News

A’ dèiligeadh ri dì-dhaoineachadh anns na h-eileanan

Published: 02 Aug 2021 10:15

Cuir air bhog co-chomhairle.

Chaidh co-chomhairleachadh fhoillseachadh a’ sireadh beachdan dhaoine air feadh Alba air Bond nan Eilean a chaidh a mholadh.

Tha Bond nan Eilean ag amas air dèiligeadh ri crìonadh sluaigh air feadh na h-eileanan agus maoineachadh a thoirt seachad gus daoine a chuideachadh le bhith fuireach no gluasad dha na h-eileanan.

Bidh an co-chomhairleachadh a’ ruith airson 12 seachdain agus chaidh a chuir air bhog gus dèanamh cinnteach gu bheil am Bond a chaidh a thoirt seachad brìoghmhor agus ag obair dha na h-eileanan air fad.

Thuirt Rùnaire nan Eilean, Mairi Gougeon:

“Cuidichidh Bond nan Eilean sinn le bhith a’ lìbhrigeadh cuid de na geallaidhean bho Plana nan Eilean Nàiseanta. Tha e na dhòigh dhuinn dèiligeadh ri cuid de na prìomh chnapan-starra ionmhasail do dhaoine a tha airson fuireach anns na h-eileanan againn.

“Tha na h-eileanan againn air fad gun samhail agus cuidichidh an co-chomhairle seo sinn le bhith a’ tuigsinn cuid de na dùbhlain sluaigh air feadh ar n-eileanan agus a’ dèanamh cinnteach gun urrainn dhuinn dèiligeadh riutha gu ceart. Bheir e seachad fiosrachadh cuideachd a leigeas leinn seirbheis taic ath-ghluasaid no comhairleachaidh a stèidheachadh agus gluasad a dhèanamh do dhaoine cho rèidh ‘s a ghabhas.

“Tha mi ag iarraidh daoine air feadh Alba, gu sònraichte an fheadhainn anns na h-eileanan againn, freagairt a thoirt don cho-chomhairle seo agus dèanamh cinnteach gu bheil na guthan aca air an cluinntinn.

“A bharrachd air a’ cho-chomhairle seo a lìbhrigeadh, cumaidh sinn oirnn a’ conaltradh le ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan eileanach agus luchd-ùidh buntainneach eile mar a leasaicheas sinn am Bond.”

Cùl-fhiosrachadh

Bidh an co-chomhairleachadh a ’ruith bho 2 Lùnastal 2021 gu 24 Dàmhair 2021.

Leasachadh co-chomhairleachadh Bond nan Eilean

An sealladh a tha san amharc air Bond nan Eilean.

  • Bidh am Bond mar mhaoin de £5millean thar beatha na pàrlamaid
  • Bidh luach am bond suas ri £50,000
  • Bidh maoineachadh calpa ri fhaighinn le daoine òga agus teaghlaichean gus fuireach ann no gluasad dha na h-eileanan a tha an-dràsta fo chunnart sluaigh
  • Bidh am Bond seo a’ toirt taic do dhaoine gus dachaighean a cheannach, a thogail no ùrachadh, gnìomhachasan a thòiseachadh agus am beatha a dhèanamh san fhad-ùine ann an coimhearsnachdan eileanach.

English version of the release