A Human Rights Bill for Scotland: consultation - Gaelic translation

We are gathering views to help inform a Human Rights Bill, which will bring a range of rights into Scots law for the first time, as far as possible within the limits of devolved competence. This is a Gaelic translation of the consultation.


PÀIRT 2: NA THA SINN AIRSON COILEANADH

Tha am pàirt seo den cho-chomhairle a' mìneachadh nan amasan àrd-ìre againn airson a' Bhile.

Tha sinn airson:

  • Togail air còraichean daonna agus dìonan co-ionannachd a th' ann mar-thà, a tha air an stèidheachadh ann an Achd na h-Alba 1998, Achd Chòraichean Daonna 1998 agus Achd na Co-ionannachd 2010, taobh a-staigh crìochan nan comasan tiomnaichte.
  • Frèam-obrach laghail soilleir, làidir agus ruigsinneach a thoirt seachad a nì cinnteach:
    • Gun urrainn do gach neach-seilbh chòraichean ann an Alba còraichean daonna eadar-nàiseanta a thuigsinn agus fhaighinn san dachaigh; agus
    • Gum bi a h-uile neach-giùlain dhleastanasan a' buileachadh chòraichean nas fheàrr an da-rìribh, a' freagairt gu h-iomchaidh ri cùisean chòraichean mar a thig iad am bàrr, agus gun tèid an cumail cunntachail nuair a thèid cùisean ceàrr.
  • Stèidhich na leanas ann an lagh na h-Alba, taobh a-staigh crìochan chumhachdan tiomnaichte:
    • an Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Còraichean Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach (ICESCR);
    • an Cùmhnant air cur às do gach seòrsa leth-bhreith an aghaidh bhoireannaich (CEDAW);
    • an Cùmhnant air Còraichean nan Daoine air a bheil Ciorram (CRPD); agus
    • An Cùmhnant Eadar-nàiseanta air Cur às do gach seòrsa leth-bhreith cinnidh (ICERD).
  • Aithnich agus cuir a-steach còir air àrainneachd fhallain.
  • Dèan cinnteach gu bheil na còraichean air an stèidheachadh san lagh ann an dòigh a nì cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom orra gun leth-bhreith tro ullachadh co-ionannachd, taobh a-staigh crìochan nan comasan tiomnaichte.
  • Thoir seachad seata dhleastanasan soilleir do bhuidhnean poblach (a' gabhail a-steach, chun na h-ìre as motha 's a ghabhas, actairean prìobhaideach) a' coileanadh ghnìomhan poblach tiomnaichte ann an Alba, a thaobh nan còraichean anns a' Bhile, leis an amas dèanamh cinnteach chun na h-ìre as motha 's a ghabhas, gu bheil an lagh, poileasaidhean agus dèanamh cho-dhùnaidhean air fad le ùghdarrasan agus seirbheisean poblach na h-Alba a' cur ri adhartachadh farsaingeachd nan inbhean chòraichean daonna eadar-nàiseanta a tha sa Bhile.
  • Cruthaich agus cuir air adhart dòigh-obrach ioma-bhuidhneach gus an urrainn do dh'institiudan ann an Alba – an Riaghaltas, a' Phàrlamaid, buidhnean poblach, cùirtean agus buidhnean sgrùdaidh neo-eisimeileach – obrachadh còmhla gus dèanamh cinnteach gu bheil còraichean air an cumail suas agus gus cultar chòraichean daonna a chruthachadh.
  • Dèan cinnteach gu bheil slighean fuasglaidh ann airson suidheachadh far an deach na còraichean aig daoine a bhriseadh ann an suidheachadh fa leth no gu siostamatach agus gu bheil na fuasglaidhean ruigsinneach, air prìs reusanta, ann an deagh àm agus èifeachdach.
  • Tron Bhile agus obair nas fharsainge, lean air adhart a' togail cultar chòraichean daonna far am bi luchd-giùlain dhleastanasan a' cur chòraichean aig cridhe an cuid cho-dhùnaidhean, far am bi daoine a' tuigsinn dè na còraichean a th' aca agus mar a chuirear an sàs iad, agus far am bi sinn a' togail comann-sòisealta còmhla far a bheil a h-uile duine comasach air a bhith a bhith beò le urram daonna bunaiteach.

Contact

Email: HumanRightsOffice@gov.scot

Back to top