An Toiseach as Fheàrr: Plana ro-innleachdail airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile airson Alba 2022-26 An Dàmhair 2022

Gaelic version of plan setting out how we will embed the benefits of our transformational investment in 1140 hours of high quality funded early learning and childcare. It also explains our approach to expanding our childcare offer over the next four years.


Facal-tòiseachaidh

Tha àite ro-chudromach aig cùram-chloinne àrd-inbhe a tha sùbailte, ruigsinneach agus aig prìs reusanta nar comann-sòisealta. Tha e ro-chudromach gus an toiseach-tòiseachaidh as fheàrr a thoirt do chloinn, taic a thoirt do theaghlaichean gus soirbheachadh, agus gus dèanamh cinnteach gun urrainn do phàrantan agus luchd-cùraim a bhith ag obair, a' trèanadh no ag ionnsachadh.

Tha sinn airson 's gur e Alba an t-àite as fheàrr san t-saoghal a bhios ann airson a bhith a' fàs. Mar sin, bho 2014 tha sinn air fear de na h-ath-leasachaidhean as cudromaiche a dhèanamh air seirbheisean poblach ann an ginealach le bhith cha mhòr a' dùblachadh na còrach air Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne (ELC) bho 600 gu 1140 uair a thìde sa bhliadhna, airson a h-uile pàiste ion-roghnach.[1] Tha seo a' ciallachadh gum faigh teaghlaichean suas ri 30 uair a thìde de ELC maoinichte gach seachdain rè an teirm no mu 22 uair a thìde gach seachdain tro bhliadhna a' mhìosachain. Is i Alba an aon phàirt den RA a tha a' tabhann 1140 uair a thìde de ELC maoinichte, no taic cho-ionnan, do gach pàiste ion-roghnach ge bith dè an inbhe obrach a th' aig am pàrantan no an luchd-cùraim, agus sinn a' cur chloinne air thoiseach.

Tha leudachadh ELC maoinichte air a bhith na choileanadh mòr, gu sònraichte aig àm nuair a bha galar lèir-sgaoilte cruinneil ann. Cha bhiodh seo air tachairt mur a b' e obair chruaidh agus dìleas ar luchd-obrach agus com-pàirtichean sna roinnean poblach, prìobhaideach, san treas roinn agus ann an roinn an luchd-aireachaidh chloinne. Tha Riaghaltas na h-Alba fada an comain nan com-pàirtichean seo airson na rinn iad gus an cruth-atharrachadh seo a lìbhrigeadh agus airson an taic a thug luchd-obrach do chloinn is teaghlaichean na h-Alba aig àm a bha air leth duilich. Tha Brexit agus a-nis èiginn nan cosgaisean cuideachd a' cur cuideam mòr air solaraichean, agus tha sinn dealasach a thaobh a bhith a' cumail oirnn a' tasgadh anns a' phroifeasan agus a' toirt taic dhan roinn ann an Alba tron àm dhùbhlanach seo.[2]

Leis cho cudromach 's a tha cùram-chloinne àrd-inbhe do chloinn, pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean, a bharrachd air comann-sòisealta agus eaconamaidh na h-Alba, tha sinn airson a dhol nas fhaide. Anns a' phlana seo, tha sinn a' mìneachadh mar a dh'obraicheas sinn gus buannachdan a' phrògram 1140 uair a thìde a leabachadh. Tha an sgrìobhainn seo cuideachd a' mìneachadh mar a thòisicheas sinn air siostam cùram-chloinne aois sgoile agus tairgse tràth-ionnsachaidh is cùram-chloinne a thogail do chlann a tha bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois, a' tòiseachadh leis an fheadhainn as motha a tha feumach air.[3]

Tha e deatamach gun tèid ar lèirsinn a lìbhrigeadh airson siostam cùram-chloinne de chàileachd àrd, a tha ruigsinneach agus air prìs reusanta a lìbhrigeadh airson ar misean nàiseanta gus aghaidh a chur air bochdainn chloinne, gus cur ri sunnd teaghlaich, barrachd co-ionannachd gnè a chur air adhart agus gus An Gealladh a chumail dhan chloinn againn a tha, no a bha, fo chùram. Nì seo diofar mòr do dhachaighean, gnìomhachasan agus solaraichean seirbheisean air feadh na dùthcha air a bheil èiginn chosgaisean a' toirt buaidh.

