nan Cànan Albannach 2025 – thathar air clach-mhìle mhòr a ruigsinn anns an taic is dìon a th’ ann dhan Ghàidhlig.

Air feadh na h-Alba, tha na cumhaichean seo a’ toirt a’ chothruim do choimhearsnachdan anns an tèid Gàidhlig a chleachdadh mar chànan làitheil a bhith a’ faighinn aithneachadh is taic iomchaidh airson cleachdadh na Gàidhlig a chumail suas agus a thogail. Tha iad cuideachd a’ toirt chothroman do sgìrean anns a bheil Gàidhlig a’ cur ri dualchas, cultar is foghlam ionadail, feuch an tèid fèin-aithne cànanach nan daoine sna sgìrean sin a leasachadh tuilleadh is a chomharrachadh.

Fhuair an obair a rinneadh gus an stiùireadh seo a leasachadh buannachd mhòr bho oidhirpean taiceil le daoine fa leth, buidhnean agus coimhearsnachdan air feadh na roinne. Tron phròiseas com-pàirteachaidh (neo-fhoirmeil is foirmeil) a ghabhadh os làimh, bha na freagairtean an-còmhnaidh feumail. Mar fhrèam-obrach reachdail ùr do dh’Alba, thèid làn-chomasan nan Sgìrean Cànain Sònraichte a leasachadh tuilleadh; aig an aon àm, tha an gealltanas is dealas a thaobh na Gàidhlig a chunnaic mise thar nam bliadhnaichean agam mar Leas-Phrìomh Mhinistear a’ toirt misneachd dhomh gu bheil àm ri teachd soilleir ann dhan chànan.

Leanaidh Riaghaltas na h-Alba air le bhith ag obair ann an com-pàirteachadh ri daoine agus buidhnean air feadh na roinne, tron phròiseas-ainmeachaidh agus às a dhèidh, feuch an cùm an reachdas seo taic ri adhartas brìoghmhor, maireannach a thaobh cleachdadh agus fàs na Gàidhlig ann an Alba.

Bu toil leam mo thaing dhùrachdach a thoirt do gach com-pàirtiche, neach-ùidhe agus coimhearsnachd a th’ air an ùine, sàr-eòlas agus tuigse aca a chur a-steach airson buaidh a thoirt air an stiùireadh ro-innleachdail seo air ainmeachadh Sgìrean Cànain Sònraichte.

Ceit Fhoirbeis BPA

Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconamaidh agus na Gàidhlig

Contact

Email: GaelicandScots@gov.scot

Back to top