A Human Rights Bill for Scotland: consultation guide - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the short guide to the consultation.


Earrann A H-aon – Co-theacsa

Carson a rinneadh an t-iùl seo?

Tha rùn aig Riaghaltas na h-Alba Bile Chòraichean Daonna ùr a chur mu choinneamh Pàrlamaid na h-Alba, gus am bi barrachd de ar còraichean daonna gan dìon fon lagh.

Tha an t-iùl seo a' mìneachadh na tha sinn ag iarraidh air a' Bhile Chòraichean Daonna a choileanadh. Tha e ag innse dè bhios e a' ciallachadh na còraichean sin a bhith gan cur fon lagh ann an Alba. Innsidh e cuideachd dè a' bhuaidh a tha sinn ag iarraidh air a' Bhile a thoirt air beatha làitheil dhaoine, ma bhòtas Pàrlamaid na h-Alba airson gabhail ris a' Bhile agus ma nithear Achd dheth.

Chuir sinn co-chomhairleachadh air dòigh gus an ionnsaich daoine mun Bhile agus gus an innis iad am beachd do Riaghaltas na h-Alba.

Rinneadh an t-iùl seo gus am fairich gach neach gun urrainn dhaibh pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh. Tha sinn airson ur guth a chluinntinn gus cuideachadh cumadh a thoirt air na tha an dàn do chòraichean daonna ann an Alba.

Dè thathas a' moladh?

Tha còraichean daonna againn uile. Bu chòir dhuinn ar còraichean a chleachdadh nar beatha làitheil. Mura toirear feart air ar còraichean daonna, bu chòir gum faigh sinn air rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo le gearan a thogail, fios a chur gu buidhinn iomchaidh, no a dhol gu lagh ma tha sin freagarrach.

Bheir am Bile Chòraichean Daonna a tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba ceithir cùmhnantan chòraichean daonna eadar-nàiseanta nan Dùthchannan Aonaichte a-steach do lagh na h-Alba, taobh a-staigh crìochan chumhachdan tiomnaichte Pàrlamaid na h-Alba.

Aithnichidh agus gabhaidh am Bile a-steach còir air àrainneachd fhallain.

Nithear am Bile gus dèanamh cinnteach gu bheil na còraichean a chuireas e ann an lagh na h-Alba rim faighinn dha na h-uile san aon dòigh.

Carson a bheirear a-steach Bile Chòraichean Daonna an-dràsta?

Bho chaidh a' Phàrlamaid a stèidheachadh, tha Ministearan na h-Alba air a bhith ag obair gus còraichean daonna a tha aithnichte air feadh an t-saoghail a dhìon, a choileanadh agus gus spèis a thoirt dhaibh ann an Alba.

Is e Bile Chòraichean Daonna an ath cheum ann an slighe na h-Alba gus barrachd de ar còraichean daonna bunaiteach a dhèanamh brìoghmhor dha na h-uile nam beatha làitheil.

Sheall tachartasan nam beagan bliadhnaichean a chaidh seachad, leithid a' ghalair COVID-19 agus èiginn nan cosgais bith-beò, nach eil an t-aon chòir fhathast aig a h-uile duine air an cuid chòraichean. Saoilidh sinn gum faigh sinn air barrachd a dhèanamh mun seo.

Sin as coireach gun cruthaich Bile Chòraichean Daonna frèam-obrach ùr chòraichean daonna ann an Alba. Bheir am Bile dìon laghail nas treise do dhaoine, cuiridh e dleastanasan ùra air buidhnean poblach, agus cuidichidh e gus cultar chòraichean daonna nas treise a thogail ann an Alba.

Nach eil còraichean daonna againn mar-thà?

Tha còir aig a h-uile neach air còraichean daonna agus saorsa.

Tha Riaghaltas na h-Alba mar-thà ag obair gus dùthaich a thogail far an cumar suas ar còraichean daonna gu lèir.

Thathas ri seo le bhith a' fighe chòraichean daonna a-steach do obair an riaghaltais bho là gu là.

Tha Còd Ministearan na h-Alba cuideachd ag iarraidh air Ministearan na h-Alba cumail ri lagh eadar-nàiseanta leithid dleastanasan cùmhnant chòraichean daonna.

Bho dheireadh an Dàrna Cogaidh, tha buill de na Dùthchannan Aonaichte air cùmhnantan eadar-nàiseanta aontachadh a dh'innseas dè na còraichean daonna bunaiteach a tha againn, agus mar a bu chòir do dhùthchannan obrachadh gus an toirt gu buil.

Thar nam bliadhnaichean ghabh an RA ri mòran de na cùmhnantan sin. Tha seo a' ciallachadh gum feum Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil e a' toirt spèis, a' dìon, agus a' coileanadh nan còraichean daonna uile a gheibhear sna cùmhnantan seo.

Gheibhear na còraichean anns na cùmhnantan seo ann an nì ris an canar 'lagh eadar-nàiseanta'. Tha lagh eadar-nàiseanta diofraichte bho lagh na dùthcha seo fhèin ann an Alba. Bheir e piseach air dìon chòraichean ma bheirear còraichean bho lagh eadar-nàiseanta a-steach do lagh na dùthcha seo.

Mar eisimpleir, thug Achd Chòraichean Daonna 1998 an Cùmhnant Eòrpach air Còraichean Daonna (ECHR) dhan lagh san RA. Tha seo a' ciallachadh gun seas cùirtean ann an Alba ar còraichean daonna catharra agus poilitigeach mura bi iad gan dìon.

