Learning for sustainability: action plan 2023 to 2030 - Gaelic translation

Scotland's learning for sustainability action plan 2023 to 2030 "Target 2030: A movement for people, planet and prosperity " aims to build an inspiring movement for change so every 3 to 18 place of education becomes a sustainable learning setting by 2030.


Ro-ràdh

Mus toirear mìneachadh air co-theacsa a’ phlana ùir seo san latha an-diugh, b’ fhiach e beachdachadh air na tha air tachairt ron seo.

Mar a thòisich Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd

Tha an abairt “Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd”, a chaidh a chleachdadh ann an Alba an toiseach, ga cleachdadh ann an dùthchannan eile cuideachd a-nis agus e a’ ciallachadh dòigh-obrach thar churraicealaman tron urrainn do luchd-ionnsachaidh, luchd-oideachaidh, àiteachan-ionnsachaidh agus a’ choimhearsnachd aca comann-sòisealta seasmhach a stèidheachadh anns a bheil ceartas sòisealta is co-ionannachd; agus dòigh-obrach fad-sgoile bhuadhmhor far a bheil saoranachd na cruinne, leasachadh seasmhach agus ionnsachadh a-muigh air am fighe còmhla gus cothroman ionnsachaidh aonaichte a thoirt do dhaoine, a bheir tlachd dhaibh is a bheir cruth-atharrachadh orra fhèin is air an t-saoghal.

Thòisich Alba air IiS tràth sna 2010an, nuair a chaidh Aithisg air IiS fhoillseachadh le Buidheann Obrach Sgoiltean nam Ministearan airson Aon Phlanaid. Ràinig sinn clachan-mìle cudromach bho thòisich an iomairt. Chaidh leasachadh a bharrachd a dhèanamh air an lèirsinn ro-innleachdail airson IiS san aithisg, “Ar Lèirsinn airson 2030+”, an aithisg mu dheireadh aig a’ Bhuidhinn Bhuileachaidh airson IiS ann an 2016. Bha na h-aithisgean sin fìor chudromach do mar a chaidh IiS fhighe a-steach do churraicealam na h-Alba agus do roinn an fhoghlaim. Stèidhich iad cinn-uidhe ro-innleachdail airson IiS; cinn-uidhe a tha a cheart cho buadhach is freagarrach an-diugh ’s a bha iad riamh. An uair sin chaidh IiS agus Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte airson Chòraichean Pàiste (CDACP) fhighe a-steach do dh’Inbhean Proifeiseanta Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (CCTA). Ann an 2019, chruthaich sinn a’ chiad phlana gnìomh againn gus lèirsinn ro-innleachdail na h-aithisge 2030+ a thoirt gu buil. Cuideachd ann an 2019, chaidh aithne a thoirt do mar a shoirbhich do dh’Alba, ann a bhith a’ toirt cumhachd do dhaoine òga gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh saoghal seasmhach airson an ama ri teachd, le Comhairle na Cruinne airson an Ama ri Teachd sna Duaisean aca airson Phoileasaidhean an Ama ri Teachd, ‘Oscaran airson nam poileasaidhean as fheàrr’. Ann an Aithisg Chomasan na Cruinne 2020 aig PISA, fhuair Alba an treas sgòr a b’ àirde am measg nan dùthchannan a ghabh pàirt ann, le dìreach Singapore agus Canada air thoiseach oirnn.

Lèirsinn airson 2030+ Cinn-uidhe airson Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd

Bu chòir làn-chòir a bhith aig a h-uile neach-ionnsachaidh air ionnsachadh a dh’ionnsaigh seasmhachd.

A rèir Inbhean Proifeiseanta ùra Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, bu chòir dhan a h-uile neach-teagaisg, ceannard sgoile is foghlaim ionnsachadh a dh’ionnsaigh seasmhachd a chur an sàs san obair aca.

Bu chòir do gach àite ionnsachadh a dh’ionnsaigh seasmhachd a chur an sàs air feadh an àite-ionnsachaidh ann an dòighean a tha buadhach, a ghabhas dearbhadh, a thèid a mheasadh agus a gheibh taic bho cheannardan aig gach ìre.

Bu chòir do gach togalach, làrach agus poileasaidh aig àite-ionnsachaidh taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Bu chòir dòighean-obrach ro-innleachdail, nàiseanta a stèidheachadh gus taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Na tha air cùl a’ phlana nas làidire seo

Tha Alba a-nis aithnichte mar shàr eisimpleir ri linn mar a tha i air feallsanachd a chur air adhart airson IiS a bhith air fhighe a-steach dhan àrainn ionnsachaidh air fad, an sgoil agus a’ choimhearsnachd, agus air sàillibh a h-amais gus am bi cothrom aig a h-uile neach-ionnsachaidh air IiS sa churraicealam againn.

Carson a tha plana gnìomh ùr a dhìth ma-thà?

Tha dà phrìomh adhbhar ann: i) seach gu bheil cùisean ag atharrachadh gu luath ann am foghlam agus san t-saoghal agus, ii) iarrtas bho ar luchd-oideachaidh is ar clann is daoine òga a tha ag iarraidh – agus tha iad ceart – gun dèan sinn adhartas nas luaithe agus gun stèidhich sinn amasan nas àirde a thaobh a bhith gan oideachadh airson an ama ri teachd.

