We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

wrapper

Co-chomhairle Croitearachd 2017

Co-chomhairle Croitearachd 2017

Monday, August 28, 2017

ISBN: 9781788511698

Tha an co-chomhairle seo a’ sireadh bheachdan bho chroitearan, agus daoine aig a bheil ùidh, mu dheidhinn reachdas ùr a dh’fhaodadh stèidheachadh airson ath-leasachadh ann an lagh croitearachd, agus na prìomhachasan mu dheidhinn na raointean ann an croitearachd far a dh’fhaodadh ath-leasachadh a bhith a dhìth.

Executive Summary

Tha an co-chomhairle seo air a roinneadh ann an trì earrannan.

Bidh na h-earrannan a’ faighneachd grunn cheistean den neach-freagairt a thaobh cuspairean co-cheangailte ris an t-seòrsa reachdas a dh’fhaodar toirt air adhart agus mu phrìomhachasan airson reachdas croitearachd. Chaidh na ceistean a dhealbhadh gus dealbh a thoirt do Riaghaltas na h-Alba mun atharrachadh a thathas ag iarraidh.

Tha Earrann 1 a’ mìneachadh cùl-fhiosrachadh croitearachd, carson a tha a’ cho-chomhairle seo ann, agus poileasaidh làthaireach Riaghaltas na h-Alba air croitearachd san fharsaingeachd. Is e an t-amas faighinn a-mach dè a tha luchd-freagairt a’ smaoineachadh mu phoileasaidh croitearachd làthaireach Riaghaltas na h-Alba.

Tha Earrann 2 ag ainmeachadh nan diofar seòrsachan reachdais as urrainn do Riaghaltas na h-Alba toirt air adhart airson croitearachd taobh a-staigh an t-seisein Phàrlamaidich seo. Le bhith a’ sealltainn nan diofar roghainnean a tha ann, is e an t-amas gum beachdaich luchd-freagairt air dè a tha feumail fhaighinn bho reachdas gus am faighear na h-atharrachaidhean a tha iad airson fhaicinn ann an croitearachd san àm ri teachd.

Tha Earrann 3 a’ cur air adhart grunn chuspairean a thaobh croitearachd ris am faodar sealltainn mar phàirt de dh’ath-leasachadh reachdail. Chaidh iad sin aithneachadh bho ghrunn thùsan, nam measg aithisg Comataidh Eaconamaidh Dhùthchail is Comas-ceangail 2017 ‘Review of Priorities for Crofting Law Reform’, an Crofting Law Sump, ‘The Final Report of the Committee of Enquiry into Crofting’ (Aithisg Shucksmith) agus an obair chompàirteachaidh thràth a rinn Riaghaltas na h-Alba thairis air na sgìrean croitearachd.

Is e an t-amas gum bi luchd-freagairt a’ toirt sùil gheur air dè na h-atharrachaidhean a tha deatamach ann an reachdas croitearachd gus am bi croitearachd iomchaidh airson an 21mh linn. Dh’fhaodte gum biodh e na b’fheàrr nan deidheadh dèiligeadh ri cuid de na h-atharrachaidhean a dh’aithnichear tro mheadhanan neo-reachdail (mar eisimpleir, atharrachadh poileasaidh croitearachd). Dh’fhaodte gum feumar sealltainn ri cuid eile fo sgàil poileasaidh àiteachais is riaghailtean san fharsaingeachd, no eadhon raointean poileasaidh nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba.