Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach


Facal-tòiseachaidh bhon Mhinistear

Pàipear Co-chomhairleachaidh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba don Ghàidhlig, Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Facal-tòiseachaidh, Rùnaire a' Chaibineit

Tha Riaghaltas na h-Alba air grunn gheallaidhean làidir agus àrd-amasach a dhèanamh do Ghàidhlig agus Albais agus tha sinn a' cur fàilte air ur beachdan mun deidhinn san eacarsaich cho-chomhairleachaidh seo. Cuiridh na beachdan a gheibh sinn ris na co-dhùnaidhean a nì sinn leis na geallaidhean seo.

Tha iomadh bliadhna air a bhith ann bho chaidh reachdas a chur an sàs às leth na Gàidhlig agus tha cothrom againn meòrachadh air mar a tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 air obrachadh gu practaigeach. Ged a tha adhartas cunbhalach air a bhith ann bho chaidh an reachdas seo aontachadh, tha sinn ag aithneachadh gu bheil luach ann a bhith a' toirt sùil às ùr air na ceumannan a tha an gnìomh. Gu ruige seo chan eil Albais air buannachd fhaighinn bho thaic fhoirmeil tro reachdas agus le taic a' fàs don chànan tha mi den bheachd gu bheil an t-àm ann smaoineachadh mu dè as urrainn dhuinn dèanamh san t-seagh seo.

'S ann mean air mhean a tha adhartas air a bhith agus gheibhear fianais de dheagh adhartas anns na deicheadan mu dheireadh. Mar eisimpleir, tha a-nis taic don Ghàidhlig ri lorg ann an iomairtean coimhearsnachd, ann an stiùireadh agus reachdas, ann an structaran nàiseanta agus ann an raon farsaing de phròiseactan. Gus barrachd adhartais a choisinn don chànan feumaidh sinn togail air a' bhun-structair Ghàidhlig eadar-mheasgte seo agus taic a thoirt don choimhearsnachd luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh ge be càite a bheil iad agus ge be cò iad.

Tha poileasaidh Albais aig Riaghaltas na h-Alba a-nis. Tha tuilleadh taic do dh'Albais ri fhaighinn ann an Cairt Eòrpach nam Mion-chànan aig Comhairle na h-Eòrpa agus anns an fhiosrachadh luachmhor a fhuair sinn bhon cheist Albais sa chunntas-sluaigh mu dheireadh. Tha àite follaiseach aig Albais ann am foghlam, foillseachadh agus anns na h-ealain agus tha grunn bhuidhnean beaga, le taic bhon Riaghaltas, ag obair gu dlùth gus tuilleadh adhartais a choisinn airson Albais. Cuidichidh an eacarsaich cho-chomhairleachaidh seo le fiosrachadh mu na h-ath cheumannan airson Albais.

Le geallaidhean Riaghaltas na h-Alba agus an obair a thig às dèidh a' cho-chomhairleachaidh seo tha cothrom eile ann togail air an deagh adhartas a chaidh a dhèanamh gus Gàidhlig agus Albais a neartachadh ann an Alba le bhith a' meudachadh na h-àireimh de dhaoine a tha ag ionnsachadh, a' bruidhinn agus a' cleachdadh nan cànanan sin ann an Alba. A chùm na crìche seo tha fàilte air na chuireas sibh ris a' cho-chomhairle seo.

Shirley-Anne Somerville BPA

Rùnaire a' Chaibineit airson

Foghlam & Sgilean

Contact

Email: GaelicAndScotsConsultation@gov.scot

Back to top