Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach


Bòrd na Gàidhlig

Bruidhnidh an earrann seo mun ghealladh ath-sgrùdadh a dhèanamh air gnìomhan is structaran Bhòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil buidheann ceannardais is lìonra bhuidhnean èifeachdach aig Alba son Gàidhlig a bhrosnachadh.

Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha Riaghaltas na h-Alba a-nis an dùil ath-sgrùdadh a dhèanamh air Bòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil a' bhuidheann stiùiridh as èifeachdaiche aig Alba airson Gàidhlig leis na cumhachdan as iomchaidh airson Gàidhlig a bhrosnachadh. An lùib an ath-sgrùdaidh bidh sireadh bheachdan luchd-ùidhe mar phàirt den cho-chomhairleachadh seo is am measg seo obraichidh sinn còmhla ri Bòrd na Gàidhlig gus am beachdan fhaighinn air na cothroman a tha iad ag aithneachadh airson leasachadh siostaim. Le iomradh air na h-earrannan sa cho-chomhairle seo air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus a bhith a' rannsachadh Gàidhealtachd oifigeil bidh againn ri beachdachadh cuideachd an nochd molaidhean à freagairtean nan earrannan sin a dh'fheumadh atharrachaidhean a bharrachd ri dleastanasan Bhòrd na Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig a' toirt taic do lìonra farsaing de bhuidhnean a tha ag obair a' toirt taic don Ghàidhlig agus thèid beachdachadh air mar a bheirear an taic seo seachad anns an dòigh as buadhmhoire agus as èifeachdaiche. Tha ar n-àrd-amasan airson na Gàidhlig a' gabhail a-steach na tha ùghdarrasan poblach agus buidhnean a' cur ris agus gu sònraichte ar miann gum beachdaich buidhnean le gnìomhan anns na h-ealain, turasachd agus dualchas air mar as urrainn dhaibh cur ri bhith a' coileanadh ìrean adhartais nas luaithe don Ghàidhlig. Seallaidh an t-ath-sgrùdadh air structar, gnìomhan agus obraichean làithreach Bhòrd na Gàidhlig agus air an lìonra de bhuidhnean Gàidhlig maoinichte, le sùil ri faighneachd an e seo fhathast an structar ceart airson brosnachadh is taic èifeachdach a thoirt don Ghàidhlig ann an Alba.

Chaidh raon farsaing de bheachdan a chur an cèill air a' chuspair seo agus 's dòcha gur e tomhas a tha seo air cho cudromach 's a tha e don choimhearsnachd buidheann nàiseanta a bhith ann airson an cànan a bhrosnachadh. A-rithist thathar a' toirt iomradh air na beachdan sin an seo gus meòrachadh agus deasbad a phiobrachadh. Ach cha bu chòir do luchd-ùidhe a bhith a' faireachdainn gu bheil iad air am bacadh leis na cuspairean seo agus mar phàirt den cho-chomhairle seo thathar a' toirt cuireadh dhaibh làn raon de bheachdan agus am molaidhean a thoirt seachad air atharrachaidhean siostaim sam bith a bu toil leotha fhaicinn.

Mar eisimpleir chaidh beachdan a chuir an cèill mun fheum a th' ann ath-bhranndadh agus ath-shuidheachadh Bòrd na Gàidhlig; air ìre mhaoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig airson buidhnean Gàidhlig; air obrachadh siostam nam planaichean Gàidhlig a' gabhail a-steach a bhuileachadh, air inbhe agus susbaint nan sgrìobhainnean a bhios Bòrd na Gàidhlig a' cur a-mach a' gabhail a-steach Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus an Stiùireadh Reachdail air Planaichean Gàidhlig. Tha cuid de luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ag aithneachadh a' phrìomh àite stiùiridh a th' aig Bòrd na Gàidhlig ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig agus misneachd choimhearsnachd sa chànan. Bidh cuid eile a' cur cuideam air dleastanas Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith ag iarraidh air buidhnean poblach eile a bhith nas mothachail agus buadhmhoire às leth na Gàidhlig agus ann a bhith a' toirt taic do bhuidhnean maoinichte Gàidhlig tarsainn na roinne.

