We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

Aithisg Buidhne-gnìomha Luchd-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig

Listen

4. Deasachadh Proifeiseanta

4.1 Brìgh Ghàidhlig

4.1.1 Ann an 1999 dh'fhoillsich Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba ( CTCA) aithisg air 'Teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Molaidhean airson Atharrachaidh'. Bha grunn mholaidhean cudromach anns an aithisg seo a' buntainn ri cùrsaichean, taghadh oileanach agus barrantachadh luchd-teagaisg. Tha mòran de na molaidhean anns an aithisg fhathast buntainneach agus shaoil a' Bhuidheann gum bu chòir don CTCA na molaidhean a chur an gnìomh agus dèanamh cinnteach gu robh a h-uile neach-teagasg a gheibheadh barrantachadh a bhuineadh ris a' Ghàidhlig teisteanas oifigeil a' dearbhadh seo mar phàirt den bharrantachadh aca.

4.1.2 Tha dà chuspair eile ag èirigh bho Aithisg CTCA a tha a' Bhuidheann airson togail aig a bheil dlùth cheangal ri obair na Buidhne-gnìomha Luchd-teagaisg. Is e a' chiad fhear gu feum pàirt bhrìoghmhor de na cùrsaichean Ciad Fhoghlam Luchd-teagaisg ( CFLT) agus an cleachdadh obrach co-cheangailte riutha a bhith tro mheadhan na Gàidhlig airson fileantachd, misneachd agus adhartas cànain nan oileanach a leasachadh agus a chumail an àirde.

4.1.3 Shaoil a' Bhuidheann gu robh e air leth cudromach gun dèanadh oileanaich meadhain Ghàidhlig cleachdadh obrach ann an suidheachaidhean meadhain Ghàidhlig, agus ma bha e comasach, ann an clasaichean de gach meud agus ìre. Nan tachradh sin bu chòir dha a bhith comasach do dh'oileanaich a' leantainn cùrsa co-cheangailte, eòlas fhaighinn air an dàrna cuspair aca a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, nuair a tha an cuspair sin ri fhaighinn sa Ghàidhlig. Tha an t-eagrachadh ùr, far a bheil ùghdarrasan ionadail an-sàs gu dlùth ann an cleachdadh obrach nan oileanach, a' toirt cothroim dèanamh cinnteach gu faigh oileanaich meadhain Ghàidhlig cleachdadh ann an clasaichean Gàidhlig le taic bho sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail. Ann am PGDE (Bunsgoile) Obar Dheadhain gheibh oileanaich dàrna leth co-dhiù den chleachdadh obrach aca ann am FTMG, anns na h-ìrean àrda agus bogadh cànain, agus ma ghabhas e a dhèanamh, gheibh iad an cleachdadh sgoil-àraich aca ann am meadhan Gàidhlig cuideachd.

4.1.4. Is e an dàrna cuspair gu bheil feum ann air modulan Gàidhlig airson CFLT a fhreagras fheuman eugsamhail agus àraidh teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Mar eisimpleir, bu chòir do oileanaich an cothrom fhaighinn cuimseachadh air gnèithean sònraichte Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Aig an àm seo, ann am PGDE (Bunsgoile) Obar Dheadhain, tha na modulan a gheibhear tro mheadhan na Gàidhlig a' gabhail a-steach: Cuimseachadh Proifeiseanta, Deasachadh airson Cleachdadh Sgoile, Cànan (Beurla) agus Matamataic. A-rithist, mar a chaidh a luaidh ann an 4.1.1 gu h-àird, tha Aithisg CTCA gu math soilleir air na cùisean seo.

4.2 Lochdan Cànain

4.2.1. Mar a chaidh a luaidh gu h-àird, feumaidh tagraiche fileantachd iomchaidh sa Ghàidhlig a dhearbhadh mus faigh iad seachad air ìre an agallaimh. Tha Oilthighean Obar Dheadhain agus Shrathchluaidh ag aideachadh nach eil a h-uile tagraiche ga thaghadh agus gur e dìth fileantachd no comas sa Ghàidhlig an t-adhbhar nach faigh cuid a-steach. Shaoil a' Bhuidheann gum bu chòir beachdachadh air taic a thoirt do thagraichean aig an robh duilgheadasan cànain beaga. Nan robh seo ri fhaighinn, is dòcha tro chùrsa a bharrachd a dhèanamh, chuireadh seo àireamh nan oileanach a' trèanadh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig am meud.