An suidheachadh ann an Alba agus san t-saoghal

Ath-leasachaidhean foghlaim – Mhol Ath-sgrùdadh Muir luchd-ionnsachaidh a chur aig cridhe siostam an fhoghlaim agus thug e iomradh air gnàth-shìde, còraichean cloinne, ceartas sòisealta agus ionnsachadh a-muigh mar phrìomh bhunaitean do dh’fhoghlam soirbheachail. ’S e ath-leasachadh cudromach a th’ anns a’ ghealladh gus trì buidhnean foghlaim ùra a stèidheachadh. Bidh aonan dhiubh os cionn chùisean co-cheangailte ris a’ churraicealam agus mar sin ’s e as coltaiche gur ann an urra riuthasan a bhios e còir is cothrom a stèidheachadh do dhaoine air IiS sa churraicealam. Sa Chòmhradh Nàiseanta air Foghlam na h-Alba, bha e follaiseach gu bheil IiS cudromach agus tha e na amas leis Aithisg Eadar-amail bhon Ath-sgrùdadh Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measaidhean barrachd fianaise a chruinneachadh bho na h-ìrean as àirde san àrd-sgoil. Tha IiS na phrìomh phàirt de na h-ath-leasachaidhean foghlaim cudromach seo, agus e mar mheadhan air làn-bhuannachd fhaighinn bhuapa.

Tha IiS cuideachd mar phàirt de ghrunn iomairtean is raointean leasachaidh ann an roinn foghlam na h-Alba leithid na Ro-innleachd Foghlaim is Trèanaidh airson Saidheans, Teicneòlas, Einnseanaireachd is Matamataig (STEM); na h-ath-leasachaidhean a thaobh a bhith a’ Cruthachadh Feachd-obrach Òg (fhad ’s a tha sinn a’ gluasad gu eaconamaidh le nas lugha carboin, bidh barrachd obraichean ‘uaine’ ann no obraichean far a bheil sgilean ‘uaine’ a dhìth); Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte airson Chòraichean Pàiste (CDACP); curraicealam is siostam foghlaim a tha an aghaidh gràin-cinnidh; An Coimisean airson Ath-sgrùdadh air Ionnsachadh airson Obair air an Fhearann; Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (ILC) (far a bheil taic a dhìth air coimhearsnachdan gus dèiligeadh ri diofar chùisean co-cheangailte ri ceartas sòisealta agus faodaidh deagh sheirbheisean ILC taic a thoirt do dhaoine gus gnìomhan a thoirt gu buil còmhla); a’ toirt leudachadh air seirbheisean tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne (far a bheil pàirtean bunaiteach de IiS fìor chudromach leithid ionnsachadh a-muigh, còraichean cloinne, ceartas sòisealta, sgilean shaoranach); foghlam adhartach is àrd-ìre (tha cuid nas motha de dh’oileanaich ann an Alba, an coimeas ri dùthchannan eile san RA, a’ dèanamh chùrsaichean co-cheangailte ri sgilean ‘uaine’ agus staing na gnàth-shìde) agus An t-Àth-sgrùdadh air Buileachadh Sgilean (far a bheilear a’ stèidheachadh cinn-uidhe shoilleir agus prionnsapalan airson foghlam iar-sgoile, rannsachadh agus leasachadh sgilean).

Mar phàirt dhen Chruinne – Le ar n-iomairt airson cothromachadh-carboin, a tha mar phàirt mòr de ro-innleachd eaconamach na h-Alba, tha atharraichean luath a dhìth a chuireas cùisean troimh-a-chèile a thaobh ar dòigh-beatha, ar dòighean-giùlain agus ar gnìomhan. Thèid neartachadh nach beag a dhèanamh air Ro-innleachd Nàiseanta na h-Alba airson Cruth-atharrachadh a thoirt air an Eaconamaidh (RNACE), Obraichean Uaine ann an Alba agus ar gnìomhan gus dèiligeadh ri staing na gnàth-shìde agus saoghal nàdair le bhith a’ cur Plana Gnìomh airson IiS an sàs. San Ro-innleachd againn airson Bith-iomadachd, thathar a’ toirt fa-near mar a dh’fheumar bith-iomadachd a dhèanamh na nì àbhaisteachd nar beatha, gus dèanamh cinnteach gu bheil tuigse aig a’ mhòr-shluagh oirre agus gu bheil iad a’ cur sùim innte agus gu bheil bith-iomadachd air a fighe a-steach do churraicealaman foghlaim. Cuideachd, tha Prògram Leasachaidh Eadar-nàiseanta na h-Alba a’ cur ris an àite a th’ aig Alba mar shaoranach na cruinne. Tha IiS ceangailte ris gach nì gu h-àrd agus tha e cuideachd mar mheadhan air an curraicealam againn a cheangal ris a’ chòrr dhen t-saoghal. Le IiS bithear ag ionnsachadh do na ginealaich ri thighinn mar a chuireas iad luach ann an dòighean-giùlain cùramach is cunntachail, agus tha e gan cuideachadh gus bun-eòlas poilitigeach ionnsachadh agus a’ toirt eòlas, sgilean is misneachd do luchd-ionnsachaidh feuch am mothaich iad dha leiteachas, feuch an urrainn dhaibh roghainnean fiosrach a dhèanamh mun t-saoghal iomadh-fhillte a tha mun cuairt orra agus feuch am bi iad nan saoranaich dhen chruinne.

