Culture strategy for Scotland consultation: Gaelic version

Consultation document on the development of a culture strategy for Scotland translated into Gaelic.


5. Na h-ath cheumannan

Bidh an co-chomhairle aig Riaghaltas na h-Alba fosgailte bho Diciadain 27 Ògmhios gu Diciadain 19 Sultain 2018. Faodaidh sibh ur beachdan a chuir thugainn ann an diofar dhòighean:

  • Lìonaibh an ceisteachan air ar làrach-lìn Citizen Space (ann am Beurla) neo air Foirm Fiosrachaidh Neach-freagairt Gàidhlig agus ceisteachan a tha ri fhaighinn an seo. Faodaidh sibh ur beachdan a chuir thugainn mar neach fa-leth neo mar phàirt de bhuidheann nas motha.
  • Cuiribh tachartas neo coinneamh air dòigh airson beachdachadh air an ro-innleachd le ur buill neo lìonraidhean. Ma tha sibh airson tachartas a chuir air dòigh, cuiribh post-d gu culturestrategy@gov.scot airson barrachd fiosrachaidh air maoineachadh a tha ri fhaighinn airson seo.
  • Faodaidh sibh cuideachd bruidhinn mun tachartas agus ur beachdan air an ro-innleachd air Twitter aig @culturescotgov agus a' cleachdadh an taga-hais #culturescot.

Tha sinn airson gun ruig sinn an àireamh as motha de dhaoine as urrainn dhuinn tron cho-chomhairleachadh poblach seo airson gum bi an ro-innleachd deireannach a' freagradh guthan a h-uile duine le ùidh ann an cultar ann an Alba san àm ri teachd. Tha cultar mu dheidhinn a h-uile duine ann an Alba, agus tha sinn airson gun cuir sibh fiosrachadh mu dheidhinn an co-chomhairleachadh do dhuine sam bith eile ma tha sibh a' smaointinn gum biodh ùidh aca.

Nuair a dhùineas an co-chomhairleachadh, thèid sgrùdadh a dhèanamh air a h-uile freagairt le luchd-analais neo-eisimileach agus thèid aithisg fhoillseachadh le geàrr-chunntas den cho-chomhairleachaidh stèidhichte air na ceistean a chaidh fhaighneachd. Thèid a h-uile freagairt fhoillseachadh air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba, le na h-ainmean air an toirt às far a bheil seo iomchaidh. Bidh buaidh aig ur freagairtean air leasachadh an ro-innleachd deireannach.

DEIREADH

Contact

Back to top