We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

wrapper

Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2015-20 – Dreachd airson Co-Chomhairle

Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2015-20 – Dreachd airson Co-Chomhairle

Monday, April 27, 2015

ISBN: 9781785443107

(This consultation is also available in English) Tha Riaghaltas na h-Alba a’ sireadh bheachdan air an dàrna iris den Phlana Gàidhlig againn, airson a bhith cur ri ar dleastanasan a thaobh na Gàidhlig, agus airson fiosrachadh fhaighinn air an dòigh as fheàrr airson taic a thoirt ri leasachadh na Gàidhlig an Alba.

Executive Summary

(This consultation is also available in English, please click here.)

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail na h-Alba an latha an-diugh. Tha Riaghaltas na h-Alba air ceumannan a ghabhail agus air na structairean agus iomairtean a tha a dhìth a chur an sàs gus dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.

 

Ach, tha suidheachadh na Gàidhlig fhathast air leth cugallach. Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith beò agus seasmhach anns na làithean ri teachd, feumar oidhirp làidir bhon Riaghaltas, an earrann phoblach, an earrann phrìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth gus:

 

• sgilean labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh sa Ghàidhlig a leasachadh

• cleachdadh na Gàidhlig ann an co-theacsan sòisealta, foirmeil agus obrach a bhrosnachadh

• barrachd inbhe agus aithne a thoirt don Ghàidhlig, gus an cluinnear agus gum faicear Gàidhlig nas trice

• a’ Ghàidhlig a leasachadh mar chànan èifeachdadh, cunbhalach is beairteach

 

Tha leasachadh Planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach na phrìomh phàirt de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha Planaichean Gàidhlig a' cuideachadh le daingneachadh agus innse do luchd-obrach buidhne dè am poileasaidh an co-cheangal ri cùisean na Gàidhlig agus a' dèanamh soilleir do luchd-cleachdaidh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig dè na seirbheisean a dh'fhaodas iad a shùileachadh tron Ghàidhlig.

 

’S e an dàrna iris de Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a tha seo, air ullachadh taobh a-staigh frèam Achd 2005. Tha e a' mìneachadh ciamar a nì sinn feum den Ghàidhlig nar n-obair, ciamar a bheir sinn cothrom air cleachdadh na Gàidhlig nuair a bhios daoine an coluadar leis an riaghaltas, agus ciamar a bhrosnaicheas sinn leasachadh na Gàidhlig. Tha dleastanas sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ cumail taic ri Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile gus na toraidhean aig Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 a choileanadh.

 

Cleas Bhòrd na Gàidhlig, tha co-obrachadh le buidhnean eile cudromach airson taic airson na Gàidhlig a choileanadh agus tha sinn airson gach buidheann a bhrosnachadh san raon seo. Ni atharrachaidhean beaga anns na dòighean-obrach againn uile diofar mòr.

Airson do bheachdan a chur thugainn air loidhne, faodar a dhol an seo.