Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim Aithris air Buannachdan

Tha e a’ cur an cèill nam buannachdan a dh’fhaodas tighinn bhon t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta, tro reachdas agus co-dhealbhachadh. Tha e a’ sealltainn far a bheil ’s dòcha feum air barrachd fianaise a thrusadh agus barrachd breithneachaidh gus cuideachadh le co-dhùnaidhean a thaobh cruth is lìbhrige

This document is part of a collection


Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim: Aithris air Buannachdan

Ro-ràdh Ministreil

Bidh stèidheachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta air aon de na h-ath-leasachaidhean as àrd-amasaiche air seirbheisean poblach bho chaidh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte a chruthachadh. Tha e riatanach cunbhalachd agus càileachd a’ chùraim is na taic a lìbhrigeadh air feadh na h-Alba air a bheil daoine airidh agus tha seo a’ daingneachadh ar dealas do mhuinntir na h-Alba gus ceum a ghabhail san fhad-ùine gus ar comann-sòisealta atharrachadh agus gus a dhèanamh na àite nas cothromaiche agus nas co-ionainne airson a bhith a’ fuireach.

Bho dheireadh na Pàrlamaid seo, bidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta cunntachail gu dìreach do Mhinistearan na h-Alba airson cùram agus taic. Brosnaichidh e uallach ionadail airson dealbhadh agus freagairteachd cùraim is taic a rèir feumalachdan nan coimhearsnachdan againn. Bidh e a’ brosnachadh càileachd agus a’ gabhail ri leasachadh thar gach taobh den t-siostam. Bidh dòigh-obrach stèidhichte air còraichean daonna an sàs anns gach rud a nì e. Bheir atharrachadh den sgèile seo ùine. Mar as luaithe a thòisicheas sinn, is ann as luaithe a bhios e comasach dhuinn taic nas fheàrr a lìbhrigeadh dhan a h-uile duine.

Tha cùram agus taic nan tasgadh; feumaidh iad obrachadh gus bacaidhean a thoirt air falbh, a bhith a' dèiligeadh ri neo-ionannachdan agus a bhith a' leigeil le daoine soirbheachadh agus am beatha a thoirt seachad mar a thogras iad fhèin. Dèanamaid cinnteach gun urrainn do dhaoine soirbheachadh seach dìreach a bhith beò. Tha daoine deatamach gus coimhearsnachdan soirbheachail agus eaconamaidh soirbheachail a chruthachadh air feadh na h-Alba. Tha taic slàinte coimhearsnachd agus cùram sòisealta ann gus daoine a chuideachadh gus sin a dhèanamh. Tha sinn air cluinntinn uair is uair bho dhaoine le eòlais beatha gum feum an siostam atharrachadh gus an urrainn dhuinn aghaidh a chur air crannchur còd-puist a' chùraim agus càileachd àrdachadh.

Ged a tha deagh eisimpleirean ann mar-thà far a bheil taic cruth-atharrachail do bheatha dhaoine, tha fianais shoilleir ann gu bheil feum air piseach air an dòigh sa bheil cùram sòisealta, obair shòisealta agus slàinte coimhearsnachd ag obair do dhaoine. Tha daoine ag iarraidh, agus tha iad feumach air, seirbheisean a tha air an lìbhrigeadh aig àm agus air dòigh a fhreagras air na feumalachdan aca agus a thogas air na neartan aca. Feumaidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a bhith freagairteach ri sin.

Tha sinn airson togail air obair a rinn sinn roimhe gus na siostaman slàinte is cùraim againn amalachadh le bhith:

  • A' lìbhrigeadh siostam a tha dha-rìribh cunntachail do dhaoine
  • A' brosnachadh an luach as fheàrr ann an cùram is taic le bhith ag àrdachadh càileachd
  • A' leabachadh dòigh-obrach stèidhichte air còraichean daonna
  • Ag aithneachadh farsaingeachd luach an luchd-obrach
  • A' cruthachadh ro-innleachdan ro-chasgach agus a' seachnadh eadar-theachdan èiginneach
  • A' socrachadh eadar-ghluasadan fuadain
  • A' togail choimhearsnachdan làidir agus seasmhach
  • A' cumail taic ri ionadaileachd agus com-pàirteachas

Feumaidh slàinte coimhearsnachd agus cùram sòisealta lìbhrigeadh còmhla airson daoine, a' tarraing a-steach sheirbheisean eile a nì diofar ann am beatha dhaoine, foghlam, còmhdhail, agus taigheadas gus taic a chumail ri builean. Chan eil e gu diofar càite a bheil thu a' fuireach – air a' Ghàidhealtachd no ann an coimhearsnachdan eileanach, ann am meadhan na h-Alba, no anns na Crìochan. Bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile duine air cùram agus taic de chàileachd chunbhalach, ge b' e dè an aois a tha iad agus ge b' e far a bheil iad a' fuireach le ionadaileachd aig cridhe na dòigh-obrach againn. Bu chòir dhan chùram agus dhan taic sin a bhith a' toirt seachad na tha a dhìth air daoine gus beatha iomlan a bhith aca.

Gus sin a choileanadh, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheilear a' cur luach air luchd-obrach cùram sòisealta agus obair shòisealta còmhla ris an fheachd-obrach cùram slàinte, aig a bheil àite cudromach ann an taic agus cùram dhaoine tro bhith a' toirt seachad cùram slàinte coimhearsnachd. Is urrainnear an luach seo a thoirt air adhart tro phrionnsapal na h-Obrach Cothromaich, far a bheil pàigheadh, teirmean is cumhaichean, leasachadh sgilean agus slighean dreuchd air an lìbhrigeadh gu h-àrd-amasach thar gach solaraiche agus fastaiche. Feumar luchd-cùraim gun phàigheadh, a' gabhail a-steach luchd-cùraim òga, aithneachadh cuideachd airson na tha iad a' cur ri beatha chàich agus cuideachd ris an eaconamaidh. Tha e ro-chudromach gum faigh luchd-cùraim gun phàigheadh, a' gabhail a-steach luchd-cùraim òga, cothrom furasta air an fhiosrachadh agus an taic a tha a dhìth orra gus an slàinte agus an sunnd a chumail suas.

Tron obair uile gus an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a chruthachadh, bidh sinn ag obair còmhla ri daoine aig a bheil eòlas air bhith a’ cleachdadh agus a’ toirt seachad taic slàinte is cùram sòisealta coimhearsnachd agus daoine a bhios a’ lìbhrigeadh obair shòisealta agus cùram-slàinte coimhearsnachd agus luchd-cùraim gun phàigheadh, a’ gabhail a-steach luchd-cùraim òga.

Is e obair mhòr dha-rìribh a th’ ann a bhith a’ stèidheachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, agus feumaidh sinn a dhèanamh gu ceart. Ag obair còmhla, is urrainn dhuinn na leasachaidhean mòra a tha sinn uile airson fhaicinn a thoirt gu buil.

Humza Yousaf BPA

Rùnaire a' Chaibineit airson Slàinte is Cùram Sòisealta

Kevin Stewart BPA

Ministear airson Sunnd-inntinn agus Cùram Sòisealta

Cùl-fhiosrachadh

Tha stèidheachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, agus atharrachaidhean co-cheangailte ris an t-siostam san fharsaingeachd, air aon de na h-eileamaidean ath-leasachadh seirbheisean poblach as cudromaiche a tha Riaghaltas na h-Alba air cur air adhart. Bheir seo cothrom dhuinn aghaidh a thoirt air na dùbhlain a tha mòran dhaoine air dearbhadh thar slàinte is cùram sòisealta. Chan eil na dùbhlain sin ùr. Chaidh an comharrachadh le daoine ro is rè a’ ghalair lèir-sgaoilte agus anns na tràth ìrean de dh’ath-shlànachadh.

Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air na molaidhean a rinn an Lèirmheas Neo-eisimeileach air Cùram Sòisealta nan Inbheach (IRASC) agus rinn iad co-chomhairle air molaidhean gus atharraichean a dhèanamh air siostam slàinte coimhearsnachd agus cùram sòisealta na h-Alba as t-fhoghar 2021. Ged a bha an IRASC a’ cuimseachadh air taic cùram sòisealta do dh’inbhich, tha uallach tiomnaichte aig iomadh ùghdarras amalachaidh airson raon-ùghdarrais nas fharsainge. Ann an iomadh sgìre tha an raon-ùghdarrais aca a’ gabhail a-steach clann agus teaghlaichean agus lìbhrigeadh obair shòisealta a’ cheartais. Mar sin, tha buntainneas nas fharsainge aig cuingealachaidhean sna structaran amalachaidh.  Choimhead na molaidhean co-chomhairle againn air a bhith a’ leudachadh farsaingeachd na Seirbheis Cùraim Nàiseanta le bhith a’ toirt a-steach gnìomhan slàinte coimhearsnachd, obair shòisealta chloinne agus cùram sòisealta, obair shòisealta ceartais, mì-chleachdadh deoch làidir is dhrogaichean agus ath-shlànachadh bhuapa agus seirbheisean co-cheangailte.

Bha na molaidhean ag amas air dèanamh cinnteach gum biodh na leanas ann:

  • lìbhrigeadh cunbhalach de thaic cùram sòisealta de chàileachd àrd do gach neach a tha feumach air seo air feadh na h-Alba, a' gabhail a-steach taic nas fheàrr do luchd-cùraim gun phàigheadh; agus
  • gu bheil meas agus luach ga chur air an luchd-cùraim sin.

Chuir freagairtean co-chomhairleachaidh mun t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta taic ri atharrachadh san dòigh sa bheil sinn a’ lìbhrigeadh cùram is taic air feadh na h-Alba. Bha aonta làidir ann gu bheil e bunaiteach a bhith a’ cur chòraichean daonna aig cridhe nan co-dhùnaidhean againn gus dèanamh cinnteach gu bheil co-ionannachd, neo-lethbhreith agus urram dhaoine fa leth ann.

