Inspiring Connections: Scotland's International Culture Strategy - Gaelic Version

’S e amas na ro-innleachd taic a chur ri roinn cultair is chruthachail na h-Alba a bhith ceangailte aig ìre na cruinne gus an coilean i a h-amasan is comasan eadar-nàiseanta, is a bhith a’ cur ri math cultarail, sòisealta, eaconamach is àrainneachd na h-Alba tro a h-obair eadar-nàiseanta.


Feumalachdan taic

Airson obair eadar-nàiseanta, feumaidh cothrom a bhith aig buidhnean cultarach air sgilean, eòlas agus lìonraidhean, ge b’ e dè na h-adhbharan airson na gnìomhachd seo. Feumar comas-lìbhrigidh agus stòrasan gus gnìomhachd a phlanadh agus a lìbhrigeadh. Faodaidh dìth comais agus comais-lìbhrigidh casg a chur air cuid de bhuidhnean agus luchd-cleachdaidh bho bhith a’ coileanadh an rùintean gus obair eadar-nàiseanta a leasachadh agus a lìbhrigeadh fiù ’s nuair a dh’fhaodadh sin a bhith buannachdail dhan chleachdadh agus dhan t-seasmhachd ionmhasail aca. Chan eil an co-theacsa làithreach de chosgaisean nas àirde agus an ath-shlànachadh leantainneach bho bhith nas lugha de dh’obair aig àm galar lèir-sgaoilte Covid19 air seo a dhèanamh nas fhasa. Tha na dùbhlain a bharrachd a dh’adhbhraich Brexit air cnapan-starra cosgais is rianachd adhbharachadh a thaobh a bhith a’ faighinn cothrom air an AE, a tha fhathast air aon de na margaidhean eadar-nàiseanta as cudromaiche san roinn.[17]

Tha an earrann seo den ro-innleachd a’ cuimseachadh air na feartan structarail a tha a’ cumail taic ri co-obrachadh eadar-nàiseanta na roinne agus air cho cudromach ’s a tha an conaltradh seo do mhodailean gnìomhachais san roinn.

So-ghluasadachd

Tha so-ghluasadachd eadar-nàiseanta aig cridhe gnìomhachd thar na roinn cultarail agus cruthachail. Às aonais seo, chan urrainn do phroifeiseantaich cruthachail ann an Alba an cuid obrach a thoirt gu dùthchannan eile, agus chan urrainn an co-leithid bho air feadh an t-saoghail tighinn a dh’Alba. Tha an comas a bhith a’ dèanamh gnìomhan eadar-nàiseanta leithid a bhith a’ dol air chuairt deatamach do mhòran dhaoine fa leth agus do bhuidhnean a thaobh a bhith a’ ruighinn luchd-èisteachd ùr, a’ dèanamh teachd a-steach, a’ co-obrachadh agus a’ togail lìonraidhean ro-chudromach thar chrìochan, agus a bhith a’ taisbeanadh roinnean cruthachail na h-Alba gu h-eadar-nàiseanta.

Ach, tha an roinn air a bhith soilleir gu bheil mòran chnapan-starra ann a thaobh gluasad eadar-nàiseanta leithid riatanasan bhìosa agus cead-obrach, riaghailtean chusbainn agus na cosgaisean coitcheann a thaobh a bhith a’ gluasad eadar dùthchannan. Tha Brexit air bacaidhean mòra ùra a chur an sàs a thug droch bhuaidh air a’ ghnìomhachd eadar-nàiseanta seo.[18] Bidh oidhirpean gus na buaidhean sin a lasachadh na phrìomh raon gnìomh stèidhichte air an ro-innleachd seo Tha e coltach gum bi seo ann an grunn diofar chruthan. Thèid coimhead air oidhirpean dioplòmasach; mar eisimpleir a bhith a’ cur cheumannan dà-thaobhach agus ioma-thaobhach an sàs gus proifeiseantaich cruthachail a shaoradh bho riatanasan bhìosa agus cead-obrach sònraichte, gu sònraichte airson gnìomhan thar-chrìochan nach mair fada. Bidh e ro-chudromach cuideachd an t-Aonta Malairt is Co-obrachaidh leis an AE atharrachadh, air an toirear sùil nas mionaidiche gu h-ìosal, gus an riochdaich e feumalachdan na roinne nas fheàrr.