Ge-tà, chan eil cuid de chòraichean daonna a dh'aithnichear gu h-eadar-nàiseanta – leithid còir air slàinte no air cor beatha iomchaidh – fhathast ann an lagh na h-Alba. Tha seo a' ciallachadh nach eil na h-aon dòighean aig daoine cothrom fhaighinn air ceartas mura seasar na còraichean sin.

Tha e a' ciallachadh nach fheum buidhnean poblach agus prìobhaideach a bheir seachad seirbheisean poblach ann an Alba an-còmhnaidh sealltainn mar a chuidich an co-dhùnaidhean na còraichean sin a thoirt gu buil dhan fheadhainn leis a bheil iad ag obair no a thathas a' frithealadh.

Cuideachd, chan fhaod cùirt no riaghladairean cunntas iarraidh bho bhuidhnean poblach nach bi a' seasamh nan còraichean daonna sin no a nì rudan an aghaidh nan còraichean.

Bheir buidhnean poblach seachad seirbheisean a chleachdas daoine gach là gus an còraichean a chur gu feum.

Bheir comhairlean ionadail seachad mòran sheirbheisean gus am bi cor beatha iomchaidh againn. Is e buidheann phoblach a tha ann an NHS na h-Alba a chuidicheas seirbheisean a thoirt seachad a bheir dhuinn eileamaidean de chòir air slàinte. Cuidichidh sgoiltean seirbheisean a thoirt seachad a bheir còir air foghlam.

Cuidichidh buidhnean prìobhaideach le lìbhrigeadh sheirbheisean poblach cuideachd. Mar eisimpleir, tha gnìomhachasan ann a bheir seachad cùram sòisealta, a bharrachd air foghlam.

Bheir Bile Chòraichean Daonna barrachd chòraichean a-steach do lagh na h-Alba. Tha e ag amas air dèanamh cinnteach gun dìonar còraichean eaconamach, sòisealta, cultarail agus àrainneachd do mhuinntir na h-Alba, coltach ris an dìon air ar còraichean catharra agus poilitigeach mar-thà.

Tha seo a' ciallachadh gum faodar buidhnean poblach agus buidhnean prìobhaideach a bheir seachad seirbheisean poblach ann an Alba a dhèanamh cunntachail ma lorgar gun robh iad ri gnìomhan nach do chùm ri còraichean dhaoine.

Ciamar a cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba dè bu chòir don Bhile Chòraichean Daonna a choileanadh?

Ann an 2018 dh'iarr an seann Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon BPA air eòlaichean chòraichean daonna ann an Alba Buidheann Comhairleachaidh air Còraichean Daonna a stèidheachadh. Chaidh iarraidh orra sgrùdadh a dhèanamh air mar a b' urrainn do dh'Alba còraichean daonna a dhìon agus adhartachadh na b' fheàrr.

Mhol an aithisg aca Achd Pàrlamaid na h-Alba gus Bile Chòraichean Daonna ùr ullachadh do dh'Alba. Mhol iad cuideachd Buidheann-gnìomha sònraichte a chruthachadh gus mìneachadh dè bu chòir don Bhile ùr a dhèanamh.

Chaidh a' Bhuidheann-gnìomha Nàiseanta airson Ceannardas Chòraichean Daonna a stèidheachadh ann an 2019. Na lùib bha acadaimigich chòraichean daonna agus eòlaichean chòraichean daonna às a' choimhearsnachd chatharra. Choinnich a' Bhuidheann-gnìomha ri mòran bhuidhnean eadar-dhealaichte aig an robh ùidh ann an còraichean daonna.

Ann an 2021 dh'fhoillsich a' Bhuidheann-gnìomha 30 moladh agus ghabh Ministearan na h-Alba riutha sin gu h-iomlan.

A' cleachdadh nam moladh seo, dh'ullaich Riaghaltas na h-Alba planaichean airson Bile Chòraichean Daonna. Tha an co-chomhairleachadh a' mìneachadh nam planaichean sin agus a' toirt cuireadh do dhaoine am beachdan innse dhuinn.

Dh'obraich Riaghaltas na h-Alba le buidhnean catharra, ùghdarrasan poblach, agus daoine a dh'fhiosraich mar a dh'fheuch iad ri na còraichean daonna aca a chur gu feum, gus na planaichean sin a leasachadh.

A bheil gnothaich aig Bile Chòraichean Daonna na h-Alba ri Bile nan Còraichean a mhol Riaghaltas na RA?

Cha bhuin am Bile Chòraichean Daonna air a bheil sinn a' co-chomhairleachadh ach ri raointean poileasaidh a bhuineas do Phàrlamaid na h-Alba.

Buinidh Achd Chòraichean Daonna 1998 ri còraichean catharra agus poilitigeach a tha gan dìon leis an ECHR. Is ann aig Pàrlamaid na RA a-mhàin a tha cumhachd an t-Achd sin atharrachadh.

Buinidh Bile Chòraichean Daonna Riaghaltas na h-Alba ri còraichean eaconamach, sòisealta agus cultarail ann an cùmhnantan chòraichean daonna nan Dùthchannan Aonaichte, a bharrachd air còir air àrainneachd fhallain. Buinidh i cuideachd do dhìon shònraichte do bhoireannaich, do dhaoine ciorramach, agus do dhaoine agus do bhuidhnean a dh'fhuilingeas gràin-cinnidh.

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top