Learning for sustainability: action plan 2023 to 2030 - Gaelic translation

Scotland's learning for sustainability action plan 2023 to 2030 "Target 2030: A movement for people, planet and prosperity " aims to build an inspiring movement for change so every 3 to 18 place of education becomes a sustainable learning setting by 2030.


Ceann-uidhe 2030: Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach

Bha e soilleir bhon cho-chonaltradh a bh’ againn le daoine, às an do dh’èirich am plana seo, gun robh dòighean-obrach ùra, dàna is lèirsinneach a dhìth airson IiS a chur an sàs san t-siostam fhoghlaim. Sin carson a tha am plana seo stèidhichte air “Ceann-uidhe 2030”, lèirsinn ùr a tha san amharc airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach.

“Ceann-uidhe 2030” IiS – Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach

Gum bi iomairt bhrosnachail ann gus cùisean atharrachadh feuch am bi gach àite airson foghlam 3-18 na Àite-ionnsachaidh Seasmhach ro 2030.

Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach – An Fheallsanachd

  • Curraicealam - Ionnsachadh, teagasg, measadh, feallsanachd teagaisg
  • Cultar - Guth an neach-ionnsachaidh, CDACP, feallsanachd, dàimhean
  • Coimhearsnachd - Àite, compàirteachas, teaghlaichean, gnìomhan ionadail
  • Àrainn - Togalaichean, làraich, còmhdhail, cleachdadh lùth is uisge

Buinidh gach taobh dhen ionnsachadh ri Àite-ionnsachaidh Seasmhach: na dh’ionnsaicheas agus mar a dh’ionnsaicheas oileanaich, mar a làimhsicheas àite-ionnsachaidh an àrainneachd is na goireasan aca, an co-chonaltradh eadar luchd-obrach is luchd-ionnsachaidh, mar a dh’obraicheas iad leis a’ choimhearsnachd ionadail agus mar a nì iad ceangal ris an t-saoghal mhòr. Ann an Àite-ionnsachaidh Seasmhach, gheibh luchd-obrach taic gus a bhith nas misneachaile is gus na dòighean-obrach aca a leasachadh agus gheibh iad cothrom air trèanadh is taic. Tro ionnsachadh, teagasg is measaidhean, gheibh clann is daoine òga cothroman ionnsachaidh brìoghmhor; cothroman a tha freumhaichte ann am beatha dhaoine, le cothroman air ionnsachadh eadar-chuspaireil agus stèidhichte air obair gus luchd-ionnsachaidh uidheamachadh airson an ama ri teachd. Cuideachd, le dòigh-smaoineachaidh stèidhichte air an àite air fad, thèid togalaichean is làraich a leasachadh agus ceanglaichean a thogail leis a’ choimhearsnachd.

Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach – Gnìomhan a Dhìth

San t-Sultain 2023, foillsichidh sinn Iarrtas airson Ghnìomhan, agus sinn ag iarraidh air gach buidheann nàiseanta is ùghdarras ionadail an gealladh airson 2030 fhighe a-steach do na planaichean leasachaidh, ro-innleachdail is corporra aca. Tha e na amas dhuinn iomairt a stèidheachadh gus cùisean atharrachadh; gus dèanamh cinnteach gun tèid ar lèirsinn a thoirt gu buil tro mheasgachadh buadhmhor de dh’iarrtasan, togail-inntinn, brosnachadh, structaran agus goireasan. Bidh geallaidhean aig Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean com-pàirt, le gnìomhan practaigeach gan coileanadh mar thaic dhaibh, gus an taic a bhios a dhìth air àiteachan, airson ar n-amas 2030 a choileanadh, a thoirt dhaibh. Bheirear dùbhlan dhan a h-uile àite-ionnsachaidh, neach-oideachaidh, pàiste is duine òg gealladh pearsanta a thoirt seachad airson dèanamh cinnteach gun tèid an t-àite-ionnsachaidh aca na Àite-ionnsachaidh Seasmhach. Ann an 2023, obraichidh Riaghaltas na h-Alba còmhla ris a’ Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS gus comhairle nas mionaidiche a dhealbh mun iomairt seo, gus ro-innleachd chonaltraidh a dhealbh agus comhairle is taic a bharrachd a thoirt seachad.

Contact

Email: learningforsustainability@gov.scot

Back to top