We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

Aithisg Buidhne-gnìomha Luchd-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig

Listen

3. A' Meudachadh Fastaidh

3.1 Fastadh

3.1.1 Tha fàilte ga chur air na h-oidhirpean ionmholta a rinneadh gus aire a thogail mu dhreuchdan teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba. Tha na h-ùghdarrasan, oilthighean agus Comunn na Gàidhlig air a bhith gnìomhach ann an-seo. Chaidh na stuthan 'Thig a Theagasg', a dheasaicheadh le Comunn na Gàidhlig, a sgaoileadh agus a chleachdadh aig Fèillean Dhreuchdan. Tha ùghdarrasan agus oilthighean air sanasachd a chur anns na pàipearan agus air stuthan fastaidh a dheasachadh.

3.1.2 A dh'aindeoin sin, ged tha, tha feum ann airson dòigh-obrach nas co-òrdanaichte agus nas cuimsiche a chuireadh teagasg tro mheadhan na Gàidhlig air adhart mar dhreuchd tharraingeach. Dh'fheumadh seo oidhirpean nan sgoiltean, nan oilthighean, foghlam coimhearsnachd, ùghdarrasan ionadail agus an t-seirbheis chomhairleachaidh mu dhreuchdan a tharraing còmhla.

3.1.3 Dh'fhaodar seo a thoirt gu buil le bhith a' cruthachadh dreuchd oifigeir fastaidh luchd-teagaisg na Gàidhlig. Dh'fhaodadh an dreuchd leantainn dà bhliadhna, anns a' chiad dol a-mach, a bhith suidhichte ann am Bòrd na Gàidhlig, agus a' dèanamh co-òrdanachaidh eadar mòran de na gnìomhan ainmichte san Aithisg seo. An lùib na h-obrach seo bhiodh, co-òrdanachadh litreachais fastaidh, ruith cho-labhairtean air dreuchdan ann am foghlam Gàidhlig, tadhal air fèillean dhreuchdan, tadhal air sgoiltean/oilthighean agus a' toirt comhairle do Dhreuchdan na h-Alba.

3.2 A' Brosnachadh Teagaisg ann am FTMG

3.2.1 A thuilleadh air an obair a dh'fhaodadh an t-oifigear fastaidh fhèin a dhèanamh, dh'fhaodar teagasg na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an dòighean eile. Tha àite ann do cheannardan coimhearsnachd agus muinntir nam buidhnean Gàidhlig a thaobh teagasg na Gàidhlig a bhrosnachadh. A thuilleadh air sin, tha àite cudromach aig ceannardan sgoile agus tidsearan treòrachaidh ag obair còmhla ri luchd-comhairleachaidh dhreuchdan ann a bhith a' stiùireadh sgoilearan. Faodaidh ùghdarrasan ionadail sligheachan do theagasg na Gàidhlig a bhrosnachadh airson luchd-teagaisg aig a bheil Gàidhlig ach nach eil ga cleachdadh.

3.2.2 Ann an sgoiltean, dh'fhaodar cleachdadh obrach a chur gu feum airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh mar dhreuchd bho na bliadhnaichean tràtha anns an àrdsgoil. Bu chòir do sgoilearan meadhain Ghàidhlig san àrdsgoil an cothrom fhaighinn cleachdadh obrach agus/no obair choimhearsnachd a dhèanamh anns na bunsgoiltean meadhain Ghàidhlig. Tha e cudromach eòlas fhaighinn air foghlam bho shealladh eile agus bu chòir na raointean Gàidhlig eile a thoirt an lùib na h-oidhirp seo airson dèanamh cinnteach, ma tha e comasach, gu faigh sgoilearan Gàidhlig cleachdadh obrach ann an àrainneachd Ghàidhlig agus gun tèid luchd-obrach Gàidhlig a bhrosnachadh gus ceanglaichean a dhèanamh leis na h-oilthighean.

3.2.3 Tha e mar fhiachaibh air sgoiltean, gu h-àraidh, dèanamh cinnteach gu faigh sgoilearan meadhain Ghàidhlig caochladh chothroman a thaobh dhreuchdan ann an Gàidhlig agus teagasg na Gàidhlig. A thaobh seo, bu chòir gnè nan sgoiltean a bhith a' brosnachadh nan sgoilearan meadhain Ghàidhlig gus smaoineachadh air dreuchdan anns na proifeiseanan Gàidhlig mar obair a bhiodh so-ruigsinneach agus sàsachail.

3.2.4 Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a' cur dleastanais roi-innleachdail agus comhairleachaidh air Bòrd na Gàidhlig a dh'ionnsaigh cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Alba. Anns a' Phlana-chànain Ghàidhlig Nàiseanta agus an Roi-innleachd Nàiseanta airson Foghlaim Ghàidhlig, a tha air an òrdachadh fon Achd, bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig dèanamh cinnteach gum bi solarachadh agus trèanadh luchd-teagaisg FTMG na phrìomhachas.

Molaidhean:

  • Bu chòir dreuchd oifigeir fastaidh luchd-teagaisg na Gàidhlig a chruthachadh. Dh'fhaodadh an dreuchd leantainn dà bhliadhna, anns a' chiad dol a-mach agus a bhith suidhichte ann am Bòrd na Gàidhlig, airson co-òrdanachadh a dhèanamh eadar mòran de na gnìomhan ainmichte san Aithisg seo.
  • Bu chòir Dreuchdan na h-Alba a bhrosnachadh gus cuimseachadh air dreuchdan Gàidhlig, gu h-àraidh teagasg na Gàidhlig. Bu chòir litir stiùiridh bho Mhinistearan seo a chur an cèill dhaibh agus bu chòir cudrom a chur air ann am plana-Gàidhlig sam bith a dheasaicheas Seirbheis nan Dreuchdan fo Achd na Gàidhlig (Alba).
  • Bu chòir do sgoilearan meadhain Ghàidhlig san àrdsgoil an cothrom fhaighinn cleachdadh obrach a dhèanamh ann an àrainneachd Ghàidhlig, ma tha sin idir comasach. Bu chòir do ùghdarrasan ionadail dèanamh cinnteach gu faigh òigridh cothrom air cleachdadh obrach fhaighinn ann an clasaichean meadhain Ghàidhlig.Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a bhith a' brosnachadh agus a' sanasachd teagasg na Gàidhlig mar dhreuchd tharraingeach.
  • Bu chòir do Obar Dheadhain agus Srathchluaidh agus na stèidhean com-pàirteachaidh aca dèanamh cinnteach gun tèid grunn dhòighean a chleachdadh airson daoine a dh'fhaodadh a dhol nan luchd-teagaisg Ghàidhlig a thàladh don obair.
  • Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig dèanamh cinnteach gum bi solarachadh agus trèanadh Luchd-teagaisg foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na phrìomhachas fhathast agus gum bi e follaiseach ann am Plana-cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus Roi-innleachd Nàiseanta Foghlam na Gàidhlig, a tha air an òrdachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba).