Hayward Review summary paper - Gaelic version

Gaelic translation of the summary paper covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment


4. Ciamar a rinneadh an Lèirmheas?

Chruthaich an t-Àrd-ollamh Hayward modail conaltraidh ùr-ghnàthach, air a dhealbh gus beachdan fhaighinn air prìomh chuspairean bho raon farsaing de chom-pàirtichean a' gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh agus tidsearan.

Chaidh Buidheann Lèirmheas Neo-eisimeileach (IRG) a stèidheachadh a' gabhail a-steach farsaingeachd de chom-pàirtichean le ùidh ann an teisteanasan (luchd-ionnsachaidh agus, mar a bha iomchaidh, pàrantan/luchd-cùraim, an fheadhainn a bhios a' dealbhadh, a' leasachadh agus a' tabhann theisteanasan, bho thidsearan clas gu buidhnean nàiseanta, agus an fheadhainn a bhios a' cleachdadh theisteanasan, colaistean, luchd-fastaidh agus oilthighean). Gus an raon de dhaoine a bha an sàs ann a leudachadh agus a dhoimhneachadh, stiùirich gach ball den IRG Buidhnean Coimhearsnachd Co-obrachail (CCG). Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Bhuidheann Lèirmheis agus mu na CCGan
an seo.

Bha trì ìrean anns an Lèirmheas. Chaidh beachdan a shireadh bho luchd-ùidh aig gach Ìre.

4.1 Ìre a h-Aon: Samhradh 2022

Thòisich an Lèirmheas le bhith ag obair còmhla ri Pàrlamaid Òigridh na h-Alba agus Pàrlamaid na Cloinne gus faighneachd dè bu chòir tachairt a thaobh Theisteanasan is Measadh ann an Alba san àm ri teachd. Chaidh dreachd-aithris air Lèirsinn is Prionnsapalan a sgrìobhadh às dèidh sin.

Chaidh beachdan a shireadh tro na CCGan agus fhuair iad cuireadh bho gach àrd-sgoil agus colaiste ann an Alba. Gheibhear anailis neo-eisimeileach air na freagairtean bho Ìre a h-Aon an seo.

A rèir na fianais ann an obair chom-pàirteachaidh aig Ìre a h-Aon, bha taic ris na beachdan anns na dreachd-aithrisean air Lèirsinn is Prionnsapalan. Ach, bha comhairle ann gum bu chòir an cànan a dhèanamh nas sìmplidhe agus nas puingeile. Chaidh an Lèirsinn agus na Prionnsabalan ath-dhealbhadh a rèir sin agus gheibhear iad an seo.

4.2 Ìre a Dhà: An Dàmhair 2022 - Am Faoilleach 2022.

Anns an dàrna ìre den chonaltradh chuir an Lèirmheas ceistean mu cò ris a bhiodh an siostam theisteanasan agus measaidh coltach nam biodh e a rèir na Lèirsinn agus nam Prionnsapalan. Bha seo a' gabhail a-steach a bhith a' sireadh bheachdan air am bu chòir no nach bu chòir fianais a chruinneachadh thar nan ceithir comasan sa Churraicealam airson Sàr-mhathais (CfE), am bu chòir fiosrachadh a chruinneachadh mu sgilean agus comasan luchd-ionnsachaidh, air a' chothromachadh eadar measadh a-staigh agus a-muigh, cleachdadh teicneòlais, gnìomhan nas fharsainge taobh a-muigh na sgoile, agus a bhith a' toirt a-steach teisteanas fàgail aig deireadh na h-Ìre as Àirde. Bha Ìre a Dhà a' sireadh bheachdan bho na CCGan agus a bhon a h-uile sgoil agus colaiste agus bha co-chomhairleachadh poblach 12 seachdain ann cuideachd.

Bha taic shoilleir ann gum bu chòir ath-leasachadh a dhèanamh air siostam theisteanasan is measaidh na h-Alba. Bha luchd-freagairt airson teisteanas fàgail a thoirt a-steach aig an Ìre as Àirde gus aithne nas iomlaine a thoirt do choileanaidhean, sgilean agus comasan luchd-ionnsachaidh. Cha robh aonta soilleir ann air cò ris a bhiodh 'siostam measaidh nas cothromaichte' coltach. Bha cuid ag iarraidh measgachadh de mheasaidhean leantainneach no measaidhean no deuchainnean nas lugha is nas cunbhalaiche, agus bha cuid airson cur às do dheuchainnean aig deireadh na bliadhna sgoile buileach glan. Bha miann làidir ann gum biodh aithne air coileanadh nas fharsainge seach dìreach cuspairean/raointean curraicealaim fa leth. Mar eisimpleir, bu chòir cothroman a bhith aig luchd-ionnsachaidh sgilean a thaisbeanadh fhad 's a tha iad a' cleachdadh eòlas agus gus fiosrachadh a thoirt a-steach mu ghnìomhachd taobh a-staigh no taobh a-muigh na sgoile. Thog mòran dhaoine ceistean practaigeach ris am feumar dèiligeadh.

4.2 Ìre a Dhà: An Dàmhair 2022 - Am Faoilleach 2022.

Gheibhear an anailis neo-eisimeileach air Ìre a Dhà an seo.

Mar thoradh air an fhios-air-ais a fhuaireadh bho Ìre a Dhà chaidh modail Dioplòma àrd-ìre a chruthachadh a chaidh a rannsachadh barrachd aig Ìre a Trì.

4.3 Ìre a Trì – Modail Dioplòma Àrd-ìre

Aig Ìre a Trì dh'iarr an Lèirmheas beachdan air modail Dioplòma àrd-ìre le trì eileamaidean riatanach agus air na builean pragtaigeach a bhiodh aig seo. Chì sibh a' chiad tionndadh den mhodail seo an seo. Chaidh beachdan a shireadh a-rithist tro na CCGan agus chaidh an iarraidh bho gach sgoil agus colaiste ann an Alba.

Ged a bha mòran den luchd-freagairt fàbharach mu na h-amasan a bha mar bhunait dhan Dioplòma agus do na trì eileamaidean ann, chaidh draghan a nochdadh a thaobh co-ionannachd, gu sònraichte a thaobh earrainn na Slighe Pearsanta. Bha luchd-freagairt cuideachd ag iarraidh fiosrachadh mu na buaidhean practaigeach. Chaidh am modail ath-sgrùdadh, agus tha an aithisg air an Lèirmheas a' gabhail a-steach molaidhean air na ceumannan practaigeach a dh'fheumar gabhail gus an Dioplòma a chur an gnìomh.

Contact

Email: Heather.McLean@gov.scot

Back to top