Comhairlean coimhearsnachd: dreachd bhun-reachd

Gaelic version of the model constitution for community councils.


1. Ainm

'S e ainm na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD.....…………..…........ ("a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD" san sgrìobhainn seo.

2. Sgìre na Comhairle Coimhearsnachd

'S e sgìre na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD na tha air a chomharrachadh air a' mhapa an cois Sgeama an ùghdarrais ionadail airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd.

3. Amasan

'S iad amasan na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD:

(a) faighinn a-mach, co-òrdanachadh agus innse beachdan na coimhearsnachd a tha iad a' riochdachadh, ceangal a dhèanamh ri buidhnean coimhearsnachd eile taobh a-staigh na sgìre, agus cur an cèill gu cothromach diofar barailean agus bheachdan an t-sluaigh;

(b) cur an cèill beachdan na coimhearsnachd don ùghdarras ionadail airson na sgìre, ùghdarrasan poblach agus buidhnean eile;

(c) nithean a dhèanamh airson math na coimhearsnachd a thathar a' meas feumail agus ion-dhèanta;

(d) adhartachadh mathas-beatha na coimhearsnachd agus brosnachadh spiorad coimhearsnachd;

(e) a bhith na dhòigh trom faigh sluagh na sgìre air am barailean a chur an cèill air nì sam bith a tha a' toirt buaidh air am beatha, an slàinte, an àrainneachd, a leasachadh agus an goireasan.

4. Dleastanas agus Uallaichean

Ann an coileanadh an gnìomhan agus an gnothaichean, bheir a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus a ballrachd aire don dleastanas agus uallaichean mar a tha air a chomharrachadh ann am paragraf 3 den Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd, a tha air aontachadh leis an ùghdarras ionadail agus Còd Giùlain nan Comhairlichean Coimhearsnachd.

5. Ballrachd

Tha ballrachd na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD mar a tha air a riaghladh le paragraf 5 den Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd agus mar a thèid a shuidheachadh bho àm gu àm leis an ùghdarras ionadail.

6. Dòigh Taghaidh

Bidh modhan taghaidh air an riaghladh leis an dòigh taghaidh clàraichte ann am paragraf 7 den Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd.

7. Dreuchdan Sealach air a' Chomhairle Coimhearsnachd

Far an èirich dreuchd bàn nach lean chun an àireamh CHOMHAIRLICHEAN COIMHEARSNACHD a' tuiteam nas ìsle na an àireamh as lugha mar a tha air a shònrachadh ann am paragraf 5 den Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd, agus 6 mìosan aig a' char as lugha air a dhol seachad bhon taghadh mu dheireadh, faodaidh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD, ma tha e ga mheas feumail, aontachadh:-

(a) coinneamh choitcheann shònraichte a chumail gus am faighear air an dreuchd bàn sin (agus dreuchd sam bith eile a tha fhathast bàn) a lìonadh, gus na dreuchdan sin a chur air beulaibh a' phobaill, tagraichean a shireadh agus taghadh a chumail nam biodh an àireamh de thagraichean nas àirde na an àireamh dhreuchdan a tha ann. Bidh taghaidhean eadar-amail air an rianachd leis an ùghdarras ionadail.

(b) lìonadh dreuchd tro cho-thaghadh le còraichean bhòtaidh suas gu cairteal de ballrachd iomlan na comhairle coimhearsnachd aig a' char as àirde mar a tha air a riaghladh le paragraf 7 den Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd.

(c) an dreuchd fhàgail bàn gus an nochd neach san sgìre ùidh ann no chun an ath sheata thaghaidhean reachdail.

8. Còraichean Buill Bhòtaidh na Comhairle Coimhearsnachd

Bidh còir bhòtaidh aig a h-uile COMHAIRLICHE COIMHEARSNACHD taghte no co-thaghte, aig coinneamh no comataidh sam bith den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD, ach cha bhi aig Leas-bhuill air an cur an dreuchd airson cùisean sònraichte air stèidh shealach, no buill tro dhreuchd. Ach a-mhàin suidhichidhean a dh'fhaodas èirigh fon Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd: Clàsa 7 – Taghaidhean Comhairle Coimhearsnachd [Co-thaghadh]; agus Bun-reachd: Clàsa 16 – Atharrachaidhean ris a' Bhun-reachd agus a Clàsa 17 – Sgaoileadh, a h-uile co-dhùnadh den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air a cho-dhùnadh le mòr-chuid shìmplidh de na tha ion-roghnach bhòtadh agus a tha an làthair agus a' bhòtadh.

Mur lean bhòt de na comhairlichean coimhearsnachd gu mòr-chuid, bidh bhòt seulachaidh aig a' chathraiche.

9. Taghadh Luchd-dreuchd

(a) Aig a' chiad choinneamh den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD às dèidh taghaidhean sa bhliadhna a bhios taghaidhean air an cumail agus aig a' Choinneamh Bhliadhnail ann an (ri suidheachadh gu h-ionadail) sa bhliadhna anns nach eil taghaidhean, cuiridh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD an dreuchd Cathraiche, Rùnaire, Ionmhasair agus luchd-dreuchd sam bith eile mar a cho-dhùinear bho àm gu àm.

(b) Bidh a h-uile neach-dreuchd air a thaghadh airson aon bhliadhna, ach bidh iad ion-roghnach airson ath-thaghadh, gun chrìoch ama.

(c) Gun aonta shoilleir bhon ùghdarras ionadail, cha chùm ball sam bith barrachd air aon de na dreuchdan a leanas aig àm sam bith: Cathraiche, Rùnaire no Ionmhasair.

10. Comataidhean den Chomhairle Coimhearsnachd

Faodaidh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD riochdairean a chur an dreuchd gu comataidhean den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus am buill, cumhaichean iomraidh, fad, dleastanasan agus cumhachdan a shuidheachadh.

11. Coinneamhan na Comhairle Coimhearsnachd

(a) 'S e an cuòram airson coinneamhan COMHAIRLE COIMHEARSNACHD treas cuid aig a' char as lugha den bhallrachd bhòtaidh ion-roghnach aig an àm, no 3 buill bhòtaidh ion-roghnach, ge b' e dè an àireamh as motha.

(b) Aon uair gach bliadhna ann am mìos (ri shuidheachadh leis an ùghdarras ionadail) gairmidh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD coinneamh bhliadhnail airson aithisg bhliadhnail a' Chathraiche air a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD fhaighinn agus a sgrùdadh, cur a-steach agus aontachadh aithris air cunntasan bliadhnail sgrùdaichte gu neo-eisimeileach agus suidheachadh luchd-dreuchd.

(c) A' gabhail a-steach na coinneimh bhliadhnail, coinnichidh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD 7 uairean aig a' char as lugha tron bhliadhna.

(d) Bidh cinn-là, uairean agus àiteachan airson coinneamhan cunbhalach den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air an suidheachadh aig a' chiad choinneamh aig a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD às dèidh taghaidhean cumanta agus às dèidh sin aig a coinneamh bhliadhnail. Feumaidh coinneamhan sònraichte fios poblach 10 latha aig a' char as lugha, an dara cuid air an gairm leis a' Chathraiche, no air iarrtas dara-leth an àireamh iomlan aig a' char as lugha de bhuill COMHAIRLE COIMHEARSNACHD. Faodaidh oifigear den ùghdarras ionadail coinneamh den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD a ghairm.

(e) Bidh lethbhric den h-uile geàrr-chunntas air coinneamhan den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus air a comataidhean air an aontachadh aig an ath choinneamh òrdaichte den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD, ach bidh an dreachd gheàrr-chunntas air a chuairteachadh taobh a-staigh 14 latha bho cheann-là na coinneimh sin, gu buill COMHAIRLE COIMHEARSNACHD, pàrtaidhean iomchaidh eile agus chun an oifigear ceangail airson COMHAIRLEAN COIMHEARSNACHD aig an ùghdarras ionadail.

(f) Cumaidh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD ri a Gnàth-riaghailtean airson stiùireadh iomchaidh air a coinneamhan.

(g) Tha a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD fo dhleastanas a bhith mothachail air a' choimhearsnachd a tha iad a' riochdachadh. Ma gheibh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD iarrtas sgrìobhte (athchuinge), air a shoidhneadh le 20 neach aig a' char as lugha a tha a' còmhnaidh taobh a-staigh sgìre na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD airson coinneamh shònraichte a ghairm gus gnothach no cùis sònraichte a dheasbad, bidh a' choinneamh sin air a gairm taobh a-staigh 14 latha bho gheibhear an t-iarrtas sin agus air a sanasachadh ann an dòigh òrdaichte na sgìre airson coinneamhan sònraichte air an gairm leis a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD.

