Information

John Swinney has been selected by the Scottish Parliament as their nominee for First Minister. He will be appointed by His Majesty the King and sworn in at the Court of Session.

Hayward Review summary paper - Gaelic version

Gaelic translation of the summary paper covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment


1. Dè bh' anns an Lèirmheas Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measadh?

Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba san Dàmhair 2021 gum biodh Lèirmheas Neo-eisimeileach ann air Teisteanasan agus Measadh. Chaidh an Lèirmheas a thòiseachadh mar fhreagairt do na leanas:

  • molaidhean ann an Lèirmheas Neo-eisimeileach an OECD air curraicealam sgoiltean na h-Alba (2021)
  • galar lèir-sgaoilte COVID-19 agus deasbad ùr mu mheasadh às dèidh deuchainnean Nàiseanta 5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach a bhith air an cur dheth ann an 2020 agus 2021
  • Pàipear OECD an Àrd-ollaimh Gòrdan Stobart a tha a' cur air adhart roghainnean a dh'fhaodadh a bhith ann airson na h-Alba a thaobh measadh agus teisteanasan san àm ri teachd (2021).
  • Aithisg an Àrd-ollaimh Ken Muir (2022) – Putting Learners at the Centre

Chaidh an t-Àrd-ollamh Louise Hayward a chur an dreuchd gus an Lèirmheas a stiùireadh agus thòisich i air an obair as t-Earrach 2022.

Contact

Email: Heather.McLean@gov.scot

Back to top