We are testing a new beta website for gov.scot go to new site

Progress with Complexity: The 2003 Local Reports - Short Reviews of Social Work Services in Scottish Local Authorities

Listen

Short Reviews of Social Work Services in Scottish Local Authorities

logoCOMHAIRLE NAN EILEAN SIAR

Lèirmheas

Tha seirbheisean obair shòisealta an Eilean Siar air an lìbhrigeadh nas fhaisge air coimhearsnachdan ionadail seach àite sam bith eile an Alba. Bhon bhun-stèidh òirdhearcach seo, thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh tha an t-ùghdarras air seirbheisean àrd-ìre càileachd a leasachadh, gu sònraichte seirbheisean cùraim coimhearsnachd. Tha feumalachdan airson an àma ri teachd ag atharrachadh gu mòr le atharrachaidhean anns an àireamh-sluaigh, gu sònraichte an t-àrdachadh anns an àireamh de sheann daoine agus an lùghdachadh mòr anns an àireamh-sluaigh a tha aig aois obrach.

Feumaidh an t-ùghdarras cumail air a' leasachadh ma tha e a' dol a choinneachadh ris na dùbhlanan seo. Gu sònraichte, feumaidh e co-obrachadh fìor mhath a bhrosnachadh tarsainn slàinte, foghlam agus obair shòisealta agus ged a tha iad seo air a bhith nan neartan aig an ùghdarras thuige seo, tha iad a-nis a' sealltainn comharran lagachaidh aig an dearbh àm a bu chòir barrachd leasachaidh a bhith a' tighinn orra. Chan eil Eilean Siar tuilleadh anns a' phrìomh àite a thaobh co-sholarachadh sheirbheisean mar a bha e uair agus agus mar a bu chòir dha a bhith.

Am measg coileanaidhean na Comhairle, tha na leanas:

  • ìre àrd sheasmhach de dhaoine nas sine a tha a' faighinn cùramsan dachaigh;
  • ìre àrd de dhaoine nas sine a' faighinn còrr is 20 uair de chùram dachaigh gach seachdain, ged a tha an ìre sin air lùghdachadh bho chionn ghoirid;
  • an t-àrdachadh bho chionn ghoirid anns an àireamh de phasganan cùram dachaigh air an leasachadh agus air an toirt seachad ann an Leòdhas agus Na Hearadh - a-nis gu bhith air an tairgsinn ann am pàirtean eile de na h-eileanan; agus
  • a' buileachadh gu soirbheachail Cùram Pearsanta An-asgaidh.

Feumaidh a' Chomhairle na leanas a dhèanamh gu cabhagach:

  • ath-bhreithneachadh a thoirt air an dòigh-obrach aige ann a bhith a' co-dhealbhadh agus a' lìbhrigeadh sheirbheisean air feadh foghlam, obair sòisealta agus slàinte;
  • dèanamh cinnteach gu bheil e a' lìbhrigeadh co-dhiù 75% de dh'aithisgean airson Èisteachdan Chloinne ann an deagh àm (aig 74%, tha an t-ùghdarras glè fhaisg air an amas nàiseanta);
  • dèanamh cinnteach gu bheil neach-teagaisg ainmichte aig gach sgoil le lèirmheas air clann agus daoine òga ann an cùram; agus
  • inneal measaidh èifeachdach a chleachdadh (Asset no YLS/CMI) ann an cùisean ceartas òigridh gu lèir agus luchd-obrach a thrèanadh gus a chleachdadh gu h-èifeachdach.

Bu chòir dha cuideachd prìomhachas a thoirt do bhith:

  • a' tarraing còmhla taic airson luchd-cùraim a-steach gu frèam-obrach ro-innleachd singilte;
  • a' deasachadh plana gnìomh gus an Achd Slàinte Inntinn a chur an sàs, a'cleachdadh fiosrachadh bhon lèirmheas a thathas a' dèanamh an-dràsta air seirbheisean slàinte inntinn;
  • a' leasachadh dealbhadh leigeil ma-sgaoil airson daoine a tha a' fàgail aonadan glanadh a-mach dibhe;
  • a' fastadh barrachd luchd-cùraim dalta;
  • a' leasachadh buileachadh foghlaim clann a tha fo chùram;
  • ag aontachadh phlanaichean gus leasachadh a thoirt air seirbheisean slàinteinntinn chloinne agus dhaoine òga a tha fo chùram;
  • ro-innleachd eucoir òigridh a' leasachadh a tha freagarrach airson feumalachdan na sgìre, a' dèanamh cinnteach gu bheil roghainn de phrògraman air chothrom do dhaoine òga;
  • a' freagairt nam molaidhean airson Cuir Taic ri luchd-obrach Beulaibh-sluaigh ann an dòigh a tha freagarrach airson feumalachdan na sgìre;
  • a' lùghdachadh an àireamh de dhreuchdan bàna an luib luchd-obrach seirbheisean chloinne; agus
  • a' leasachadh tuilleadh rèiteachaidhean co-obrachaidh ris na seirbheisean slàinte.

Cùram Coimhearsnachd

Seirbheisean airson daoine nas sine

Bho na h-àireamhan a thug a' Chomhairle seachad (ach nach deach an dearbhadh fhathast), aig an àm seo tha 61 dachaigh a' faighinn dian chùram dachaigh de bharrachd is 20 uair gach seachdain. Den 61 dachaigh seo, tha 15 a' faighinn taic bho sheirbheisean taic ghluasadach tron oidhche agus 12 bho chionn ghoirid a' faighinn taic a bharrachd air an fheasgar.

Tha a' Chomhairle air seirbheisean ùra a leasachadh, leithid taic tron oidhche, agus cuideachd air pasganan dachaigh a bharrachd a cheannach. Tha taic tron oidhche air a cho-mhaoineachadh leis a' Chomhairle agus NHS nan Eilean Siar. Tha an sgìre a thathas a' còmhdach an-dràsta a' riochdachadh 70% de dh'àireamh sluaigh nan eilean gu lèir. Tha an àireamh de dh'àiteachan airson cùram còmhnaidh air fuireach mar a bha e, ach tha an àireamh a tha a' feitheamh airson cùram còmhnaidh air tuiteam mar a tha barrachd luchd-cleachdaidh air cùram fhaighinn aig an taigh. Chaidh mòran adhartais a dhèanamh a thaobh a bhith a' lùghdachadh dàil ann a bhith a' leigeil dhaoine a-mach à ospadalan. Tha na h-àireamhan as ùire bhon Chomhairle a' toirt fa-near gun robh an àireamh euslaintich san ospadal ach a bha deiseil airson faighinn a-mach air tuiteam bho 31 gu 13 eadar an t-Iuchar 2002 agus an t-Iuchar 2003. Chaidh an lùghdachadh a choileanadh tro bhith a' meudachadh roghainnean ann an taic dachaigh, le barrachd ga dhèanamh tro iomairtean co-mhaoinichte.