Thuirt daoine gun robh e 'gu math duilich', 'ro-thoinnte' agus 'biùrocratach' a bhith a' faighinn taic sa choimhearsnachd. Nochd an cuspair uair is uair gun robh daoine air an sàrachadh gun robh aca ri bhith a' toirt seachad an aon fhiosrachaidh phearsanta uair is uair thairis air an t-siostam slàinte is cùram sòisealta. A bharrachd air an sin, thuirt cuid gun robh aca ri bhith 'a' sabaid airson' agus 'dearbhadh' gun ro còir aca air taic. Bhathar ag ràdh gun sònraichte gu bheil e doirbh cothrom fhaighinn air taic cùram sòisealta bhon toiseach, le pròiseas tar-chur mì-fhreagarrach agus gun fhiosrachadh gu leòr mun taic a tha ri faighinn, a' gabhail a-steach taic bho cho-leithid.

Tha geàrr-chunntas iomlan de dh’fhreagairtean co-chomhairle na Seirbheis Cùraim Nàiseanta air am mìneachadh anns an anailis co-chomhairle neo-eisimeileach, a chaidh fhoillseachadh air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba, còmhla ri tionndaidhean ruigsinneach. Tha sinn air beachdachadh gu faiceallach air na beachdan a fhuaras ann am faisg air 1,300 freagairt sgrìobhte agus còrr is 100 tachartas poblach.

Tron phròiseas co-chomhairleachaidh, tha daoine air dearbhadh gu bheil iad ag iarraidh Seirbheis Chùraim Nàiseanta, a tha cunntachail do Mhinistearan na h-Alba, le seirbheisean air an dealbhadh agus air an lìbhrigeadh gu h-ionadail.

Tha an t-àm ann a-nis prògram atharrachaidh a cho-dhealbhadh, ag obair le com-pàirtichean, luchd-ùidh agus daoine le eòlas beatha air a bhith a’ faighinn agus a’ toirt seachad cùram is taic (agus daoine air a bheil seirbheisean co-cheangailte a’ toirt buaidh), gus seo a lìbhrigeadh. Tha an sgrìobhainn seo a’ mìneachadh nam buannachdan a ghabhadh a thoirt gu buil tron reachdas agus co-dhealbhadh a tha gu bhith ann, a bharrachd air a bhith ga dhèanamh soilleir nuair a bhios feum air barrachd trusadh fianais agus barrachd beachdachaidh gus co-dhùnaidhean mu Sheirbheisean Cùraim Nàiseanta san àm ri teachd fhiosrachadh (a’ gabhail a-steach seirbheisean chloinne agus obair shòisealta a’ cheartais).

Carson a tha cùram agus taic cudromach

Aig an àm seo, tha seirbheisean cùram sòisealta a' gabhail a-steach an raoin fharsaing de thaic a bheir cothrom do dhaoine beatha choileanta a bhith aca agus na builean a tha cudromach dhaibh a thoirt gu buil. Tha feum aig daoine air taic air iomadach adhbhar, mar eisimpleir, mar thoradh air tinneas, ciorram no laigse corporra, ciorramachdan ionnsachaidh no tinneasan slàinte-inntinn, trioblaidean le drogaichean no deoch làidir no a bhith gun dachaigh. Bidh seirbheisean cùram sòisealta agus taic cuideachd a' cumail taic ri luchd-cùraim gun phàigheadh, a' gabhail a-steach luchd-cùraim òga anns an dreuchd cùraim aca. Bidh iad a' toirt cuideachadh do chloinn is theaghlaichean cuideachd a dh'fhaodadh a bhith feumach air taic a bharrachd, no far nach eil clann comasach air fuireach còmhla ris na teaghlaichean aca fhèin, agus bidh iad ag obair còmhla ri daoine gus aghaidh a thoirt air eucoir agus na h-adhbharan air a son.

Tha taic cùram shòisealta na theirm coitcheann airson seirbheisean inbheach, chloinne agus ceartais a bheir taic dhìreach do dhaoine gus na builean pearsanta aca a choileanadh. 'S e dleastanas reachdail a th' ann an obair shòisealta a tha a' gabhail a-steach measadh fheumalachdan, stiùireadh cunnairt agus brosnachadh agus dìon sunnd dhaoine fa leth agus choimhearsnachdan.

Tha na daoine a tha a' faighinn taic cùram sòisealta agus obair shòisealta eadar-mheasgte, le feumalachdan agus suidheachaidhean farsaing aca.

Tha an dàta a' sealltainn dhuinn gu bheil tòrr dhàimhean eadar cùisean slàinte agus cùram sòisealta, gu bheil iad eadar-mheasgte agus gu tric gu math toinnte. Feumaidh mòran dhaoine cothrom faighinn air agus gluasad eadar seirbheisean – agus gu tric iomadh seirbheis aig an aon àm – bho air feadh speactraim na slàinte is a' chùraim shòisealta. Tha seo a' soilleireachadh an fheum a th' aig daoine air cùram sòisealta, cùram-slàinte no measgachadh de sheirbheisean slàinte is cùram sòisealta nuair a tha feum aca orra, san àite far a bheil feum aca orra agus aig an àm a tha feum aca orra. Bheir seo cumhachd do dhaoine na roghainnean a tha ceart dhaibh a ghabhail.

Eadar am Faoilleach is am Màrt 2020 fhuair 5330 neach ùr aois 65 agus nas sine measadh cùram coimhearsnachd ùr (airson nan 22 ùghdarras ionadail a chuir dàta a-steach). Aig an aon àm fhuair 1489 neach ùr aois 18-64 measadh cùram coimhearsnachd ùr (airson nan 22 ùghdarras ionadail a chuir a-steach dàta).

Eadar am Faoilleach is am Màrt 2021 fhuair 5391 neach ùr aois 65 agus nas sine measadh cùram coimhearsnachd ùr (airson nan 23 ùghdarras ionadail a chuir dàta a-steach). Aig an aon àm fhuair 1366 neach ùr aois 18-64 measadh cùram coimhearsnachd ùr (airson nan 23 ùghdarras ionadail a chuir a-steach dàta).[1]

Bu chòir toirt fa-near nach eil an dàta coileanta airson a h-uile ùghdarras ionadail agus mar sin bu chòir a mheas mar dhàta taisbeanach seach dàta coileanta.

Tha an dàta as ùire (2020/21)[2] airson an t-sluaigh a tha a' faighinn taic cùram sòisealta agus obair shòisealta ag innse dhuinn na leanas:

  • tha mu 232,000 (1 anns gach 25) duine a' faighinn taic cùram sòisealta ann an Alba;
  • Tha 1 às gach 5 (20%) fo aois 65;
  • tha ciorram corporra no mothachaidh air mu 77,000 neach a tha a' faighinn cùram sòisealta, obair shòisealta agus taic teiripiche dreuchdail aig ùghdarrasan ionadail, agus tha ciorram ionnsachaidh air mu 21,000;
  • tha còrr is 14,000 neach a' faighinn taic cùram sòisealta mar thoradh air cùisean slàinte-inntinn;
  • fhuair mu 68,000 neach ann an Alba cùram dachaigh air 31 Màrt 2021;
  • tha daoine a tha a' fuireach ann an dachaigh-cùraim buailteach a bhith ann an roinnean aois nas sine, le timcheall air 90% de luchd-còmhnaidh aois 65+ agus faisg air 50% aois 85+;
  • tha cuid de dhaoine a' faighinn taic airson barrachd air aon adhbhar, mar eisimpleir, mì-chleachdadh dhrogaichean/deoch-làidir, tinneasan eanchainn, seargadh-inntinn, cùram lasachaidh, òtasam no so-leòntachdan eile;
  • a bharrachd air taic fhoirmeil airson cùram sòisealta, a rèir toraidhean bhon t-suirbhidh fòn, Suirbhidh Slàinte na h-Alba 2020, tha e coltach gu bheil timcheall air 839,000 neach aois 18 agus nas sine a' toirt seachad cùram agus taic gun phàigheadh do dhaoine air feadh na h-Alba. Thathar a' meas gu bheil mu 3% den luchd-cùraim gun phàigheadh seo a' faighinn taic luchd-cùraim bhon t-siostam.

Ged a tha e air leth doirbh a bhith a' dèanamh ro-innse air iarrtas airson cùram sòisealta, rinn Clàran Nàiseanta na h-Alba grunn ro-mheasaidhean[3] a tha buntainneach a thaobh seo. Tha dùil gum fàs sluagh na dùthcha nas sine thar nan deicheadan ri teachd, le àrdachadh mòr anns a' chuibhreann den fheadhainn a tha nas sine na 65. Thathar an dùil gun lean an gluasad a dh'ionnsaigh àireamh a tha a' sìor fhàs de dhachaighean aon-inbheach.

Tha an dàta as ùire a tha ri fhaighinn (2020/21[4]) airson an àireamh de chloinn a tha a' faighinn taic obair shòisealta/cùraim ag innse dhuinn na leanas:

  • Bha 2,104 clann air Clàr Dìon na Cloinne (sin ìre de 2.3 gach 1,000 den t-sluagh aois 0-15 bliadhna) – bha an cuibhreann a bu mhotha de chloinn air a' Chlàr fo aois 4 bliadhna no cha do rugadh iad fhathast (52%);
  • Bha 13,255 clann fo chùram (1.3% de shluagh na h-Alba aois 0-18 bliadhna) – bha an cuibhreann a b' àirde aig aois 5-11 bliadhna (36%) agus 12-15 bliadhna (30%);
  • Bhathar a' coimhead às dèidh 90% de chloinn fo chùram sa choimhearsnachd (m.e. aig an taigh le pàrantan, le teaghlach is caraidean, cùram dalta, uchd-mhacachd) agus bha 10% ann an dachaighean-còmhnaidh.

