Maoineachadh airson a' Mhòid Nàiseanta

Tabhartas bliadhnail air a ghairm leis an LPM airson seasmhachd a’ Mhòid a dhìon.  

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachd £35,000 dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chum iomairtean foghlaim na Gàidhlig, agus £20,000 a bharrachd de bhun-mhaoineachadh gach bliadhna bho 2018 air adhart.

A’ bruidhinn sa Ghearasdan aig fosgladh oifigeil a’ Mhòid, thuirt Mgr Swinney:

“Tha am bliadhna a’ comharrachadh 125 bliadhna bhon a chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a stèidheachadh – tha e na phàirt luachmhor de bheatha chultarail na h-Alba agus tha e air tabhartas àibheiseach a chuir ris a’ Ghàidhlig air feadh na dùthcha.

“Tha Riaghaltas na h-Alba gu làidir a’ cur taic ri ar cànain dùthchasach agus tha sinn airson gun obraich a h-uile buidheann còmhla gus taic a chuir riutha agus gus an cleachdadh a bhrosnachadh.

“’S ann airson an adhbhar seo, a bharrachd air am maoineachadh sònraichte airson phròiseactan foghlaim Gàidhlig, tha mi toilichte dearbhadh gu bheil sinn a-nis gu bhith nar bhun-bhuidheann maoineachaidh airson a’ Mhòid. Nì ar tabhartas de £20,000 gach bliadhna cinnteach gum fan am fèis chudromach seo seasbhach san àm ri teachd.”

Dh’innis Mgr Swinney cuideachd gun tèid £50,000 de mhaoineachadh leasachaidh a thoirt do MG ALBA airson luchd-sgrìobhaidh, luchd-deasachaidh agus riochdairean a thrèanadh airson an drama Gàidhlig Bannan, a’ togail air soirbheachas nan sreathan eile.

Chaidh an tachartas fosglaidh a chumail às dèidh caismeachd lòchranach tron Ghearasdan air a stiùireadh leis an Leas Phrìomh Mhinistear agus Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, airson fosgladh a’ Mhòid a chomharrachadh.

Thuirt Mgr Caimbeul:

“Mar phrìomh fhèis Ghàidhlig san t-saoghail, tha e follaiseach gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail cosgail a lìbhrigeadh, agus tha maoineachadh airson na tachartais na dhùbhlan gach bliadhna airson a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Tha sinn a’ cur fàilte air leth air gealltanas an-diugh bhon Leas Phrìomh Mhinistear de £20,000 a bharrachd gach bliadhna bho Riaghaltas na h-Alba airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.”

Cùl-fhiosrachaidh:

’S e am prìomh fhèis airson dualchas cànanach agus cultarach na Gàidhlig ann an Alba a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus tha e a’ taisbeanadh iomadh cur-seachad co-fharpaiseach, a’ gabhail a-steach ceòl, dannsa Gàidhealach, spòrs agus litreachas. Tha am Mòd air a chuir air dòigh leis a’ Chomunn Gàidhealach agus tha A Mòrachd a’ Bhànrigh na neach-taice.

Mus deach Mòd 2017 fhosgladh, thadhail an Leas Phrìomh Mhinistear air:

  • Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar
  • Bun-Sgoil a’ Chaoil agus Bun-Sgoil Chaitligeach Naomh Calum Cille

 

Funding for National Mòd

DFM announces annual contribution towards Mòd to ensure sustainability.

The Scottish Government is awarding £35,000 to the Royal National Mòd towards Gaelic education initiatives and a further £20,000 of core funding every year from 2018.

Speaking in Fort William at the official opening of the Mòd, Mr Swinney said:

“This year marks the 125th anniversary of the Royal National Mòd – it is a much valued part of Scottish cultural life and has made an immense contribution to Gaelic language throughout the country.

“The Scottish Government is a strong supporter of our indigenous languages and we want to see all bodies working together to support and promote their use.

“That is why, on top of the one-off funding for An Comunn Gàidhealach towards Gaelic education projects, I am pleased to confirm we will become a core funder of the Mòd. Our commitment of £20,000 a year will help ensure this important festival’s future sustainability.”

Mr Swinney also announced £50,000 of development funding to MG ALBA towards the training of future writers, story editor and producers for Gaelic drama Bannan, to build on and help sustain the success of previous series.

The National Mòd opening ceremony followed a torchlight procession through Fort William led by the Deputy First Minister and Allan Campbell, President of An Comunn Gàidhealach, to mark the opening of the 2017 Mòd.

Mr Campbell said:

“As the world’s premier Gaelic language festival, the Royal National Mòd is understandably costly to stage, and funding the event is an annual challenge for An Comunn Gàidhealach. This announcement by the Deputy First Minister of an additional £20,000 annual grant from the Scottish Government for the Royal National Mòd is most welcome, and much appreciated.”

Background

The Royal National Mòd is Scotland’s premier festival celebrating Gaelic linguistic and cultural heritage, and serves as a platform for a range of competitive disciplines including music, Highland dancing, drama, sport and literature. The Mòd is organised by An Comunn Gàidhealach and has HM The Queen as patron.

The opening of the 2017 Mòd followed other visits by the Deputy First Minister including:

  • Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar
  • The new Caol Primary School and St Columba’s RC Primary School

Contact

Media enquiries

Back to top