Ann an Uibhist is Barraigh, tha sgioba luath-fhreagairt air a thoirt seachad le seirbheisean coitcheann slàinte agus obair shòisealta. Tha sgioba LUATH (sgioba co-mhaoinichte) a' tairgsinn luath-fhreagairt airson Leòdhas agus Na Hearadh. Tha prìomh fòcas na sgioba mar a leanas:

  • meudachadh a thoirt air an àireamh dhaoine is urrainn an t-ospadal fhàgail cho luath 's a thèid aca air;
  • measadh sgiobalta a dhèanamh air feumalachdan cùraim dachaigh; agus
  • stòrasan a thoirt seachad gus cuideachadh a thoirt do dhaoine tighinn beò gu neo-eisimeil as dèidh dhaibh an t-ospadal fhàgail.

Tha taic bhùithtean agus càradh dachaigh air a chunntais an luib nam pasganan cùraim coitcheann. Tha a' Chomhairle air barrachd phasganan dian chùram dachaigh a thoirt a-steach ann an Leòdhas 's Na Hearadh. Thèid na pasganan seo a leudachadh air feadh nan Eilean Siar gu lèir. Chaidh 'Crossroads' ainmeachadh airson seirbheisean faochadh-goirid a thoirt seachad agus tha Alzheimer Alba gan toirt seachad ann an Leòdhas. Tha an dà bhuidheann a' toirt seachad seirbheisean ann an Uibhist is Barraigh.

Chan eil trioblaidean sam bith air a bhith aig a' Chomhairle a' cur an sàs Cùram Pearsanta An-asgaidh, agus tha nas lugha na 10% de luchd-cleachdaidh a' pàigheadh airson cùram. Chuir a' Chomhairle fios chun a h-uile neach a tha a' cleachdadh na seirbheis gus an fheadhainn a bha airidh air Cùram Pearsanta An-asgaidh a chomharrachadh, chuir iad a-mach bileagan agus sanasachd gu daoine a tha a' faighinn cùram anns an dachaigh, a' tarraing aire chun an atharrachaidh, agus dh'innis iad do luchd-cleachdaidh uile a bha feumach air measadh no ath-mheasadh. Tha Cùram Pearsanta An-asgaidh mar phàirt den mheasadh co-roinnte singilte agus tha e mar phàirt shoilleir den dòigh-obrach measaidh.

Seirbheisean do dhaoine le ciorramachdan ionnsachaidh

Chaidh an àireamh dhaoine a tha a' faighinn seirbheis airson ciorramachdan ionnsachaidh suas mean air mhean eadar 2000 agus 2002.

Aig an àm seo tha a' Chomhairle a' pàigheadh airson sianar dhaoine le duilgheadasan ionnsachaidh a tha a' fuireach air tìr-mòr. Tha aon cho-òrdanaiche sgìre ionadail ceangailte ri pròiseact trèanaidh agus cosnaidh ann an Uibhist is Barraigh.

Tha aon mhanaidsear ionnsachadh chiorramach ann an Leòdhas 's Na Hearadh airson cùram còmhnaidh, faochaidh agus làitheil. Tha am manaidsear loighne cùram coimhearsnachd ann an Uibhist a' dèiligeadh ri cùram coimhearsnachd san fharsaingeachd, agus tha sin a' gabhail a-steach daoine le ciorramachdan ionnsachaidh. Tha iomradh agus measadh ga dhèanamh air daoine le ciorramachdan ionnsachaidh tron dòigh-obrach cùram coimhearsnachd agus thathas a' tairgsinn pasgan dhaibh a' gabhail a-steach cuid de na seirbheisean spèisealta a tha am manaidsear a' toirt seachad airson faochadh cùraim agus cùram làitheil. Tha prògraman trèanaidh le colaiste foghlam adhartach agus taic cosnaidh air a thairgsinn mar roghainn an àite cùram làitheil. Tha seirbheisean saor-thoileach le taic ann airson daoine nach urrainn gluasad a-steach gu cosnadh le taic.

Tha daoine le feumalachdan dùbhlanach a' faighinn taic anns an t-seirbheis còmhnaidh, agus tha na banaltraman ionnsachaidh ciorramach mar phàirt den dòigh-obrach seo. Tha a' Chomhairle a' pàigheadh airson àiteachan ann an dachaighean air tìr-mòr a tha clàraichte airson cùram a thoirt do dhaoine le tinneas inntinn. Tha maoineachadh bhon Mhaoin Atharrachaidh gu bhith air a chleachdadh gus co-òrdanaiche sgìreil eile fhastadh gus stòr-data de dhaoine le ciorramachdan ionnsachaidh a leasachadh.

Seirbheisean airson daoine le ciorramachdan corporra

Tha sgeama a-nis stèidhichte airson Pàighidhean Dìreach. Chan eil margaidh neo-eisimeil ann gu h-ionadail, ach tha roghainn de sheirbheisean saor-thoileach agus prìobhaideach gan cur air dòigh an-dràsta fhèin leis an raon shaor-thoileach. Tha e coltach gum bi meudachadh anns an àireamh dhaoine air Pàighidhean Dìreach anns na h-Eileanan Siar.

Tha a' Chomhairle air measadh agus cuid de sholarachadh uidheamachd agus atharrachaidhean ri seirbheis leigheas dreuchdail an NHS a chur a-mach air chùmhnant. Tha molaidhean airson atharrachaidhean mòra agus maireannach a' dol gu roinn an taigheadais, agus tha an lighiche dreuchdail fa leth a' barganachadh maoineachas a bharrachd bhon mhanaidsear obrach shòisealta. Thathar a' moladh gun tèid stòr a thogail far an tèid acfhuinn a chumail. Bidh seo ruigsinneach mar phàirt den aon phasgan agus bheir seo còmhla banaltrachadh coimhearsnachd agus acfhuinn cùram sòisealta.

Daoine le bacaidhean mothachaidh

Tha neach-obrach taice ann airson daoine le bacaidhean mothachaidh a tha a' tairgsinn seirbheis agus ceangal ri seirbheisean spèisealta eile. Tha an neach-obrach seo a' tairgsinn measadh, uidheamachd, iomraidhean air adhart agus tagradh. Chan eil fios aig Eilean Siar mu neach sam bith a tha bodhar is dall ach tha iad ag aideachadh nach eil an dòigh-obrach airson a bhith a' roinn leithid a dh'fhiosrachadh cho math 's a bu chòir. Bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar beachdachadh barrachd leasachaidh a dhèanamh air aseo le Slàinte.

Seirbheisean airson daoine le duilgheadasan slàinte inntinn

Tha a' Chomhairle fhathast gus crìoch a chur air plana gus an Achd Slàinte Inntinn ùr a chur an sàs, agus tha i air tòiseachadh le bhith a' coimiseanadh ath-bhreithneachadh air seirbheisean slàinte inntinn. Tha an com-pàirteachas slàinte inntinn a' coinneachadh gach ceithir gu sia seachdainean agus a' toirt a-steach aonadan reachdail agus saor-thoileach agus luchd-cleachdaidh agus luchd-cùraim. Tha a' Chomhairle a' dèanamh ath-bhreithneachadh air àite Oifigearan Slàinte Inntinn (MHOs) mar phàirt den deasachadh aca gus an Achd ùr Slàinte Inntinn a thoirt a-steach.

