We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

Aithisg Buidhne-gnìomha Luchd-teagaisg tro Mheadhan na Gàidhlig

Listen

1. Ro-ràdh

1.1 Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Alba

1.1.1 A-nis ann an Alba tha dealas ann airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ( FTMG). Chithear seo bho na tionnsgnaidhean a tha a' faighinn taic bhon àrd-riaghaltas, ùghdarrasan ionadail agus na prìomh bhuidhnean foghlaim. Buinidh an dealas seo ri amas a tha aca sa chumantas airson seasmhachd na Gàidhlig a dhaingneachadh ann an Alba agus an tuigse gu bheil prìomh àite aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns an oidhirp a dh' ionnsaigh an amais sin.

1.1.2 Chan eil teagamh sam bith nach eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith na phiseach don chànan. Tha raon foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a thighinn gu bith ann am foghlam na h-Alba a tha suaicheanta agus misneachail, far a bheil iomadh eisimpleir air deagh ionnsachadh agus teagasg. Thar na h-uile, is e a bhuil gu bheil òigridh a' tighinn a-mach aig deireadh foghlam bunsgoile a tha misneachail agus fileanta ann an dà chànan. Tha buaidh chudromach aig tabhartas sònraichte an Riaghaltais airson na Gàidhlig air an t-suidheachadh seo.

1.1.3 Chan eil clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith a' dol glè fhada ann an Alba. Airson na cuid as motha den fhicheadamh linn cha robh a' Ghàidhlig ga teagasg ach mar chuspair agus is ann ainneamh dha rìreabh a chleachdadh i mar mheadhan teagaisg ann an sgoiltean, fiù anns na sgìrean Gàidhlig. Rinneadh oidhirpean cudromach airson dèiligeadh ri seo anns na 1960an agus 1970an, ach cha b' ann gus na 1980an a chuir pàrantan ìmpidh air na h- ùghdarrasan ionadail a dh' ionnsaigh clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig a chur air bhonn. Dh'fhosgladh a' chiad chlasaichean ann an Glaschu agus Inbhir Nis agus a-nis tha seasgad bunsgoil 's a h-aon le clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig annta agus trithead 's a sia àrdsgoiltean ann an Alba a' tabhann Gàidhlig do fhileantaich.

1.1.4 Tha clasaichean luchd-ionnsachaidh, sa bhunsgoil agus san àrdsgoil, cudromach do leasachadh na Gàidhlig cuideachd. Tha an t-àrdachadh anns na h-àireamhan a' frithealadh chlasaichean luchd-ionnsachaidh anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad na adhbhar dòchais. Chaidh àireamhan an àirde bho 2370 ann an 2002-03 gu 2513 ann an 2003-04 agus 2583 ann an 2004-05. Tha Gàidhlig ga teagasg do luchd-ionnsachaidh sa bhunsgoil cuideachd agus tha seo air eagrachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Tha àite cudromach aig na clasaichean seo ann an aire a thogail mun chànan agus mun chultar. Anns an fhad-ùine dh' fhaodadh iad an àireamh fhileantach a chur am meud agus, is dòcha, an uiread luchd-teagaisg.

1.2 Adhartas agus Leasachadh

1.2.1 Chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh ann an 1999, agus bhon àm sin tha grunn thionnsgnaidhean air tachairt airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a neartachadh agus a mheudachadh ann an Alba. Bha ullachaidhean cudromach airson na Gàidhlig anns an Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba msaa 2000, tràth ann am beatha Pàrlamaid na h-Alba, a sheall gur e Prìomhachas Nàiseanta airson foghlaim sgoile ann an Alba a bha anns a' Ghàidhlig.

1.2.2 Tha an Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba msaa 2000 ga chur mar fhiachaibh air ùghdarrasan aithris bhliadhnail fhoillseachadh air amasan leasachaidh. Feumaidh an aithris bhliadhnail luaidh a dhèanamh air solarachadh an ùghdarrais airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha an Achd cuideachd a' toirt a' chomais do Mhinistearan cinn-uidhe a shònrachadh airson nam Prìomhachasan Nàiseanta ann am foghlam sgoile, agus is e a' Ghàidhlig aon dhiubh.