“Cosgaisean nas àirde agus iom-fhillteachd malairt ann am bathar agus seirbheisean cultarach, a’ gabhail a-steach riaghailtean a tha a’ riaghladh carnets, cabotage agus seirbheisean air an lìbhrigeadh gu didseatach.” Freagairt co-chomhairleachaidh air an Ro-innleachd Cultair Eadar-nàiseanta (Fèisean Dhùn Èideann)

  • Leanaidh Riaghaltas na h-Alba air a’ putadh Riaghaltas na RA gus obrachadh còmhla ri riaghaltasan eile agus leis an AE gus taic a thoirt do rèiteachaidhean gun bhìosa airson luchd-ealain air chuairt.

Faodaidh e a bhith dùbhlanach agus daor a bhith ag obair san t-suidheachadh seo. Tha Riaghaltas na h-Alba air taic a chumail ri obair gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig luchd-ealain bho thaobh a-muigh na RA air comhairle mu riaghailtean bhìosa na RA às dèidh Brexit, gus a’ bhuaidh air an t-saoghal chultarail dhachaigheil a lùghdachadh chun na h-ìre as motha ’s a ghabhas. Ged a tha seirbheisean ann an dùthchannan eile as urrainn comhairle a thoirt do bhuidhnean Albannach a tha ag iarraidh an cuid obrach a thoirt do na h-àiteachan sin, tha na cosgaisean a bharrachd a thig an cois Brexit airson a bhith a’ toirt obair dhan AE do-sheachanta.

  • Beachdaichidh Riaghaltas na h-Alba air dè na ceumannan a dh’fhaodadh taic a thoirt do luchd-ealain Albannach gus aghaidh a chur air na dùbhlain sin.

Às-mhalairt agus iomlaid chultarach

Tha diofar chruthan air gnìomhachd às-mhalairt nan roinnean cultarach agus cruthachail. Gu tric bidh seo ann an cruth sheirbheisean leithid cuairtean no taisbeanaidhean agus tha an comas do dhaoine fa leth agus buidhnean a bhith ag obair thar chrìochan aig cridhe lìbhrigeadh nan seirbheisean sin. Tha gluasadachd deatamach airson seo, ach tha taic airson às-mhalairt chultarach na chùis nas fharsainge a thaobh a bhith a’ cruthachadh cheanglaichean, a’ solarachadh àrd-ùrlaran agus a’ toirt taic do bhuidhnean gus na sgilean agus an comas aca a leasachadh gus obrachadh gu h-eadar-nàiseanta. Tha às-mhalairt bathar fiosaigeach cudromach cuideachd do dh’eileamaidean den roinn. Tha turasachd chultarail a-steach dhan dùthaich a’ cruthachadh teachd-a-steach às-mhalairt tro luchd-tadhail a’ tighinn a dh’Alba agus, mar a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd, tha cliù eadar-nàiseanta roinn cultair na h-Alba air leth cudromach airson beachdan nas fharsainge air Alba. Tha feallsanachd eaconamach shoilleir aig às-mhalairt chultarach ach tha i cuideachd air a stiùireadh le cleachdadh cruthachail agus miann cheanglaichean cultarach ùra a thogail agus beachdan agus obair ùr a thoirt do luchd-amais nas fharsainge.

Aig an àm seo, tha taic airson às-mhalairt chultarach ann an Alba air a stiùireadh le measgachadh de bhuidhnean poblach agus prìobhaideach. Mar eisimpleir, tha pàirt chudromach aig buidhnean coimeirsealta ann a bhith a’ taisbeanadh ceòl Albannach gu h-eadar-nàiseanta, tha Alba Chruthachail a’ toirt seachad raon de mhaoinean a bheir taic do ghnìomhachd eadar-nàiseanta thar na roinne, agus tha Sgrìn Alba a’ cumail taic ri riochdachaidhean film is TBh gus cothrom fhaighinn air margaidhean eadar-nàiseanta.