Tha sgioba cùram coimhearsnachd coitcheann a' dèanamh measadh agus a' lìbhrigeadh trioblaidean slàinte inntinn. Tha cùram latha agus seirbheisean latha coitcheann ach a' toirt a-steach daoine le

trioblaidean slàinte inntinn. Tha a' Chomhairle air pròiseactan a choimiseanadh bho bhuidhnean saor-thoileach do dhaoine le feumalachdan nach eil air am frithealadh leis na prìomh sheirbheisean.

Tha ciontaich le trioblaid inntinn air an gabhail a-steach an luib an rèiteachaidh seo agus mar as trice air an togail suas an luib an siostam ceartas eucorach. Tha an Dòigh-obrach Prògraim Cùraim a' gabhail a-steach nan ciontaich seo agus a'cleachdadh HONOS gus tomhas a dhèanamh air cunnart.

A' dèiligeadh ri mì-ghnàthachadh stuthan

Tha sgiobannan coitcheann cùram coimhearsnachd a' toirt a-steach obair shòisealta

tràilleachd. Tha a' Chomhairle a' toirt a-steach seirbheisean spèisealta ann an co-bhuinn ris an Aonad Caitheamh Beatha agus Seirbheis Comhairleachaidh Deoch-làidir agus Dhrugaichean Eaglais na h-Alba ann an Leòdhas 's Na Hearadh. Ann an Uibhist tha am Bòrd Slàinte a' maoineachadh obraiche mì-ghnàthachadh stuthan. Is e deoch-làidir seach drugaichean an trioblaid. Tha glanadh a-mach deoch-làidir air a dhèanamh anns an aonad meidigeach agus tha glanadh a-mach làitheil ga dhèanamh anns na h-aonadan leigheas-inntinn.

Tha pròiseact trì bliadhna aig a' cho-òrdanaiche mì-ghnàthachadh stuthan gus seirbheisean cùraim amalaichte a stèidheachadh airson daoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan Siar.

Tha rannsachadh a' coimhead ri teaghlaichean a tha a' mì-ghnàthachadh stuthan. Tha an siostam cùram co-roinnte air cuid a riaghailtean a thoirt a-steach ann am measadh cùraim. Is e a' phrìomh fheum trèanadh airson sgilean pàrant. Stèidhich a'Chomataidh Dìon Chloinne dreuchd leasachadh trèanaidh dìon chloinne sa Ghearran 2003 gus taic a chumail ri pàrantan a tha a' mì-ghnàthachadh stuthan agus an cuid chloinne.

Tha trèanadh STRADA air a thoirt seachad airson raon de luchd-obrach.

Bu chòir don Chomhairle crìoch a chur air an ath-bhreithneachadh aice air dòighean co-obrachaidh airson measadh agus stiùireadh cùram dhaoine a tha a' faighinn a-mach às na goireasan glanadh a-mach.

A' ceangal suas seirbheisean cùram coimhearsnachd ri slàinte

Chaidh adhartas cuibhrichte a dhèanamh air feadh a' chlàr-obrach co-obrachaidh airson an àma ri teachd. Tha seo air sàilleabh trioblaidean obrachaidh bho chionn ghoirid aig a' Bhòrd Slàinte agus duilgheadas ann a bhith a' dol an sàs leis a' Bhòrd Slàinte a thaobh tabhartasan ionmhais agus structairean stiùiridh. Tha an easbhaidh ionmhais aig a' Bhòrd Slàinte na dhùbhlan sònraichte mu choinneamh co-obrachadh. Tha ìre shusbainteach de leasachadh agus trèanadh air a bhith ann a thaobh measadh singilte co-roinnte. Is e seo an eileamaid as làidire a chaidh a leasachadh anns a' chlàr-obrach co-obrachaidh airson an àma ri teachd anns na h-Eileanan Siar.

Tha adhartas ann an leasachadh co-obrachaidh air a thomhas tron Frèam-obrach Co-roinnte Coileanaidh airson Fiosrachadh agus Measadh (JPIAF), a chaidh aontachadh le SWSI, Sgrùdadh Alba agus NHS Alba. Tha measadh bho chionn ghoirid air adhartas a' chom-pàirteachais anns na còig raointean co-obrachaidh stiùiridh, co-riaghladh stòrasan daonna, co-stòrasachd agus measadh singilite co-roinnte, a' toirt fa-near nach robh fianais no adhartas gu leòr ann airson an rèiteachadh co-obrachaidh, ged a tha fiosrachadh bhon uairsin air a shealltainn gu bheil leasachaidhean susbainteach ann a-nis. Chaidh a mholadh do na com-pàirtichean ionadail gum bu chòir dhaibh:

  • beachdachadh air luaths adhartais a' gabhail a-steach buileachadh mean air mhean cuid den rèiteachadh co-stiùiridh air feadh 2003/2004.
  • iomradh a thoirt air na co-phàirtean seirbheis a tha rin toirt a-steach an luib stiùireadh singilte.
  • soilleireachadh a thoirt air na gnìomhan/cumhachdan tiomnaichte aig a' Chomataidh Co-obrachaidh airson an Àma ri Teachd.
  • làn sgeama tiomnachaidh a leasachadh agus fhoillseachadh co-cheangailte ris a' Chomataidh Co-obrachaidh airson an Àma ri Teachd, manaidsear singilte agus stiùireadh singilte airson sgiobannan ionadail.
  • poileasaidhean iomchaidh a leasachadh air seirbheisean/riaghladh clionaigeach agus ann a bhith a' làimhseachadh ghearainean a thaobh taic airson sgiobannan singilte/ionadail.
  • ceumannan a ghabhail gus dèiligeadh ri cùisean a thaobh iomlanachd agus freagarrachd an rèiteachadh co-obrach stòras daonna anns an làn Aonta Com-pàirteachas Ionadail aca mar air 1 Giblean 2003.
  • ceumannan a ghabhail gus tuilleadh neartachaidh a thoirt air rèiteachaidhean stiùireadh ionmhais (an dà chuid ro-innleachdail agus obrachaidh), protocalan ionmhasail (an dà chuid innleachdail agus obrachaidh), aithris aontaichte air co-stòrais cèis ro-innleachdail ionmhais airson seirbheisean dhaoine nas sine, agus aithris aontaichte air buidseat obrachaidh co-stòrais airson seirbheisean dhaoine nas sine.
  • ceumannan adhartach a ghabhail a thaobh nan rèiteachaidhean a leanas airson a bhith a' buileachadh measadh singilte co-roinnte. Dèan cinnteach gu bheil taigheadas air a ghabhail a-steach, gluais bho leasachadh gu buileachadh, cuir an sàs rèiteachadh airson ruigsinn air stòrasan, agus bheir air adhart protocal airson fiosrachadh a roinn.

