We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

Foghlam tron Ghàidhlig (Education)

Duilleagan Beurla (English version)

Tha Riaghaltas na h-Alba taiceil do dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) tro ghrunn phoileasaidhean agus sruthan airgid.  Tha FMG ri fhaighinn aig a’ cheart àm ann an 21 ùghdarras ionadal.  Tha eadar-dhealachadh seirbheis an cuid de dh’àiteachan a’ tairgse foghlam aig ìre thràth suas gu foghlam àrd-sgoile ann an cuid de roinnean.

Faodaidh a h-uile ùghdarras ionadail taic airgid iarraidh tro na Tabhartasan Sònraichte son Foghlam Gàidhlig ma tha iad airson Gàidhlig a lìbhrigeadh san roinn aca fhèin.

Chaidh mòran adhartais a dhèanamh ann an Glaschu le Sgoil Ghàidhlig a’ bhaile agus cuideachd ann an Inbhir Nis.  Tha sgoiltean Gàidhlig an dà chuid buannachdail agus tarraingeach.  Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cumail taic airgid a tha gu math cudromach ri foghlam Gàidhlig agus tha an taic sin a’ dol am meud.  Tha e an làmhan gach ùghdarras fa-leth sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh ma tha iad gan iarraidh ach bhiodh Riaghaltas na h-Alba deònach còmhraidhean a chumail mu cheistean sam bith agus coimhead ri dòighean air taic a thoirt seachad.

Tha Stòras Calpa son Sgoiltean Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba cuideachd agus faodaidh ùghdarrasan ionadail tagraidhean a chur a-staigh airson taic bhon sin.   Tha grunn ùghdarrasan air an cothrom a ghabhail seo a dhèanamh airson FMG a leudachadh nam measg Earra-Ghàidheal is Bhòid, CNES, Taobh an Ear Adhar, Glaschu, a’ Ghàidhealtachd agus Lannraig a Tuath.

Tha grunn innleachdan stèidhichte a-nis airson òigridh a mhisneachadh agus a bhrosnachadh a dhol gu teagasg Gàidhlig mar chosnadh.   A-measg sin tha cùrsaichean tron lìon, cùrsaichean pàirt-ùine agus cùrsaichean còmhraidh.  A bharrachd air sin, tha  sinn a’ cumail taic ri Bòrd na Gàidhlig nan iomairt son barrachd dhaoine a thàladh gu teagasg an Gàidhlig agus le bhith a’ cumail taic ri Oifigeach Fastaidh luchd-teagasg aig a’ Bhòrd.

Tha stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba gu Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) ag ràdh: “Tha e na phrìomhachas aig Ministirean Foghlaim ann an Riaghaltas na h-Alba a’ dol air adhart gum bi sruth cunbhalach de luchd-teagasg stèidhichte airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bu mhath leis an Riaghaltas gun leanadh a’ Chomhairle air adhart le bhith a’ cumail taic ri oidhirpean cùisean a bhrosnachadh anns an raon seo.”