Co-chomhairle croitearachd 2017

Tha sinn a’ sireadh bheachdan bho chroitearan agus daoine aig a bheil ùidh ann an ath-leasachadh ann an lagh croitearachd.


Earrann 2 - Roghainnean airson atharrachadh reachdail

Faodar atharrachadh reachdail a dhèanamh ann an diofar chruthan. A thaobh a bhith ag ath-leasachadh reachdas croitearachd, chuir na còmhraidhean ron cho-chomhairle am beachd air adhart gum faodar grunn sheallaidhean a bhith iomchaidh. Bheir gach roghainn a' chuid fhein de bhuannachdan agus eas-bhuannachdan agus feumar iad sin a thuigsinn gu soilleir mus tigear gu co-dhùnadh mun t-sealladh as fheàrr air ath-leasachadh lagh na croitearachd. Chan ann dìreach mu dheidhinn goireasan an riaghaltais no ceist mu cruth an reachdais a tha seo: bheir e ùine is oidhirp do gach neach a tha an sàs a thighinn gu ìre aonta agus reachdas a thoirt tron Phàrlamaid.

Chaidh mòran obrach a dhèanamh gus aithne fhaighinn air contrarrachd agus duilgheadasan le lagh croitearachd, gu sònraichte leis a' Bhuidheann Lagh Croitearachd a bhith a' foillseachadh na h-Aithisg Cruinneachadh Laghan Croitearachd ( Crofting Law Sump Report). Cuideachd, ann an Aithisg Shucksmith bha molaidhean a bheireadh buaidh air lagh na croitearachd. Chaidh aire a thoirt do na puingean sin nuair a chaidh beachdachadh air na roghainnean gu h-ìosal.

Tha na roghainnean a' toirt a-steach bho bhith toirt reachdas croitearachd iomlan bho 1993 air adhart a-steach do dh'aon àite gun a bhith ag atharrachadh a bhuaidh - "daingneachadh" - gu bhith cur air adhart sealladh ùr bho dhuilleag fhalamh.

Tha a' chaibideil seo den cho-chomhairle a' sireadh bheachdan air seallaidhean air ath-leasachadh de reachdas na croitearachd. Chaidh na roghainnean a leanas a chomharrachadh mar sheallaidhean a dh'fhaodar leantainn. Faodaidh luchd-freagairt cuideachd smaoineachadh air roghainnean eile, nam measg sealladh neo-reachdail air atharrachadh, agus tha Ceist 2 a' leigeil le luchd-freagairt molaidhean a chur air adhart.

Tha cuid de luchd-ùidhe air nochdadh gur e aon de na prìomh dhùbhlanan a tha mu choinneimh reachdas croitearachd gu bheil e duilich do chroitearan a thuigsinn, agus nam biodh e comasach dèiligeadh ri seo, dh'fhaodte nach biodh uimhir de dh'fheum air atharrachadh reachdail. Is e aon bheachd mu bhith a' dèiligeadh ri seo gum faodar stiùireadh mionaideach a thoirt do chroitearan mu na cuspairean a tha mun coinneimh aig amannan sònraichte ann am beatha croitear (leithid nuair a thèid croit a shònrachadh dhaibh, a bhith nan sealbhadairean-còmhnaidh no a' clàradh croit).

Tha Riaghaltas na h-Alba agus Coimisean na Croitearachd aig an àm seo an sàs ann an còmhraidhean mu bhith ag ath-sgrùdadh agus ag ùrachadh an stiùiridh a tha an Coimisean a' cur a-mach mu thràth, mar as urrainnear a dhèanamh nas mionaidiche agus mar as urrainnear a chuairteachadh nas fharsainge agus nas fhasa. Ghabhadh an stiùireadh seo ùrachadh a rèir feuma gus atharrachaidhean ann an lagh na croitearachd a thoirt a-steach, nam measg rèiteachadh eadar-amail sam bith a dh'fhaodadh a bhith riatanach ma thèid an reachdas làthaireach atharrachadh.

Roghainn 1 - Bile Daingneachaidh

Bheir Bile Daingneachaidh grunn phìosan reachdais air cuspair lagha còmhla gu bhith ann an aon Achd. Tha e na dhòigh air reachdas a sgioblachadh mun chuspair sin agus a dhèanamh nas fhasa do dhaoine faighinn chun reachdais sin. Cuidichidh sin le bhith ag adhartachadh tuigse air an lagh mun chuspair sin gus am faighear na tha a dhìth anns an aon àite, às aonais a bhith a' beachdachadh air atharrachaidhean san reachdas no bhith a' tuigsinn mar a tha dìofar phìosan reachdais ag obair còmhla.

