Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – Measadh-buaidhe air Coimhearsnachdan Eileanach

A Gaelic translation of the Island Communities Impact Assessment for the national Good Food Nation Plan.


Measadh

Ged a tha dùbhlain shònraichte ro choimhearsnachdan eileanach a thaobh siostam a’ bhìdh, chan eilear an dùil gun toir a’ chiad Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh buaidh eadar-dhealaichte air coimhearsnachdan eileanach an coimeas ri coimhearsnachdan eile.

Cuideachd, chaidh na h-aon seòrsaichean chuspairean a thogail aig na bùithtean-obrach co-chomhairleachaidh ’s a chaidh a thogail an lùib freagairtean a’ cho-chomhairleachaidh air-loidhne a fhuaras tro citizenspace. Chaidh atharraichean a dhèanamh air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh mar thoradh air na beachdan a fhuaras sa cho-chomhairleachadh air fad, agus mar sin ghabhadh ealla ri beachdan a fhuaras sna bùithtean-obrach eileanach an lùib sin.

Chaidh am Plana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a dhealbh, sa chiad dol a-mach, gus beachdachadh air mar a thathar a’ dealbh phoileasaidhean bìdh ann an Riaghaltas na h-Alba, airson dèanamh cinnteach gum bi poileasaidhean nàiseanta nas cunbhalaiche ann. ’S e sin an dòigh-obrach ùr, innleachdach a gheibhear sa Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Nuair a bhithear a’ dealbh phoileasaidhean bìdh ùra, bidh aig Ministearan na h-Alba, agus mar sin, seirbheisich chatharra ri ealla a ghabhail ris a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Chan eil an riatanas seo gus ealla a ghabhail ris a’ phlana a’ dèanamh atharrachadh air na riatanasan a gheibhear an-dràsta gus measadh-buaidhe a dhèanamh, agus bithear an dùil fhathast gun cùm sgiobaidhean poileasaidh ri reachdas is stiùiridhean co-cheangailte ri measaidhean-buaidhe, a’ gabhail a-steach a bhith a’ dèanamh measadh-buaidhe air coimhearsnachdan eileanach nuair a bhios sin freagarrach.

Cuideachd, tha e cudromach tuigsinn gun deach na dòighean-obrach airson Phlanaichean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a dhealbh gus am bi sùbailteachd ann aig ìre ionadail, tron riatanas far am feum ùghdarrasan buntainneach (ùghdarrasan ionadail is bùird shlàinte) na planaichean aca fhèin ullachadh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Leis mar a thathar a’ toirt fa-near le seo gu bheil poileasaidhean ionadail cudromach airson siostaman bìdh, bidh e comasach do choimhearsnachdan eileanach fuasglaidhean a lorg airson nan dùbhlan sònraichte ris am feum iad dèiligeadh aig ìre ionadail.

’S e as adhbhar dhan chiad Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh stiùireadh ro-innleachdail is coitcheann a thoirt seachad airson phoileasaidhean bìdh air feadh Riaghaltas na h-Alba. Tha e mar amas cudromach sa chiad phlana seo bun-ìrean a stèidheachadh a thaobh ghnìomhan is obair a tha gan dèanamh an-dràsta, mìneachadh a dhèanamh air na modhan-obrach a bhios a dhìth agus air ciamar a dh’fhigheas sinn na dòighean-obrach ùra a-steach do phoileasaidhean a thèid a dhealbh san àm ri teachd. Thèid poileasaidhean ùra is na modhan-obrach gus an cur an sàs a dhealbh mar phàirt dhen ath cheum agus nithear co-dhùnaidhean a thaobh mar a bhios coimhearsnachdan eileanach a’ dol sàs sna pròiseasan sin airson gach poileasaidh fa leth.

Le bhith a’ cruthachadh frèam sgrùdaidh freagarrach, ’s urrainn dhuinn bun-ìrean coileanaidh a stèidheachadh airson ar siostam bìdh a rèir nam builean againn. Tron fhrèam seo, nì sinn sgrùdadh aig ìre nàiseanta air ciamar a bhios diofar phàirtean de ar siostam bìdh, a tha co-cheangailte ri ar builean, ag atharrachadh. Aig an ìre seo chan eil comharran sònraichte againn airson eileanan, ach nithear measadh air sin fhad ’s a tha sinn a’ dèanamh ath-sgrùdadh is atharraichean air cùisean agus nithear ùrachadh air na dòighean-sgrùdaidh ma bhios sin a dhìth. Bu chòir cuimhneachadh, aon uair ’s gun tòisich ùghdarrasan buntainneach air na Planaichean aca fhèin ullachadh airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, gum bi iad cuideachd a’ dealbh nan comharran coileanaidh aca fhèin a bhios nas freagarraiche airson chùisean ionadail agus nam builean sònraichte a bhios aig gach ùghdarras eileanach.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top