Is e luach nan còraichean eadar-nàiseanta airson pròiseactan film is TBh a tha a’ cur air adhart soirbheachas nan companaidhean a chruthaicheas susbaint. Bidh Sgrìn Alba a’ cumail taic ri leasachadh agus cur an gnìomh phròiseactan le mòr-mhiannan gus luchd-amais eadar-nàiseanta a ruighinn, a’ toirt taic do riochdairean le bhith a’ dol an sàs sa mhargaidh sgaoilidh, maoineachaidh agus co-riochdachaidh eadar-nàiseanta. Bidh Sgrìn Alba fhèin cuideachd ag àrach dhàimhean leis an roinn reic, is sgaoilidh eadar-nàiseanta agus le com-pàirtichean maoineachaidh agus maoineachaidh poblach airson buannachd ar coimhearsnachdan cruthachail.

  • Leanaidh Riaghaltas na h-Alba air ag obair gu dlùth le Sgrìn Alba agus buidhnean iomairt gus cothroman ùra a shireadh thall thairis gus taic agus fàs a thoirt dhan roinn sgrìn, gus am bi Alba na àite riochdachaidh a tha a’ sìor fhàs tarraingeach do chompanaidhean eadar-nàiseanta agus a’ brosnachadh tàlant sgrìn na h-Alba air feadh an t-saoghail.

Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ maoineachadh Maoin EXPO nam Fèisean, a tha a’ toirt taic do luchd-ealain Albannach an cuid obrach a thaisbeanadh agus ceanglaichean eadar-nàiseanta a leasachadh tro fhèisean Albannach. Bidh EXPO a’ toirt taic do eadar 1,000 agus 1,250 neach-ealain agus neach-obrach air an ceann fhèin gach bliadhna, a bharrachd air cosnadh ràitheil is maireannach taobh a-staigh nam fèisean fhèin. Agus bidh na coimiseanan agus na pròiseactan a bharrachd sin a’ togail ìomhaigh, ruigsinneachd agus sgèile eadar-nàiseanta nam fèisean a tha maoinichte le EXPO, agus mar sin tha e a’ cur ris an t-seasmhachd ionmhasail aca. Ann an 2023/24 thug EXPO taic do 14 fèisean ann an Dùn Èideann agus Glaschu, thug iad seachad cothroman ro-chudromach airson EXPO air chuairt eadar-nàiseanta, agus chruthaich agus chùm iad suas ceanglaichean cultarach le ar com-pàirtichean san Roinn Eòrpa agus margaidhean le prìomhachais air feadh an t-saoghail.

Tha an taic làithreach ann an Alba air soirbheachadh gu mòr ach le dòigh-obrach nas ro-innleachdaile agus nas fhaide-ùine a bhios a’ togail air a’ chuid as fheàrr de na tha sinn a’ dèanamh mar-thà agus a’ tarraing air modailean soirbheachail bho air feadh an t-saoghail, fosglaidh cothroman ùra. Tha farsaingeachd de mhodailean ann gu h-eadar-nàiseanta gus taic a thoirt do dh’às-mhalairt agus iomlaid chultarach an dàrna cuid ag amas air fo-roinnean sònraichte, leithid ceòl, no le dòigh-obrach nas fharsainge. Tha luchd-ùidh air a leithid de thaic a chomharrachadh mar bheàrn san t-solar làithreach agus chaidh seo ainmeachadh san t-suirbhidh mun ro-innleachd seo mar an ceudna. Nì sinn sgrùdadh air modailean airson às-mhalairt chultarach agus taic iomlaid agus beachdaichidh sinn air cò ris a bhiodh modailean so-dhèanta do dh’Alba coltach. Ged a dh’fhaodadh buaidh phractaigeach a bhith aig stèidheachadh seirbheis taice airson às-mhalairt agus às-mhalairt chultarach air na roinnean cultarail agus cruthachail, dh’fhaodadh e san fharsaingeachd a bhith na mheadhan airson ar dòigh-obrach nas fharsainge a thaobh gnìomhachd cultarach eadar-nàiseanta. Dh’fhaodadh e a bhith a’ tagradh airson buannachdan conaltraidh chultarach eadar-nàiseanta tarsainn roinn phoblach na h-Alba agus a bhith ag obrachadh gus dòighean-obrach ùra a leabachadh.