Anns an t-siostam ceartais, tha luchd-obrach sòisealta a' toirt taic do ghrunn thaobhan de thuras an neach tron t-siostam. Tha am prìomh dàta a chaidh a chruinneachadh a thaobh obair luchd-obrach sòisealta mu ullachadh aithisgean obair shòisealta airson ceartas eucorach, seirbheisean cùirte, aithisgean fòrladh dachaigh, fiosrachadh air urras agus measaidhean curfew greim san dachaigh. Faodaidh luchd-obrach sòisealta cuideachd eileamaid de stiùireadh a thoirt seachad do dhaoine fa leth air urras, le òrdughan ath-phàigheadh coimhearsnachd, le òrdughan leigheas dhrogaichean agus òrdughan deuchainn agus cùram-troimhe reachdail is saor-thoileach.

Thug na glasaidhean-sìos nàiseanta agus ceumannan eile a chaidh a chur an sàs gus conaltradh sòisealta fiosaigeach a chuingealachadh ri linn galar lèir-sgaoilte a' Chorònabhìorais buaidh dhìreach air an dàta bho 2020/21. Tha seo air buaidh mhòr a thoirt air gnìomhachd obair shòisealta bhon Mhàrt 2020. Mar sin ged a tha am prìomh dhàta a chaidh a thoirt seachad airson na bliadhna as ùire, 2020/21, tha cuid ann cuideachd bho 2019/20, far a bheil eadar-dhealachadh mòr ann:

  • Chaidh timcheall air 15,100 làn aithisg obair shòisealta ceartas eucorach a chur gu cùirtean, airson timcheall air 12,400 neach eadar-dhealaichte. Bha seo na ìsleachadh de 10,700 aithisgean (7,900 neach) bho fhigearan ron ghalar lèir-sgaoilte ann an 2019/20.
  • Bha 85% de na h-aithisgean obair shòisealta a thaobh ceartas eucorach a rinneadh air an cur a-steach airson fireannaich.
  • Bha còrr air leth de na h-aithisgean obair shòisealta ceartas eucorach a chaidh a chur a-steach airson daoine nas sine na 30
  • Lùghdaich aithisgean air an aon latha airson seirbheisean cùirte gu 1,500 (3,500 ann an 2019/20) agus agallamhan às dèidh binn gu 4,100 (15,300 ann an 2019/20) mar thoradh air buaidh bacaidhean a' ghlasaidh-sìos.
  • Às na 8,200 òrdughan ath-phàigheadh coimhearsnachd a chaidh a chur an sàs ann an 2020/21, bha riatanas stiùiridh aig 73%. Bha seo gu math nas àirde na an cuibhreann ann an 2019/20 (62%). Chaidh buaidh mhòr a thoirt air seo leis an lùghdachadh ann an obair gun phàigheadh no riatanasan gnìomhachd eile a chaidh a thoirt a-mach thar 2020/21 mar thoradh air stad a bhith air a chur air lìbhrigeadh aghaidh-ri-aghaidh rè ùine ann an 2020/21.
  • 3,400 iarrtas airson fiosrachadh urrais bho chùirtean (5,700 ann an 2019/20)
  • 240 neach fa leth a' faighinn stiùireadh air urras (460 ann an 2019/20)
  • Chaidh measadh curfew greim san dachaigh a thoirt do 830 neach
  • Aig deireadh a' Mhàirt 2021 bha 5,800 cùis tro-chùram (throughcare) reachdail an sàs
  • Ann an 2020/21, chaidh 1,400 cùis tro-chùram saor-thoileach a thòiseachadh le 1,300 neach a' faighinn taic

Ar lèirsinn agus ar n-Àrd-amas

Is e an lèirsinn a th' againn Alba a bhith ann far a bheil càileachd beatha àrd aig daoine. Tha seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd na h-Alba a' toirt taic dhan a h-uile duine, nuair a tha feum aca air, gus beatha choileanta a bhith aca, a' dèanamh cinnteach gur e Alba an t-àite as fheàrr san t-saoghal gus soirbheachadh.

Gus seo a choileanadh feumaidh sinn barrachd obair leasachaidh a dhèanamh air na dòighean-obrach a thaobh taic slàinte is cùram sòisealta a tha sàbhailte, èifeachdach, amalaichte agus stèidhichte air feumalachdan an neach. Is e amas Riaghaltas na h-Alba Seirbheis Chùraim Nàiseanta a bhith ann a nì cinnteach gum faigh daoine de gach aois cothrom air an taic a tha a dhìth orra gus beatha iomlan a bhith aca le bhith a’ toirt piseach air cunbhalachd agus càileachd an t-solair.

  • Bheir sinn cruth-atharrachadh air taic cùram sòisealta agus seirbheisean co-cheangailte, neartaichidh sinn ro-chasg agus taic stèidhichte sa choimhearsnachd agus nì sinn ath-leasachadh air ruigsinneachd.
  • Cumaidh sinn oirnn ag amalachadh slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd agus neartaichidh sinn com-pàirteachasan agus sinn ag obair le seirbheisean agus buidhnean eile.
  • Nì sinn cinnteach gun urrainn do dhaoine fa leth pàirt a ghabhail ann an dealbhadh an cuid cùraim.
  • Nì sinn cinnteach gu bheil feumalachdan dhaoine air an coileanadh gu h-iomlan agus air an dràibheadh leis na builean a tha cudromach dhaibh fhèin agus do na coimhearsnachdan aca.
  • Neartaichidh sinn ro-chasg, eadar-theachd thràth agus cùram deireadh beatha.

Bu chòir taic a thoirt dhan a h-uile duine gus beatha cho neo-eisimeileach ’s a ghabhas a bhith aca agus gus na co-dhùnaidhean aca a stiùireadh mu an slàinte is sunnd agus mun taic a tha a dhìth orra, le spèis ga thoirt do na còraichean daonna aca agus le urram a bhith air a thoirt dhaibh. Tha daoine aig a bheil eòlas beatha air cùram sòisealta agus seirbheisean slàinte coimhearsnachd, tha daoine a tha a’ faighinn cothrom air seirbheisean, an teaghlaichean agus luchd-cùraim, luchd-obrach agus solaraichean slàinte coimhearsnachd is cùraim – agus am poball san fharsaingeachd – uile nam prìomh chom-pàirtichean ann a bhith a’ coileanadh an àrd-amais dhàna Seirbheis Chùraim Nàiseanta a chruthachadh airson a h-uile duine.

Ma gheibh sinn taic cùram shòisealta ceart, is urrainn dhuinn daoine a chuideachadh gus an t-seòrsa beatha a bhith aca a tha iad ag iarraidh: a bhith a' fuireach anns na coimhearsnachdan aca nas fhaide, a bhith còmhla ris an teaghlach aca fhèin, a' bhith a dol dhan cholaiste no a' dèanamh trèanadh, a' faighinn obair no a' gabhail pàirt anns na rudan anns a bheil ùidh aca. Faodar cruth-atharrachadh a thoirt air beatha dhaoine.

Tha sinn a’ tòiseachadh air turas gus piseach a thoirt air taic cùram sòisealta agus taic obair shòisealta ann an Alba. Tha fios againn nach eil na freagairtean uile againn fhathast. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil atharrachadh a dhìth. Tha cothrom sònraichte againn dèanamh cinnteach gu bheil daoine air an cur aig cridhe a bhith a’ cumadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.

Tha an aithris seo a’ mìneachadh nam buannachdan farsaing as urrainn dhuinn a thoirt gu buil tro bhith a’ cruthachadh Seirbheis Chùraim Nàiseanta ach tha mòran obair beachdachaidh ri dèanamh air mion-fhiosrachaidh. Tha sinn gu mòr airson dèanamh cinnteach gu bheil na daoine a gheibh cothrom air agus a lìbhrigeas na seirbheisean aice aig cridhe a bhith a’ cruthachadh a’ mhion-fhiosrachaidh sin. Chan fhaigh sinn seo ceart ach a-mhàin le ur taic.

Dè nì an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?

Bidh uallach air an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta airson obair shòisealta agus taic cùram sòisealta, a’ gabhail a-steach taic do luchd-cùraim. Bidh e cuideachd an urra ri planadh agus coimiseanadh bun-seirbheisean cùram agus slàinte coimhearsnachd. Gus dèanamh cinnteach gu bheil seirbheisean ceangailte, bho shealladh cùram slàinte coimhearsnachd bidh dotairean-teaghlaich, Stiùirichean Altraim agus stiùirichean clionaigeach is cùram slàinte eile an sàs ann a bhith a’ cruthachadh phlanaichean ionadail.

