We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

Lagh-thabhartas (Legislation)

Duilleagan Beurla (English version)

Achd na Gàidhlig ( Alba ) 2005

Chaidh Bile na Gàidhlig (Alba) a thoirt a-steach don Phàrlamaid air 24 Sultain 2004. Chaidh beachdachadh air a' Bhile gu mionaideach le Comataidh Foghlaim na Pàrlamaid agus bha e air a chur an gnìomh, gun bhacadh, air 21 Giblean 2005. Tha adhartas a' Bhile tron Pàrlamaid clàraichte aig http://www.scottish.parliament.uk/business/bills/billsnotInProgress/index.htm#69

Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 Aonta Rìoghail air 1 Cèitean 2005 agus tha e ri fhaotainn aig http://www.opsi.gov.uk/legislation/scotland/acts2005/20050007.htm#aofs

Cùmhnant Eòrpach airson Mion chànan agus Cànan Roinneil

Chaidh Cùmhnant Eòrpach airson Mion Chànan agus Cànan Roinneil a dhealbhadh ann an 1992 le Comhairle na h-Eòrpa gus mion-chànanan na h-Eòrpa a dhìon is àrdachadh . Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aontaiche ainm ris a' Chùmhnant ann an 2000 agus chaidh a dhearbhadh ann an 2001 as leth Cuimris ann an Cuimrigh, Albais is Gàidhlig ann an Alba agus Albais Gaeilge ann an Èirinn a tuath. Chaidh Gàidhlig Mhanainneach is Còrnais an dearbhadh as dèidh làimhe.

Tha na ullachaidhean de phàirt a Dha a' Chùmhnaint (prionnsabalan coitcheann agus amasan a bhith gan leantainn as leth Mion Chànanan no Cànanan Roinneil.) a' buntainn ris a h-uile cànan a tha ga ainmeachadh anns a' pharagraf os cionn. A bharrachd, tha ullachaidhean àraidh ann am Pàirt a Tri (a thoabh àrdachadh cleachdadh de mhion-chànan is cànan roinneil) a'buntainn air Cuimris, Gàidhlig is Gaeilge.

Tha an Riaghaltas, tro dhleasdanasan na Rìoghachd Aonaichte a thoabh na Gàidhlig, a' gabhail os làimh a chur an gnìomh 39 ullachaidhean mach à 65 ùile gu lèir, anns na roinnean de dh'fhoghlam, a' Chùirt, Rianachd Ionadail, na meadhanan, cultar, beatha sòisealta is eaconomach agus dàimhean thar-chrioch.

Gheibhear an Cùmhnant an seo;

http://conventions.coe.int/Treaty/EN/Treaties/html/148.htm