Aig ìre obrachaidh, tha sgiobannan coitcheann ann an Leòdhas 's Na Hearadh, Uibhist agus Barraigh a' tairgsinn seirbheisean cùram coimhearsnachd (ann an Uibhist is Barraigh tha iad cuideachd a' toirt a-steach seirbheisean chloinne). Tha gach buidheann cùram coimhearsnachd air a fhrithealadh fo rèiteachaidhean co-obrachaidh. Chaidh grunn sheirbheisean a leasachadh air taobh a-staigh frèam-obrach a chaidh aontachadh le seirbheis na slàinte, ged is e a' Chomhairle as motha a tha ga mhaoineachadh. Chan eil co-sgiobannan foirmeil ann - tha obrachadh nan seirbheisean air a stiùireadh le co-obrachadh neo-fhoirmeil agus co-stiùireadh chùisean. Chaidh eadar 60 is 70 measadh singilte co-roinnte a chrìochnachadh agus tha na com-pàirteachasan gan cleachdadh airson seirbheisean freagarrach a dhealbh airson daoine fa leth.

Tha siostam ùr coimpiutair na Comhairle OLM ga thoirt a-steach bhon Mhàirt 2004 agus bheir e a-steach buidhnean luchd-cleachdaidh gu lèir a thuilleadh air a bhith a' roinn fiosrachadh le seirbheis na slàinte. Chaidh siostaman a leasachadh airson roinneadh fiosrachadh tro mheasadh singilte co-roinnte agus an cur a-mach an dà chuid air taobh a-staigh an trèanaidh agus amasan pròiseact Maoine Ùrachadh Riaghaltais. Tha fiosrachadh air a chlàradh air pàipear aig an ìre sa.

Ag obrachadh le Luchd-cùraim

Tha a' Chomhairle air fòraim a stèidheachadh airson grunn de bhuidhnean saor-thoileach gus taic a leasachadh airson luchd-cùraim 24 uair gach latha, seachd latha san t-seachdain. Tha iad a' toirt a-steach nan Eilean Siar gu lèir. Tha taic a' toirt a-steach a' chothroim airson faochadh cùraim, tagradh agus measadh bunaiteach neach-cùraim tro mheasadh singilte co-roinnte a tha air a thairgsinn do luchd-cùraim uile aig a bheil uallach gnìomhail taice aig an àm seo. Tha a' Chomhairle a' cumail fiosrachadh mun luchd-cùraim uile a tha air am measadh tron dòigh-obrach measaidh singilte co-roinnte. Chaidh suas ri 60 measadh a dhèanamh air luchd-cùraim, ach tha obair-shòisealta den bheachd gun èirich seo mar a thèid measaidhean singilte co-roinnte a stèidheachadh gu daingeann air feadh na sgìre gu lèir bhon Ghiblean 2003. Tha a' Chomhairle a' cleachdadh am fòraim cùram coimhearsnachd ionadail gus raon de bhuidhnean saor-thoileach, luchd-ceannach agus ùidhean luchd-cùraim a tharraing còmhla.

Clann agus Daoine òga

Clann a tha fo chùram

Thàinig lùghdachadh air an àireamh chloinne agus dhaoine òga a tha fo chùram ann an

suidheachadh dàimhe bho 11 ann an 2000 gu nas lugha na còig ann an 2002 an uair a

ghluais cuid de theaghlaichean a-mach as an sgìre. Tha a' Chomhairle a' pàigheadh luchd-cùraim dàimhe an aon rud ri luchd-cùraim dalta.

Daltachd agus uchd-mhacachd

Tha còignear chloinne bho ghrunn theaghlaichean a' feitheamh airson suidheachadh

daltachd. Tha an àireamh de luchd-cùraim a tha ri fhaotainn cuingealaichte, agus tha

trioblaidean eile ann a thaobh a bhith a' cur clann còmhla ri luchd-cùraim freagarrach. Tha na duilgheadasan seo a' buntainn ann am pàirt ri cruinn-eòlas. Tha e gu sònraichte duilich àite fhaighinn do chloinn à teaghlaichean mòra. Dh'fhailich air iomairt fastaidh bho chionn ghoirid, a bha a' gabhail a-steach sanasan naidheachd agus iomairt postair, air gin de luchd-cùraim a thaladh.

Tha luchd-cùraim a' faighinn ìre pàighidh COSLA air a mheudachadh le 33%. Faodaidh a' Chomhairle barrachd a phàigheadh ann an suidheachaidhean neo-àbhaisteach.

Chan eil gin den chloinn air an daltachd a-mach às an sgìre, ach tha clann bho sgìrean eile a' faighinn daltachd anns na h-Eileanan Siar.

Tha nas lugha na còignear chloinne ann an suidheachaidhean ro-uchd-mhacachd (tha luchd-cùraim dalta airson an uchd-mhacachd) ach chaidh na suidheachaidhean a dhèanamh le ùghdarrasan eile. Tha aonta eadar na h-eileanan airson daltachd a dhèanamh air clann fìor òg.

Coileanadh foghlaim

Bha nas lugha na còignear de dhaoine òga eadar 16 is 17 bliadhna a dh'aois a' faighinn cùram anns na h-Eileanan Siar ann an 2001-2002, agus mar sin chan eil àireamhan rim faotainn air na choilean iad a thaobh foghlam. Gus coileanadh foghlam a leasachadh, nì a' Chomhairle na leanas:

  • sùil chunbhalach a chumail air làthaireachd agus coileanadh chloinne agus dhaoine òga a tha fo chùram;
  • taic a thoirt seachad gus coinneachadh ri targaidean litearachd agus àireamhachd;
  • taic a bharrachd a thairgsinn airson dèiligeadh ri neo-làthaireachd; agus
  • planaichean ionnsachaidh pearsanta a thoirt a-steach le targaidean a tha na daoine òga fhèin air a stèidheachadh.

Tha na daoine òga uile an sàs ann am foghlam làn-ùine. Tha am pròiseact Clàr-oideachaidh Roghnach (ACE) air a cho-mhaoineachadh le Foghlam agus Obair Shòisealta agus tha pàirt chudromach aige ann a bhith a' seachnadh suidheachadh chloinne air tìr-mòr an uair a tha roghainnean freagarrach eile rim faotainn.

Chan eil sgrùdadh no measadh foirmeil air càileachd an fhoghlaim anns na planaichean cùraims.

Chan eil fios aig a' Chomhairle co-dhiù a tha neach-teagaisg ainmichte aig gach sgoil airson clann agus daoine òga a tha ann an cùram.

Tro-chùram agus ath-chùram

Tha a' Chomhairle a' cruthachadh dreuchd ùr tro-chùram agus ath-chùram. Tha fiosrachadh tro-chùram agus ath-chùram air luchd-fàgail cùraim, a' toirt a-steach fiosrachadh air cosnadh agus àite-còmhnaidh, ri làimh.

Tha a' phròiseict fàgail cùraim a' tairgsinn taighean airson daoine òga agus gheibh iad an uairsin teanantachd dhaibh fhèin. Tha aon suidheachadh loidsidh le taic ann.