Chan eil e comasach tron phròiseas Pàrlamaideach airson Bilean Daingneachaidh atharrachaidhean susbainteach a dhèanamh no a bhith a' cur ris an lagh.

Tha Earrann 52 de dh'Achd Ath-leasachadh na Croitearachd (Alba) 2010 a' toirt seachad meadhan reachdail (Òrdugh) gus tomhas de dh'atharrachadh a cheadachadh airson lagh croitearachd a dhaingneachadh. Chaidh seo a dhealbhadh gus am bi e comasach an reachdas croitearachd làthaireach atharrachadh gus dèiligeadh ri neo-chunbhalachd no uireasbhuidhean far am feumar fuasgladh fhaighinn mus biodh e comasach dha daingneachadh a dhol air adhart. Chan urrainnear an Òrdugh seo a dhèanamh ach aon uair 's gun tèid Bile gus reachdas croitearachd a dhaingneachadh air adhart anns a' Phàrlamaid agus tha crìochan air an t-seòrsa atharrachaidhean as urrainn an cumhachd seo a cheadachadh.

Tairbhean:

  • Bheireadh e laghan croitearachd gu lèir a-steach don aon Achd, gus am biodh e nas ruigsinnich.
  • Dh'fhaodate gu bheil cothroman beaga ann gus dèiligeadh ri neo-chunbhalachd no uireasbhuidhean anns an reachdas làthaireach.
  • Dh'fhaodadh an roghainn seo, le ùrachadh ann an stiùireadh do chroitearan is uachdarain na chois, a bhith a' toirt seachad tuigse nas fheàrr air lagh na croitearachd agus mar a tha e ag obair.

Mì-thairbhean:

  • A rèir eòlais cha bhi Bilean Daingeachaidh an-còmhnaidh a' lìbhrigeadh na thathas ag iarraidh, leis nach eil mòran comas ann air reachdas làthaireach atharrachadh agus mar sin gu tric tha cuspairean ann air am biodh a h-uile duine ag iarraidh fuasgladh fhaighinn a thathas dìreach ag ath-aithris.
  • Gu ìre mhòr cha deidheadh fuasgladh fhaighinn air cuspairean leithid an fheadhainn a dh'aithnich Cruinneachadh nan Laghan Croitearachd.
  • Chan eil seo a' toirt comas seachad gus reachdas a dhèanamh nas sùbailte.

Roghainn 2 - Bile ag atharrachadh reachdas làthaireach / Bile Ro-Dhaingneachaidh

Bhiodh an roghainn seo a' feumachdainn dòigh-obrach dà Bhile airson gun deidheadh a choileanadh gu h-iomlan. Bhiodh feum air Bile croitearachd ro-dhaingneachaidh no atharrachaidh a chur ri chèile anns am biodh atharrachaidhean air laghan croitearachd làthaireach, ach cha toireadh e lagh na croitearachd gu h-iomlan còmhla ann an aon phìos reachdais. Dhèanadh Bile Croitearachd mar seo atharrachaidhean air grunn chuspairean co-cheangailte ri lagh croitearachd. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh e dèiligeadh ri cuid de na cuspairean a chaidh ainmeachadh ann an aithisg Shucksmith no anns a' Chruinneachadh Laghan Croitearachd ( Crofting Law Sump).

Dh'fhaodadh am Bile seo a bhith mar ro-ruithear don dàrna pìos reachdais, Bile Daingneachaidh (mar ann an Roghainn 1). Leis gun deach grunn atharrachaidhean a chaidh iarraidh air reachdas làthaireach anns a' Bhile Ro-dhaingneachaidh, dh'fhaodar an dàrna Bile an uair sin a thoirt air adhart gus an reachdas croitearachd buntainneach air fad a dhaingneachadh, agus bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh reachdas croitearachd gu lèir san aon àite. Ach, cha bhiodh e comasach an dà chuid am Bile Ro-dhaingneachaidh agus am Bile Daingneachaidh fhaighinn tron t-seisean Pàrlamaideach làthaireach (a' criochnachadh ann an 2021). Bhiodh seo a' ciallachadh gur ann san àm ri teachd a thachradh daingneachadh, agus bhiodh an co-dhùnadh sin an urra ri rianachd Riaghaltas na h-Alba san àm ri teachd.

Le sin a ràdh, tha cothrom ann reachdas den nàdar seo a thoirt air adhart aig an àm seo, eadhon às aonais daingneachadh agus bhodh cothrom ann dèiligeadh ri barrachd chuspairean na bhiodh comasach fo Bhile Daingneachaidh (roghainn 1).