  • Nì sinn sgrùdadh comais air a bhith a’ cruthachadh seirbheis taic airson às-mhalairt agus iomlaid chultarail.

Sgrùdadh Cùise – Momentum

Gach bliadhna cuiridh Dùn Èideann fàilte air còrr is 20,000 prìomh phroifeiseantaich ealain an t-saoghail gus cur ri seusan ainmeil nam fèisean san Lùnastal. Bidh prògram riochdairean eadar-nàiseanta Momentum a’ toirt còmhla luchd-glèidhidh, luchd-tionnsgain cruthachail, luchd-maoineachaidh, proifeiseantaich nam meadhanan, oifigearan, riochdairean agus luchd-prògramaidh bho air feadh an t-saoghail gus iad fhèin a bhogadh anns an taisbeanadh gun samhail seo de shàr-mhathas cultarach na cruinne.

Tha Momentum air a lìbhrigeadh le Fèisean Dhùn Èideann (às leth fèisean Dhùn Èideann), Comhairle Bhreatainn Alba, agus Alba Chruthachail, le taic a bharrachd bho Chomhairle Baile Dhùn Èideann agus EventScotland.

Gach bliadhna, thathar a’ toirt cuireadh do bhuidhnean-riochdachaidh bho dhiofar dhùthchannan taisbeanadh a dhèanamh air an cleachdadh proifeiseanta, cho math ri tar-shealladh air an roinn chultarail san dùthaich aca, do luchd-ùidh bho roinn ealain is cultair na h-Alba. Bidh gach riochdaire aig Momentum a’ faighinn clàr-ama sònraichte de ghnìomhachd, choinneamhan-ullachaidh agus choinneamhan gus cuideachadh le bhith ag àrach co-obrachadh agus iomlaid. Is e an t-amas com-pàirteachasan eadar-nàiseanta ùra a bhrosnachadh, a bharrachd air tasgadh agus co-obrachadh le fèisean Dhùn Èideann agus an roinn ealain san fharsaingeachd ann an Alba.

Bho 2011, tha Momentum air còrr air 850 riochdairean eadar-nàiseanta a thoirt a Dhùn Èideann. Mar thoradh air na tursan seo, chaidh seusanan obrach a thaisbeanadh le buidhnean ealain bho dhùthchannan eile a’ gabhail a-steach nan Innseachan agus Sealan Nuadh aig na fèisean, agus chaidh cothroman fhosgladh do riochdairean ceanglaichean ùra a chruthachadh agus co-obrachadh a leasachadh le an co-leithid san RA agus gu h-eadar-nàiseanta.

Thairis air 2022 agus 2023 thug Momentum aoigheachd do chòrr is 80 riochdaire agus rinn iad com-pàirteachadh le 120 aoigh eile bho bhuidhnean-riochdachaidh neo-eisimeileach, a’ tighinn bho barrachd is 31 dùthaich. Ann an 2022 choinnich còrr is 170 ball de roinn na h-Alba ri riochdairean, ag èirigh gu 233 ann an 2023, a’ gabhail a-steach stiùirichean Fèise, proifeiseantaich ealain air feadh na h-Alba, agus àrd-stiùirichean poileasaidh. Bidh na ceanglaichean sin gu cunbhalach a’ cruthachadh dàimhean san fhad-ùine agus a’ cruthachadh cho-obrachaidhean a tha buannachdail do chàch a chèile a bheir taic do lìonraidhean eadar-nàiseanta agus leasachadh fad-ùine nan cleachdaichean a tha an sàs ann.

Àrd-ùrlaran agus lìonraidhean

Tha eachdraidh làidir aig roinn chultarach is chruthachail na h-Alba ann a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le prìomh bhuidhnean poblach gus am feum as fheàrr a dhèanamh de dh’àrd-ùrlaran eadar-nàiseanta. Tha làthaireachd agus com-pàirt Albannach anns na fòraman sin a’ taisbeanadh na roinne agus a neartan agus faodaidh e dorsan fhosgladh airson tuilleadh chom-pàirteachasan eadar-nàiseanta. Faodaidh dòigh-obrach cho-obrachail luach mòr a chur ris a’ chùis agus tha grunn eisimpleirean agus sgrùdaidhean cùise a chaidh a chomharrachadh tron ro-innleachd seo a’ sealltainn sin.