4.2.2. Is e beachd na mòr-chuid a-nis, gu bheil, fiù am measg nan oileanach a gheibh àite ann an Ciad Fhoghlam Luchd-Teagaisg Gàidhlig, cuid ann a tha feumach air taic cànain. Tha dà sheòrsa taice a dhìth ach aig an àm seo chan eil dòigh air an lìbhrigeadh ach anns an oilthigh, far a bheil ìre a' chùrsa deuchainneach gu leòr mar tha. Glè thric, feumaidh luchd-ionnsachaidh piseach a dhèanamh air na sgilean còmhraidh agus èisteachd aca agus feumaidh daoine le Gàidhlig bho thùs taic le litearras leithid structar cànain agus litreachadh. Shaoil a' Bhuidheann gum bu chòir dèiligeadh ris na lochdan cànain seo a bha aig cuid de na h-oileanaich, is dòcha le cùrsa samhraidh goirid.

4.2.3. Bhiodh cùrsa den leithid seo fosgailte don a h-uile h-oileanach: an fheadhainn airson tòiseachadh air CFLT ach aig a bheil lochdan sa chànan aca; an fheadhainn a thàinig tron an t-siostam ach a tha a' faireachdainn gu feum iad tuilleadh cuideachaidh a thaobh fileantachd no litearrachd mus tòisich iad air a' bhliadhna dheuchainn aca; agus luchd-teagaisg làn bharrantaichte aig a bheil Gàidhlig ach nach eil misneachail no fileanta gu leòr a dhol a theagasg tro mheadhan a' chànain.

4.2.4. Dh'fhaodar cùrsa a dhealbhadh a bhiodh freagarrach do fheuman nan oileanach meadhain Ghàidhlig uile agus is dòcha a fhreagradh feuman chuspairean àraidh cuideachd. Airson luchd-teagaisg làn bharrantaichte, leigeadh an cùrsa leotha teagasg tro mheadhan na Gàidhlig air feadh na h-Alba. Bhiodh e gu leas ùghdarrasan ionadail taic agus brosnachadh a thoirt do luchd-teagaisg a dhol air cùrsa den t-seòrsa seo.

4.3 Eagrachadh an Teagaisg Dheuchainn

4.3.1. Mar thoradh air Aonta an Luchd-teagaisg airson an 21mh Linn is e a' Chomhairle Teagaisg Choitcheann agus Riaghaltas na h-Alba a bhios a' suidheachadh luchd-teagaisg deuchainn anns a' phroifeisean theagaisg. Tha an t-eagrachadh seo air a bhith anns na sgoiltean bho na seiseanan sgoile 2002-03. Bidh an Sgeama Deuchainn Luchd-teagaisg a' tabhann obair teagaisg do luchd-teagaisg ùr-bharrantaichte ann an ùghdarras ionadail Albannach airson bliadhna, le ùine nas lugha ga chur seachad sa chlas agus an cothrom Ìre an Làn Bharrantachaidh a ruigsinn an ceann aon bhliadhna sgoile.

4.3.2. Bithear ag iarraidh air oileanaich ainmeachadh, ann an òrdugh roghnachaidh, còig ùghdarrasan ionadail dom biodh iad deònach obair anns a' bhliadhna dheuchainn aca. Bidh an Riaghaltas ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail dreuchdan bàna a lìbhrigeadh don Sgeama. Bidh siostam coimpiutair a' roinneadh nan dreuchdan air thuaiream am measg an luchd-deuchainn. Tha luchd-deuchainn Ghàidhlig a' faighinn dhreuchdan a dh'aon ghnothach, ged tha, a rèir an roghainn aca agus càite bheil dreuchdan bàna aig ùghdarrasan ionadail.

4.3.3. Bha sia neach-deuchainn deug airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a fhuair barrantas airson an t-seisein sgoile 2005-06 agus chaidh a h-uile duine aca a chur ann an dreuchdan meadhain Ghàidhlig. Tha dragh ann fhathast mu obrachadh an t-siostaim seo agus teagamh an do chùm na h-ùghdarrasan an luchd-deuchainn ann an clasaichean meadhain Ghàidhlig. Chuir a' Bhuidheann fàilte air dealas an Riaghaltais a bhith a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh agus, far an robh e comasach, ceumannan a ghabhail gus dèanamh cinnteach gum fuiricheadh luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ann am meadhan Gàidhlig.

4.3.4. Tha a' Bhuidheann cuideachd den bheachd gum bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a chur mar fhiachaibh air ùghdarrasan ionadail an dòigh-obrach seo a stèidheachadh sa phlana-chànain aca. Bu chòir uallach a bhith air ùghdarrasan ionadail cùnntas a thoirt seachad air co mheud neach-deuchainn Gàidhlig a fhuair iad agus co mheud a tha fhathast a' teagasg na Gàidhlig no tro mheadhan na Gàidhlig. Nuair a tha oileanaich barrantaichte ann an dà chuspair, bu chòir sgoiltean agus ùghdarrasan a bhith air am brosnachadh gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aca ìre eòlais fhreagarrach a chumail an àirde anns an dàrna cuspair aca.

4.4 Dòigh-obrach Roi-innleachdach

4.4.1 Tha Ministearan na h-Alba air gealltainn gu faigh luchd-deuchainn Gàidhlig obair meadhain Ghàidhlig, cho fada 's a tha e comasach. Nuair a gheibh iad tron bhliadhna dheuchainn gu soirbheachail, faodaidh luchd-teagaisg cur a-steach airson obair ann an ùghdarras sam bith a thogras iad.

4.4.2 Lìbhrig Riaghaltas na h-Alba airgead tàlaidh airson an sgeama deuchainn luchd-teagaisg 2004-2005. Gheibh luchd-deuchainn £6,000 ma tha iad deònach a dhol a dh'obair ann an àite sam bith ann an Alba anns a' bhliadhna dheuchainn aca agus nach faigh iad àite ann an gin de na còig roghainnean suidheachaidh aca. Airson an sgeama 2005-06, fhuair a h-uile neach-deuchainn Gàidhlig obair meadhain Ghàidhlig. Cha deach an t-airgead tàlaidh a phàigheadh glè thric agus chan eil e air mòran eadar-dhealachaidh a dhèanamh do luchd-teagaisg le Gàidhlig. Thèid ath-bhreithneachadh a dhèanamh air an Sgeama Dheuchainn as t-Fhoghar 2005.

Molaidhean::

  • Bu chòir do CTCA na molaidhean anns an aithisg 'Teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Molaidhean airson Atharrachaidh' a chur an gnìomh.
  • Bu choir do ùghdarrasan ionadail agus oilthighean dèanamh cinnteach gu faigh oileanaich mheadhain Ghàidhlig deagh shuidheachaidhean cleachdadh obrach ann an ionadan meadhain Ghàidhlig.
  • Bu chòir do oileanaich teagaisg àrdsgoile a tha a' tabhann dàrna cuspair, eòlas fhaighinn air an cuspair sin a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, ma tha sin comasach.
  • Bu chòir cùrsaichean cànain a thabhann air oileanaich agus luchd-teagaisg aig a bheil lochdan cànain airson gum faigh iad air dol tro thrèanadh luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig no do theagasg na Gàidhlig.
  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gun tèid a h-uile h-oileanach meadhain Ghàidhlig a chur ann an clas meadhain Ghàidhlig agus bu chòir dhaibh an £6000 de airgead tàlaidh a chleachdadh airson oileanaich a thàladh do na sgìrean aig a bheil prìomhachas, agus bu chòir do ùghdarrasan dèanamh cinnteach gun cùm iad orra anns a' mheadhan Ghàidhlig.