Comhairlean coimhearsnachd: dreachd ghnàth-riaghailtean

Gaelic version of the model standing orders for community councils.


Dreachd ghnàth-riaghailtean

1. Coinneamhan (air an cumail san fhollais)

(a) Bidh coinneamhan cumanta den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air an cumail ann am mìosan ..................................................... [ri lìonadh]. Faodar Coinneamhan Sònraichte a ghairm aig àm sam bith a bheir Cathraiche na comhairle coimhearsnachd òrdugh ma tha e air iarraidh le dara leth an àireamh iomlan de bhuill COMHAIRLE COIMHEARSNACHD aig a' char as lugha; no ma gheibhear iarrtas sgrìobhte (athchuinge) coitcheann, air a shoidhneadh le 20 neach aig a' char as lugha, a tha a' còmhnaidh ann an sgìre na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD, coinneamh shònraichte a ghairm airson cùis no cùisean sònraichte a tha rin deasbad, gairmear coinneamh mar sin. Bidh coinneamh shònraichte air a cumail taobh a-staigh 14 latha bho gheibhear iarrtas a thàinig gu Rùnaire na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD. Tha coinneamhan bliadhnail air an cumail gach bliadhna.

(b) Bidh am fios mu choinneamhan cumanta agus bliadhnail den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD, a' sealltainn a' chinn-là, an uair agus an t-àite, air a thoirt do gach ball COMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus oifigear ainmichte an ùghdarrais ionadail le Rùnaire na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD, 10 latha aig a' char as lugha ron cheann-là a chaidh a shuidheachadh airson na coinneimh.

2. Geàrr-chunntas

Bidh geàrr-chunntas air imeachdan coinneamh den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air a dhèanamh taobh a-staigh ceithir-deug latha de cheann-là na coinneimh sin, air a sgaoileadh ann na co-rèir ri paragraf 3 den Sgeama Chomhairlean Coimhearsnachd agus bidh e, às dèidh dhaibh aontachadh, air a shoidhneadh aig an ath choinneamh den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD leis an neach a tha air ceann na coinneimh agus air a ghleidheadh airson an ama ri teachd.

3. Cuòram

'S e an cuòram treas cuid de ballrachd bhòtaidh na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD aig an àm, no 3 buill bhòtaidh, ge b' e dè an àireamh as motha.'

4. Òrdugh gnothaich

(i) Coinneamh chumanta

Bidh an t-òrdugh gnothaich aig a h-uile coinneamh chumanta den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD mar a leanas: -

(a) Clàradh nam ball a tha an làthair agus leisgeulan a fhuaireadh.

(b) Bidh geàrr-chunntas na coinneamh mu dheireadh aig a' CHOMHAIRLE CHOIMHEARSNACHD air a chur a-steach airson aonta.

(c) Bu chòir beachdachadh air nithean sam bith eile sa chlàr-gnothaich, a tha an Cathraiche air òrdachadh.

(d) Gnothach iomchaidh sam bith eile.

(e) Ceistean bhon làr.

(f) An Cathraiche ag ainmeachadh ceann-là na h- ath choinneamh agus a' dùnadh na coinneimh.

(ii) Coinneamh bhliadhnail

Aig amannan cuiridh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD coinneamh chumanta den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air dòigh a bhios a' tòiseachadh aig crìoch na coinneamh bhliadhnail, gus am faighear air cunntas sam bith eile air cùisean gnothaich a chluinntinn; agus cothrom a thoirt do bhuill na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus buill den phoball nithean a thoirt gu aire na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD, a dh'fhaodar a chur air clàr-gnothaich ri teachd.

Bidh an t-òrdugh gnothaich aig a h-uile coinneamh bhliadhnail den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD mar a leanas:

(a) Clàradh nam ball a tha an làthair agus leisgeulan a fhuaireadh.

(b) Bidh geàrr-chunntas coinneamh bhliadhnail bho dheireadh na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD air a chur a-steach airson aonta.

(c) Aithisg Bhliadhnail a' Chathraiche (agus ceistean bhon làr).

(d) Aithisg Bhliadhnail an Rùnaire (agus ceistean bhon làr).

(e) Ionmhasair a' cur a-steach Cunntas Cothromachaidh agus Cunntasan Bliadhnail gu dligheach air an sgrùdadh gu neo-eisimeileach agus air dearbhadh gu bheil iad ceart (agus ceistean bhon làr).