Chaidh beachdan a chuir an cèill a thaobh am bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith nas fhaisge air Riaghaltas na h-Alba agus aig a' cheart àm am bu chòir dha a bhith nas fhaisge air a' choimhearsnachd agus air buidhnean Gàidhlig. Tha beachdan air a bhith ann mu riaghladh agus cur an gnìomh agus mu na cuideaman corporra is rianachd a tha air buidheann bheag phoblach agus mar a ghabhas dèiligeadh ri seo no ma thèid a lùghdachadh.

Tha mothachadh ann gum faodadh buaidh a bhith aig geallaidhean eile Riaghaltas na h-Alba air structar agus gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig ach sa mhòr-chuid tha sinn ag aithneachadh - leis gun deach Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh o chionn seachd bliadhna deug – gu bheil an t-àm ann ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha e ag obair agus measadh a bheil na gnìomhan leis an deach a stèidheachadh ann an 2005 fhathast freagarrach airson na tha a' Ghàidhlig ag iarraidh bhuaithe aig an àm seo.

Faodaidh cuid de cho-chomhairlichean iomradh a thoirt air mar a tha gnìomhan làithreach Bhòrd na Gàidhlig ag obair gu mionaideach a' gabhail a-steach an t-eòlas aca fhèin air mar a tha iad sin ag obair gu practaigeach. Is dòcha gum bi cuid eile airson meòrachadh agus beachd a thoirt air structar na buidhne a' gabhail a-steach inbhe na buidhne am measg bhuidhnean poblach eile.

Tha ceistean air mar a bu chòir planaichean Gàidhlig a bhith air an riaghladh agus air an sgrùdadh cuideachd air nochdadh ann an co-chomhairlean neo-fhoirmeil agus ged a dh'fhaodadh freagairtean air sin a bhith air an tabhann an co-theacsa rannsachadh Gàidhealtachd oifigeil chuireamaid fàilte air molaidhean sam bith a thaobh mar a ghabhadh siostam nam Planaichean Gàidhlig atharrachadh gus adhartas nas làidire is luaithe a chruthachadh don Ghàidhlig.

Gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig

'S e Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 reachdas bunaiteach Bhòrd na Gàidhlig. Tha cuideachd Sgrìobhainn Fhreàm-obrach aige a mhìnicheas an càirdeas leis an Riaghaltas còmhla ri dreuchdan is dleastanas sònraichte.

'S urrainn geàrr-chunntas a dhèanamh air gnìomhan coitcheann Bhòrd na Gàidhlig, a rèir mìneachadh Achd 2005, mar a bhith a' buntainn ri Gàidhlig, foghlam na Gàidhlig is cultar na Gàidhlig. Tha dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig cleachdadh is tuigse a' chànain a bhrosnachadh is a chomasachadh. Tha gnìomhan aig Bòrd na Gàidhlig gus comhairle a thoirt mu chànan, foghlam is cultar do Mhinistearan Albannach is buidhnean poblach eile. Cuideachd tha cumhachdan aig Bòrd na Gàidhlig comhairle a thoirt a rèir iarrtais do dhaoine eile air cùisean a bhuineas ri cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig.

Tha cuideachd dleastanas aig Bòrd na Gàidhlig ceangailte ri planaichean Gàidhlig is ullachadh a' Phlana Nàiseanta Gàidhlig. 'S urrainn dhan Bhòrd iarraidh air buidhnean poblach Plana Gàidhlig ullachadh a bhios a' mìneachadh dè a nì a' bhuidheann às leth na Gàidhlig, 's urrainn dhaibh susbaint a' phlana aontachadh leotha is aithisgean iarraidh mu adhartas is buileachadh a' phlana. Feumaidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd Stiùireadh ullachadh air planaichean Gàidhlig is foghlam Gàidhlig. Tha pàirt chudromach den mhaoineachadh a tha suidhichte le Bòrd na Gàidhlig air a roinneachadh leotha tro ghrantaichean gu buidhnean is pròiseactan eile ceangailte ri taic don Ghàidhlig.

A rèir Achd 2005 bu chòir na gnìomhan builichte air Bòrd na Gàidhlig a bhith air an cur an gnìomh le sealladh air inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil na h-Alba a gheibh spèis co-ionann ris a' Bheurla tro bhith ag àrdachadh na h-àireimh de dhaoine as urrainn Gàidhlig a chleachdadh agus a thuigsinn.

