We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

Croaladh (Broadcasting)

Duilleagan Beurla (English version)

Tha craoladh, agus gu sònraichte telebhisean air leth cudromach ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig.  Tha a’ Ghàidhlig a’ cur gu mòr ri saoghal na h-Alba agus tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith dealasach ann a bhith a’ cruthachadh saoghal seasmhach dhan Ghàidhlig a’ dol air adhart.

Tha Riaghaltas na h-Alba moiteil às an taic a tha iad a’ toirt do MG ALBA, a tha ag obair ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC airson an t-seanail didseatach Gàidhlig BBC Alba a lìbhrigeadh.  Bha an Riaghaltas cuideachd taiceil dhan iomairt airson àite a bhuinnig do BBC ALBA air seirbheis Freeview.   Thòisich BBC Alba a’ craoladh air 19 Sultain 2008 agus chaidh a chur air seirbheis Freeview anns an Òg-mhìos 2011.

Gheibhear seirbheisean Gàidhlig rèidio air BBC Radio nan Gàidheal agus tro chuid de sheirbheisean malairteach agus coimhearsnachd, agus tha STV, STV North agus an t-sianal TeleG air Freeview cuideachd ga craoladh. Leanaidh prògraman Gàidhlig telebhisean air BBC ann an Alba cuideachd.