(f) Buill a' leigeil dhiubh an dreuchd /taghadh luchd-dreuchd.

(g) An Cathraiche ag innse ceann-là na h-ath choinneimh bhliadhnail agus a' dùnadh na coinneimh.

(iii) Coinneamh choitcheann shònraichte

Bidh an t-òrdugh gnothaich aig a h-uile coinneamh choitcheann shònraichte den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD mar a leanas: -

(a) Clàradh nam ball a tha an làthair agus leisgeulan a fhuaireadh.

(b) Gnothach deasbaid, mar a tha air a mhìneachadh ann am fios-gairm na coinneamh shònraichte.

(c) An Cathraiche a' dùnadh na coinneimh.

5. Òrdugh deasbaid

(a) Bidh an Cathraiche a' co-dhùnadh a h-uile ceist òrduigh, buntainneachd agus iomchaidheachd ag èirigh aig coinneamhan den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus bidh a' bhreith dheireannach aice/aige agus cha bhi sin fosgailte airson deasbaid. Gu sònraichte, suidhichidh an Cathraiche òrdugh, buntainneachd agus iomchaidheachd a h-uile ceist bhon t-sluagh a tha an làthair aig coinneamhan den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air a thogail aig 4, gu h-àird. Ann a bhith a' suidheachadh òrdugh, buntainneachd agus iomchaidheachd gnothaich agus ceistean bidh an Cathraiche a' toirt aire shònraichte do bhuntainneachd na cùise don choimhearsnachd agus a' dèanamh cinnteach gu bheil an deasbad agus na h-imeachdan air an stiùireadh air dhòigh 's gun dèanar co-dhùnaidhean gu deamocratach. Bidh cumhachd aig a' Chathraiche, ma dh'èireas aimhreit aig coinneamh sam bith, a' choinneamh COMHAIRLE COIMHEARSNACHD a chur an dàil gu uair a dh'fhaodadh e/i a shuidheachadh aig an àm sin, no aig àm eile,.

(b) Bidh a h-uile gluasad no atharrachadh air a chur air adhart agus taic air a chur ris.

(c) Às dèidh don Chathraiche neach a tha a' cur gluasad air adhart a ghairm airson freagairt, cha bhruidhinn buill sam bith eile ris a' cheist.

(d) Aon uair 's gum bi gluasad no atharrachadh air a dhèanamh agus taic air a chur ris cha tèid an tarraing air ais gun chead an neach a chur air adhart iad agus an neach-taic.

(e) Cha bhi gluasad no atharrachadh a tha an aghaidh co-dhùnadh a rinn a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD roimhe iomchaidh taobh a-staigh sia mìosan den cho-dhùnadh sin.

6. Bhòtadh

(a) Bidh bhòtadh air a dhèanamh le cunntadh làmh de na tha an làthair agus ion-roghnach airson bhòtadh, ach a-mhàin gum faodar, aig coinneamh bhliadhnail, taghadh luchd-dreuchd a chumail tro bhaileat dìomhair.

(b) Bidh bhòt seulachaidh aig Cathraiche coinneamh den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD a thuilleadh air bhòt meòrachaidh.

7. Atharrachadh ghnàth-riaghailtean

Faodar moladh don ùghdarras ionadail na Gnàth-riaghailtean sin atharrachadh le atharrachadh no cur riutha aig àm sam bith leis a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD, cho fad 's a tha am fios mun ghluasad sin air a thoirt aig a' choinneamh COMHAIRLE COIMHEARSNACHD ron choinneamh aig a bheil an gluasad air a dheasbad. Bidh an co-dhùnadh deireannach aig an ùghdarras ionadail air atharrachadh sam bith a chaidh a mholadh.

8. Comataidhean

Faodaidh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD a bhith a' suidheachadh comataidhean mar a cho-dhùineas iad bho àm gu àm agus a' suidheachadh am buill, cumhaichean iomraidh, fad, dleastanasan agus cumhachdan.

9. Cur gnàth-riaghailtean an dara taobh

Cha bhi na Gnàth-riaghailtean sin air an cur an dara taobh ach a-mhàin aig coinneamh aig am bi trì-chairteal den àireamh iomlan de bhuill COMHAIRLE COIMHEARSNACHD an làthair agus an uair sin a-mhàin ma dh'innseas an neach-gluasaid an t-adhbhar air a shon agus ma tha dithis a-mach à triùir de na buill a tha an làthair ag aontachadh ris.

Back to top