Inbhe mar Bhuidheann Phoblach Neo-roinneil Ghnìomhach

'S e Buidheann Phoblach Neo-roinneil (NDPB) a th' ann am Bòrd na Gàidhlig. Tha àite cudromach aig NDPBan ann an lìbhrigeadh sheirbheisean poblach ann an Alba, a' coileanadh raon farsaing de ghnìomhan às leth an Riaghaltais, le diofar ìrean de neo-eisimeileachd obrachail bhon Riaghaltas.

Bidh NDPBan a' lìbhrigeadh phrìomhachasan mhinistearan tro bhith a' brosnachadh, a' maoineachadh, a' riaghladh agus a' sgrùdadh sheirbheisean a bharrachd air a bhith a' toirt seachad comhairle eòlach, neo-eisimeileach do mhinistearan agus, gu tric, a bhith a' cur a-steach comhairle poileasaidh ro-innleachdail don Riaghaltas.

Bu chòir do NDPBan luach a chur ris an Riaghaltas tron eòlas agus tro na sgilean sònraichte aca, am fòcas air cùisean sònraichte agus an ceanglaichean ri luchd-ùidhe agus ùidhean eile. Tha iad, mar thoradh air an nàdar, cuimsichte air lìbhrigeadh agus a' taobhadh an cuid gnothaich ri Adhbhar agus Builean Nàiseanta an Riaghaltais.

A thaobh structair, dh'fhaodadh Bòrd na Gàidhlig suidhe nas fhaisge air an Riaghaltas agus tha roghainnean ann airson beachdachadh air ciamar a ghabhadh seo a dhèanamh. Dh'fhaodadh seo a bhith èifeachdach a thaobh taic lagha, ghoireasan daonna, ionmhais agus chorporra. Dh'fhaodadh seo faochadh a thoirt do chuid de na h-uallaichean rianachd a thuiteas air buidheann bheag.

Fhad 's a tha Bòrd na Gàidhlig ag obair mar bhuidheann phoblach bheag, tha seo a' leigeil leis cho tric 's a tha comasach obrachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn an dùil gu bheil taic fharsaing ann don phrionnsabal buidheann phoblach a bhith ann gus brosnachadh is taic a thoirt don Ghàidhlig is gur e rud cudromach a th' ann gun cùm a' bhuidheann seo ag obair tron chànan.

Planaichean Gàidhlig

Bu mhiann le Riaghaltas na h-Alba ur beachdan a chluinntinn a thaobh an e am frèam-obrach planaidh Ghàidhlig fhathast an dòigh as fheàrr gus a' Ghàidhlig a dhìon no am bu chòir atharrachaidhean nas fharsainge nochdadh mar thoradh air an ath-sgrùdadh seo. Tha an siostam planaichean Gàidhlig a th' ann an-dràsta air adhartas a dhèanamh ach tha cothrom ann beachdachadh an gabhadh an siostam sin a neartachadh no a bheil dòigh nas fheàrr ann airson tuilleadh adhartais nas luaithe a dhèanamh don Ghàidhlig. Ma tha eòlas agaibh air an fhrèam-obrach planaidh Ghàidhlig dh'iarramaid oirbh beachdachadh a bheil e cho èifeachdach 's a b' urrainn dha a bhith, no ma tha molaidhean sam bith agaibh a thaobh dhòighean adhartais a dhèanamh às leth na Gàidhlig nach eil cho trom air goireasan.

Ceistean Co-chomhairleachaidh

Tha fàilte air freagairtean co-chomhairleachaidh air a' cheist de ath-sgrùdadh air structair is gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig.

A bheil beachdan sam bith agaibh air dleastanasan làithreach Bhòrd na Gàidhlig is molaidhean sam bith air mar a b' urrainn dhaibh seo obrachadh nas èifeachdaiche no buadhmhoire?

A bheil beachdan sam bith agaibh mu atharrachaidhean structair aig Bòrd na Gàidhlig a b' urrainn brosnachadh is taic na Gàidhlig a neartachadh ann an Alba?

A bheil puingean sam bith a bharrachd a bu mhiann leibh dèanamh mun ath-sgrùdadh de ghnìomhan is structar Bhòrd na Gàidhlig a tha airson dèanamh cinnteach gu bheil a' bhuidheann ceannardais is lìonra bhuidhnean as èifeachdaiche aig Alba airson brosnachadh na Gàidhlig?

Contact

Email: GaelicAndScotsConsultation@gov.scot

Back to top