Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – Measadh-buaidhe air Coimhearsnachdan Eileanach
A Gaelic translation of the Island Communities Impact Assessment for the national Good Food Nation Plan.
Dàta is luchd-ùidhe
Tha dùbhlain shònraichte ro choimhearsnachdan eileanach a thaobh biadh. ’S iad na dùbhlain as motha ris am feum iad dèiligeadh: dèanamh cinnteach gu bheil biadh gu leòr ri fhaotainn is air a thoirt thuca gu cunbhalach, gu bheil biadh ùrail gu leòr aca (pàirt cudromach de dhaithead fhallain) agus gu bheil biadh ri fhaotainn aig prìs reusanta.
Ann an aithisg a dh’fhoillsich Coimisean nan Còraichean Daonna o chionn ghoirid, thug iad iomradh air cuid de na dùbhlain shònraichte a tha ro choimhearsnachdan eileanach a thaobh a bhith a’ faighinn biadh is cothrom air biadh agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil biadh ceart aca.[1]
San aithisg, thathar a’ toirt iomradh sònraichte air na leanas:
- ’S e aon de na prìomh dhuilgheadasan, na th’ ann de bhiadh a tha ri fhaotainn. Bidh cuid a bhiadh gann sna bùithtean gu tric, gu h-àraidh nuair a bhios droch shìde ann nuair nach bi na h-aiseagan a’ seòladh mar a bu chòir. Cuideachd, chan eil an seòrsa bìdh a gheibhear sna bùithtean freagarrach airson feumalachdan nan coimhearsnachdan, chan eil uiread de sheòrsaichean bìdh fallain ann.
- Faodaidh far a bheil na bùithtean fhèin cùisean a dhèanamh nas miosa a thaobh a bhith a’ faighinn cothrom air biadh, oir uaireannan bidh aig daoine ri dhol astar fada chun na bùtha. Cuideachd, tha aig cuid a dhaoine ri prìomhachas a chur air cosgaisean connaidh (airson siubhal agus teas) an àite biadh. Agus gu tric tha am biadh a gheibhear ann am bùithtean beaga nas daoire na am biadh a gheibhear ann am mòr-bhùithtean, agus tha e an uair sin nas duilghe do dhaoine biadh fhaighinn aig prìs reusanta. Tha an t-astar fada a dh’fheumas cuid a dhaoine siubhal gu h-àraidh a’ toirt buaidh air daoine air a bheil ciorram, oir gu tric tha aca ri cuideachadh iarraidh bho dhaoine eile gus biadh fhaighinn dhaibh.
- Tha barrachd dhaoine a’ cleachdadh agus feumach air bancaichean-bìdh ann an cuid a dh’àiteachan sna h-eileanan.
Thathar a’ cluinntinn an aon seòrsa phuingean ann an aithisg, Ar Còir air Biadh, a tha a-mach gu sònraichte air Uibhist is Barraigh.[2] Tha an aithisg seo cuideachd a’ toirt iomradh sònraichte air a’ chosgais airson biadh ùrail agus mar a tha e gu math nas daoire na na prìsean air tìr-mòr, agus tha sin a’ cur ri duilgheadasan dhaoine nuair a thig e gu bhith a’ faighinn cothrom air biadh fallain aig prìs reusanta.
Tha staitistearachd Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ sealltainn gu bheil an uiread de dhaoine a tha ro-throm/ro-reamhar nas àirde ann an sgìrean nan ùghdarrasan ionadail eileanach uile an coimeas ris an àireimh sa chumantas a gheibhear am measg ùghdarrasan ionadail na h-Alba. Thathar ag ithe gu math nas lugha de mheasan is glasraich ann an Sealtainn, Earra-Ghàidheal is Bòd agus Siorrachd Àir a Tuath, an coimeas ris a’ chòrr de dh’Alba, agus thathar ag ithe gu math nas motha dhiubh ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd an coimeas ris a’ chòrr de dh’Alba.[3]
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot