A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


MAR A NITHEAR FREAGAIRT

Tha sinn a' sireadh bheachdan dhan cho-chomhairle seo le ceann-latha mu dheireadh air Diardaoin 5 Dàmhair 2023.

Dh'fhaodadh cuid de na h-earrannan den cho-chomhairle seo a bhith nas buntainniche do chuid a dhaoine na do chuid eile. Mar sin, is dòcha gum bi thu dìreach airson cuid de na ceistean no na h-earrannan as iomchaidh dhut a fhreagairt. Tha sinn gad bhrosnachadh gus freagairt a chur a-steach, ge b' e cia mheud ceist a tha thu airson freagairt.

Cuir do bheachdan a-steach dhan cho-chomhairle seo a' cleachdadh hub co-comhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba, Citizen Space. Faigh agus freagair a' cho-chomhairle air-loidhne aig, Citizen Space. Faodaidh tu an fhreagairt a shàbhaladh is tilleadh thuice fhad 's a tha a' cho-chomhairle fosgailte. Dèan cinnteach gun tèid freagairtean na co-chomhairle a chur a-steach ron cheann-latha mu dheireadh, Diardaoin 5 Dàmhair 2023.

Mur a tèid agad air freagairt air-loidhne, lìon am Foirm Fiosrachaidh Luchd-freagairt, a gheibhear aig, Citizen Space agus cuir thugainn e leis a' cheisteachan lìonta agad gu:

Aonad Ro-innleachd agus Reachdas Chòraichean Daonna
Buidheann-stiùiridh Co-ionannachd, In-ghabhail agus Chòraichean Daonna
Riaghaltas na h-Alba
Raon 3H a Tuath
Cidhe Bhictoria
Dùn Èideann
EH6 6QQ

No tro phost-d gu HumanRightsOffice@gov.scot

Cuimhnich gu bheil fàilte ort freagairt a chur a-steach ann an cruth sgrìobhainn Word, bhidio BSL no criomag claisneachd.

Tionndaidhean ruigsinneach agus tionndaidhean eile

Tha sinn air tionndaidhean ruigsinneach agus tionndaidhean eile den cho-chomhairle a dhèanamh, a tha rim faighinn air duilleag co-chomhairleachaidh Bile nan Còraichean Daonna A Human Rights Bill for Scotland: Consultation - Scottish Government - Citizen Space. Ma tha tionndadh a bharrachd eile a dhìth ort, cuir an t-iarrtas agad thugainn tro phost-d aig HumanRightsOffice@gov.scot .

Tha beag-fhaclair de theirmean laghail is chòraichean daonna ri fhaighinn air CitizenSpace. Bidh facal sam bith ann an clò trom anns an fhaclair gus am faighear iomradh sgiobalta air a' bhrìgh ann an cainnt shìmplidh.

A' làimhseachadh do fhreagairt

Ma tha thu a' freagairt tron hub co-chomhairleachaidh, thèid do chur air adhart chun na duilleig "Mu do Dheidhinn" mus cuir thu do bheachd a-steach. Innis dhuinn mar bu chòir dhuinn dèiligeadh ris an fhreagairt agad, agus gu sònraichte a bheil thu toilichte gun tèid an fhreagairt agad fhoillseachadh. Ma dh'iarras tu nach tèid do fhreagairt fhoillseachadh, bidh sinn ga meas dìomhair agus a' dèiligeadh rithe mar sin.

Bu chòir a h-uile neach-freagairt a bhith mothachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' tighinn fo ullachaidhean Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus mar sin, gum biodh aige ri beachdachadh air iarrtas sam bith a rinneadh dha fon Achd co-cheangailte ri freagairtean dhan cho-chomhairle seo.

Mur a h-eil e comasach dhut freagairt tro Citizen Space, lìon agus cuir air ais am Foirm Fiosrachaidh mun Neach-freagairt a tha an cois na sgrìobhainn seo.

Gus faighinn a-mach mar a làimhsicheas sinn an dàta pearsanta againn, faic am poileasaidh prìobhaideachd againn:

Prìobhaideachd - gov.scot (www.gov.scot).

Na h-ath-cheumannan sa phròiseas

Far a bheil luchd-freagairt air cead a thoirt gun tèid an fhreagairt aca fhoillseachadh, agus às dèidh dhuinn dearbhadh nach eil stuth cliù-mhillteach annta, bidh freagairtean rim faighinn gu poblach air http://consult.gov.scot. Ma chleachdas tu an hub co-chomhairleachaidh gus freagairt, gheibh thu lethbhreac den fhreagairt agad tro phost-d.

Às dèidh a' chinn-latha mu dheireadh airson freagairtean, thèid anailis a dhèanamh air gach freagairt agus thèid beachdachadh orra cho math ri fianais sam bith eile a tha ri fhaighinn gus ar cuideachadh. Thèid freagairtean fhoillseachadh far an deach cead a thoirt dhuinn sin a dhèanamh. Bidh aithisg anailis ri faighinn cuideachd.

Pròiseas Co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba

Tha co-chomhairle na pàirt bhunaiteach den phròiseas gus poileasaidh a dhèanamh. Bheir e cothrom dhuinn beachdachadh air na beachdan agus sgilean agaibh a thaobh raon obrach a tha air a mholadh.

Gheibhear na co-chomhairlean uile againn air-loidhne aig:http://consult.gov.scot. Tha gach co-chomhairle a' mìneachadh nan cuspairean air a bheilear a' beachdachadh, cho math ri dòighean gus ur beachdan a thoirt dhuinn, air-loidhne, tro phost-d no tron phost.

Thèid mion-sgrùdadh a dhèanamh air na freagairtean mar phàirt den phròiseas poileasaidh, cho math ri farsaingeachd eile de dh'fhiosrachadh is de dh'fhianais. Foillsichidh sinn aithisg den anailis seo airson gach co-chomhairle. A rèir nàdair na co-chomhairle, dh'fhaodte gum bi na freagairtean:

  • a' sealltainn gu bheil feum air leasachadh no ath-sgrùdadh poileasaidh
  • a' fiosrachadh cruthachadh poileasaidh sònraichte
  • a' cuideachadh gus co-dhùnadh a dhèanamh eadar diofar mholaidhean poileasaidh
  • air an cleachdadh gus crìoch a chur air reachdas mus tèid a chur an sàs

Ged a dh'fhaodadh fiosrachadh mu shuidheachadh sònraichte a chaidh a mhìneachadh ann am freagairt do cho-chomhairleachadh am pròiseas poileasaidh fhiosrachadh, chan urrainn do dh'eacarsaichean co-chomhairleachaidh dèiligeadh ri draghan agus beachdan aig daoine fa leth, a bu chòir a bhith air an cur chun na buidhne poblaich iomchaidh.

Beachdan agus gearanan

Ma thèid rudeigin ceàrr no ma tha thu mì-riaraichte leis an t-seirbheis againn, nach innis thu dhuinn air post-d aig HumanRightsOffice@gov.scot no tron phost aig an t-seòladh gu h-àrd. Obraichidh sinn còmhla riut gus fuasgladh fhaighinn air a' chùis.

Airson fios mu mar a nithear gearan, faic Cuir gearan thugainn - gov.scot (www.gov.scot)

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top