Is e an gealltanas againn gun dèan an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta na leanas:

  • cothrom a thoirt do dhaoine de gach aois cothrom fhaighinn air taic slàinte is cùram sòisealta a tha ann an deagh àm, cunbhalach, cothromach agus de dheagh chàileachd air feadh na h-Alba;
  • a bhith a' toirt seachad seirbheisean a tha air an co-dhealbhadh le daoine a bhios a' cleachdadh agus a' lìbhrigeadh cùram is taic, a' toirt spèis do na còraichean daonna aca, gan dìon agus gan coileanadh;
  • taic a thoirt do luchd-cùraim gun phàigheadh, ag aithneachadh luach na h-obrach aca agus a' toirt taic dhaibh a bhith a' coimhead às dèidh an slàinte agus an sunnd gus an urrainn dhaibh cumail orra a' toirt seachad cùram, ma thogras iad, agus gum bi beatha aca taobh a-muigh cùraim;
  • gun toirear taic dhan luchd-obrach agus gun cuirear suim annta;
  • a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil taic slàinte, obair shòisealta agus cùram sòisealta amalaichte le seirbheisean eile, a' toirt prìomhachas do dh'urram agus spèis, agus a' toirt feart air suidheachaidhean nan daoine fa leth gus piseach a thoirt air builean do dhaoine fa leth agus do choimhearsnachdan;
  • dèanamh cinnteach gu bheil cuideam air leasachadh leantainneach aig cridhe gach nì a nì sinn;
  • cothroman a thoirt seachad airson trèanadh agus leasachadh, a' gabhail a-steach a bhith a' cruthachadh Buidheann Nàiseanta airson Obair Shòisealta a bheir seachad ceannardas, stiùireadh agus taic nàiseanta;
  • luach an tasgaidh ann an taic cùram sòisealta aithneachadh, a bhith a' cur ris an eaconamaidh sunnd, a' dèanamh an fheum as fheàrr de dh'airgead poblach, agus a bhith a' cur às do dhùblachadh.

Lìbhrigeadh siostam a tha dha-rìribh cunntachail do dhaoine

Bidh Ministearan na h-Alba cunntachail airson taic cùram sòisealta agus obair shòisealta air a lìbhrigeadh tron t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta. Tha fios againn gu bheil daoine an dùil gum bi Ministearan na h-Alba cunntachail airson nan seirbheisean sin. Le bhith a’ cruthachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, bheir sin cothrom dhaibh na leasachaidhean a dhèanamh a tha daoine airson fhaicinn gu cunbhalach air feadh na dùthcha.

Leis a seo, bhiodh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a’ suidheachadh frèam agus inbhean iomlan aig ìre nàiseanta airson mar a tha slàinte coimhearsnachd, cùram sòisealta agus obair shòisealta air an lìbhrigeadh. Cumaidh e sùil air coileanadh bhuidhnean lìbhrigidh ionadail airson nan seirbheisean a tha iad a’ planadh, a’ coimiseanadh agus a’ faighinn. Bidh ròl aig buidhnean nàiseanta le uallach airson sgrùdadh inbhean agus coileanadh ann an solar cùram slàinte is sòisealta far a bheil sin iomchaidh. Bhiodh seo coltach ris na cumhachdan a tha aig Ministearan mar-thà a thaobh Bùird NHS.

Nì seo cinnteach gum bi cothrom aig daoine air feadh na h-Alba air seirbheisean agus ìrean cùraim cunbhalach. Gu cudromach tha an dòigh-obrach seo cuideachd a' ceadachadh sùbailteachd ionadail gus na feumalachdan aig farsaingeachd de dhaoine agus de choimhearsnachdan air feadh na h-Alba a choileanadh, a' gabhail a-steach ar coimhearsnachdan eileanach.

A' brosnachadh an luach as fheàrr ann an cùram is taic le bhith ag àrdachadh càileachd

Bidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a’ stiùireadh càileachd is cunbhalachd do dhaoine tro bhith a’ cruthachadh inbhean, stiùireadh agus poileasaidhean taice airson cùram is taic, a’ ceangal ri inbhean cùram slàinte mar as iomchaidh. Thèid iad sin a chleachdadh gus taic a chumail ri planadh, dealbhadh, lìbhrigeadh agus sgrùdadh cùram is taic a chaidh a chruthachadh mar fhreagairt air feum agus suidheachadh ionadail.

Bidh measadh càileachd sheirbheisean air a stiùireadh le grunn fhactaran. Bidh iad sin a' gabhail a-steach nam builean do dhaoine fa leth an cois nam pròiseasan stiùireadh coileanaidh, stiùiridh, riaghlaidh agus sgrùdaidh traidiseanta.

Thèid frèam riaghlaidh càileachd a thoirt a-steach cuideachd gus dèanamh cinnteach gum bi leasachadh leantainneach a' fàs àbhaisteach agus gu bheil siostam ionnsachaidh againn a chumas taic ri leasachadh cleachdaidh, ag ionnsachadh bhon chleachdadh as fheàrr air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh.

Lìbhrigidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta luach le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil càileachd is cunbhalachd ann airson cùram sòisealta agus seirbheisean taice air feadh na dùthcha, a’ dèiligeadh ri droch chàileachd gu dìreach agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil slighean soilleir agus ruigsinneach aig daoine gus draghan a thogail.

A' leabachadh chòraichean daonna, urram agus spèis

Bidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta air a riaghladh le seata de phrionnsapalan a shoilleiricheas gu bheil cùram sòisealta agus seirbheisean slàinte coimhearsnachd deatamach airson còraichean daonna bunaiteach a choileanadh agus gu bheil co-ionannachd, neo-lethbhreith agus urram an neach aig cridhe na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.

Gus an gealltanasan seo a lìbhrigeadh, nì sinn na leanas:

  • leabaichidh sinn agus àbhaistichidh sinn còraichean dhaoine tron obair leasachadh air fad air an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta;
  • co-dhealbhaidh sinn seirbheisean slàinte coimhearsnachd agus cùram sòisealta le daoine le eòlas beatha air a’ chùis;
  • cruthaichichidh sinn Cairt Chòraichean is Dhleastanasan don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta;
  • nì sinn ath-leasachadh air agus neartachaidh sinn pròiseasan gearain is dìolaidh gus cunntachalachd agus cothrom fuasglaidh a thoirt seachad;
  • cruthaichidh agus brosnaichidh sinn conaltradh in-ghabhalach agus ruigsinneach agus tagradh neo-eisimeileach gus cumhachd a thoirt do dhaoine a gheibh taic; agus
  • bheir sinn a-steach còraichean agus dìonan sònraichte a bharrachd do dhaoine a gheibh taic slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd agus an teaghlaichean agus an luchd-cùraim, ann an raointean leithid fois bho bhith a’ toirt seachad cùram agus a’ tadhal air dachaighean-cùraim.
  • atharraich mar a bhios daoine a’ faighinn cothrom air cùram agus taic ann an Alba mar phàirt de chruthachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.
  • ath-leasaich am pròiseas làithreach de shlatan-tomhais ion-roghnachd. Thèid prìomhachas a thoirt do ro-chasg gus dèanamh cinnteach gun urrainn do dhaoine gluasad gu rèidh eadar diofar sheòrsaichean cùraim agus taic mar a bhios na feumalachdan aca ag atharrachadh.

Mar a chaidh a thoirt fa-near gu h-àrd, dh'fhaodte gum bi sgrùdadh no leudachadh a bharrachd a dhìth air seirbheisean a bharrachd, leithid obair shòisealta a' cheartais a tha ann gus dèanamh cinnteach gu bheil iad buntainneach ann an diofar cho-theacsan, agus gun tèid eileamaidean dìon aithneachadh.

A thaobh a bhith a' tadhal air dachaighean cùraim, bha amannan mar thoradh air galar lèir-sgaoilte COVID-19 nuair nach b' urrainn do luchd-còmhnaidh dachaigh cùraim luchd-tadhail a bhith aca aig àm glasaidh-sìos agus sgaoilidhean a' ghalair. Chaidh conaltradh sòisealta brìoghmhor a lùghdachadh gu mòr agus dh'adhbharaich seo dragh mòr do mhòran luchd-còmhnaidh, teaghlaichean agus caraidean.

Tha àite ro-chudromach aig teaghlaichean agus caraidean ann an slàinte agus sunnd dhaoine a tha a' fuireach ann an dachaighean cùraim inbheach, a thaobh an dà chuid taic phractaigeach agus fhaireachail. Do mhòran luchd-còmhnaidh, tha pàirt ro-chudromach aig buill teaghlaich no caraidean sa chùram aca, a' cur ris an taic a tha luchd-obrach nan dachaighean-cùraim a' toirt seachad.

Thathar den bheachd gu bheil cruthachadh Lagh Anna mar phàirt de Bhile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta freumhaichte ann an còraichean daonna. Nì Lagh Anna cinnteach gum bi e comasach do dhaoine a tha a’ fuireach ann an dachaighean-cùraim inbheach conaltradh dìreach a bhith aca ri daoine a tha cudromach dhaibh gus taic a thoirt do an cuid slàinte is sunnd, ge b’ e dè an suidheachadh a th’ ann, co-dhiù tha glasadh nàiseanta no ionadail ann no ri linn a galar lèir-sgaoilte no adhbharan eile.

Tha stiùireadh làithreach aig Riaghaltas na h-Alba agus na h-Ìrean Slàinte is Cùraim Shòisealta neartaichte air taighean-cùraim a bhrosnachadh gus cur ris na cothroman airson conaltradh brìoghmhor an dà chuid taobh a-staigh agus taobh a-muigh na dachaigh-cùraim, le bhith a’ gabhail ri ceumannan dìona. Thèid Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta nas fhaide agus leigidh e le Ministearan na h-Alba cumhachd ùr a chleachdadh gus iarraidh air solaraichean seirbheisean dachaigh-cùraim gèilleadh ri Stiùireadh a dh’fhoillsicheas na Ministearan. Cuidichidh seo gus dèanamh cinnteach nach bi còraichean luchd-còmhnaidh, an caraidean is teaghlaichean air an cuingealachadh ach a-mhàin far a bheil sin riatanach agus ann an dòigh a tha iomchaidh, gun lethbhreith agus a rèir lagh chòraichean daonna.

