We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

Eòlas-sluaigh (Demographics)

Duilleagan Beurla (English version)

Chaidh 87,000 neach a chlàradh anns a’ Chunntas Sluaigh ann an 2011 a thuirt gu robh iad comasach air Gàidhlig a bhruidheann agus/no leughadh agus/no sgrìobhadh agus/no thuigsinn.  Bhon àireamh sin, bha 58,000 uile gu lèir comasach air còmhradh a chumail an Gàidhlig. Tha an data a’ sealltainn gu bheil astar a’ chrìonaidh air socrachadh an coimeas ris an t-suidheachadh anns a’ Chunntas roimhe.  Tha e na adhbhar misneachd gu bheil àrdachadh de 10% anns an àireamh le Gàidhlig fo aois 15 agus àrdachadh de 15% anns a’ bhuidhinn aig aois 16-29.

Tha fiosrachadh nas mionaidiche ri fhaotainn aig http://www.scotlandscensus.gov.uk/