Tha grunn àrd-ùrlaran dachaigheil is eadar-nàiseanta aig Alba a bheir taic do leasachadh cheanglaichean eadar-nàiseanta na roinne. Fhad ’s a bhios sinn a’ lìbhrigeadh na ro-innleachd seo cumaidh sinn oirnn a’ sireadh dhòighean gus an comas-lìbhrigidh agus a’ bhuaidh àrdachadh.

  • Mapaidh sinn prìomh lìonraidhean agus àrd-ùrlaran cultarail eadar-nàiseanta agus feuchaidh sinn ri tuigsinn fhaighinn air far a bheil comas ann taic a chur ri barrachd leasachaidh air com-pàirteachadh Albannach nam broinn.

Tha fèisean na h-Alba aig ìre na cruinne agus tha iad nam prìomh stòras cultarail. Bidh iad a’ tarraing an t-saoghail a dh’Alba, an dà chuid cleachdaichean agus luchd-èisteachd, agus a’ cur ri saoghal cultarail na dùthcha. Bidh iad cuideachd a’ tabhann àrd-ùrlaran airson a bhith a’ leasachadh dreuchdan luchd-ealain Albannach agus a’ leasachadh cheanglaichean eadar-nàiseanta. Tha Riaghaltas na h-Alba air taic a chumail ris a’ bhuaidh a th’ aig Fèisean mar àrd-ùrlar airson leasachadh àrd-amasan eadar-nàiseanta luchd-ealain na h-Alba tro mhaoin EXPO nam Fèisean.

Tha eadar-nàiseantachd air a bhith aig cridhe Fhèisean Dhùn Èideann bho chaidh Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann a stèidheachadh ann an 1947. Air a ruith le com-pàirteachas le Alba Chruthachail, Fèisean Dhùn Èideann agus Comhairle Bhreatainn Alba, tha Momentum, a tha air a mhìneachadh gu mionaideach gu h-àrd, na phrògram riochdairean a tha ag amas air dàimhean eadar-nàiseanta a thogail agus cothroman co-obrachaidh àrach tro na fèisean.

’S e UNESCO[19] a’ prìomh bhuidheann eadar-nàiseanta le fòcas air co-obrachadh eadar-nàiseanta a thaobh cultair. Tha grunn cheanglaichean aig Alba ri UNESCO mar-thà a’ gabhail a-steach na sia Làraichean Dualchas na Cruinne againn[20] agus ceithir bailtean nam Albannach ball de Lìonra Cathair-Bhailtean Cruthachail UNESCO.[21] Tha mar a chaidh cho cudromach ’s a tha na h-àiteachan sin gu cultarail aithneachadh tro na prògraman sin a’ dèanamh Alba na pàirt de lìonraidhean eadar-nàiseanta cudromach a tha a’ cumail taic ri iomlaid eòlais agus co-obrachaidh, agus a’ cruthachadh chothroman do luchd-cleachdaidh tro mhuinntearasan agus cothroman leasachaidh proifeiseanta. Bidh iad cuideachd a’ brosnachadh cuid de stòrasan cultarail na h-Alba gu h-eadar-nàiseanta, a’ tàladh luchd-tadhail agus a’ comharrachadh cuid de neartan na roinne againn.

  • Leanaidh Riaghaltas na h-Alba air ag obair gu dlùth le Riochdachadh Maireannach na RA air UNESCO agus rannsaichidh sinn dòighean san gabh ar dàimh le UNESCO a neartachadh.