1.2.3 A' leantainn seo, tha grunn ùghdarrasan air adhartas agus leasachadh a dhèanamh air an solarachadh aca airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha a' chuid as motha de raointean foghlaim Ghàidhlig air piseach fhaighinn às. Tha leasachadh air tighinn air maoineachadh, bathar, trèanadh luchd-teagaisg, TFC, taic do sgoilearan, luchd-teagaisg agus pàrantan agus air aithrisean poileasaidh bho ùghdarrasan air ciamar a thèid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh anns na sgìrean aca.

1.2.4 Tha foghlam Gàidhlig cuideachd air piseach fhaighinn bho aithisgean agus rannsachadh a chuimsich air raointean sònraichte den t-solarachadh. Chaidh stiùireadh cuideachd a dheasachadh agus a sgaoileadh le Riaghaltas na h-Alba a bheireadh taic do leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Ach, ged a tha na comharraidhean neart seo dòchasach, tha iad cuideachd air na prìomh bhacaidhean a tha a' cur stad air fàs ann am foghlam Gàidhlig a shealltainn.

1.3 Buidheann-ghnìomha Luchd-teagaisg

1.3.1 Is e fastadh agus solarachadh luchd-teagaisg aon de na raointean a dh'fheumas leasachadh ma tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dol a dhol am meud. Tha fìor dhuilgheadas air a bhith ann an cuid de sgìrean a' lorg luchd-teagaisg agus tha seo air adhartas a chumail air ais. Uaireannan, tha seo air cron a dhèanamh air foghlam nan sgoilearan agus tha e air briseadh dùil adhbharachadh don a h-uile duine le ùidh sa chùis. Tha seo air a bhith follaiseach ann am foghlam bunsgoile, ach bidh e a' dèanamh cron san àrdsgoil cuideachd, far a bheil ùghdarrasan a' feuchainn ri cunbhalachd a neartachadh eadar bun- agus àrdsgoil agus ris an roghainn chuspairean a gheibhear tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh.

1.3.2 A' toirt aithne don t-suidheachadh seo, chuir Ministear an Fhoghlaim agus na h-Òigridh Buidheann-ghnìomha Luchd-teagaisg air bhonn airson coimhead ri fastadh agus solarachadh luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig agus airson molaidhean a dheasachadh. Dh'aontaich a' Bhuidheann gum biodh an raon ùghdarrais aca a' gabhail a-steach beachdachadh air: roi-innleachdan a dh'ionnsaigh meudachadh a dhèanamh air solarachadh luchd-teagaisg, cothroman foghlaim luchd-teagaisg, deasachadh proifeiseanta luchd-teagaisg na Gàidhlig agus taic phroifeiseanta do luchd-teagaisg.

1.3.3 Tha ceanglaichean cudromach ann eadar a' Bhuidhinn-ghnìomha Luchd-teagaisg agus tionnsgnaidhean eile a thachair o chionn ghoirid leithid stèidheachadh Buidhne TFC Gàidhlig nan Àrdsgoiltean. Is e amas Buidhne TFC Gàidhlig nan Àrdsgoiltean fuasglaidhean dealanach a lorg airson foghlam meadhain Ghàidhlig a lìbhrigeadh aig ìre na h-àrdsgoile a bhiodh na dhòigh air an fhàs ann an iarrtas airson cuspairean ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig a fhreagradh anns an àrdsgoil. An lùib seo, feumar coimhead ri dè na cuspairean air am bu chòir cuimseachadh, deasachadh stuthan teagaisg agus dè na dòighean lìbhrigidh as freagarraiche. Tha obair na Buidhne-gnìomha Luchd-teagaisg cuideachd a' gabhail a-steach cheanglaichean cudromach ri obair a rinneadh o chionn ghoirid le Luchd-sgrùdaidh na Bànrighe airson Foghlaim ( LSBF) agus Buidheann Ath-bhreithneachaidh Riaghlaidh nan ùghdarrasan ionadail ( BAR).

1.4 Solarachadh Luchd-teagaisg - Prìomhachas

1.4.1 Chuir a' Bhuidheann fàilte air an aithisg air Foghlam Gàidhlig a thug LSBF a-mach o chionn ghoirid agus thug iad fa-near gu robh i a' nochdadh adhartais mhòir ann am Foghlam Gàidhlig bhon aithisg mu dheireadh ann an 1994. Bha a' Bhuidheann cuideachd toilichte an cudrom làidir a chuir an aithisg air foghlam àrdsgoile agus air an fheum leasachadh susbainteach a dhèanamh air Gàidhlig aig an ìre sin fhaicinn, a' cur ri fàs na Gàidhlig sa bhunsgoil agus adhartas ann an teicneolas ùr. Tha an co-dhùnadh a rinn grunn ùghdarrasan gun toir iad Gàidhlig air adhart san àrdsgoil na fhianais air a' chudrom seo. Anns an aithisg LSBF a rinneadh bho chionn ghoirid, bha na raointean leasachaidh a' gabhail a-steach 'dèanamh cinnteach gu bheil luchd-teagaisg Gàidhlig agus FTMG le deagh-bharrantas gu leòr ann a fhreagras iarrtas anns an àm ri teachd'. Tha a' Bhuidheann Ath-bhreithneachaidh Riaghlaidh an còmhnaidh a' cur cudroim air taic phractaigeach a thoirt do fhastadh agus trèanadh luchd-teagaisg Gàidhlig agus tha Comunn na Gàidhlig cuideachd air mòran a chur ri seo.

1.4.2 Bha foghlam Gàidhlig agus am feum air solarachadh luchd-teagaisg a mheudachadh follaiseach na phàirt chudromach de Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 mar a chaidh e tro Phàrlamaid na h-Alba. Bha seo ri fhaicinn ann am freagairtean na co-chomhairleachaidh, ann an deasbadan agus anns an fhianais a fhuair Comataidh an Fhoghlaim aig Pàrlamaid na h-Alba. A thuilleadh air sin, nochd Comataidh an Fhoghlaim aig Pàrlamaid na h-Alba na cùisean seo anns an aithisg aca air an 5mh Gearran 2005, far an do chuir iad cudrom air an fheum aig Riaghaltas na h-Alba leasachadh a dhèanamh air fastadh luchd-teagaisg Gàidhlig.

'Tha a' Chomataidh toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag innse do na comhairlean maoineachaidh gur e prìomhachas a tha anns a' Ghàidhlig agus gun tèid iomairt fastaidh a chur air bhog airson tidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an 2005. Ach, tha a' Chomataidh iomagaineach mun bheàrn a tha ann eadar iarrtas agus solarachadh ann an trèanadh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.'

1.4.3 Thuirt Comataidh an Fhoghlaim gu robh e cudromach gun 'dèiligear ris a' bheàrn seo anns an roi-innleachd nàiseanta air foghlam Gàidhlig' a tha òrdaichte fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. ' Chuir a' Bhuidheann-ghnìomha Luchd-teagaisg fàilte air na briathran seo agus tha iad air feuchainn ris na duilgheadasan fhuasgladh leis na ceumannan a tha gam mìneachadh anns an aithisg seo. Tha grunn mholaidhean anns an Aithisg aig deireadh gach earrainn agus, aig an toiseach, tha grunn phrìomh mholaidhean a shaoil a' Bhuidheann do-sheachanta ma tha fuasgladh dol a thighinn air a' ghainnead luchd-teagaisg a tha ann an-dràsta. Tha a' Bhuidheann den bheachd gu bheil an Aithisg seo a' mìneachadh nan ceumannan a dh'ionnsaigh solarachaidh nas fheàrr airson Luchd-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba a choinnicheas iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a tha a' sìor fhàs.