Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – Measadh-buaidhe air Coimhearsnachdan Eileanach
A Gaelic translation of the Island Communities Impact Assessment for the national Good Food Nation Plan.
Co-chomhairleachadh
Mar phàirt dhen cho-chomhairleachadh phoblach air an dreachd dhen Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, chùm sinn diofar bhùithtean-obrach far an do choinnich sinn ri daoine a thuilleadh air a’ cho-chomhairleachadh air-loidhne a rinn sinn tro citizenspace.
Chaidh a dhà de na 10 bùithtean-obrach co-chomhairleachaidh a chumail anns na h-eileanan, aonan dhiubh ann an Arcaibh agus tè eile ann an Uibhist a Deas. Chaidh bùth-obrach eile a chumail san Òban, agus dh’fhaodadh gun robh daoine an sin bho na h-Eileanan A-staigh no bho eileanan eile aig a bheil seirbheis aiseig a bhios a’ dol dhan Òban. Ge-tà, cha b’ urrainn dhuinn sin a dhearbhadh, oir cha do chruinnich sinn dàta pearsanta aig na tachartasan seo.
Cuideachd, bha còig bùithtean-obrach air-loidhne ann a bha fosgailte do dhuine sam bith bho air feadh Alba aig an robh ùidh sa Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh no sa phrògram obrach fharsaing. Cha deach fiosrachadh làthaireachd no dàta pearsanta a chruinneachadh aig na tachartasan sin, mar sin cha b’ urrainn dhuinn dearbhadh an robh daoine bho na h-eileanan an làthair.
Chruthaich sinn tionndaidhean Gàidhlig de na geàrr-chunntasan de na sgrìobhainnean co-chomhairleachaidh agus foirm-fiosrachaidh an neach-fhreagairt. Cuideachd, thabhainn sinn cothrom air seirbheisean eadar-theangairean Gàidhlig aig a’ bhùth-obrach ann an Uibhist a Deas gus frithealadh air feumalachdan muinntir an eilein a thaobh a bhith a’ gabhail pàirt. Dh’iarr dithis, a ghabh pàirt sa bhùth-obrach, oirnn an t-seirbheis seo a chur air dòigh dhaibh. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt seachad geàrr-chunntasan Gàidhlig de na prìomh sgrìobhainnean fhad ’s a bhios an obair a’ dol air adhart airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.
Bha sinn cunbhalach leis na ceistean a chuir sinn sna bùithtean-obrach, an dà chuid air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh. Ge-tà, leis na ciad cheistean bha cothrom aig daoine leis na freagairtean aca bruidhinn air cùisean ionadail.
Seo na ceistean sin:
- Cò ris a bhiodh do bheatha coltach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh?
- Cò ris a bhiodh an nàbaidheachd no an t-àite-obrach agad coltach / dè na fàilidhean a bhiodh ann / ciamar a bhiodh tu a’ faireachdainn an sin?
- A bheil na builean seo a’ toirt mìneachadh air Alba mar Dhùthaich a tha Math a Thaobh Biadh? A bheil dad connspaideach ann? A bheil dad a dhìth?
Sa cho-chomhairleachadh, chaidh duilgheadasan a thogail a tha a’ buntainn gu h-àraidh ri coimhearsnachdan eileanach a thaobh siostam a’ bhìdh san fharsaingeachd, mar a chithear leis an fhianais chaidh a thoirt seachad mar phàirt de cheum a dhà gu h-àrd.
Bha draghan aig daoine a thaobh:
- Seasmhachd nan siostaman-solair
- An roghainn de bhiadh a gheibhear
- An uiread de bhiadh ùrail a gheibhear
- Cosgaisean bìdh
- An uiread de bhiadh ionadail a gheibhear
A thaobh susbaint na dreachd dhen Phlana, bha beachdan nan daoine a ghabh pàirt sna bùithtean-obrach eileanach a’ bualadh air na h-aon chuspairean a chaidh a chomharrachadh sa cho-chomhairleachadh san fharsaingeachd.
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot