Hayward Review summary paper - Gaelic version

Gaelic translation of the summary paper covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment


5. Dè a mhol an aithisg dheireannach?

Chuir an t-Àrd-ollamh Hayward an aithisg dheireannach aice gu Riaghaltas na h-Alba air 5 Ògmhios 2023 agus chaidh fhoillseachadh air 22 Ògmhios.

Tha na molaidhean san aithisg dheireannaich a' cur fòcas sònraichte air a bhith a' toirt a-steach Dioplòma Coileanaidh na h-Alba (Scottish Diploma of Achievement - SDA) le trì eileamaidean: Slighe Phearsanta, Prògraman Ionnsachaidh agus Ionnsachadh Pròiseict.

Tha an Lèirmheas a' moladh gum bu chòir an Dioplòma a bhith na theisteanas ceumnachaidh a thathar a' tabhann anns a h-uile suidheachadh far a bheil foghlam aig an Ìre as Àirde air a thoirt seachad. Bu chòir cothrom a thoirt dhan a h-uile neach-ionnsachaidh eòlas fhaighinn air ionnsachadh anns gach eileamaid den Dioplòma agus bu chòir còir a bhith aca air seo.

Clàr sruth

Teacs grafaigeach gu h-ìosal:

  • Prògraman Ionnsachaidh
  • Slighe Phearsanta
  • Dioplòma Coileanaidh na h-Alba
  • Ionnsachadh Pròiseict

5.1 'Prògraman Ionnsachaidh'

Tha an aithisg dheireannach ag ràdh gun leanadh luchd-ionnsachaidh orra ag ionnsachadh mu raointean fa leth den churraicealam ann an doimhneachd, mu chuspairean coitcheann agus teisteanasan dreuchdail, teicnigeach agus proifeasanta. Bhiodh iad sin fhathast nam pàirt bhunaiteach de theisteanasan. Far a bheil teisteanasan air an rangachadh aig an àm seo, m.e., Àrd-ìre, Àrd-ìre Adhartach, bhiodh iad fhathast air an rangachadh.

Bhiodh cùrsaichean air an dealbhadh ann am modalan. Bhiodh luchd-ionnsachaidh a' togail creideas fhad 's a bhiodh iad a' dèanamh mhodalan. Far a bheil deuchainn aig teisteanas, bhiodh na creideasan a thog luchd-ionnsachaidh tron chùrsa air an cur còmhla ri toradh na deuchainn mu dheireadh gus an ìre mu dheireadh obrachadh a-mach. Lùghdaicheadh seo an cunnart do luchd-ionnsachaidh bho bhith an crochadh air an obair a nì iad air aon latha a-mhàin.

Rachadh raon nas fharsainge de dhòighean measaidh a chleachdadh agus bhiodh modhan-obrach sònraichte ann a bhiodh iomchaidh dhan phrògram fa leth. Rachadh an àireamh de dheuchainnean san Ìre as Àirde a lùghdachadh.

5.2 Dè a th' anns an 't-Slighe Phearsanta'?

Is e prìomh fhòcas na Slighe Pearsanta a bhith a' meòrachadh air ionnsachadh, co-dhiù tha sin san sgoil, sa cholaiste no sa choimhearsnachd. 'S e adhbhar na Slighe Pearsanta cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh am pròifil teisteanais aca a phearsanachadh le bhith a' taghadh thaobhan den ghnàth-eòlas aca a tha a rèir an cuid ùidhean, na tha iad a' cur ris a' chomann-shòisealta agus am miannan dreuchdail ann an cosnadh agus a bhith gan deasbad ann an dòigh mheòrachail.

Chan eil fòcas na Slighe Pearsanta air an àireimh de ghnàth-eòlasan ach air na tha neach air ionnsachadh tro ghnàth-eòlas. Cha bhiodh an t-Slighe Phearsanta air a rangachadh ach bhiodh e a' dol tro phròiseasan dearbhaidh. Is ann leis an neach-ionnsachaidh a bhiodh an t-Slighe Phearsanta.

5.3 Dè th' ann an 'Ionnsachadh Pròiseict'?

Ann an Ionnsachadh Pròiseict, bhiodh cothrom aig luchd-ionnsachaidh an t-eòlas agus na sgilean a tha iad air a thogail anns na Prògraman Ionnsachaidh aca a chleachdadh gus dèiligeadh ri ceist no duilgheadas cudromach a tha cudromach dhaibh le bhith a' dèanamh Pròiseact. Airson cuid de luchd-ionnsachaidh, dh'fhaodadh gum biodh fòcas air dùbhlan cruinneil, mar eisimpleir, atharrachadh na gnàth-shìde, imrich no ceartas sòisealta. Ghabhadh pròiseactan a dhèanamh le daoine fa leth no ann am buidhnean, ach rachadh measadh a dhèanamh air gach duine fa leth. Cha bhiodh Ionnsachadh Pròiseict air a rangachadh ach bhiodh e ceangailte ri ìrean SCQF agus gach tè le àireamh eadar-dhealaichte de phuingean creideis.

5.4 Dè eile a tha an Lèirmheas a' moladh?

  • Tha an Lèirmheas cuideachd a' moladh gum bu chòir pròifil didseatach a bhith ann dhan luchd-ionnsachaidh air fad a bheir cothrom dhaibh coileanadh pearsanta a chlàradh agus ionnsachadh san àm ri teachd a chomharrachadh agus a phlanadh.
  • Ann an oidhirp gus co-ionannachd spèis a neartachadh eadar diofar sheòrsaichean theisteanasan, bu chòir gluasad a bhith ann gus na briathran 'Ìre SCQF' a chleachdadh mar am prìomh thuairisgeul, air a leantainn le seòrsa teisteanais. M.e. SCQF Ìre 6 – Àrd-ìre.
  • Bu chòir am fiosrachadh mu choileanaidhean luchd-ionnsachaidh taobh a-staigh an SDA, cùrsaichean agus pròiseactan, a bhith a' co-thaobhadh ri Staitistigean Albannach air Coileanadh agus Cinn-uidhe Thòiseachail Luchd-fàgail agus dàta INSIGHT.
  • Tha grunn mholaidhean ann mun phròiseas atharrachaidh agus na dh'fheumas tachairt ma tha Dioplòma Coileanaidh na h-Alba gu bhith air a chruthachadh gu soirbheachail.

Contact

Email: Heather.McLean@gov.scot

Back to top