Sgrùdadh cùise - Slighe UNESCO na h-Alba

Tha Slighe UNESCO na h-Alba na dhearbhadh pròiseil air cultar, dualchas agus àrainneachd eachdraidheil eadar-mheasgte agus beòthail na h-Alba agus a’ ceangal nan 13 sònrachaidhean UNESCO a tha stèidhichte air àite còmhla, a’ gabhail a-steach Làraichean Dualchais na Cruinne, Bith-chruinnichean, Geo-phàircean Cruinneil agus Cathair-bhailtean Cruthachail gus slighe dhidseatach shònraichte a chruthachadh. Tha e ag amas air luchd-tadhail a thoirt air turas cultarail air feadh na dùthcha gus eòlas a chur air a h-uile rud bho eachdraidh gu saidheans, ceòl, dealbhadh is litreachas gu nàdar agus seallaidhean-baile. Chaidh an t-Slighe a chruthachadh le taic bho £360,000 de mhaoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

Chaidh an t-Slighe a chruthachadh ann an com-pàirteachas cruinneil de a chiad sheòrsa riamh eadar Riaghaltas na h-Alba, Coimisean Nàiseanta na RA airson UNESCO, riochdairean comharrachadh làraichean na h-Alba, VisitScotland, Àrainneachd Eachdraidheil Alba, NatureScot agus Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha am pròiseact air a stiùireadh le VisitScotland. Tha e air grunn dhuaisean a chosnadh, a’ gabhail a-steach Duais ‘Cesar for Sustainable Tourism’ aig Turmag; Duais Bunait Santagata airson Tìrean UNESCO 2022; agus Duais Seasmhachd Siubhail Wanderlust. Bho chaidh a chur air bhog, tha daoine air eadar-obrachadh leis na puist air na meadhanan sòisealta airson na Slighe còrr is 2.5 millean turasan.

Bidh Slighe UNESCO na h-Alba a’ brosnachadh ghnìomhachasan turasachd ionadail a tha a’ cruthachadh gnìomhachd turasachd cunntachail. Tha an t-Slighe ag amas air taic a thoirt do thurasachd sheasmhach, a’ brosnachadh luchd-tadhail gu bhith ag ionnsachadh mu na sònrachaidhean agus a bhith a’ tadhal orra agus a’ faighinn eòlas orra ann an dòigh a tha brìoghmhor dhan neach-tadhail, agus a tha cunntachail agus seasmhach airson an t-sònrachadh agus airson na coimhearsnachd mun cuairt air. Tha an t-Slighe a’ toirt seachad fiosrachadh a bheir an cothrom do luchd-tadhail roghainnean siubhail nas uaine a thaghadh agus a bhios a’ brosnachadh dhaoine gus smaoineachadh air an àm as freagarraiche airson tadhal. Tha a h-uile gnìomhachas ionadail air a bheilear a’ toirt iomradh air an t-Slighe nam pàirt de sgeamaichean barantachaidh uaine.

Tha Alba air aithneachadh bho chionn fhada cho cudromach ’s a tha dualchas cultarach do-bheantainn do choimhearsnachdan ionadail, agus mar phàirt de ar dearbh-aithne nàiseanta. Ged a dh’ainmich Riaghaltas na RA gu bheil iad an dùil Cunnradh air Dìon Dualchas Cultarach Do-bheantainn a dhaingneachadh aig deireadh 2023, tha Alba air a bhith ag iarraidh is ag iomairt airson daingneachadh fad iomadh bliadhna. Tha Alba air thoiseach air dùthchannan eile na RA anns a’ chlàr air-loidhne againn a chaidh a chruthachadh tro Chom-pàirteachas Dualchas Cultarach Do-bheantainn na h-Alba, co-obrachadh eadar Gailearaidhean is Taighean-tasgaidh na h-Alba, Àrainneachd Eachdraidheil Alba, Ealain is Cultar Traidiseanta Alba (TRACS) agus Alba Chruthachail. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh a’ chomais iongantach a thaobh in-ghabhail agus mothachadh a tha dualchas cultarach do-bheantainn a’ toirt seachad, agus tha e den bheachd le bhith a’ cur luach air traidiseanan, cultaran, sgeulachdan agus òrain càch a chèile gu bheil tòrr againn ri bhuannachd an dà chuid ann an Alba agus nas fhaide air falbh.