Ag aithneachadh farsaingeachd luach an luchd-obrach agus luchd-cùraim gun phàigheadh

Tha taic slàinte coimhearsnachd agus cùram sòisealta a' toirt buaidh air ar beatha gu lèir – bidh mòran againn, no mòran de ar teaghlach no caraidean, a' cleachdadh cùram sòisealta mar-thà, agus bidh mòran againn ga chleachdadh san àm ri teachd cuideachd. Chaidh aithris gun robh mu 231,925 neach ann an Alba a' faighinn taic agus seirbheisean cùram sòisealta aig àm air choreigin ann an 2020/21, agus gun robh mu 839,000 neach a' toirt cùram do neach-dàimh no do charaid.

Thèid a' mhòr-chuid de dhùbhlain slàinte is cùram sòisealta fhuasgladh sa choimhearsnachd le proifeiseantaich agus buidhnean ag obair còmhla gus dòigh-obrach a tha stèidhichte air an neach fhaighinn a dh'fhàgas gu bheil roghainnean agus neo-eisimeileachd aig an neach. 'S e an lìbhrigeadh taobh a-staigh na coimhearsnachd, faisg air no taobh a-staigh dachaigh an neach, a tha ga dhèanamh eadar-dhealaichte ris a' chùram agus an taic a tha na h-ospadalan againn a' tabhann.

Tha slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd a' cumail taic ri daoine de dh'aois sam bith a tha feumach air no a' faighinn taic airson am beatha bho latha gu latha. Tha farsaingeachd mhòr aig a' chùraim is aig an taic a thathar a' tabhann agus bidh seo co-cheangailte ri cùisean slàinte, tinneasan, ciorraman corporra, ciorramachdan ionnsachaidh, suidheachaidhean neuro-leasachaidh, suidheachaidhean slàinte-inntinn, no cùisean co-cheangailte ri laigse nas h-aoise, seargadh-inntinn, cùram deireadh beatha agus barrachd. Tha e a cheart cho cudromach do luchd-cùraim gun phàigheadh oir 's iad sin na h-aon sheirbheisean a chuidicheas iad fhèin gus coimhead às dèidh an slàinte agus an sunnd fhèin.

Feumaidh sinn barrachd a dhèanamh gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air farsaingeachd nan seirbheisean a thathar a' tabhann agus raon agus aois nan daoine a tha a' faighinn taic. Bidh slàinte coimhearsnachd, cùram sòisealta agus obair shòisealta, a' toirt taic do dhaoine aig a bheil, no a tha a' faighinn seachad air, trioblaidean le deoch làidir no drogaichean, daoine a tha taobh a-staigh an t-siostaim ceartais againn agus an fheadhainn a tha no a tha air a bhith gun dachaigh no a tha ann an cunnart a bhith gun dachaigh. Bidh seirbheisean obair shòisealta chloinne agus cùram sòisealta a' cuideachadh clann agus teaghlaichean a dh'fhaodadh a bhith feumach air taic a bharrachd no far nach eil e comasach do chloinn fuireach còmhla ri an teaghlaichean fhèin. Bidh obair shòisealta ceartais a' toirt taic do dhaoine fa leth gus aghaidh a chur air an dol-a-mach eucorach aca fhad 's a tha iad a' measadh cunnart agus a' dèanamh cinnteach gu bheil ceumannan làidir an sàs gus binnean coimhearsnachd a lìbhrigeadh agus am poball a dhìon.

Gus ar n-àrd-amasan againn a lìbhrigeadh, feumar dèanamh cinnteach gu bheil an luchd-obrach slàinte coimhearsnachd, cùram sòisealta agus obair shòisealta a’ faireachdainn sona, gu bheil luach ga chur annta agus gu bheil iad a’ faireachdainn riaraichte le an cuid obrach. Le bhith a’ toirt deagh thuarastal, spèis agus luach dhan sgioba-obrach againn, bidh sinn a’ fastadh agus a’ cumail luchd-obrach fìor mhath. Tha seo a’ ciallachadh gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil Obair Chothromach aig cridhe na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Cuidichidh obair gus piseach a thoirt air pàigheadh, cumhaichean agus cothroman dhan luchd-obrach sinn gus sin a dhèanamh, a’ sealltainn gu bheil dreuchd ann an cùram a’ faighinn meas iomchaidh.

Tha fios againn gu bheil daoine a tha ag obair ann an cùram sòisealta agus seirbheisean obair shòisealta gu tric a' faireachdainn gu bheil cus obrach aca agus nach eil luach gu leòr air a chur annta. Gus daoine a thàladh do phròiseasan a' chùraim shòisealta agus gus a dhèanamh na dheagh obair a tha daoine airson cumail, nì sinn cinnteach gu bheil teirmichean agus cumhachan agus pàigheadh stèidhichte air prionnsabalan Obair Chothromach. Bidh barganachadh pàighidh nàiseanta a bhios a' coimhead air teirmichean is cumhaichean agus prionnsabal na h-Obair Chothromach[5], aig cridhe togail feachd-obrach a bhios iomchaidh airson an àm ri teachd gus an t-seirbheis as fheàrr a lìbhrigeadh do mhuinntir na h-Alba.

Nì sinn cinnteach cuideachd gun cluinnear daoine a tha ag obair ann an cùram sòisealta agus seirbheisean obair shòisealta, ge b' e an dèanar seo tro aonaidhean, mar dhaoine fa leth no tro bhuidhnean riochdachaidh luchd-obrach eile. Bidh dèanamh cinnteach gu bheil guth èifeachdach aig luchd-obrach na phrìomh eileamaid de bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil seirbheis a tha a' freagairt air feumalachdan, amasan agus beachdan nan daoine a tha ag obair ann.

Nì an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta cinnteach, far an gabh sin dèanamh, gum faigh a h-uile duine Obair Chothromach nan cosnadh, co-dhiù tha iad ag obair do bhuidheann san treas roinn neo san roinn phrìobhaidich, ann an ùghdarras ionadail no ann am Bòrd NHS, no gu dìreach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta.

Bidh stiùireadh nàiseanta aig an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta air planadh luchd-obrach airson obair shòisealta (tron Bhuidhinn Nàiseanta airson Obair Shòisealta) agus airson luchd-obrach cùram sòisealta. An-dràsta, tha planadh luchd-obrach sgapte thar raon farsaing de sholaraichean. Cruthaichidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta cothrom gus piseach a thoirt air planadh agus modaladh luchd-obrach nàiseanta is amalaichte airson roinn nan seirbheisean sòisealta gu lèir – a’ ceangal seo ri bhith a’ comharrachadh beàrnan ann an sgilean agus trèanadh gus am bi sgioba-obrach proifeiseanta agus sgileil againn do na daoine a dh’fheumas cùram agus taic. Bithear a’ coimhead air trèanadh agus leasachadh sgilean mar phàirt bhunaiteach agus riatanach de lìbhrigeadh seirbheis a gheibh taic ann am beachdachadh air planadh luchd-obrach.

Bheir Buidheann Nàiseanta na h-Obrach Sòisealta taic agus tasgadh ann am proifeiseanan na h-obrach sòisealta le bhith a’ toirt seachad ceannardas nàiseanta, a’ cumail sùil air agus a’ toirt taic do dh’fhoghlam obair shòisealta, leasachadh (le bhith a’ stèidheachadh Ionad Sàr-mhathais), planadh feach-obrach obair shòisealta, trèanadh is leasachadh, teirmean is cumhaichean, a’ cur ri cunbhalachd agus ag àrdachadh deagh chleachdadh. Bheir e cothrom do luchd-obrach sòisealta a bhith ag obair le daoine gus cruth-atharrachadh a thoirt air am beatha agus gus cleachdaidhean stèidhichte air còraichean a chur an gnìomh mar phàirt de na h-amasan farsaing aig an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta.

Nuair a tha planaichean airson na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a’ dol air adhart, ged a tha structaran na Seirbheis Cùraim Nàiseanta aig ìre nàiseanta agus ionadail comasach air luchd-obrach fhastadh, chan eil sinn an dùil gun atharraich an luchd-fastaidh aig na daoine a tha ag obair ann an seirbheisean air an coimiseanadh leis an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta.  Dhaibhsan a tha an sàs ann an solar cùram slàinte, chan eil sinn an dùil gun atharraich an t-uallach airson riaghaladh clionaigeach Seirbheisean Nàiseanta na Slàinte no gun tèid an dùblachadh anns na rèiteachaidhean ùra.

A rèir ar dealas a thaobh dìon a' phobaill, nì sinn cinnteach gum faodar luchd-obrach neo-chlàraichte a chur ri Clàr Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba far am biodh e a rèir leas a' phobaill sin a dhèanamh. Bheir sinn piseach air co-roinn fiosrachaidh gus cùisean mì-ghiùlain fhiosrachadh, agus gus an Clàr a dhèanamh nas èifeachdaiche gus piseach a thoirt air gluasad eadar roinnean agus gus biùrocrasaidh a lùghdachadh airson an luchd-obrach clàraichte.

Tha Riaghaltas na h-Alba mothachail air na ceistean is draghan a th’ ann mu bhith a’ dèanamh làn chlàradh air Luchd-cuideachaidh Pearsanta. Tha e ag aithneachadh an dàimh shònraichte eadar fastaiche Neach-cuideachaidh Pearsanta agus an Neach-cuideachaidh Pearsanta. Mus dèanar co-dhùnadh sam bith a thaobh làn chlàradh do luchd-cuideachaidh pearsanta, beachdaichidh Riaghaltas na h-Alba air a’ bhuaidh a bhios aig atharrachaidhean air an sgeama PVG, a bharrachd air freagairtean co-chomhairleachaidh air an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta agus cuideachd faireachdainnean is ceistean nas fharsainge.

Tha e ro-chudromach gum bi sgiobaidhean againn a tha dha-rìribh amalaichte a tha ag obair gus fuasgladh fhaighinn air duilgheadasan nuair a thig iad am bàrr agus gus dùil a bhith aca air feumalachdan ro-làimh. Gus dèanamh cinnteach gum bi barrachd amalachaidh ann, tha sinn airson 's gum bi seirbheisean a' ruighinn a-mach chun an ospadail agus a' toirt seachad seirbheisean nas sùbailte agus nas freagairtiche sa choimhearsnachd. Tha sinn airson taic a thoirt do sgiobaidhean a th' ann mar-thà gus lùghdachadh a thoirt air na cnapan-starra eadar seirbheisean a bhios ro mhòran dhaoine.

Tha e deatamach cuideachd gum bi luchd-cùraim gun phàigheadh, a' gabhail a-steach luchd-cùraim òga, a' faighinn taic gus leantainn orra a' faighinn cothrom air foghlam agus gnìomhan a tha cudromach dhaibh a bharrachd air cùram agus gun urrainn dhaibh an t-slàinte is sunnd aca a chumail suas agus a leasachadh. Feumaidh iad a bhith an sàs anns na co-dhùnaidhean a tha a' toirt buaidh orra agus air an fheadhainn a tha fo an cùram.

Tha fios againn gum bi luchd-cùraim gun phàigheadh a' toirt seachad taic ro-chudromach do na daoine dha bheil iad a' toirt cùram, agus gu bheil iad ro-chudromach airson seasmhachd an t-siostaim slàinte is cùraim slàinte air fad. Ach, tha fios againn gu bheil iad gu tric a' faireachdainn do-fhaicsinneach, nach eil luach ga chur annta agus nach urrainn dhaibh fois no làithean-saora a ghabhail.

Gus taic a thoirt do dhaoine gus an cuid sunnd a dhìon, a bhith a’ cumail suas dàimhean cùraim agus ag aithneachadh agus a’ cur luach air na tha luchd-cùraim gun phàigheadh a’ dèanamh, nì sinn cinnteach gu bheil còir aig gach neach-cùraim air fois. Gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-cùraim air an aithneachadh agus an sàs mar chom-pàirtichean co-ionann ann an cùram, nì sinn cinnteach gu bheil luchd-cùraim an sàs aig gach ìre ann a bhith a’ toirt cruth air agus a’ ruith na Seirbheis Cùraim Nàiseanta agus co-dhùnaidhean aig ìre an neach fa leth a bheir buaidh orra. Leanaidh sinn oirnn a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ tuigsinn agus a’ lìbhrigeadh nan còraichean a th’ aig daoine air cùram mar-thà fo Achd an Luchd-cùraim 2016.

A' cruthachadh ro-innleachdan ro-chasgach agus a' seachnadh eadar-theachdan èiginneach

Cha bu chòir taic slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd a bhith air fhaicinn mar sheirbheis eadar-theachd èiginneach ach mar sheirbheis a chuidicheas agus a bheir taic do dhaoine aig an ìre as tràithe, a’ cur ro-chasg air crìonadh agus bho daoine a bhith a’ faighinn a-steach gu suidheachaidhean èiginneach sa chiad dol a-mach. Tha cothroman ann tro bhith a’ cruthachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a bhith a’ cur ris an fhòcas againn air slàinte is sunnd a’ phobaill uile againn, le deagh bhuaidh air dùil beatha agus air càileachd beatha. Gus seo a choileanadh, feumaidh na siostaman slàinte is cùram sòisealta againn obrachadh còmhla gus taic a thoirt do gach neach a bhith beò gu ìre cho neo-eisimeileach ’s a ghabhas, ge b’ e dè na feumalachdan aca agus ge b’ e far a bheil iad a’ fuireach. Bidh feum air giùlan agus cultar eadar-dhealaichte, cleachdaidhean obrach agus modalan lìbhrigidh eadar-dhealaichte thairis air an t-siostam cùraim is taice gu lèir, a’ togail air soirbheachas roghainnean taic fèin-stiùirichte a bheir cumhachd do dhaoine fa leth a bhith a’ planadh airson am feumalachdan cùraim fhèin.

Bu chòir taic a thoirt do dhaoine nan dachaighean, taobh a-staigh nan coimhearsnachdan aca agus am measg an teaghlaich is an caraidean. Bu chòir dhan taic seo cothrom a thoirt do dhaoine na rudan a tha cudromach dhaibh a choileanadh, le stiùireadh agus sireadh bheachdan air an taic a gheibh iad.

Feumaidh daoine, an fheadhainn le feumalachdan taic, agus luchd-cùraim gun phàigheadh a bhith aig cridhe cho-dhùnaidhean mun taic slàinte agus cùraim sòisealta ionadail. Feumaidh iad a bhith comasach air a ràdh dè na rudan as cudromaiche dhaibh agus gun tèid seo a chur an gnìomh. Bu chòir na miannan sin a chlàradh agus a cho-roinn le proifeiseantaich slàinte is cùram sòisealta iomchaidh gus taic a chumail ri seo. Far a bheil còraichean is saorsainnean dhaoine air an cuingealachadh ri linn neo-chomas no ceartas, feumaidh na còraichean aca a bhith air an gleidheadh cho fada 's a ghabhas. Bheir seo cothrom do dhaoine cùram, làimhseachadh agus taic fhaighinn a rèir nam feumalachdan agus roghainnean aca fhèin. Nì e cinnteach gun urrainn do gach neach a tha an sàs obrachadh còmhla gus taic a chumail ri builean co-roinnte.

Tha roghainnean taic fèin-stiùirichte a' toirt cumhachd do dhaoine fa leth planadh airson nam feumalachdan cùraim aca fhèin. Bidh e nas fhasa do dhaoine taic iarraidh ma tha slighe dhìreach ann gus taic fhaighinn agus gus dèanamh cinnteach nach fheum iad an sgeulachd aca innse ach aon turas. Bheir sinn piseach air a' phròiseas gus beachdachadh air feumalachdan dhaoine agus gus co-dhùnadh dè an taic a tha a dhìth, a' cur daoine aig cridhe cho-dhùnaidhean mun chùram aca agus a' togail air an neartan. Bheir sinn cruth-atharrachadh air lìbhrigeadh taic cùram sòisealta, a' gluasad air falbh bho fhòcas air cunnart agus an àite sin, bithear a' toirt cothrom do dhaoine cothrom fhaighinn air an taic cùram shòisealta a tha a dhìth orra nan coimhearsnachdan gus am bi beatha cho coileanta 's a ghabhas aca. Cuiridh an dòigh-obrach seo ri cungaidh-leighis fìor-riochdachail (realistic medicine), far am faigh daoine fiosrachadh cunbhalach gus an urrainn dhaibh an uair sin a bhith nan làn chom-pàirtichean anns na planaichean taice is cùraim aca. Bidh planadh agus solarachadh cùram slàinte coimhearsnachd na phàirt chudromach den phròiseas seo.

Neartaichidh a bhith a' cruthachadh Clàr Cùraim Nàiseanta na h-amasan sin. Nì e cinnteach gun gluais an dàta agus fiosrachadh riatanach aig daoine thairis air na roinnean còmhla riutha, a rèir laghan dìon dàta, bho ro-chasg agus eadar-teachd tràth gus solar èiginneach agus speisealach.

Tha ro-chasg, eadar-theachd tràth agus ath-shlànachadh nuair a thig rudan am bàrr an tòiseach ro-chudromach ann bhith a' toirt piseach air builean dhaoine. Airson seo, feumar taic slàinte is cùram a tha dha-rìribh amalaichte aig ìre an neach fa leth. Nuair a bhios e soirbheachail, bidh am fòcas seo air tasgadh tràth a' fàgail nach eil feum air gnìomh nas cosgaile nas fhaide air adhart. Mar eisimpleir, tha eòlas sònraichte aig teiripichean dreuchdail cùram sòisealta a tha air leth luachmhor ann a bhith a' faighinn nam fuasglaidhean as fheàrr gus taic a thoirt do dhaoine nan dachaighean fhèin. Ma thèid pìos uidheamachd a chur a-steach no ma thèid atharrachadh ann an deagh àm, cuiridh seo bacadh no dàil air feumalachdan slàinte agus cùram sòisealta a bhith a' fàs nas èiginniche.

Gu tric tha na siostaman cùram sòisealta, obair shòisealta agus cùram-slàinte coimhearsnachd air an stiùireadh le taic ann an suidheachadh èiginneach seach le ro-chasg agus eadar-teachd tràth. Feumar fòcas a chur air a bhith a' toirt atharrachadh air an dòigh sa bheil seirbheisean slàinte coimhearsnachd, taic cùram sòisealta agus obair shòisealta air an dealbhadh agus air a bhith a' co-obrachadh ri chèile. Feumar prìomhachas a thoirt do ro-chasg, eadar-theachd thràth agus ath-ghnàthachadh. Gluaisidh daoine gun chnap-starra eadar diofar sheòrsaichean cùraim agus taic nuair a bhios am feumalachdan ag atharrachadh.

Tha àite ioma-thaobhach aig an treas roinn ann an slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd agus feumaidh iad cumail orra a' dèanamh sin gus an soirbhich leis na h-ath-leasachaidhean sin. Sheall an galar sgaoilte gu bheil buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean san treas roinn de gach meud aig cridhe na cùise ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil daoine a dh'fheumas cùram a' faighinn na taic a tha a dhìth orra le beatha làitheil. Gu math tric bidh an cùram agus an taic sin a' dol nas fhaide na solar cùraim riaghlaichte gus dèanamh cinnteach gu bheil càileachd beatha nas fheàrr aig daoine stèidhichte air sunnd agus còraichean daonna. A bharrachd air eòlas farsaing ann an solar cùraim riaghlaichte de dheagh chàileachd, tha an treas roinn a' tabhann raon farsaing de sheirbheisean sunnd. Tha iad sin a' gabhail a-steach càirdeasachd, gnìomhan coimhearsnachd, còmhdhail coimhearsnachd, lìonraidhean de dh'eòlas beatha no seirbheisean nuair a bhios daoine dhachaigh bhon ospadal.