Slàinte Inntinn

Chan eil sgioba slàinte inntinn no ro-innleachd chloinne ann ach tha seirbheis air a thoirt do chuid de chloinn a-rèir feum fa leth. Tha seirbheisean chloinne air an leasachadh air taobh a-staigh com-pàirteachas slàinte inntinn, ach tha na seirbheisean sin cuingealaichte. Am measg nan seirbheisean, tha:

  • seirbheis clionaigeach eòlas-inntinn, air a tairgsinn air stèidh phroifeiseanta;
  • seirbheis tadhail le eòlaiche-inntinn chloinne uair sa mhìos;
  • prògraman ann an sgoiltean gus leasachadh a thoirt air slàinte inntinn; agus
  • comharrachadh, iomradh agus eadar-theachd tràth, air a ghabhail os-làimh le Surestart.

Dìon chloinne

Calg dhìreach an-aghaidh an ìre gu math ìosal de dh'iomraidhean dìon chloinne, tha

àireamhan àrda chloinne a' dol mu choinneamh co-labhairtean cùise agus tha ìrean àrda clàraidh air clàr dìon na cloinne. Tha an àireamh clàraidh air dùblachadh eadar 2000-2001 agus 2001-2002. Tha iomraidhean tùsail air am measadh agus cha tèid an cunntais mar iomradh mura tèid an clàradh mar uallach. Tha àireamh àrd de chùisean a tha a' dol gu co-labhairt cùise air an clàradh.

Bha 55% den chloinn a bha air a' chlàr ann an 2001-2002 air a bhith air roimhe - an ìre as àirde ann an Alba. Tha pàrantan aig mòran den chloinn seo le trioblaidean dibhe.

Tha a' Chomhairle air grunn de dh'iomairtean dìon chloinne a stèidheachadh, nam measg dreuchd co-mhaoinichte Co-òrdanaiche Dìon Chloinne. Tha a' Chomhairle ag amas ri:

  • ath-sgrùdadh a thoirt air am foirm iomraidh ospadail gus am faodar iomradh a thoirt air cloinn an uair a thig iad gu roinnean tubaist agus èiginn;
  • ath-bhreithneachadh a thoirt air structair agus ballrachd Comataidh Dìon na Cloinne;
  • bileagan fiosrachaidh a thoirt a-mach
  • sgrùdadh a dhèanamh air sampall de chùisean a tha a' sealltainn deagh chleachdadh agus droch chleachdadh; agus
  • ath-bhreithneachadh a thoirt air trèanadh gus am bi e nas fhaisge air feumalachdan ionadail.

Clann le ciorramachdan

Tha seirbheisean airson clann le ciorramachdan air an toirt seachad tro chùram coimhearsnachd.

Chan eil a' Chomhairle a' dèanamh clàradh cunbhalach air ciorramachd. Tha an àireamh chloinne le

feum clàraichte air a dhol suas bho fhuair Uibhist is Barraigh eòlaiche-inntinn. Tha a' Chomhairle air

faochadh cùraim a leudachadh, air a cho-mhaoineachadh leis an t-seirbheis slàinte.

  • Tha NCH a' tairgsinn cùram ruighinn a-mach anns an dachaigh (faodaidh an neach-cùraim an dachaigh fhàgail airson beagan uairean an uaireadair no faodaidh an neach-cùraim an leanabh a thoirt a-mach).
  • Tha NCH a' tairgsinn seirbheis faochaidh còmhnaidh airson clann le fìor dhroch chiorramachdan.
  • Tha clann eile a' faighinn barrachd faochadh cùraim spèisealta ann an Inbhirnis agus Glaschu.

Tha seirbheis cùraim coitcheann san dachaigh a' comharrachadh teaghlaichean agus clann a tha fo bhuaidh ciorramachd ach chan eil gin de sheirbheisean dìreach ann airson luchd-cùraim òga. Bidh an clàr ùr airson luchd-cùraim a' comharrachadh luchd-cùraim òga. Tha fear de na prògraman a th' ann an-dràsta airson na sgoile choimhearsnachd ùr, stèidhichte aig Sgoil MhicNeacail, ag amas air luchd-cùraim òga a chomharrachadh agus taic a thoirt dhaibh.

Tha a' Chomhairle a' Dèanamh Deuchainn Air foirm measaidh singilte co-roinnte. Is e foirm iomraidh cumanta a th' ann le eileamaid measaidh na luib.

Obair èisteachdan na cloinne

Chaidh gach iomradh a dhèanamh air taobh a-staigh còig latha den cho-labhairt cùise (ìre 2) ann an 2001-2002.

Chaidh 74% de dh'aithisgean a chur a-steach air taobh a-staigh 20 latha obrach bhon cheann-là iarrtais (ìre 3), cha mhòr a' coinneachadh ris an targaid de 75%.

Tha gach iarrtas stiùiridh as aonais cumha còmhnaidh air an cur an cèill air taobh a-staigh 15 latha obrach bhon cheann-là a chaidh a thoirt seachad le èisteachd na cloinne (ìre 15).

Ceartas Òigridh

Chan eil ro-innleachd ann airson eucoir òigridh. Bhon a tha glè bheag de dhaoine òga an sàs ann an eucoir, chan eil prògraman sònraichte ann airson daoine òga.

Tha a' phròiseict Clàr-oideachaidh Roghnach Foghlaim (ACE), air a mhaoineachadh le obair shòisealta agus foghlam, ag amas air daoine a tha:

  • ann an cunnart a bhith air an às-dùnadh bhon sgoil;
  • air eucoirean a dhèanamh; no
  • a tha air oir gnìomhan eucorach.

Tha a' phròiseict air a dhealbh gus clann a chumail anns na h-eileanan gus nach fheum iad a dhol gu sgoil chòmhnaidh. Tha a' Chomhairle a' dèanamh tràth mheasadh air a seo.

Tha pròiseact Ceum Eile Air Adhart, ann an co-bhuinn ri NCH, ag amas air clann agus teaghlaichean a tha a' fulang air sàilleabh dochann san dachaigh agus òl fo aois laghail.

Ceartas Eucorach

Structair

Ged nach eil Eilean Siar ann am buidheann foirmeil ceartas eucorach, tha an t-ùghdarras dealasach a thaobh conaltradh agus co-òrdanachadh eadar-eileanach ri Sealtainn agus Arcaibh. Thuige seo, tha seo a' ciallachadh gu bheileas a' roinn phlanaichean ro-innleachdail agus beachdan mu bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean ann an co-theacsa eileanach, còmhradh mu fhreagairtean ri sgrìobhainnean co-chomhairle nàiseanta, agus beagan tùs obrach air cùisean barrantas càileachd. Tha an t-ùghdarras an dòchas seo a leasachadh ann an ùine nach bi fada.

Bhon Dàmhar 2002, tha dreuchd obair shòisealta air a bhith aig na h-Eileanan Siar gus lìbhrigeadh sheirbheisean ceartas eucorach a stiùireadh air feadh sgìre nan eilean.