  • Leanaidh Riaghaltas na h-Alba air a’ brosnachadh Riaghaltas na RA mar Bhall-stàite UNESCO a bhith a’ leantainn comhairle bho Chom-pàirteachas Dualchas Cultarach Neo-stuthach na h-Alba agus ag ionnsachadh bho na dh’ionnsaich Buill-stàitean UNESCO eile, a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt seachad stòrasan iomchaidh gus obair bhuadhach a lìbhrigeadh às dèidh daingneachadh a’ chunnraidh.

A bharrachd air na cothroman a tha air am mìneachadh gu h-àrd, leanaidh sinn oirnn a’ coimhead air tuilleadh bheachdan gus taic a thoirt do dh’iomlaid chultarach, co-obrachadh agus conaltradh tro àrd-ùrlaran dachaigheil agus eadar-nàiseanta. Bidh seo a’ gabhail a-steach Co-labhairt Cultar Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann a chaidh a stèidheachadh ann an 2012 agus a chaidh a lìbhrigeadh bhon uair sin gach dà bhliadhna tro chom-pàirteachas eadar Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba, Comhairle Bhreatainn Alba, Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, agus Roinn Cultar, Mheadhanan agus Spòrs aig Riaghaltas na RA. Tha e air a bhith na àrd-ùrlar cudromach airson conaltradh eadar-riaghaltais air poileasaidh cultair agus air na dùbhlain coitcheann a tha romhainn. Tha an iomairt seo a’ dol tro phròiseas ath-bhreithneachaidh aig an àm seo anns am bi Riaghaltas na h-Alba ag obair còmhla ri com-pàirtichean eile gus a ròl ath-dhealbhadh mar fhòram cudromach airson conaltradh cultarach eadar-nàiseanta. Bidh e cuideachd a’ gabhail a-steach Scotland + Venice, a tha mar an ceudna a’ dol tro phròiseas ath-bhreithneachaidh aig an àm seo, ach a tha air a bhith na àrd-ùrlar cudromach gus chleachdaichean cruthachail Albannach a thaisbeanadh.

Ceanglaichean leis an AE

Bha comas gluasaid eadar-nàiseanta na phrìomh eileamaid den dàimh againn leis an AE. Chuidich e buidhnean Albannach gus an cuid obrach a thoirt do luchd-amais de 500 millean neach ann an suidheachadh gun mhòran chuingealachaidhean le bhith a’ dèanamh sin. Agus thug e cothrom dhan cho-leithid bho air feadh an AE tighinn a dh’Alba, a’ cur gu mòr ri fèisean agus ris an t-saoghal chultarach san fharsaingeachd, a’ cumail taic ri iomlaid agus co-obrachadh, agus a’ toirt sgilean, tàlant agus beachdan do dh’Alba.

  • Leanaidh Riaghaltas na h-Alba air a bhith a’ coiteachadh Riaghaltas na RA gus leasachaidhean fhaighinn ann an teirmean an Aonta Malairt is Co-obrachaidh leis an amas dèanamh cinnteach gum bi gluasad saor de phroifeiseantaich cruthachail eadar an RA agus an AE.

Tha Brexit air cur às do ruigsinneachd dhan phrògram Eòrpa Chruthachail, prìomh dhòigh taic an AE airson roinn cultair na h-Eòrpa. Tha fòcas a’ phrògraim air co-obrachadh cultarach eadar-nàiseanta thar gach eileamaid eadar-dhealaichte den roinn agus am frèam tar-nàiseanta tro bheil e a’ lìbhrigeadh taic nam prìomh eileamaidean den t-soirbheachas aige. Is e seo fear de na h-aon phrògraman a tha air an lìbhrigeadh taobh a-muigh institiudan nàiseanta, a’ leigeil leis fòcas a chur air cho cudromach ’s a tha ceanglaichean cultarach thar-nàiseanta. Bha buidhnean Albannach air an deagh riochdachadh taobh a-staigh phròiseactan a chaidh a mhaoineachadh tron phrògram agus chuir iad cuideam mòr air a bhith comasach air pàirt a ghabhail ann am pròiseactan a thug taic do cheanglaichean le co-leithid air feadh na Roinn Eòrpa.

