Scottish social housing charter: Gaelic translation

Gaelic translation of the Charter which helps to improve the quality and value of services provided by social landlords in Scotland. It sets the standards and outcomes that all social landlords should aim to achieve when performing their housing activities.


Cothrom air taigheadas is taic

7, 8 agus 9: Roghainnean taigheadais

Bidh uachdarain shòisealta ag obair còmhla airson dèanamh cinnteach:

gum faigh daoine a tha a' coimhead airson dachaigh fiosrachadh a chuidicheas iad le bhith a' dèanamh roghainnean is cho-dhùnaidhean fiosrach a thaobh nan roghainnean taigheadais a th' aca

gun urrainn do luchd-gabhail agus daoine air liostaichean taigheadais breithneachadh a dhèanamh air na roghainnean taigheadais aca.

Tha dleastanas air uachdarain shòisealta a thaobh a bhith a' cur stad air suidheachaidhean far a bheil daoine gun dachaigh agus bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach:

gum faigh daoine, a tha ann an cunnart an dachaigh aca a chall, comhairle is fiosrachadh air na ghabhas dèanamh gus stad a chur air sin.

Tha na builean seo a' gabhail a-steach nan dleastanasan a th' air uachdarain gus fiosrachadh a thoirt do dhaoine a tha a' coimhead airson dachaigh agus gus comhairle a thoirt dhan fheadhainn a tha an cunnart a bhith gun dachaigh feuch an tèid stad air suidheachaidhean, cho tràth 's as urrainnear, far am faod daoine a bhith gun dachaigh. Mar phàirt dhe seo, dh'fhaodadh gun dèanar 'sgrùdaidhean fallaineachd' a thaobh taigheadais do luchd-gabhail agus daoine air liostaichean taigheadais gus an cuideachadh le bhith a' beachdachadh air na roghainnean aca ann an roinn an taigheadais shòisealta no ann an roinn eile.

10: Cothrom air taigheadas sòisealta

Nì uachdarain shòisealta cinnteach:

gum bi e furasta do dhaoine a tha a' coimhead airson dachaigh cur a-steach airson an taghaidh as fharsainge de thaigheadas sòisealta a tha ri fhaotainn agus gum faigh iad am fiosrachadh a tha dhìth orra a thaobh mar a bhios uachdarain a' toirt seachad dhachaighean agus air cho buailteach 's a tha e gum faigh iad dachaigh.

Tha a' bhuil seo a' gabhail a-steach nas urrainn do dh'uachdarain shòisealta a dhèanamh airson a dhèanamh furasta do dhaoine cur a-steach airson an taghaidh as fharsainge de thaigheadas sòisealta a tha ri fhaotainn, agus a tha freagarrach agus tha iomchaidh airson nam feumalachdan aca. Tha e a' gabhail a-steach ghnìomhan as urrainn do dh'uachdarain shòisealta a dhèanamh leotha fhèin agus ann an co-bhuinn ri càch, mar eisimpleir, tro Chlàran Taigheadais Coitcheann no co-sgeamaichean iomlaid, no tro sgeamaichean fiosrachaidh is comhairleachaidh ionadail.

11: A' cumail a' dol le gabhaltas

Nì uachdarain shòisealta cinnteach:

gum faigh luchd-gabhail am fiosrachadh a tha dhìth orra a thaobh mar a gheibh iad taic gus fuireach san taigh aca; agus nì iad cinnteach gu bheil taic fhreagarrach ann, leithid sheirbheisean a bheir an t-uachdaran fhèin seachad agus an fheadhainn a bheir buidhnean eile seachad.

Tha a' bhuil seo a' gabhail a-steach mar as urrainn do dh'uachdarain, air an ceann fhèin no ann an co-bhuinn ri buidhnean eile, luchd-gabhail a chuideachadh a dh'fhaodadh a bhith feumach air taic gus cumail a' dol leis a' ghabhaltas aca. Am measg nan daoine sin, dh'fhaodadh luchd-gabhail a bhith ann a tha ann an cunnart a bhith air dheireadh leis a' mhàl aca, agus luchd-gabhail a tha feumach air atharraichean air an dachaigh aca gus am bi e freagarrach airson na h-aoise aca, ciorram no euslaint a th' orra no dhleastanasan cùraim.

12: Daoine gun dachaigh

Bidh Comhairlean a' coileanadh nan dleastanasan aca a thaobh dhaoine gun dachaigh:

gus am faigh daoine a tha gun dachaigh, no a tha ann an cunnart a bhith gun dachaigh, cuideachadh, comhairle is fiosrachadh gu sgiobalta agus gu furasta; gus am faigh iad àite-fuirich sealach no èiginn a tha freagarrach agus math nuair a tha sin a dhìth; agus gus am faigh iad taic le bhith a' faighinn agus a' cumail dachaigh mar a bu chòir a bhith aca.

Tha a' bhuil seo a' mìneachadh nan rudan a bu chòir do chomhairlean a dhèanamh agus iad a' coileanadh nan dleastanasan reachdail aca do dhaoine a tha gun dachaigh no ann an cunnart a bhith gun dachaigh. Bu chòir do dh'uachdarain shòisealta ceumannan a stèidheachadh gus stad a chur air suidheachaidhean far am bi daoine gun dachaigh aig ìre cho tràth 's as urrainn.

Contact

Email: michael.boal@gov.scot

Back to top