Tha sinn ag aithneachadh gum bi siostam cùram-chloinne èifeachdach eadar-dhealaichte ann an diofar choimhearsnachdan air feadh na h-Alba agus tha sinn gu mòr airson taic a chumail ri fuasglaidhean ùr-ghnàthach a chuireas clann agus teaghlaichean aig cridhe nan seirbheisean againn.

Tha sinn cuideachd ag aithneachadh gu bheil suidheachadh a' chùraim-chloinne gu tric iom-fhillte agus doirbh a thuigsinn do theaghlaichean agus tha sinn gu mòr airson a bhith ag obair le com-pàirtichean gus seo a sgioblachadh agus a dhèanamh nas sìmplidhe, far a bheil e taobh a-staigh nan cumhachdan againn sin a dhèanamh. Tha àite cudromach aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a' suidheachadh an stiùiridh ro-innleachdail agus a' mìneachadh nam builean[4] ris a bheil sinn an dùil bhon tasgadh againn ann an tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile. 'S e ar dleastanas a th' ann a bhith a' cumadh poileasaidh airson nan tairgsean a tha sinn a' maoineachadh, a' cur an sàs modhan reachdail agus riaghlaidh ceart, agus a' cruthachadh poileasaidh agus stiùireadh soilleir gus taic a chumail ri lìbhrigeadh. Fon reachdas agus stiùireadh làithreach, tha grunn dhleastanasan cudromach aig ùghdarrasan ionadail co-cheangailte ri cùram-chloinne agus cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth ri riaghaltas ionadail gus taic a chumail ri lìbhrigeadh nan amasan coitcheann againn.

Chan eil cumhachdan againn a thaobh taobhan cudromach de shiostam a' chùraim-chloinne, a' gabhail a-steach Sgeama Cùram-chloinne Saor bho Chìsean no an eileamaid cùram-chloinne de Chreideas Coitcheann. Ach, cumaidh sinn oirnn a' conaltradh ri agus a' feuchainn ri buaidh a thoirt air Riaghaltas na RA gus builean nas fheàrr a lìbhrigeadh do chloinn is theaghlaichean tro phoileasaidh cùram-chloinne, mar a tha sinn air dèanamh le co-roinn dàta gus taic a chumail ri bhuileachadh na tairgse againn do chloinn a tha dà bhliadhna a dh'aois.

Tha am plana seo a' mìneachadh na lèirsinn againn airson tràth-ionnsachadh agus airson cùram-chloinne aig aois sgoile thairis air a' chòrr den Phàrlamaid seo; na trì builean a tha sinn an dùil a lìbhrigeas na poileasaidhean uile againn, na prìomhachasan ro-innleachdail againn, agus na prionnsapalan a stiùireas ar modh-obrach a thaobh obrachadh le ar com-pàirtichean san roinn, agus na dh'fhaodas teaghlaichean a bhith an dùil bho sheirbheisean.

Chan eil dùil gum bi seo na liosta den a h-uile rud a nì sinn thairis air an ath cheithir bliadhna, no na phlana lìbhrigidh mionaideach airson gach fear de na poileasaidhean againn. A bharrachd air an sgrìobhainn seo, tha sinn a' foillseachadh ro-innleachd a' gabhail a-steach mar a bhios sinn a' measadh na buaidh aig an leudachadh air ion-roghnachd air 1140 uair a thìde de ELC de chàileachd àrd. Foillsichidh sinn frèama lìbhrigidh airson cùram-chloinne airson clann aig aois sgoile ann an Alba agus frèama ro-innleachdail airson proifeisean cùram-chloinne na h-Alba nas fhaide air adhart ann an 2022.

Contact

Email: ELCPartnershipForum@gov.scot

Back to top