(h) Faodaidh a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD coinneachadh airson beachdachadh air nithean sa chlàr-gnothaich ann an dìomhaireachd far an saoilear iomchaidh sin a dhèanamh. Bidh an co-dhùnadh airson coinneachadh ann an dìomhaireachd air aontachadh ro-làimh agus air a cho-dhùnadh le bhòt mòr-chuid. Bidh fios mun choinneamh sin air a thoirt don mhòr-shluagh san dòigh àbhaisteach. Ach, innsidh am fios gum bi a' choinneamh, no pàirt dhi, air a cumail ann an dìomhaireachd.

12. Com-pàirteachadh Poblach ann na Obair na Comhairle Coimhearsnachd

(a) Bidh a h-uile coinneamh den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus a comataidhean (a rèir 11(h), gu h-àird) fosgailte do bhuill den phoball. Feumar ullachadh iomchaidh a dhèanamh airson buill den phoball a ghabhail a-steach agus aig gach coinneamh bu chòir cothrom a thoirt do bhuill den phoball bruidhinn ris a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD, fo stiùireadh a' Chathraiche.

(b) Bidh fiosan-gairm coinneamhan den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus a comataidhean air am foillseachadh taobh a-staigh na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD airson deich latha aig a' char as lugha ro cheann-là coinneimh sam bith mar sin, agus, far an gabh a dhèanamh, air an sanasachadh air dhòighean freagarrach eile.

13. Fiosrachadh don Ùghdarras Ionadail

Thèid mìosachan bliadhnail a chur gu oifigear ceangail an ùghdarrais ionadail le cinn-là, uairean agus àiteachan choinneamhan òrdaichte na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD, a bu chòir a bhith air an aontachadh aig coinneamh bhliadhnail na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD, geàrr-chunntas air a h-uile coinneamh, an aithisg bhliadhnail, an cunntas ionmhasail bliadhnail agus fiosrachadh freagarrach sam bith eile, a dh'fhaodas bho àm gu àm a bhith air aontachadh eadar a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus an ùghdarras ionadail. Nuair a tha coinneamhan sònraichte den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD gu bhith air an cumail, bu chòir innse do dh'oifigear ceangail an ùghdarrais ionadail ceann-là, uair, àite agus cuspair(ean) deasbaid nan coinneamhan sin, 10 latha aig a' char as lugha ro cheann-là na coinneimh.

14. Riaghladh Ionmhais

(a) Bidh gach suim airgid air a thogail le no às leth na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD no a gheibhear bhon ùghdarras ionadail agus àiteachan eile air a chleachdadh airson amasan na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD a chur air adhart agus cha bhi airson adhbhar sam bith eile. Bidh an t-airgead a gheibhear bhon ùghdarras ionadail san Tabhartas Rianachd bliadhnail airson adhbharan rianachd agus adhbharan aontaichte eile air a chleachdadh a-mhàin mar a chaidh òrdachadh. Faodar airgead a fhuaireadh à àiteachan eile a chleachdadh ann na co-rèir ri cumhaichean an ullachaidh seo (cho fad 's a tha iad co-chòrdail ri amasan na comhairle coimhearsnachd), no mur eil na cumhaichean sin ann, airson amasan na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD a chur air adhart.

(b) Gabhaidh an t-ionmhasair os làimh cunntasan ceart a chumail de shuidheachadh ionmhais na comhairle coimhearsnachd.

(c) Faodaidh dithis de thriùir bhall ùghdarraichte sam bith, sa chumantas luchd-dreuchd den chomhairle coimhearsnachd, an ainm a chur ri seicichean às leth na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD. Chan fhaod luchd-soidhnidh ùghdarraichte a bhith a' còmhnaidh san aon thaigh.

(d) Thèid aithris air cunntasan airson na bliadhna-ionmhais bho dheireadh, sgrùdaichte gu neo-eisimeileach le dà neach-sgrùdaidh air an cur an dreuchd leis a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD, nach eil nam buill den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD seo, a chur a-steach gu coinneamh bhliadhnail den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus bidh e ri fhaotainn airson sgrùdadh ann an àite freagarrach.

(e) Bidh bliadhna-ionmhais na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD bho (ri shuidheachadh leis an ùghdarras ionadail) gu (ri shuidheachadh leis an ùghdarras ionadail) air an ath bhliadhna. Thèid cunntasan sgrùdaichte mar a chaidh am faighinn agus an aontachadh leis a' CHOMHAIRLE CHOIMHEARSNACHD aig a' choinneamh bhliadhnail a chur a-steach chun an ùghdarrais ionadail às dèidh an aontachadh aig coinneamh bhliadhnail na comhairle coimhearsnachd.