Tairbhean:

  • Faodaidh reachdas togail air cuspairean prìomhachais luchd-ùidhe, fhad 's a bhiodh aonta ann air na prìomhachasan sin agus mar a gheibhear fuasgladh orra.
  • Cothrom ann air cuid de chuspairean lagh croitearachd a shìmpleachadh, a rèir dè seòrsa atharrachaidhean a nithear.
  • Cothrom ann dèiligeadh ri cuid de na cuspairean/draghan a thog luchd-ùidhe.

Mì-thairbhean:

  • Chan eil mòran cothrom ann dèiligeadh ris a h-uile cuspair a thog luchd-ùidhe, agus, mar sin, faodaidh iarrtas leantainn airson tuilleadh atharrachadh reachdail.
  • Chan eil mòran cothrom ann dèiligeadh ri iarrtas airson lagh croitearachd a shìmpleachadh.
  • Bhiodh fhathast grunn fhilltean ann de lagh croitearachd atharraichte a leanadh gus an deidheadh laghan a dhaingneachadh (anns an ath sheisean Pàrlamaideach aig a' char as luaithe).

Roghainn 3 - Bile ag atharrachadh reachdas làthaireach agus ag ath-aithris lagh croitearachd

Fon roghainn seo, dheidheadh Bile Croitearachd a thoirt air adhart anns am faodar cuid de dh'atharrachaidhean susbainteach air laghan croitearachd a bhith agus a dh' fhaodadh ath-aithris a dhèanamh air cuid no gu h-iomlan air laghan làthaireach. Cha bhiodh feum ach air pìosan nas lugha de reachdas croitearachd, 's dòcha dìreach aon phìos a-mhàin. San t-sealladh seo dheidheadh feuchainn ri àireamh laghan croitearachd a lùghdachadh aig an aon àm ri bhith gan atharrachadh. Dh'fhaodadh gun gearradh an roghainn seo an cothrom air na h-uimhir de dh'atharrachaidhean air susbaint fhaighinn a-steach ann an coimeas ri roghainn 2. Mar sin bhiodh e cudromach deagh aonta a bhith ann a thaobh nam prìomhachasan airson ath-leasachadh mus deidheadh Bile na Croitearachd a dhealbhadh.

Tairbhean:

  • Tha an sealladh seo a' dèanamh comasach cothromachadh a thaobh a bhith dèanamh cuid de na prìomh ath-leasachaidhean agus a bhith a' toirt laghan croitearachd còmhla taobh a-staigh an t-seisein Pàrlamaidich seo.
  • Tha barrachd cothrom ann dèiligeadh ri cuspairean a thaobh dealbhadh agus toinnteachd an lagha làthairich, leis nach bi na riaghailtean teann mu dhaingneachadh a' buntainn ris.
  • Dh'fhaodadh e, ann am prionnsabal, dèiligeadh ri mòran de na cuspairean a chaidh a thogail co-cheangailte ris an reachdas làthaireach, ach bhiodh feum air tomhas de dh'aonta am measg luchd-ùidhe mu dè a tha nam prìomh chuspairean agus ciamar as fheàrr fuasgladh fhaighinn orra.

Mì-thairbhean:

  • Dh'fhaodadh gun toireadh e ùine mhòr an seòrsa Bile seo a sgrìobhadh a rèir nan cuspairean ris an deidheadh dèiligeadh agus a rèir a bheil aonta ann mu na dòighean anns am b'urrainn fuasgladh fhaighinn orra.
  • Tha coltas ann gum biodh raointean reachdais làthaireach ann nach bi ag atharrachadh, agus mar sin dh'fhaodadh gu leanadh iarrtas airson tuilleadh atharrachaidhean reachdail (mar eisimpleir, is dòcha nach làimhsicheadh e an gairm airson sìmpleachadh ann an lagh na croitearachd).
  • Dh'fhaodadh nach toireadh reachdas ùr fhathast seachad an t-sùbailteachd a tha cuid ag iarraidh.

Roghainn 4 - Bile a' cur air adhart lagh croitearachd 'ùr'

Tha cuid de luchd-ùidhe air a bhith ag argamaid airson sealladh "duilleag bhàn" , gus reachdas fìor ùr a thoirt a-steach. Ana-coltach ri ath-aithris, far an deidheadh mòran den lagh làthaireach a ghlèidheadh ann an cruth a choireigin, leigeadh an roghainn seo le sealladh gu tur ùr a thoirt air leasachadh reachdas croitearachd. Dh'fhaodadh "Bile duilleag bhàn" lagh croitearachd a stèidheachadh mar a bhiodh e an sàs san àm ri teachd agus dheidheadh lagh sam bith air nach robh feum tuilleadh ais-ghairm. Fon roghainn seo, dh'fhaodadh na briathran a dhol an àite nam molaidhean anns a' Chruinneachadh Laghan Croitearachd, mar eisimpleir, (ged a dh'fhaodadh iad sin fhathast a bhith mar fhiosrachadh do leasachadh an reachdais ùr).

Tha an roghainn seo a' toirt seachad raon de chothroman timcheall cruth is mion-fhiosrachadh lagh na croitearachd. Aig a' char as fhaide, dh'fhaodadh e leantainn gu bhith na reachdas glè mhionaideach no stèidhichte air prionnsapalan àrd-ìre (agus an còrr air a thoirt a-steach ann am measgachadh de stiùireadh is riaghailtean). Gu dearbh, tha grunn shuidheachaidhean eile eadar an dà cheann cuideachd.

Tha cothrom ann le bhith ag ullachadh pìos ùr de reachdas mionaideach gum faighear aithris fharsaing agus chinnteach mu lagh na croitearachd. Bheireadh e seachad cothrom fuasglaidhean ùra a lorg airson duilgheadasan làthaireach agus dh'ùraicheadh e frèam-obrach an lagha ann an dòigh a bhiodh iomchaidh do chroitearachd san latha a th' ann. Dh'fheumadh seo co-aontachd a thogail mun t-sealladh ùr thairis air beagan ùine agus an uair sin aonta fhaighinn air dè bhiodh riatanach a chur anns an lagh.

Tha an t-sealladh seo cuideachd a' toirt seachad an cothrom as fheàrr airson gun deidheadh reachdas croitearachd a sgrìobhadh anns an dòigh cheart gus dèiligeadh ris an seòrsa dùbhlanan a dh'fhaodadh a thighinn mu choinneimh croitearachd san àm ri teachd. Ach, tha e coltach gun toireadh seo ùine mhòr mus tachradh e.

Tairbhean:

  • Cothrom ann air reachdas croitearachd gu tur ùr a chruthachadh gus coinneachadh ris na dùbhlanan san àm ri teachd.
  • A' toirt seachad cothrom air sealladh nas sìmplidhe agus nas sùbailte airson lagh croitearachd a thoirt air adhart, nam biodh e comasach sealladh ùr aithneachadh.
  • Dh'fhaodadh gum biodh e a' ciallachadh nach biodh feum air tuilleadh ath-leasachadh ann an lagh croitearachd airson ùine mhòr.

Mì-thairbhean:

  • Dh'fhaodte gum biodh co-aontachd mu shusbaint reachdas ùr duilich a ruighinn.
  • Leis fhèin dh'fhaodadh gun toireadh a' cho-aontachd air a bheil feum agus leasachadh a' Bhile ùine mhòr.
  • Mar as motha a bhios an t-atharrachadh, is ann as fhaide a bheir e do chroitearan agus don choimhearsnachd croitearachd gluasad gu bhith a' fàs cleachdte ris agus agus a' faighinn tuigse air an lagh ùr.

Seallaidhean eile

Dh'fhaodadh nach bi seallaidhean reachdail air ath-leasachadh reachdas croitearachd air a chuingealachadh ris na roghainnean a chaidh ainmeachadh anns a' cho-chomhairle seo. Cuideachd dh'fhaodadh luchd-freagairt a bhith a' creidsinn nach eil feum sam bith air reachdas làthaireach na croitearachd atharrachadh, agus gum biodh e comasach croitearachd a thoirt air adhart tro mheadhanan eile (m.e. stiùireadh nas fheàrr, Plana Leasachaidh Nàiseanta airson croitearachd, a' cur air adhart sgeamaichean taice ùra agus mar sin air adhart).

Nan tigeadh beachdan eile a thaobh nan seallaidhean sin am bàrr, nam measg gun a bhith ag atharrachadh reachdas idir, faodar cunntas a dhèanamh orra nuair a thathas a' freagairt Ceist 2.

Ceist 2

Tagh an roghainn as fheàrr leat a tha a' comharrachadh nad bheachd-sa an dòigh air adhart as freagarraiche le ath-leasachadh lagh croitearachd sam bith. Ma tha thu airson sealladh eile a chur air adhart air nach deach beachdachadh gu h-àrd, tagh 'eile' agus thoir seachad mion-fhiosrachadh.

1.

2.

3.

4.

Eile

Mìnich do fhreagairt, agus beach sam bith eile a th'agad mu ghin de na roghainnean sin.

Contact

Email: Crofting Bill Team, croftingconsultation@gov.scot

Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit

The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG

Back to top