Sgrùdadh cùise - Eòrpa Chruthachail

Is e Prògram Eòrpa Chruthachail prìomh phrògram maoineachaidh an Aonaidh Eòrpaich a tha a’ toirt taic do chultar agus roinn chruthachail na h-Eòrpa, a’ gabhail a-steach roinn an sgrìn. Tha e a’ toirt taic do raon farsaing de ghnìomhachd ach aig a chridhe tha dealas a thaobh cho cudromach ’s a tha co-obrachadh cultarach eadar-nàiseanta agus an iomadh deagh bhuaidh as urrainn a bhith aig seo. Is e am buidseat anns a’ chearcall seachd-bliadhna làithreach € 2.44 billean.

Bha buidhnean Albannach nan com-pàirtichean follaiseach agus luachmhor ann am mòran phròiseactan aig Eòrpa Chruthachail agus bha iad air an deagh riochdachadh ann an obair le taic bhon phrògram. Thug an soirbheachas seo maoineachadh cudromach do na buidhnean sin, ach b’ e na ceanglaichean dhan thug e taic dhaibh a dhèanamh agus an t-ionnsachadh, an leasachadh agus an ùr-ghnàthachadh a chaidh a choileanadh tromhpa bu chudromaiche.

Chomharraich aithisg mu luach Eòrpa Chruthachail san RA a chaidh fhoillseachadh ann an 2018 an dà chuid buaidh ionmhasail agus neo-ionmhasail a’ phrògraim. Fhuair e a-mach gun robh maoineachadh air togail a thoirt do chruthachadh obraichean, toradh agus às-mhalairt, agus mar thoradh air sin chaidh tasgadh a bharrachd fhaighinn. Thug e taic do bhuidhnean gus ceanglaichean agus lìonraidhean eadar-nàiseanta a chruthachadh mar thaic dhan obair aca. Agus chomasaich e cuideachd ùr-ghnàthachadh, rannsachadh agus leasachadh, a’ toirt taic do bhuidhnean riosgan a ghabhail agus gus cothroman a rannsachadh nach biodh fosgailte dhaibh mur a b’ e seo.

Tha co-dhùnadh Riaghaltas na RA gun a bhith a’ feuchainn ri com-pàirteachadh leantainneach fhaighinn ann an Eòrpa Chruthachail air beàrn mhòr fhàgail nach gabh a lìonadh le prògraman dachaigheil. Tha am frèam thar-nàiseanta tro bheil am prògram air a lìbhrigeadh ro-chudromach airson a shoirbheas, a’ dèanamh cinnteach gun tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh taobh a-muigh feumalachdan bhuidhnean nàiseanta agus a’ cumail fòcas a-mhàin air cudromachd agus luach co-obrachadh cultarach.

Cho-dhùin Riaghaltas na RA, gun a bhith a’ sireadh com-pàirt leantainneach ann am prògram Eòrpa Chruthachail tro cho-rèiteachadh malairt às dèidh Brexit a dh’aindeoin beachdan Riaghaltas na h-Alba, rianachdan tiomnaichte eile, agus a’ mhòr-chuid de bheachdan ann an roinn a’ chultair air feadh na RA. Rinn e co-rèiteachadh ge-tà airson com-pàirteachadh leantainneach ann an Horizon Europe, prìomh phrògram an AE airson taic a thoirt do rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh. Bhiodh cothrom ùr air Eòrpa Chruthachail, agus prògraman eile an AE, gu math luachmhor dhan roinn.

  • Beachdaichidh Riaghaltas na h-Alba air mar a ghabhas ceanglaichean ris a’ phrògram Eòrpa Chruthachail àrdachadh gus an urrainn do bhuidhnean cultarach Albannach a dhol an sàs a-rithist leis na seanailean ro-chudromach airson iomlaid, co-obrachadh agus ionnsachadh a tha am prògram a’ cuideachadh.
  • A bharrachd air seo, leanaidh Riaghaltas na h-Alba air a’ coiteachadh Riaghaltas na RA gus feuchainn ri ballrachd a ghabhail ann am prògram Eòrpa Chruthachail a-rithist.

Contact

Email: internationalculturestrategy@gov.scot

Back to top