15. Còir-sheilbh

Bidh seilbh agus maoin eile a bhuineas don CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air am buileachadh air Cathraiche, Rùnaire agus Ionmhasair na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus air na buill a bhios sna dreuchdan fa leth sin às an dèidh.

16. Atharrachaidhean ris a' Bhun-reachd

Feumaidh moladh sam bith leis a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD airson a' Bhun-reachd seo atharrachadh a bhith an toiseach air a dheasbad le coinneamh den CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus bidh cumhaichean a' mholaidh airson a' Bhun-reachd atharrachadh air fios-gairm na coinneimh, thèid a chur a-mach deich latha aig a' char as lugha ron choinneamh. Chan fhaod atharrachaidhean sam bith a chaidh a mholadh buaidh a thoirt air na cumhaichean agus amasan san Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd.

Ma gheibh am moladh taic bho dhithis a-mach à triùir de bhallrachd bhòtaidh iomlan na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD agus ma bhios e air aontachadh ann an sgrìobhadh leis an ùghdarras ionadail, bithear a' meas gun robh an t-atharrachadh air a cheadachadh agus faodar a chur an gnìomh.

17. Sgaoileadh

Ma cho-dhùineas COMHAIRLE COIMHEARSNACHD le mòr-chuid de dhithis a-mach à triùir den bhallrachd bhòtaidh iomlan aig àm sam bith gu bheil e deatamach no iomchaidh sgaoileadh, suidhichear ceann-là airson coinneamh poblach a chumail gus beachdachadh air an rùn a chaidh a mholadh airson sgaoileadh. Deich latha aig a' char as lugha ro cheann-là coinneimh mar sin feumar fios poblach a chur sa phàipear-naidheachd ionadail. Ma gheibh an rùn taic bho mhòr-chuid de na daoine a tha an làthair agus le cead bhòtadh agus ma bhios e air aontachadh leis an ùghdarras ionadail, bithear a' meas gu bheil a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air a sgaoileadh agus thèid na tha air fhàgail de mhaoin, le aonta an ùghdarrais ionadail, às dèidh coinneachadh ri fiachan no buailteachd iomchaidh sam bith a ghluasad chun an ùghdarrais ionadail a bhios gan gleidheadh airson COMHAIRLE COIMHEARSNACHD sam bith a bhios a' riochdachadh na sgìre sin san àm ri teachd.

Ma bhios a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD air a sgaoileadh fon mhodh gu h-àird, agus gu bheil fichead no barrachd neach-bhòtaidh às dèidh sin ag iarraidh COMHAIRLE COIMHEARSNACHD ath-stèidheachadh airson na sgìre, cuiridh an luchd-bhòtaidh sin a-steach òrdugh chun an ùghdarrais ionadail an co-rèir ri Earrann 52(7) de Achd Riaghaltas Ionadail (Alba) 1973, agus nuair a gheibh an t-Oifigear Taghaidh i nithear ullachadh airson taghaidhean a chumail an co-rèir ris an Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd.

Far a bheil airson adhbhar sam bith, an àireamh de bhuill COMHAIRLE COIMHEARSNACHD a' tuiteam nas ìsle na an àireamh as lugha air a shònrachadh san Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd faodaidh an t-ùghdarras ionadail, le Bun-reachd na COMHAIRLE COIMHEARSNACHD a chur an dara taobh, a' CHOMHAIRLE COIMHEARSNACHD a sgaoileadh agus ma thachras seo, bidh na modhan airson stèidheachadh COMHAIRLE COIMHEARSNACHD ùr a tha air an ainmeachadh sa pharagraf dìreach ron fhear seo, air an cur air bhonn.

18. Aontachadh agus gabhail ris a' Bhun-reachd

Chaidh gabhail ris a' Bhun-reachd seo le COMHAIRLE COIMHEARSNACHD........……………........................., air

...................................................................

Ainm-sgrìobhte: Cathraiche .........................................................

......................................................... Ball

......................................................... Ball

......................................................... Ceann-là

agus bha e air aontachadh às leth Comhairle ………………………..………..air

.........................................................

......................................................... Ainm-sgrìobhte

........................................................ Ceann-là

Dreachd bhun-reachd airson comhairlean coimhearsnachd.pdf
Back to top