Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh – Measadh-buaidhe air Coimhearsnachdan Eileanach
A Gaelic translation of the Island Communities Impact Assessment for the national Good Food Nation Plan.
Cinn-uidhe
Tha am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh mar fhrèam is bunait airson phoileasaidhean bìdh na h-Alba, plana a nì cinnteach gun tèid na poileasaidhean sin a dhealbh is a chur an gnìomh ann an dòigh cho-aonaichte. Aig a’ cheann thall, tha e mar amas leis a’ Phlana stiùireadh a thoirt do Mhinistearan na h-Alba nuair a bhios iad a’ cruthachadh phoileasaidhean bìdh nàiseanta.
Tha am Plana a’ stèidheachadh sia prìomh bhuilean lèirsinneach airson phoileasaidhean bìdh. Chan eilear an dùil gun tèid na Builean seo a choileanadh san aithghearrachd, ach tha iad a’ sealltainn dè seòrsa siostaim-bìdh a tha sinn ag iarraidh. Tha iad a’ cur an cèill na tha fa-near dhuinn leis an amas gum bi Dùthaich againn a tha Math a Thaobh Biadh.
- Buil 1: Tha àrainneachd bìdh na h-Alba a’ toirt cothrom do dhaoine gus biadh math ithe. Tha a h-uile duine a’ faighinn bhuannachdan bho bhith a’ faighinn cothrom cunbhalach is urramach air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha a’ còrdadh riutha, a tha seasmhach agus freagarrach a thaobh aois.
- Buil 2: Tha siostam-bìdh na h-Alba seasmhach agus tha e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarra fhàsmhor air tìr agus sna h-uisgeachan againn. Tha e a’ cur taic ri ar n-amasan a thaobh cothromachadh-carboin is freagrachadh a thaobh na gnàth-shìde, agus tha àite cudromach aige ann a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air slàinte is math bheathaichean agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd.
- Buil 3: Tha àrainneachd bìdh is siostam-bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh is cothrom dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn. Mar thoradh air sin thèid casg a chur, is lùghdachadh a thoirt, air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead.
- Buil 4: Tha ar roinn bìdh is dheochan a’ soirbheachadh, eadar-mheasgaichte, innleachdach, agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teis-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte is làidir a thaobh biadh, agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan anns a bheil inbhean-obrach cothromach gan cur an sàs air feadh siostam-solair a’ bhìdh.
- Buil 5: Tha e comasach do dhaoine agus coimhearsnachdan pàirt a ghabhail ann an siostam a’ bhìdh agus buaidh a thoirt air cruth an t-siostaim sin. Tha cultar bìdh brìoghmhor aig Alba agus sluagh againn a tha air an oideachadh a thaobh biadh math is seasmhach.
- Buil 6: Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus cruinneil. Tha Alba a’ dol an sàs gu gnìomhach ann a bhith a’ co-phàirteachadh ar sàr dhòighean-obrach is eòlas agus ag ionnsachadh mu na sàr dhòighean-obrach is eòlas aig càch gu h-eadar-nàiseanta.
Anns a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, thathar a’ cur phoileasaidhean bìdh a th’ ann mu thràth ri chèile gus bun-ìrean a stèidheachadh airson ghnìomhan air feadh Riaghaltas na h-Alba. Mar sin, chan eil a’ chiad Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ stèidheachadh phoileasaidhean ùra. Aon uair ’s gum bi am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh air fhoillseachadh, feumaidh Ministearan na h-Alba ealla a ghabhail ris nuair a bhios iad a’ coileanadh dhleastanasan buntainneach a thèid a mhìneachadh ann an dàrnach reachdas. Ma thathar an dùil poileasaidh, gnìomh-taice no iomairt ùr a chur an sàs, feumar measaidhean-buaidhe buntainneach a dhèanamh orra.
Cuideachd, fo riatanasan na h-Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022, feumaidh ùghdarrasan buntainneach (’s iad sin ùghdarrasan ionadail agus bùird shlàinte sgìreil) ealla a ghabhail ris a’ Phlana nuair a bhios iad fhèin ag ullachadh Phlanaichean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Bheir seo buaidh air coimhearsnachdan eileanach, oir bidh aig ùghdarrasan ionadail is bùird shlàinte eileanach ri planaichean ullachadh agus bidh cothrom aca beachdachadh air cùisean sònraichte co-cheangailte ris an sgìre aca fhèin. Leis an t-siostam seo far a bheilear a’ cur phoileasaidhean an sàs air feadh diofar ìrean, faodar beachdachadh air pàirtean dhen Phlana nàiseanta a tha a’ buntainn ris na h-eileanan bho shealladh ionadail.
Thathar an dùil gun tèid na sia builean gu h-àrd a chur an sàs aig ìre nàiseanta. Chan eil sinn an dùil gun toir iad buaidh eadar-dhealaichte air coimhearsnachdan eileanach.
Cuideachd, tha pàirtean eile dhen Phlana far a bheil e mar phrìomh amas na h-atharraichean is leasachaidhean a thathar a’ moladh airson modhan-obrach Riaghaltas na h-Alba a chur an sàs airson dèanamh cinnteach gun coilean sinn ar n-amas gum bi Dùthaich againn a tha Math a Thaobh Biadh. Chan eil sinn an dùil gun toir seo buaidh dhìreach air coimhearsnachdan eileanach.
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot