Tiodhlacan airson clann ann am P2 agus P3

Iomairt Leugh, Sgrìobh, Cunntais a’ toirt seachad leabhraichean agus geamannan.

Gheibh a h-uile pàiste ann am P2 agus P3 an Alba pasgan le leabhraichean, geamaichean agus stuthan eile airson sgilean litearrachd agus àireamhachd a leasachadh.

Chuir Rùnaire an Fhoghlaim John Swinney an iomairt air bhog aig Bun-sgoil Towerbank an-diugh mar phàirt de dh’iomairt Leugh, Sgrìobh, Cunntais, a tha air a lìbhrigeadh le Urras Leabhraichean na h-Alba, a tha a’ brosnachadh phàrantan gus a bhith an-sàs ann an slighe ionnsachaidh an cuid cloinne.

Bidh 128,000 pasgain, agus 1,600 eile ann an Gàidhlig, an toirt seachad do sgoilearan sna clasaichean sin ro Seachdain Leabhraichean na h-Alba (21 – 27 Samhain), a tha a’ comharrachadh leabhraichean agus leughadh aig ìre nàiseanta.

Thuirt Mgr Swinney:

“’S e miann Riaghaltas na h-Alba gun tèid cothromachd agus sàr-mhaitheas a lìbhrigeadh air feadh siostam foghlaim na h-Alba, agus tha mise dealasach gun tèid bèarn a’ bhuileachaidh a dhùnadh gu susbainteach ann am beatha a’ phàrlamaid seo.

“Ach chan ann a-mhàin gu bheil Leugh, Sgrìobh, Cunntais a’ leasachadh buileachadh. Tha fios againn gu bheil ceangal dìreach eadar àrainneachdan ionnsachaidh làidir airson teaghlaich agus adhartas ann an leughadh, sgrìobhadh agus cunntais.  ’S ann airson an adhbhar seo a tha na pasgain seo air an dealbh airson teaghlaich an toirt còmhla agus airson pàrantan agus luchd-cùraim a chuideachadh a bhith an-sàs ann an slighe ionnsachaidh an cuid cloinne.

“Le bhith a’ cruthachadh ceangal nas làidire eadar mar a tha ar daoine òga ag ionnsachadh agus a’ cluich aig an taigh agus san sgoil, tha sinn an dùil gaol an ionnsachaidh a bhrosnachadh ann an clann a mhaireas fad am beatha, gus am bi an cothrom aig gach pàiste an Alba an comas as àirde a ruighinn.”

Thuirt Marc Lambert, Ceannard Urras Leabhraichean na h-Alba:

“’S e ar pàrantan na luchd-teagaisg as tràithe, agus as cudromaiche, a bhios aig pàiste sam bith. Ged a tha sgoiltean ann an Alba a’ toirt seachad deagh fhoghlam airson clann, chan eil ionnsachadh a’ tòiseachadh neo a’ stad aig geataichean na sgoile

“’S e fear de na rudan as fheàrr mu dheidhinn a bhith nad phàrant a bhith a’ cluich còmhla ri ur cuid chloinne – tha seo a’ toirt toileachas dhuibh uile agus a’ cruthachadh ceanglaichean nas làidire. Tha na pasgain seo air an dealbh gu faiceallach gus am bi ionnsachadh a’ còrdadh ri sgoilearan san sgoil agus san dachaigh, a’ toirt taic do phàrantan aig a bheil clann ann am prìomh 2 agus 3 a tha airson dreuchd nas cinnteach a ghabhail ann an ionnsachadh an cuid cloinne.”

Ann an com-pàirteachas le Save the Children a mhaireas bliadhna, thèid seiseanan a chumail ann an coimhearsnachdan a tha fo easbhaidh airson a bhith cinnteach gu bheil pàrantan misneachail na goireasan Leugh, Sgrìobh, Cunntais a chleachdadh.

  • Thèid pasgain Leugh, Sgrìobh, Cunntais an toirt seachad an-asgaidh do chlann ann am P2 agus P3 air feadh Alba. Tha seo mar leudachadh air prògram Bookbug a tha clann ann am P1 a’ faighinn http://www.scottishbooktrust.com/bookbug
  • ’S e iomairt air a stiùireadh le Riaghaltas na h-Alba a th’ ann an Leugh, Sgrìobh, Cunntais a tha ag amas air leasachadh sgilean àireamhachd agus litearrachd am measg clann òg sa bhun-sgoil air feadh Alba. Tha e a’ togail air iomairt PlayTalkRead a tha airson pàrantan agus luchd-cùraim le clann fo aois sgoile http://playtalkread.scot/                         
  • Le uallach air teaghlaich a thaobh àm a’ sìor fhàs, tha Leugh, Sgrìobh, Cunntais a’ sealladh rudan beaga a tha furasta a dhèanamh mun cuairt air na tha an teaghlach a’ dèanamh mu thràth gach latha. A’ dol dhan bhùth, a’ siubhal dhan sgoil, ag ithe do bhiadh, tha Leugh, Sgrìobh, Cunntais a’ toirt beachdan do phàrantan agus luchd-cùraim airson clann a chuideachadh a bhith soirbheachail san sgoil.
  • Faodaidh pàrantan a dhol gu www.readwritecount.scot neo Leugh, Sgrìobh, Cunntais a leantail air Twitter (@ReadWriteCount) agus Facebook (facebook.com/ReadWriteCount) airson smuaintean, gnìomhan agus beachdan airson leughadh, sgrìobhadh agus cunntais a dhèanamh nas fhasa, nas spòrsail agus nas fheàrr.
  • ’S e carthannas nàiseanta a th’ ann an Urras Leabhraichean na h-Alba a tha ag atharrachadh bheathannan tro leughadh agus sgrìobhadh, agus a tha a’ toirt taic do dh’iomairtean Leugh, Sgrìobh, Cunntais agus Bookbug, a bharrachd air iomadh iomairt eile a thaobh litearrachd.www.scottishbooktrust.com @scottishbktrust     www.facebook.com/scottishbktrust

Cuiribh fios gu: Jenny Scott 0131 244 2939

Contact

Media enquiries

Back to top