Uallach obrach

Tha iarrtas airson seirbheisean bunaiteach sa bhliadhna a chaidh air meudachadh le

àrdachadh 31% ann an aithisgean rannsachadh sòisealta, àrdachadh 28% ann an òrdughan

seirbheis coimhearsnachd agus àrdachadh 50% ann an òrdughan urrais. Tha an t-àrdachadh ann an uallach obrach a' ciallachadh gu bheil am manaidsear ùr ceartas eucorach air a bhith cho trang agus nach deach aice air dèiligeadh ri grunn chùisean ro-innleachdail. Tha an t-ùghdarras a-nis den bheachd gu bheil gu leòr obrach ann an Leòdhas 's Na Hearadh gus maoineachas a cheadachadh airson obraiche ceartas sòisealta spèisealta, agus tha seo a-nis air a stèidheachadh.

A dh'aindheoin nan cudthroman, tha an t-ùghdarras a' cumail air a' coileanadh gu math air na prìomh chomharran coileanaidh.

Cleachdadh èifeachdach

Tha Eilean Siar a' measadh nam feumalachdan agus cunnartan a tha ciontaich ag adhbharachadh tro bhith a' cleachdadh frèam-obrach stiùireadh measaidh cunnairt

Riaghaltas na h-Alba. Tha an t-inneal air a chleachdadh an-dràst le luchd-obrach sòisealta coitcheann a' dèiligeadh ri gnìomhan ceartas eucorach. Chan eil dòigh aig an ùghdarras an-dràst air sùil a chumail air cunbhalachd leis an luchd-obrach seo agus tha iad ag ràdh gum bi stèidheachadh frèam-obrach sgrùdaidh na phrìomh amas airson a' mhanaidsear seirbheis an uair a cheadaicheas cudthroman obrach.

Tha mì-ghnàthachadh deoch-làidir na thrioblaid mhòr agus fada nas cumanta na mì-ghnàthachadh dhrugaichean anns an sgìre. Tha làthaireachd aig Aonad Caitheamh-beatha Eaglais na h-Alba, goireas don fheadhainn aig a bheil trioblaid le mì-ghnàthachadh deoch-làidir, gu tric air iarraidh mar phàirt de dh'òrdughan urrais. Tha prògram Cùram agus Urram Deoch Dhraibheadh cuideachd ri fhaotainn ann an Steòrnabhagh, air a ruith le ceartas eucorach obair shòisealta ags Poileis a' Chinn a Tuath. Thathas am beachd seo a leudachadh gu sgìre Cùirt Loch na Madadh. Chan eil fiosrachadh measaidh air a' ghoireas no am prògram ri fhaotainn fhathast. A-rithist bidh seo na phrìomh amas don mhanaidsear seirbheis san àm ri teachd.

Chaidh Òrdughan Stiùiridh Làthaireachd a chur an sàs anns na sgìrean eileanach airson a' chiad uair air a' bhliadhna sa, a' toirt a-steach fiosrachadh bho raon de bhuidhnean air Dreuchdan, litearachd inbheach agus mothachadh deoch-làidir/drugaichean. Tha na h-àireamhan beag ach ag èirigh mean air mhean.

Dìon a' phobaill

Chaidh protocal eadar bhuidhneach airson ciontaich feise a thoirt a-steach anns an t-Samhain 2002. Tha ciontaich feise air am measadh agus air an stiùireadh leis na Poileis. Tha an t-seirbheis mothachail air sàilleabh àireamhan ìosal agus ainmigeas iarrtas son na seirbheis, nach eil prìomh raointean eile cho soilleir mu dheidhinn an dreuchdan agus an dleastanasan agus thathas am beachd seo a leasachadh ann an ùine nach bi fada.

Tha an t-ùghdarras mothachail mun fheum gus ruigsinn air comhairle spèisealta agus taic airson luchd-obrach a tha ag obair còmhla ri ciontaich le cunnart mòr agus tha e am beachd coimhead ri dòighean anns an gabh seo a dhèanamh thairis air a' bhliadhna a tha romhainn.

Barantas càileachd

Tha an t-ùghdarras ag aideachadh gum feumar tuilleadh obrach a dhèanamh ann a bhith a' gabhail ri siostaman barantais càileachd agus ceumannan sgrùdaidh agus measaidh. Thathas an dùil gum bi siostam ùr IT stèidhichte ro dheireadh 2004 agus gun cuir e taic ris an iomairt seo.

Stòras Daonna

Structair an luchd-obrach

Eadar 2000 agus 2002 tha an dà chuid an àireamh de luchd-obrach a tha an sàs làn-ùine ann an obair-làraich agus an àireamh de dhreuchdan a tha nan laighe bàn air feadh nan seirbheisean an ìre mhath seasmhach. Thairis air an aon àm tha an àireamh de luchd-obrach làn-ùine ann an obair shòisealta air fuireach aig an aon ìre agus chan eil ach aon bheàrn air a shealltainn ann an seirbheisean chloinne (àrdachadh ann an 2002 air an dà bhliadhna roimhne sin far nach robh gin de dhreuchdan nan laighe bàn.)

Tha na h-àireamhan as ùire aig a' Chomhairle, fhathast rin dearbhadh a' toirt fa-near, aig deireadh na h-Òg-mhìos 2003, gun robh suidheachadh nan luchd-obrach sòisealta (làn-ùine agus a' toirt a-steach dreuchdan bàna) aig 15.6 an coimeas ri 14 anns an Dàmhar 2002. Bha an àireamh de dhreuchdan bàna ann an obair shòisealta aig a dhà an taca ri aonan anns an Dàmhar 2002.

Tha àireamhan luchd-obrach air meudachadh 6% ann an 2002, ach tha na raointean trioblaid mar a leanas:

  • a' fastadh agus a' cumail luchd-obrach sòisealta ann an seirbheisean chloinne, far a bheil an ìre de dhreuchdan bàna fìor ard; agus
  • a' fastadh luchd-cùraim dachaigh a dh'fhaodas leasachadh le bhith a' toirt a-steach plana dreuchd agus cùmhnantan diofraichte.

Chan eil dealbh aoise coimpiutar aig a' Chomhairle air an luchd-obrach aca. Tha stiùirichean seirbheis a' cumail sùil air gluasad luchd-obrach tro aois.

Taic airson luchd-obrach

Dèiligidh a' Chomhairle ris na molaidhean aig Taic airson Luchd-obrach Beulaibh Sluaigh.

Chan eil ìrean neo-làthaireachd tinneas furasta am faighinn, ach thathas a' smaointinn gu bheil na h-ìrean nas àirde an luib luchd-obrach làimhe seach luchd-obrach APT&C.

Ag obair gu ruige luchd-obrach nas barantaichte

A thaobh a bhith ag obair gu ruige luchd-obrach nas barantaichte:

  • tha DipSW aig 29 luchd-obrach agus tha a' Chomhairle a' toirt taic do dh'aon neach-obrach ma seach tro thrèanadh DipSW;
  • tha SVQ ìre 3 aig naoinear (tha ceithir tagraichean ann an-dràsta);u
  • tha SVQ ìre 2 aig 59 (tha 16 tagraiche ann an-dràsta);
  • tha ceathrar luchd-teagaisg cleachdaidh ann;
  • tha a' Chomhairle ag obair còmhla ri Colaiste a' Chaisteil gus duais stiùiridh clàraichte a thairgsinn agus SVQ ìre 4; agus
  • tha a' Chomhairle ag obair le (Oilthigh?) na Gaidhealtachd 's nan Eilean gus CPD nas èifeachdaiche a thairgsinn do luchd-obrach tro lìonra UHI; bu chòir gun cuidicheadh an obair seo cuideachd ann a bhith a' leasachadh ro-innleachd a tha a' tighinn a-rèir còd nam fastaichean.

