Bidh guth aig eileanaich òga

Lìonra ùr ga stèidheachadh gus àrd-ùrlar a thoirt do dhaoine òga air feadh na h-eileanan.

Bidh cothrom aig clann is daoine òga às a h-uile eilean an Alba - 96 uile gu lèir - beachdan a thoirt seachad air cùisean agus cuspairean buntainneach anns na sgìrean aca, agus lìonra ùr ga stèidheachadh.

Bheir  Lìonra ùr nan Eileanach Òga cothrom do chloinn is daoine òga cumadh a thoirt air lìbhrigeadh Plana nan Eilean Nàiseanta, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ beachdachadh gu cothromach air na h-ùidhean agus na prìomhachasan aca.

Bheir an lìonra cuideachd cothrom dhaibhsan a tha an sàs am misneachd aca thogail, prìomh sgilean a leasachadh leithid ceannardas is eagrachas, agus càirdeas is dàimhean ùra a leasachadh le daoine eile.

Bidh an lìonra a’ sgrùdadh cùisean leithid fàsachadh eileanan agus, gu deatamach, bheir e cothrom do ar n-eileanaich òga na cùisean a tha cudromach dhaibh a thogail agus na beachdan aca fhoillseachadh.

Thuirt Ministear nan Eilean Pòl Wheelhouse:

“Tha mi toilichte gun urrainn do Riaghaltas na h-Alba an lìonra ùr, inntinneach seo a stèidheachadh. Tha an Lìonra a’ cruthachadh cothrom math do chloinn is daoine òga anns na h-eileanan againn. Faodaidh iad a-nis a bhith an sàs ann a bhith a’ toirt seachad beachdan air prìomh chùisean agus a bhith a’ cur dreach is cumadh air na coimhearsnachdan aca san àm ri teachd.

"Rinn a’ cho-chomhairle fharsaing againn air Plana nan Eilean Nàiseanta soilleir gum biodh Lìonra den t-seòrsa seo air leth buannachdail, agus gun cuidicheadh e le tuigse nas fheàrr a thoirt dhuinn air saoghal agus beachdan chloinne is dhaoine òga agus tro sin, cuideachadh aig a’ cheann thall gus eòlas beatha nas fheàrr agus nas eadar-dhealaichte a chruthachadh airson ar n-eileanach air fad.

“Bidh an Lìonra cuideachd air leth buannachdail dhaibhsan a tha an sàs ann, oir bidh cothrom aca a bhith mar phàirt de phròiseact inntinneach, a’ faighinn lèirsinn luachmhor agus gan leasachadh fhèin aig an aon àm. Tha mi a’ brosnachadh chloinne agus daoine òga a tha a’ fuireach anns na h-eileanan againn an sàs, mas urrainn dhaibh - agus tha mi ag ràdh riutha: ma nì thu ùine airson do ghuth a sgaoileadh, gabhaidh an Riaghaltas agus mi fhèin  ùine airson sin èisteachd."

Tha Òigridh Alba air am fòram ùr seo stèidheachadh. Thuirt Ceannard Òigridh na h-Alba Iain MacLachlainn:

"Tha Òigridh Alba ag iarraidh teachd-a-mach nas fheàrr airson daoine òga - ge bith gu bheil sin anns na bailtean-mòra againn, na coimhearsnachdan dùthchail no na coimhearsnachdan eileanach ann an Alba. Tha sinn moiteil às ar ruigsinneachd, ballrachd agus com-pàirteachadh taobh a-staigh choimhearsnachdan nan eilean. Tha Dùbhlan nan Eilean Òga na fìor mìorbhail eile. `S e cothrom a th’ann chan ann a-mhàin a’ toirt a-steach daoine òga a tha a’ fuireach ann, ach gus an cur air beulaibh agus meadhan pròiseact dhaibh agus mun deidhinn.

“Tron chom-pàirteachas againn le Riaghaltas na h-Alba agus na coimhearsnachdan eileanach againn, is urrainn dhuinn obrachadh còmhla gus buaidh geàrr-ùine agus maireannach a lìbhrigeadh. Chuirinn ìmpidh air duine òg no buidheann sam bith anns na coimhearsnachdan eileanach againn leum a-steach airson am beachdan a thoirt seachad agus a bhith mar phàirt de rudeigin nas motha!”

Cùl-fhiosrachadh

Coinnichidh Lìonra nan Eileanach Òga air-loidhne, a rèir cuingealachaidhean coronabhìoras.

Bidh buidhnean a tha an sàs san lìonra à Sealtainn; Arcaibh; Leòdhas & na Hearadh; Uibhist agus Barraigh; An t-Eilean Sgitheanach; Muile; Ìle; agus Arainn.

Bidh am pròiseact cuideachd a’ lìbhrigeadh prògram mothachaidh slàint’-inntinn air-loidhne  son 5 seachdainean tro chom-pàirtichean Slàint’-Inntinn Place2Be dhaibhsan a tha ag obair le eileanaich òga.

Cosgaidh Lìonra Pìleat Eileanaich Òga £28,500.

Dùbhlan Eileanaich Òga

Clàraich airson an Dùbhlan Eileanaich Òga

Contact

Media enquiries

Back to top