Tha e soilleir gu bheil plana nas làidire a dhìth gus ar lèirsinn airson 2030 a thoirt gu buil. Eadar ath-leasachaidhean foghlaim cudromach a tha a’ dol air adhart agus an galar mòr-sgaoilte a rinn sgrios air an t-saoghal, an suidheachadh-èiginn sa bheil sinn a thaobh na gnàth-shìde is bith-iomadachd agus an t-iomadh dùbhlan eile a tha ro shluagh na cruinne, cha robh àm riamh na bu fhreagarraiche airson IiS a thoirt seachad nar siostam foghlaim na an-dràsta gus dèanamh cinnteach gum faigh ar luchd-ionnsachaidh oideachadh a tha iomchaidh airson an ama ri teachd.

Guthan na cloinne, nan daoine òga agus an luchd-oideachaidh

Bha adhbhar a cheart cho cudromach ann airson plana nas làidire, ùr: sin na beachdan a chualas bho chlann, daoine òga agus luchd-oideachaidh. Chùm Riaghaltas na h-Alba co-chonaltradh farsaing fad 9 mìosan tro dhà phròiseact rannsachaidh mòr – fear air a stiùireadh le Pàrlamaid na Cloinne agus fear eile le Oilthigh Dhùn Dè – far an robhar ag iarraidh air luchd-ionnsachaidh is luchd-oideachaidh innse dè an tuigse a bh’ aca air IiS agus ciamar a bha e ag obrachadh sna h-àiteachan foghlaim is coimhearsnachdan aca. A rèir an rannsachaidh, bha dealas aig a h-uile duine airson IiS agus bha tòrr dhiubh a’ coimhead air IiS mar phàirt làidir dhen churraicealam. Ach, sheall an rannsachadh cuideachd nach robh a h-uile neach-ionnsachaidh a’ faighinn cothrom air IiS agus bha tòrr ag iarraidh ghnìomhan dàna, ùra a bhith ann gus an lèirsinn a thoirt gu buil agus a cur an cèill ann an dòigh nas soilleire.

Prìomh thoraidhean rannsachaidh a tha mar bhunait dhan phlana seo

  • Tha obair shàr-mhath ga dèanamh agus tha luchd-oideachaidh air leth a’ stiùireadh àiteachan ionnsachaidh a dh’ionnsaigh nan atharraichean mòra a tha dhìth.
  • Nuair a tha IiS air fhighe a-steach dhan ionnsachadh, gu tric ’s ann air sgàth dealas na feadhna a tha a’ brosnachadh atharraichean a tha sin. Bidh dùbhlain is cnapan-starra romhpa gu tric nuair a bhios iad a’ feuchainn ri IiS a chur an sàs mar ionnsachadh thar churraicealaman.
  • Dh’iarr luchd-ionnsachaidh barrachd chothroman air ionnsachadh a-muigh agus a bhith ann an saoghal nàdair agus bha iad ag iarraidh cumhachd gus atharraichean a dhèanamh sna h-àiteachan ionnsachaidh aca gus feallsanachd IiS a chur an sàs gu h-iomlan. Bha iad cuideachd airson gun toireadh na h-inbhich nam beatha taic fhor-ghnìomhach dhaibh gus atharraichean a chur an sàs.
  • Bha e soilleir gun robh luchd-oideachaidh aig diofar ìrean san turas aca, le cuid a bha air a bhith a’ cur phrionnsapalan IiS an sàs nan obair fad iomadh bliadhna agus iad deiseil airson ceumannan dàna eile a ghabhail, ach bha feadhainn eile nach robh cho cinnteach càite an tòisicheadh iad.
  • B’ e teachdaireachd chudromach a fhuaras bho luchd-oideachaidh agus luchd-ionnsachaidh gum feum inbhich barrachd ionnsachadh mu sheasmhachd gus an urrainn dhaibh an t-eòlas sin a thoirt do luchd-ionnsachaidh.
  • Feumaidh ionnsachadh proifeiseanta a bhith nas fheàrr a thaobh a bhith a’ toirt misneachd is comasan do dhaoine.
  • Tha e fìor chudromach gum bithear a’ cur cuideam air “a bhith a’ cur IiS an sàs” an àite teòiridh.
  • Feumaidh luchd-poileasaidh, buidhnean foghlaim agus luchd-compàirt iomchaidh dèanamh cinnteach gu bheil taic ann dhan a h-uile neach a tha air an turas seo.

Chithear fiosrachadh nas mionaidiche ann an Eàrr-ràdh A dhen phlana seo.

Contact

Email: learningforsustainability@gov.scot

Back to top