A' deasachadh airson clàradh

Bha luchd-obrach na Comhairle am measg a' chiad fheadhainn a chaidh a chlàradh ri

Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba anns a' Ghiblean 2003. Gus coinneachadh ris na h-iarrtasan a tha air an cur a-mach anns na còdan aig Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba airson fastaichean, tha a' Chomhairle còmhla ri UHI a' coimhead ri dòighean nas èifeachdaiche gus leigeil le luchd-obrach leasachadh pearsanta proifeiseanta a dhèanamh.

Co-ionannachd Cinnidh

Tha 0.6% den t-sluagh ionadail bho mion bhuidheann cinnidheach an taca ri 2% airson

Alba gu lèir.

Thathas a' coimhead ri Co-ionannachd Cinnidh mar phàirt de phoileasaidh co-ionannachd chothroman na Comhairle. Chan eil gin dheth na trioblaidean mòra a tha a' nochdadh an àiteachan eile rim faighinn anns na h-Eileanan Siar, ged a tha mothachadh làidir aig daoine mu chultaran eadar-dhealaichte.

Tha a' Chomhairle a' sgrùdadh aig ìre chorporra an rèiteachadh a thathas a' toirt a-steach airson na feumalachdan aig daoine dubha agus mion bhuidhnean cinnidheach a chomharrachadh agus dèiligeadh riutha.

Cleachdadh Teicneòlas Conaltraidhean Fiosrachaidh

Roinn Sheirbheisean Sòisealta

Tha cothrom aig luchd-obrach làraich, a thuilleadh air an fheadhainn ann an aonadan

còmhnaidh agus cùram latha, air coimpiutaran. Tha coimpiutar aig aonadan agus ionadan fa leth agus tha cothrom gun bhacadh aig luchd-obrach airson an Eadar-lìon a chleachdadh. Tha ro-innleachd na Comhairle airson teicneòlas fiosrachaidh a' tighinn a-rèir feumalachdan roinneil, agus tha obair shòisealta mar phàirt den ro-innleachd sin. Tha an dòigh-obrach gu ruige clàr-obrach ùrachadh riaghaltas ga dhèanamh mean air mhean, mar a shaoileadh tu le meud an ùghdarrais.

Com-pàirteachasan

Aig an ìre seo, tha siostam Carenap a' ceadachadh iomlaid fiosrachaidh le seirbheis na slàinte air daoine nas sine. Bheir a' Bhunait Cùraim ùr OLM an tuilleadh leasachaidh agus cothrom leudachaidh air roinneadh fiosrachaidh.

Geàrr-thuairisgeul

Sluagh

Tha an sluagh iomlan air tuiteam tro na bliadhnaichean agus tha e a-nis aig 26,502.
Tha 58% den t-sluagh aig aois cosnaidh, an coimeas ri 62% gu nàiseanta. Ro 2016 thathas an dùil gun tuit an sluagh ionadail gu mòr le 15% (an coimeas ri 2% gu nàiseanta), le lùghdachadh mòr 21% anns an àireamh dhaoine aig aois cosnaidh agus àrdachadh 16% ann an daoine os cionn aois cosnaidh (tha na h-àireamhan nàiseanta aig lùghdachadh de 3% agus àrdachadh 17%).

Cosnadh

Tha 91% de dhaoine aig aois cosnaidh ann an obair - gu math nas àirde na an àireamh chumanta nàiseanta aig 74%. An coimeas ri Alba gu lèir, tha barrachd obraichean sa cheud ann an àiteachas, coillteireachd agus iasgach, agus àireamh nas ìsle ann an ionmhas agus gnothachas.

Dìth-cosnaidh

Tha an ìre dìth-cosnaidh ionadail aig 3.2% (Cèitean 2003) - nas lugha na an àireamh de 3.8% airson Alba gu lèir.
Tha dìth-cosnaidh air tuiteam le 17% thairis air a' bhliadhna mu dheireadh, an coimeas ri 2% gu nàiseanta..
Tha 59% de dhaoine gun chosnadh air a bhith gun obair airson sia miosan no barrachd, an coimeas ri 43% gu nàiseanta.

Comharran eile

Bha an ìre de dheugairean a bha tròm aig 20.7 airson gach 1000 boireannach eadar aoisean 13 agus 19, nas lugha na leth den àireamh 43.3 airson Alba (2001).
Airson gach 1,000 neach aois 16 agus nas sine, bha 57 neach a' togail Taic Taigheadais, leth den 112 tagradh a bhathas a' dèanamh gu nàiseanta (Lùnastal 2001).
Is e daoine singilte a bha ann an 34 % de dhachaighean, an coimeas ri 33% airson Alba (2001).
Cha do chlàr na poileis ach 272 eucoir airson gach 10,000 neach, nas lugha nan treas cuid den 843 airson Alba gu lèir (2002).
Tha ìre fìor ìosal airson mì-ghnàthachadh dhrugaichean aig an sgìre (0.5% de dhaoine eadar aoisean 15 agus 54 ann an 2001), ach tha tachartasan mì-ghnàthachadh deoch-làidir àrd.

Tha Eilean Siar a' còmhdach Innse Gall, a tha a' gabhail a-steach grunn eileanan air nach eil duine a' fuireach. Tha a' mhòr-chuid den t-sluagh a' fuireach ann an Leòdhas agus Na Hearadh. Is e Steòrnabhagh am prìomh bhaile agus tha an còrr den t-sluagh a' fuireach ann am bailtean cruite sgaoilte air feadh na sgìre.

Is e na prìomh raointean eaconamach a thaobh cosnadh rianachd poblach, iasgach agus tuathanas eisg, bùithtean, mòr-reic agus turasachd. Eadar 1995 agus 2001, thugar fa-near gun robh àrdachadh anns an àireamh obraichean anns an raon sheirbheiseach, le beagan lùghdachaidh ann an giollachd agus obair-togail.

Bha cosgais gach ceann airson Obair Shòisealta ann an 2001-2002 aig 418, gu math nas àirde seach an àireamh 267 airson Alba.