Le bhith a' toirt piseach air taic cùram sòisealta, gu sònraichte a' meudachadh eadar-theachd thràth agus ro-chasg, agus a' toirt taic do luchd-cùraim gun phàigheadh, a' gabhail a-steach luchd-cùraim òga gus an slàinte agus an sunnd a dhìon, lùghdaichidh seo cosgaisean a thigeadh air pàirtean eile den roinn phoblaich. Dh'fhaodte gum bi seo a' gabhail a-steach tursan dhan ospadal gun dùil, feumalachdan taic còmhnaidh a bharrachd, dealachaidhean teaghlaich agus barrachd. Tha e duilich tuairmse iomlan a dhèanamh air meud nan èifeachdasan agus nam buannachdan sin, ach tha dùil gum bi iad mòr.

A' rèiteachadh eadar-ghluasadan fuadain agus a' beachdachadh barrachd air amalachadh sheirbheisean

Gu ìre mhòr, chan eil beatha dhaoine a rèir roinnean-seòrsa. Feumaidh diofar sheirbheisean – mar eisimpleir, cùram sòisealta, obair shòisealta, agus cùram-slàinte – obrachadh còmhla gus taic èifeachdach a thoirt do dhaoine agus do theaghlaichean. Tha an tar-ghluasad eadar seirbheisean taic cùraim shòisealta agus obair shòisealta do chloinn agus do dh'inbhich uaireannan na phròiseas toinnte do dhaoine òga agus an teaghlaichean, agus ghabhadh piseach a thoirt air seo le co-òrdanachadh, planadh agus conaltradh nas fheàrr.

Is urrainn dhan amalachadh, ath-sgrùdadh, agus eadar-gluasad eadar seirbheisean inbhich a bhith duilich agus dùbhlanach cuideachd. Mar thoradh air sin cha bhi mòran dhaoine fa leth a' faighinn a' chùraim agus na taic a tha a dhìth orra tron t-siostam air fad aig àm a bheir comas dhaibh builean a choileanadh agus deagh bheatha a bhith aca.

Tha luchd-cùraim òga nan eisimpleir de seo leis gu bheil iad anns a' bheàirn eadar seirbheisean inbheach is chloinne, agus tha an taic aca cuideachd feumach air co-òrdanachadh le foghlam.

Gu tric bi dàimhean iom-fhillte no ro iom-fhillte aig daoine a tha an sàs ann an obair shòisealta agus seirbheisean sòisealta a dh'fheumas cùram-slàinte gu cunbhalach - agus tha e a' cur ris na dùbhlain agus na duilgheadasan a tha aca gu bheil aca ri dèiligeadh ris na dùbhlain seo.

Bidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta ag amas air na sgaraidhean agus na h-eadar-ghluasadan thairis air agus eadar na diofar sheòrsaichean cùraim is taic a lùghdachadh. A’ cur dhaoine aig cridhe chòmhraidhean mu chùram is taic an dà chuid aig ìre ionadail agus aig ìre an neach fa leth.

Lorg IRASC fianais gun robh na Co-bùird Amalachaidh air dèanamh gu math a thaobh seirbheisean cùram sòisealta agus obair shòisealta na cloinne far an deach na seirbheisean sin a thiomnadh dhaibh. Ach, tha sinn ag aithneachadh nach deach seirbheisean cùram agus obair shòisealta chloinne agus obair shòisealta ceartais a sgrùdadh gu mionaideach leis an Lèirmheas. 'S e am prìomh amas airson seirbheisean cùram sòisealta agus obair shòisealta chloinne An Gealltanas a lìbhrigeadh, le obair a' dol air adhart air seo mar-thà. Thathar cuideachd a' beachdachadh air mar as urrainnear am modail airson obair shòisealta ceartas san àm ri teachd a mheasadh agus a sgrùdadh air stèidh cho-obrachail.

Chomharraich an Lèirmheas Cùram Neo-eisimeileach, a chruthaich an sgrìobhainn an Gealltanas, gun robh feum air atharrachadh gus beatha agus piseach a thoirt air builean chloinne, dhaoine òga agus theaghlaichean a tha no a bha ann an cùraim. Ann a bhith a' cumail a' Ghealltanais, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil seirbheisean, ag obair còmhla, a' solarachadh na tha a dhìth air ar clann agus ar daoine òga gus soirbheachadh agus le bhith a' dèanamh seo, gun toir seo piseach air an ìre de thaic bho àm breith gu aois inbheach gus an àireamh chloinne, dhaoine òga agus theaghlaichean a tha a' tighinn a-steach dhan t-siostam cùraim a lùghdachadh gu mòr.

Tro obair le com-pàirtichean, luchd-ùidh agus daoine le eòlas beatha, thèid bunait fianais a chruthachadh gus tuigse fhaighinn air na dòighean riaghladh ionmhais agus modalan cùraim as fheàrr gus seirbheisean a lìbhrigeadh do chloinn agus do dhaoine taobh a-staigh siostam a’ cheartais, co-dhiù tha iad seo taobh a-staigh no taobh a-muigh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.

Bidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta air a dealbhadh gus a bhith comasach air an dà chuid seirbheisean obair shòisealta chloinne agus ceartais a ghabhail a-steach, le ùmhlachd do dh’fhianais a dhearbhas an e seo an dòigh-obrach as fheàrr airson gach seirbheis.  

Airson seirbheisean chloinne, bidh seo a’ gabhail a-steach measadh air na diofar mhodalan amalachaidh a th’ ann aig an àm seo, leis gun toir stèidheachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta atharrachadh air na structaran làithreach. Fiosraichidh am measadh seo an co-dhùnadh am bu chòir seirbheisean sòisealta na cloinne a bhith air an gabhail a-steach san t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta. Aig cridhe na h-obrach seo bidh beachdachadh air dè am modail seirbheis a bheir comas dhan Ghealladh a bhith air a lìbhrigeadh san dòigh as èifeachdaiche, le beachdachadh soilleir air a’ bhuaidh air gluasad chloinne gu seirbheisean inbheach. Thèid an co-dhùnadh a ghabhail am bu chòir seirbheisean chloinne a thoirt a-steach don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta às dèidh na h-eacarsaich togail fianais seo. Tha Riaghaltas na h-Alba air aontachadh barrachd co-chomhairleachaidh poblach a dhèanamh mar phàirt den phròiseas co-dhùnaidh sin agus gum bi daoine le eòlas beatha a’ gabhail pàirt, a’ gabhail a-steach clann agus daoine òga a tha a’ cleachdadh sheirbheisean, agus daoine a tha ag obair air feadh na roinne.

San aon dòigh, a thaobh seirbheisean obair shòisealta ceartais, tha Riaghaltas na h-Alba an dùil a bhith ag obair gu dlùth le luchd-ùidh gus sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na buannachdan agus na cunnartan a tha an lùib in-ghabhail agus gus modal lìbhrigidh ùr a cho-dhealbhadh, gus co-dhùnadh deireannach fhiosrachadh a thaobh tar-chur nan seirbheisean sin. Mar a thachras a thaobh seirbheisean chloinne, thèid co-chomhairle phoblach a chumail mar phàirt den obair seo, agus bidh an tar-ghluasad fhèin fo ùmhlachd sgrùdadh agus aonta pàrlamaideach.

Bu chòir a thoirt fa-near, ged a bhios mòran de phrìomh eileamaidean agus phrionnsapalan bunaiteach na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a’ cuairteachadh a h-uile seirbheis a dh’fhaodadh a bhith ann - leithid cudromachd eadar-theachd thràth agus dòigh-obrach iomlan airson coinneachadh ri feumalachdan dhaoine - is dòcha gum feumar sgrùdadh a bharrachd air taobhan eile ma bhios seirbheisean a bharrachd air an cur ris gus dèanamh cinnteach gu bheil iad iomchaidh ann an diofar cho-theacsan.  

A' togail Choimhearsnachdan Làidir

Bidh an dòigh sam bi sinn a' comharrachadh fheumalachdan agus an uair sin a' coimiseanadh seirbheisean slàinte coimhearsnachd agus cùram sòisealta a' coimhead agus a' faireachdainn eadar-dhealaichte san àm ri teachd. Mar thoradh air a' phròiseas gus faighinn a-mach dè an ìre de dh'fheum is de dh'iarrtas a th' ann thar choimhearsnachdan, dè ar comas freagairt, mar a bheir sinn taic do dhaoine fa leth agus le leantalachd ar dòigh-obrach a thaobh coimiseanadh beusach, bidh cunbhalachd nas fheàrr ann an taic cùram sòisealta de dheagh chàileachd air feadh na h-Alba.

Tha sinn a’ moladh gun cruthaich agus gun stiùirich an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta Stiùireadh Coimiseanaidh is Solarachaidh Nàiseanta airson coimiseanadh is solarachadh beusach airson solar cùram sòisealta, obair shòisealta, slàinte coimhearsnachd agus cùram is taic eile.

Nì seo cinnteach gum bi coimiseanadh agus solarachadh a' toirt taic do dhòigh-obrach a tha stèidhichte air còraichean daonna a thaobh taic slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd, a' gabhail a-steach daoine le eòlas beatha air a' phròiseas, a' dèanamh cinnteach gu bheil obair chothromach ann, agus a' brosnachadh seasmhachd agus a bhith stèidhichte air cunntachalachd cho-roinnte. Nì e cinnteach gum bi na seirbheisean a tha air an toirt seachad fon Structar Nàiseanta a rèir nam bun-ìrean càileachd a shuidhicheas sinn. Nì Structar nan Inbhean cinnteach gum bi dòigh-obrach chunbhalach agus bheusach ann a thaobh Coimiseanadh agus solar, a' toirt buaidh air càileachd seirbheis air feadh na h-Alba.

