Tuilleadh oidichean son sgoiltean eileanach

Pròiseact a’ cur taic ri ath-shlànachadh eaconamaiceach.

Bidh luchd-ealain is luchd-ciùil saor-lannsa a chaill obair ri linn COVID-19 neo Brexit ag oideachadh chloinne bhun-sgoile air feadh choimhearsnachdan eileanach na h-Alba.

Obraichidh suas gu 50 oidiche le bun-sgoiltean gus leantainn bùithtean-obrach cultarail mu chànain is dualchainntean tùsanach na h-Alba, ceòl, dràma, dannsa is ealain-lèirsinneach.

Bheir oidichean taic do leasachadh iar-oidichean le bhith ag obair gu dlùth leotha gus an urrainn iad fhèin bùithtean-obrach a’ lìbhrigeadh mar phàirt den churraicealam bhun-sgoile.

Lìbhrighidh a’ bhuidheann ealain Fèisean nan Gàidheal am prògram anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh, Sealtainn, Earra-Ghàidheal is Bòd, a’ Ghaidhealtachd agus Siorrachd Àir a Tuath. Bheir Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean taic do dh’oidichean is gheibh iad barantachadh son an cuid-obrach.

Thuirt am Ministear airson Foghlam Àrd-ìre agus Leantainneach, Trusadh is Trèanadh Òigridh, Jamie Hepburn:

“Tha an t-uamhas shaor-lannsairean air fior dhuilgheadasan ionmhasail fhulaing ri linn staing COVID-19. A thuilleadh air an seo, tha fios gum bi mòran dhùbhlain aig luchd-ciùil cuairteachaidh son ùine fhathast air sgàth na Rìoghachd Aonaichte a bhith a’ fàgail an EU.

“Bheir am prògram ùr seo cothroman ath-thrèanaidh is trusaidh luachmhor do shaor-lannsairean cruthachail gus obrachadh air feadh na 93 eileanan Albannach anns a bheil sluagh.

“Chan e a-mhàin gum faigh clann-sgoile cothrom barrachd ionnsachadh mu bheartas chultarail ar eileanan, brosnaichidh am pròiseact seo cuideachd Gàidhlig, Sealtainnis agus Albais is dualchainntean sònraichte eileanan leithid Arcaibh.

Thuirt ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig:

“Tha Fèisean nan Gàidheal taingeil do thaic Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ lìbhrigeadh a’ phrògraim ùire seo a chuidicheas saor-lannsairean cruthachail tilleadh bho bhuaidh eaconamaiceach na stainge.

“Bidh trèanadh na phàirt chudromach den phrògram le amas saor-lannsairean buileach a dhìon is an ullachadh a bhith ag obair ann an suideachaidhean sgoile san àm ri teachd.

“Tha deagh chothrom aig a h-uile bun-sgoil anns na h-eileanan againn comas a thoirt do luchd-ealain ionadail obrachadh le aon bhuidheann bhliadhna, a’ dol an sàs ann an cultar ionadail deatamach ri ar coimhearsnachdan eileanach.”

Cùl-fhiosrachaidh

’S e ainm a’ phrògraim Trèoir (Gaelic) | Voar (dualchainnt Shealtainnis) | Virr (Albais is Lochlannais)

Faic an liosta sgoiltean far an tèid am prògram a lìbhrigeadh.

Tha am prògram air a mhaoineachadh le Maoin Nàiseanta an Atharrachaidh Thrèanaidh agus tro mhaoin Phrògram Eileanan Riaghaltas na h-Alba gus taic a thoirt do lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean.

Contact

Media enquiries

Back to top