Atharrachadh àireamh-sluaigh ris a bheil dùil

chart

Cùram Coimhearsnachd

Co-chothrom cùraim - daoine nas sine (aois 65+)

2000
fìor

2000
gach 1,000
(Ràitheil)

2001
fìor

2001
gach 1,000
(Ràitheil)

2002
fìor

2002
gach 1,000
(Ràitheil)

Ann an dachaighean cùram còmhnaidh

164

32(1)

168

33(1)

167

33(1)

Ann an dachaighean nursaidh prìobhaideach

62

12(4)

64

13(4)

62

12(4)

A' faighinn cùram dachaigh

735

143(1)

712

139(1)

702

137(1)

A' faighinn cùram dachaigh 20+ uair gach seachdain

48

9.4(1)

30

5.9(1)

31

6.1(1)

Ann an taigheadas feumalachdan sònraichte

211

41.1(4)

757

147.4(1)

284

54(4)


Daoine a' faighinn seirbheis cùraim coimhearsnachd

1999-2000
fìor

1999-2000
gach 1,000
(Ràitheil)

2000-2001
fìor

2000-2001
gach 1,000
(Ràitheil)

2001-2002
fìor

2001-2002
gach 1,000
(Ràitheil)

Daoine nas sine (aois 65+)

1,001

194.9(3)

1,036

200.8(3)

986

192(3)

Airson trioblaidean slàinte inntinn/dementia (aois 18-64)

38

2.4(3)

34

2.1(4)

40

2.5(4)

Airson ciorramachdan corporra (aois 18-64)

36

2.2(4)

29

1.8(4)

21

1.3(4)

Airson ciorramachdan ionnsachaidh (aois 18-64)

48

3(3)

51

3.2(3)

57

3.6(3)

Airson trioblaidean mì-ghnàthachadh dhrugaichean/deoch-làidir(aois 18-64)

19

1.2(2)

20

1.2(2)

24

1.5(2)

chart

Tha caiteachas air Cùram Coimhearsnachd air èirigh mean air mhean anns an ùine eadar 1999-2002

Clann agus Daoine Òga

Co-chothrom cùraim - Clann a tha fo chùram

1999-2000
fìor

1999-2000
gach 1,000
(Ràitheil)

2000-2001
fìor

2000-2001
gach 1,000
(Ràitheil)

2001-2002
fìor

2001-2002
gach 1,000
(Ràitheil)

Aig an taigh

23

3.8(2)

36

5.9(1)

31

5.5(2)

Le caraidean/càirdean/ coimhearsnachd eile

11

1.8(1)

9

1.5(1)

<5

0.7(3)

Le luchd-cùraim dalta/ tagraichean uchd-mhacachd

10

1.7(4)

8

1.3(4)

7

1.2(4)

Ann an dachaighean còmhnaidh

5

0.8(4)

7

1.2(2)

6

1.1(3)

Iomlan

49

8.1(2)

60

9.9(2)

48

8.5(2)


Prìomh chomharran coileanaidh
Dìon Chloinne

1999-2000
fìor

1999-2000
gach 1,000
(Ràitheil)

2000-2001
fìor

2000-2001
gach 1,000
(Ràitheil)

2001-2002
fìor

2001-2002
gach 1,000
(Ràitheil)

Iomraidhean dìon chloinne (CP)

23

4.3(4)

16

3(4)

29

5.9(3)

Clann fo chuspair co-labhairt cùise CAP

9

1.7(4)

10

1.9(3)

20

4(1)

Clann air an cur air clàr CP

8

1.5(3)

9

1.7(2)

18

3.6(1)


Clann a tha fo Chùram

2001-2002
fìor

2001-2002
àireamh sa cheud

Looked after children with 3+ placements

<5

-

Clann a tha fo chùram le 3+ suidheachadh Ruigsinneachd foghlam airson Clann a tha fo Chùram (àireamh aig aois 16 & 17 nach eil ann an cùram air falbh bhon dachaigh agus a' faighinn ìre Choitcheann ann am Matamataig agus Beurla)

<5

-

chart

Tha caiteachas air èirigh gu math slaodach ann an seirbheisean chloinne anns an ùine eadar 1999-2002.

Ceartas Eucorach

Prìomh Ghnìomhan

2000- 2001

2001- 2002

Àireamh de dh'aithisgean rannsachadh sòisealta a' dol chun na cùirtean tron bhliadhna

77

101

Àireamh de dh'òrdughan seirbheis coimhearsnachd a chaidh a dhèanamh tron bhliadhna

29

37

Àireamh de dh'òrdughan urrais a chaidh a dhèanamh

18

27


Coileanadh

2000- 2001

2001- 2002

Co-roinn de dh'aithisgean rannsachadh sòisealta a chaidh a thoirt do na cùirtean ron cheann-là ainmichte

98.6

100

Faid uairean seirbheis coimhearsnachd a chaidh a chrìochnachadh sa chumantas

171

170

Àireamh uairean seirbheis coimhearsnachd a chaidh a chrìochnachadh gach seachdain sa chumantas

5.4

5.0

Stòrasan Daonna

Luchd-obrach Làraich le buidheann luchd-dèilige

LUC
2000
fìor

LUC
2000
gach 1,000
(Ràitheil)

LUC
2001
fìor

LUC
2001
gach 1,000
(Ràitheil)

LUC
2002
fìor

LUC
2002
gach 1,000
(Ràitheil)

le inbhich

10

0.5(3)

11

0.5(3)

11

0.5(4)

le clann

8

1.3(4)

8

1.3(4)

7

1.2(4)

le ciontaich

1

0.1(4)

1

0.1(4)

2

0.1(4)

luchd-obrach Coitcheann

7

0.3(3)

7

0.3(3)

7

0.3(3)


Beàrnan obair-làraich le buidheann luchd-dèilige

LUC
2000
fìor

LUC
2000
gach
1,000 (Ràitheil)

LUC
2001
fìor

LUC
2001
gach
1,000 (Ràitheil)

LUC
2002
fìor

LUC
2002
gach
1,000 (Ràitheil)

le inbhich

0

0(4)

0

0(4)

0

0(4)

le clann

0

0(4)

0

0(4)

1

12.5(2)

le ciontaich

0

0(3)

0

0(4)

0

0(4)

luchd-obrach Coitcheann

0

0(4)

0

0(4)

1

12.5(1)


Luchd-obrach Sòisealta ann an dreuchd

LUC
2000
fìor

LUC
2000
gach 1,000
(Ràitheil)

LUC
2001
fìor

LUC
2001
gach 1,000
(Ràitheil)

LUC

2002
fìor

LUC
2002
gach 1,000
(Ràitheil)

LoS le inbhich

5

0.2(2)

6

0.3(2)

6

0.3(2)

LoS le clann

5

0.8(4)

5

0.8(4)

4

0.7(4)

LoS le ciontaich

0

0.0(4)

0

0.0(4)

0

0(4)

luchd-obrach Coitcheann

3

0.1(2)

3

0.1(1)

4

0.1(2)

Iomlan

13

0.5(4)

14

0.5(4)

14

0.5(4)


Dreuchdan bàna an Obair Sòisealta

LUC
2000
Dreuchdan bàna

LUC
2000
% Dreuchdan bàna

LUC
2001
Dreuchdan bàna

LUC
2001
% Dreuchdan bàna

LUC
2002
Dreuchdan bàna

LUC
2002
% Dreuchdan bàna

LoS le inbhich

0

0.0

0

0.0

0

0.0

LoS le clann

0

0.0

0

0.0

1

20.0

LoS le ciontaich

0

0.0

0

0.0

0

0.0

luchd-obrach Coitcheann

0

0.0

0

0.0

0

0.0

Iomlan

0

0.0

0

0.0

1

6.7