Feumaidh na tha an treas roinn a' toirt seachad a bhith air a shealltainn nas fheàrr agus air a cheangal nas fheàrr ri dealbhadh agus solarachadh slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd gus piseach a thoirt air èifeachdas an t-siostaim air fad. Mar phàirt de dh'atharrachaidhean air coimiseanadh agus solar beusach, feumaidh an treas roinn, còmhla ris na roinnean poblach agus neo-eisimeileach, a bhith na cho-riochdaire air slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd, a tha aig cridhe planadh agus solar sheirbheisean agus dhan beairteas taic a nì beatha nas fheàrr dhaibhsan a tha a' faighinn cùram.

Cumaidh sinn oirnn a' toirt taic do lìonra Eadar-aghaidhean na Treas Roinne gus a bhith mar mheadhan agus mar chomasaiche aig ròl an treas roinn ann an slàinte coimhearsnachd agus cùram sòisealta aig ìre ionadail. Aig an ìre nàiseanta, obraichidh sinn le solaraichean treas roinn nàiseanta gus dèanamh cinnteach gu bheil an cuid eòlais agus sgilean aig cridhe a bhith a' toirt comas nan ath-leasachaidhean sin gu buil.

Tha far a bheil daoine a' fuireach gu math cudromach dhaibh. Tha an fhreagairt ionadail do Chovid air sealltainn cho cumhachdach 's a tha na coimhearsnachdan againn agus mar as urrainn dhaibh tighinn còmhla agus atharrachadh a dhèanamh gus buaidh a thoirt air an àm ri teachd aca.

Tha togail beartas coimhearsnachd na dhòigh-obrach a thaobh leasachadh eaconamach ionadail le daoine aig a' chridhe, a bhios ag ath-stiùireadh beartas air ais dhan eaconamaidh ionadail, agus a' cur smachd agus buannachdan ann an làmhan muinntir an àite. Is urrainn pàirt nas motha a bhith aig coimiseanadh taic slàinte is cùram coimhearsnachd, le cuideachadh bho sholarachadh adhartach, ann a bhith a' cumail taic ri cosnadh ionadail, a' toirt taic do agus a' fàs modalan gnìomhachais a chruthaicheas barrachd beairteis dhan eaconamaidh ionadail agus a tha nas fheàrr do mhuinntir an àite.

Tha togail comas coimhearsnachd a’ gabhail a-steach a bhith a’ cruthachadh sheirbheisean poblach nas in-ghabhalaiche a tha stèidhichte air daoine le fòcas air an fheadhainn leis a bheil an fheum as motha, agus a’ cruthachadh bhun-structaran ionadail a leigeas le daoine deagh bheatha a bhith aca sna coimhearsnachdan aca. Mar phàirt de seo, feumaidh Riaghaltas na h-Alba cuideachd a bhith air tùs ghnothaichean ann a bhith a’ cur air adhart dòigh-obrach cheangailte airson a bhith a’ lìbhrigeadh sheirbheisean poblach gu h-ionadail. Cuiridh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta taic ris a’ Phrògram Cumhachdachadh Choimhearsnachdan tro na pròiseasan coimiseanaidh is solarachaidh aice. Le bhith a’ dèanamh seo tha e a’ toirt comas do choimhearsnachdan barrachd smachd a ghabhail agus eadar-dhealachadh a dhèanamh ann a bhith a’ dèiligeadh ri neo-ionannachd san dòigh aca fhèin, a’ toirt cumadh air an àm ri teachd aca fhèin.

A' cumail taic ri Ionadaileachd agus Com-pàirteachas

Chan e aon bhuidheann mhòr a bhios san t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta. Bidh ionadaileachd bunaiteach ann a bhith a’ togail na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, air a lìbhrigeadh tro bhuidhnean lìbhrigidh ionadail agus air a phlanadh aig ìre ionadail. Bheir Ministearan na h-Alba maoineachadh gu dìreach do na buidhnean ionadail sin agus bidh iad cunntachail do Mhinistearan na h-Alba. Ach, bidh na buidhnean ionadail air an riaghladh le daoine às an sgìre aig a bheil eòlas air na cùisean ris am feumar dèiligeadh ann an sgìrean bùird ionadail. Bidh planadh aig ìre ionadail cudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil taic agus seirbheisean a rèir feumalachdan dhaoine sna coimhearsnachdan aca fhèin. Le bhith a’ cur cunntachalachd nàiseanta agus eòlas ionadail ri chèile, nì sin cinnteach gum faighear an cothromachadh ceart ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil càileachd seirbheis chunbhalach agus chothromach ann air feadh na h-Alba.

Tha sinn cuideachd mothachail gum bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail eadar-aghaidhean làidir le seirbheisean eile lethid, taigheadas, daoine gun dachaigh, foghlam, siostam a’ cheartais, Seirbheis Prìosain na h-Alba agus eile. Gabhaidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta agus na buidhnean lìbhrigidh ionadail pàirt ann an rèiteachaidhean planaidh co-roinnte a tha ann mar-thà leithid le Bùird Slàinte agus Com-pàirteachasan Planaidh Coimhearsnachd, agus bidh iad cuideachd an urra ri co-dhealbhadh agus stèidheachadh solarachadh cùram sòisealta. Cuiridh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta dhòigh-obrach ioma-bhuidhneach an comas a thaobh dìon a’ phobaill agus thèid taic a chumail ris, a thèid a lìbhrigeadh aig ìre com-pàirteachais. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil dàimhean co-obrachail èifeachdach aig an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta le raon farsaing de bhuidhnean eile, a’ gabhail a-steach ùghdarrasan ionadail, bùird slàinte, Poileas Alba agus na buidhnean a tha a’ lìbhrigeadh seirbheisean, le fòcas air feumalachdan dhaoine a choileanadh.

San àm ri teachd, dh'fhaodte gun tèid seirbheisean taic cùram sòisealta a phlanadh agus a choimiseanadh aig ìre nàiseanta air stèidh 'Aon turas a-mhàin airson Alba'. Thuirt IRASC gum faodadh seo a bhith fìor airson seirbheisean slàinte is cùram sòisealta ann am prìosanan agus le taic do dhaoine le feumalachdan sònraichte no iom-fhillte, a' gabhail a-steach coimiseanadh nàiseanta air ath-shlànachadh còmhnaidh airson deoch làidir is drogaichean agus taic do dhaoine le iomadh feum agus feuman ioma-fhillte.

Dè thachras a-nis?

Chan eil anns an aithris seo ach toiseach a’ chòmhraidh. Tha gealltanas aig Riaghaltas na h-Alba An t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a bhith stèidhichte agus an gnìomh ro dheireadh teirm làithreach na pàrlamaid ann an 2026, agus gheall sinn an reachdas a thoirt air adhart gus a chruthachadh ro dheireadh an Ògmhios 2022.

Tha sinn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid, a tha a’ mìneachadh frèam airson nan atharrachaidhean a tha sinn ag iarraidh a dhèanamh agus a’ toirt chumhachdan do Mhinistearan na h-Alba a bhith ag obair tron mhion-fhiosrachadh mean air mhean. Cha dèan sinn cus cabhag leis a’ phròiseas seo oir tha sinn airson mion-fhiosrachadh a chruthachadh agus a cho-dhealbhadh tron chom-pàirteachas le daoine an tha an dà chuid air cùram fhaighinn no air cùram a thoirt seachad.

Le bhith a’ cleachdadh na dòigh-obrach seo a thaobh a’ Bhile bidh e comasach dhuinn com-pàirteachadh a dhèanamh le daoine aig gach ìre agus conaltradh agus co-obrachadh gus an tèid cùisean a lìbhrigeadh do dhaoine gu ceart. Tha e cuideachd a’ ciallachadh, nuair a bhios an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a’ fàs agus a’ cruthachadh dhòighean ùra air rudan a dhèanamh, gun urrainn dha freagairt gu sgiobalta ris na h-atharrachaidhean sin.

Bidh Riaghaltas na h-Alba a' stiùireadh agus a' co-òrdanachadh a' phrògram atharrachaidh. Mar as fhaisge a bhios sinn air 2026 is ann as motha a ghluaiseas an obair thar-gluasaid do na buidhnean com-pàirteach againn.

Gus taic a chumail ris an tar-ghluasad thairis air an t-siostam slàinte is cùram sòisealta againn, tha daoine mar-thà ag obair còmhla agus a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan agus leis na daoine a bhios a’ cleachdadh nan seirbheisean againn gus eòlas dhaoine air an t-siostam againn a leasachadh. Fhad ’s a thathar a’ cruthachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, bidh modhan leasachaidh nàiseanta ùra is leantainneach a’ dol air adhart – a’ gabhail a-steach prògraman ceannardais airson àrd-shiostaman, seiseanan trèanaidh inntrigidh airson ùghdarrasan amalachaidh agus na prìomh buidhinn, taic cunbhalach le ceannardais - agus do dhaoine fa leth, agus frèam gus leasachaidhean a chur an comas air seirbheisean ionadail agus air cùram le daoine aig a’ chridhe – tha iad sin uile a’ cumail taic ri lìbhrigeadh soirbheachail sheirbheisean amalaichte. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh leasachadh leantainneach agus sinn a’ feuchainn ri comas an t-siostam a thoirt gu buil an-dràsta.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ribh uile thairis air na bliadhnaichean ri thighinn gus an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a chruthachadh airson a h-uile duine agus bhith a’ toirt seachad taic slàinte coimhearsnachd agus cùram sòisealta den t-seòrsa air a bheil sinn uile airidh.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top