A’ taiceadh choimhearsnachdan Gàidhlig

Buidheann-gnìomha ùr gus meòrachadh chothroman eaconamach

 Tha e riatanach do dh’Alba leasachadh tuigse de na dùbhlain mu choinneamh choimhearsnachdan Gàidhlig is meòrachadh iomairtean nas fharsainge gus barrachd chothroman sòisealta is eaconamach a thoirt dha na coimhearsnachdan seo.

Tha Buidheann Obrach Geàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig air a bhith air a stèidheachadh a bhios a’ riochdachadh farsaingeachd roinnean le eòlas de bhith ag obair is a’ fuireach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig.

Bidh Iseabail Nic an t-Sagairt na cathraiche den bhuidheann a chuidicheas le lìbhrigeadh mhiannan na Ro-innleachd Nàiseanta 10 bliadhna ùire son Cruth-atharrachadh Eaconamach, a mhìnicheas amas na h-Alba togail aon de na h-eaconamaidhean as soirbheachaile is fàsmhor san t-saoghal is dèanamh cinnteach gum faigh Alba gu lèir buannachd bho thasgadh ann an sgilean is gnìomhachasan an ama ri teachd.

Chuir Rùnaire na h-Eaconamaidh Ceit Fhoirbheis am buidheann ùr air bhog ’s i a’ fosgladh Ionad Gnothachais Oighreachd Ghabhsainn air Eilean Leòdhais. Thuirt i:

“Mar neach-labhairt den chànan tha fios agam cho riatanach sa tha Gàidhlig ri fèin-aithne chultarail na h-Alba, is ’s e ar n-amas teachd-àm seasmhach a chruthachadh don Ghàidhlig tro bhith a’ toirt taic dhaibhsean a bhios a’ bruidhinn a’ chànain.

“Tha sinn airson misneachd is comas a thoirt do gach neach ann an Alba cuir ri, is buannachd fhaighinn bho, eaconamaidh a tha nas piseachail, soirbheachaile is farpaisich gu h-eadar-nàiseanta, ag obair ann an cultar a bhios ag aithneachadh is a’ comharrachadh innleachdas agus iomairt.

“Feumaidh Alba a bhith na dùthaich far a bheil cothroman eaconamach sgaoilte gu cothromach eadar ar sgìrean, bailtean beaga is mòra agus ar coimhearsnachdan dùthchail is eileanach. Tha feum againn daoine a chur aig teas-meadhan eaconamaidh a tha ag obair don a h-uile neach, ge be far a bheil iad a’ fuireach, dè a’ choimhearsnachd ri ’m buin iad neo dè na miannan is amasan a th’ aca, gus am faigh iad cothrom air an t-soirbheas nàiseanta againn.

“Bidh eòlas a’ bhuidhinn fìor luachmhor ann a bhith ag aithneachadh chothroman eaconamach a chuidicheas neartachadh ar coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh Alba is tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cluinntinn na molaidhean aca.”

Thuirt Stiùiriche Susbaint Ioma-ùrlair MG Alba, Iseabail Nic an t-Sagairt:

“Tha eachdraidh fhada aig coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh Alba de bhith innleachdach is gleusta san t-sealladh aca, is tha sin air cruthachadh buaidh am broinn is thairis air na coimhearsnachdan sin. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri rannsachadh shlìghean is èisteachd ri farsaingeachd bheachdan is eòlais, gus an urrainn buill a’ bhuidhinn mìneachadh molaidhean feumail a chruthaicheas buaidh bhrìgheil is a thogas air obair luachmhor gu ruige seo. Tha sinn ag amas cothroman eaconamach is sòisealta aithneachadh tron tèid Gàidhlig a neartachadh, is coimhearsnachdan Gàidhlig còmhla rithe, is chun aon ìre, tha sinn ag amas iomairtean a mholadh a chuireas taic ri toraidhean eaconamach is sòisealta anns na coimhearsnachdan seo, is leis an sin, an cànan.”

CÙL-CINN

’S e buidheann neo-eisimeileach a th’ ann agus ’s e Buill a’ Bhuidhinn Obraich Geàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig:

Iseabail Nic an t-Sagairt, MG ALBA, Stiùiriche Susbaint Ioma-ùrlair (Cathraiche) – ’s ann ann an comas pearsanta a tha Iseabail na cathraiche den bhuidheann.

Art MacCarmaig, Ceannard aig Fèisean nan Gàidheal

Faye NicLeòid, Neach-cunntais aig Campbell, Stewart, MacLennan & Co

Iain MacRuairidh, Taigh-smocaidh Salar, Fèis Eilean Dorcha

Comh. Calum Rothach, Comhairle na Gàidhealtachd

Joanna Peteranna, Stiùiriche Sgìre Innse Gall aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean

Agnes Rennie, Cathraiche aig Urras Oighreachd Ghabhsainn

Leugh an Ro-innleachd Nàiseanta son Cruth-atharrachadh Eaconamach

Contact

Media enquiries

Back to top